Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Dh’aithris mi an seo bho chionn ghoirid gu bheil Còmdhail Alba air plana fhoillseachadh mu dhì-charbonachdadh (decarbonising) lìonra rèile na h-Alba.
Tha am plana àrd-amasach seo ag amas air lìonra rèile na h-Alba a dhì-charbonachadh ro 2035. Thèid cha mhòr a h-uile loidhne ann an Alba a dhealanachadh agus thèid an còrr a ruith le trèanaichean haidridein no bataraidh.
Tha Còmhdhail Alba a-nis air tionndadh Gàidhlig fhoillseachadh den phlana gnìomh. Ma tha ùidh agad ann an rathaidean-iarainn agus Gàidhlig agad, mholainn gun toir thu sùil air!

Agus ma tha thu deidheil air trèanaichean dìosail, mholainn gun tog thu tòrr mòr dealbhan an-dràsta oir bidh iad a cheart cho tearc ri trèanaichean smùid an Alba taobh a-staigh beagan is 10 bliadhna!
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ sireadh bheachdan air còmhdhail phoblach an-asgaidh do dh’òigridh fo aois 19 aig an àm seo.
Tha a’ cho-chomhaile fosgailte gu 7 Dubhlachd.
Chithear am pàipear co-chomhairle an seo agus faodar beachdan a chur a-steach air a’ cheisteachan air-loidhne.
Tha mi air mo chuid bheachdan a chur a-steach mar-thà – anns a’ Ghàidhlig mar a bhiodhte an dùil. Thuirt mi gur e fìor dheagh rud a bhiodh ann a thaobh co-ionannachd shòisealta agus a thaobh na h-àrainneachd.
Thuirt mi cuideachd, ge-tà, gum bu chòir tramaichean, an Subway agus seirbheisean rèile ionadail a bhith an-asgaidh do dhaoine fo aois 19 cuideachd gus cothrom na fèinne a thoirt do gach modh còmhdhail. Tha seo fìor gu sònraichte ann an àiteachan far a bheil ceanglaichean rèile nas fheàrr na na seirbheisean bus.
Ma tha thu airson am pàipear co-chomhairle a leughadh sa Ghàidhlig, tha Còmhdhail Alba fìor mhath a thaobh a bhith ag eadar-theangachadh sgrìobhainnean dhan Ghàidhlig.

Chuir iad Gàidhlig air pàipear ro-innleachd nan rathaidean-iarainn bho chionn goirid nuair a rinn mi iarrtas. Ma tha sibh airson am pàipear seo fhaicinn sa Ghàidhlig, cuir fios thuca air info@transport.gov.uk.
Agus ma tha sibh a’ gabhail pàirt sa cho-chomhairle, ge b’ e dè am beachd a chuireas sibh a-steach, cuir a-steach do chuid bheachdan sa Ghàidhlig!
Ma tha thu a’ fuireach ann an Glaschu, tha a’ chomhairle a’ dèanamh co-chomhairle mu chòmhdhail cuideachd. Bidh e a’ tighinn gu crich air 30/10 ach ma tha thu luath, tha cothrom ann do bheachdan a chur a-steach fhathast!
Chuir mi mo bheachdan fhèin a-steach: mhol mi siostam meatro, Cross-rèile Ghlaschu agus seirbheis bus ann an làmhan a’ phobaill.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Chaidh Seanadh Gnàth-shìde na h-Alba a chur air dòigh tro Achd Atharrachadh na Gnàth-thìde (Targaidean airson Sgaoilidhean a Lùghdachadh) (Alba) 2019. ‘S e a th’ ann ach seanadh de shaoranaich a bhios a’ cnuasachadh air gnothaichean mun àrainneachd agus a’ toirt mholaidhean do Phàrlamaid na h-Alba.
Tha co-chomhairle a’ dol air adhart an-dràsta, a’ sìreadh bheachdan a thèid a thoirt dhan t-Seanadh.
Tha a’ cho-chomhairle a’ tighinn gu crìch 26/10/20.
Tha còmhdhail na pàirt chudromach de bhith a’ lùghdachadh sgaoilidhean càrboin. Air an adhbhar seo, tha mi air beachd a chur air ais dhan cho-chomhairle a thaobh rathaidean-iarainn.
Seo e:
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh tòrr an-dràsta gus rathaidean-iarainn a dhì-charbonachadh ach tha an t-àm ann a bhith a’ cur ri sin le prògram leantainneach (’rolling programme’) de rathaidean-iarainn ùra is ath-fhosgailte.
Bu chòir na loidhnichean a leanas a bhith air a’ phrògram, mar eisimpleir:
– Slighe a’ Waverley bho Bhruach Thuaidh- Carlisle
– Obar Dheathain- Eilean (Ellon) – Ceann Phàdraig / Baile nam Frisealach
– Crois-rèile Ghlaschu
– Almhagh-Dùn Phàrlain
– An Eaglais Bhreac – Inbhir Ghrainnse
– Ceangal rèile gu Port Adhair Ghlaschu
– Siostam thramaichean do Ghlaschu
– Tha prògram leantainneach de rathaidean-iarainn ùra/ath-fhosgailte cudromach gus còmhdhail phoblach a bhrosnachadh agus gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh.
– Tha e cudromach gum bi lìonra rèile ann a tha a’ ceangail na dùthcha ri chèile agus a’ brosnachadh gluasad bho chàraichean gu còmhdhail phoblach.
– Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil rathaidean-iarainn nas èifeachdaiche gus gluasad a bhrosnachadh bho chàraichean gu còmhdhail phoblach na busaichean.
– Tha àiteachan ann an Alba far nach eil deagh cheanglaichean ann le còmhdhail phoblach – m.e Ear-thuath na h-Alba agus Glaschu/taobh an iar na h-Alba – Fìobh, na Crìochan gu Carlisle agus cha ghabh na beàrnan seo a lìonadh ach le rèile.
Aig an àm seo, tha iomairtean gus rathaidean-iarainn ath-fhosgladh a’ toirt bhliadhnaichean mòra is obair ro-mhòr. Tha aig coimhearsnachdan, buidhnean iomairt is Comhairlean ri iomairtean fada duilich a dhèanamh mus bi adhartas sam bith ann. An àite seo, bu chòir prògram a bhith ann aig an ìre nàiseanta far am bi an Riaghaltas a’ gabhail an uallaich os làimh airson a bhith a’ brosnachadh is a’ planadh rathaidean-iarainn ùra agus bu chòir prògram leantainneach (’rolling programme’) a bhith ann.
Tha an riaghaltas ag amas air mu 125 mìle a de rathaidean-iarainn a dhealanachadh gach bliadhna. Bu chòir targaid a bhith ann airson mìltean de rathaidean-iarainn a thèid fhosgladh gach bliadhna, can 10 mìle gach bliadhna.
Ma tha thu ag aontachadh ris a’ mholadh, bhiodh e glan nam b’ urrainn dhut a dhol dhan cheangail seo, clàradh air an làraich agus bhòtadh air seo no beachd no dhà fhàgail.
Tha tòrr mholaidhean eile ann air a h-uile cuspair co-cheangailte ris a’ ghnàth-shìde – na bi leisg do chuid bheachdan a chur a-steach – sa Ghàidhlig!
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Le lasairdhubh
Ri linn Covid19 is a bhith fo ghlais aig an taigh, chuir mi an dealbh seo ri chèile dha Uicipeid, agus shaoilinn gun cuirinn suas an seo e cuideachd. Seo ainmean àite leis an eileamaid ‘bal’ (baile) annta agus a sheallas cho farsaing ’s a bha tuineachadh nan Gàidheal anns na meadhan-aoisean. Thog mi a’ chuid as motha dhe na dàta bho McNeill agus MacQueen (a fhuair iad bho W. F. H. Nicolaisen o thùs), agus le beagan a bharrachd dhàta bho Dixon. Abair obair! Bha mi uairean is uairean ga chur ri chèile ann an Gimp, ach thàinig e a-mach glè mhath, saoilidh mi. Sgaoil fad is farsaing e ma thogras!
Dixon, 1947, Norman, The place names of Midlothian, PhD diss., University of Edinburgh.
McNeill, Peter agus Hector L. MacQueen, 2000, An Atlas of Scottish History to 1707, 2000, Edinburgh: Scottish Medievalists.
Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach
Powered by WPeMatico
Às dèidh 85 bliadhna, tha Meanbh-rathaid-iarainn Kerr’s gu bhith a’ dùnadh.
Tha an loidhne bheag seo ann am pàirc eadar prìomh loidhne a’ Chosta an Ear gu Obar Dheathain agus an tràigh⠀.

⠀
Tha àireamh an luchd-cleachdaidh air a bhith a’ dol an lughad fad bhliadhnaichean agus an-uiridh, cleachd nas lugha na 3,000 duine an rathad-iarainn fad na bliadhna. ⠀
⠀
Tha John Kerr leis a bheil an rathad-iarainn ag ràdh gum bi e fosgailte airson a’ chòrr den t-seusain agus gun tèid fios a sgaoileadh mu na làithean fosgailte mu dheireadh a dh’aithghearr air Facebook agus air an làraich-lìn. Tha e ag ràdh nach e cùis airgid a th’ ann ach gu bheil na saor-thoilich is e fhèin air an dì-mhisneachadh gu mòr le cho beag dhaoine a tha ga chleachdadh.
⠀
Thuirt e cuideachd gu bheil grunn dhaoine is bhuidhnean air fios a chur thuige mu bhith ag ath-fhosgladh na loidhne ann an cruth no àite eile ach nach bi e fhèin an sàs ann. Chì sinn dè thachras. ⠀
Alasdair
⠀
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tha greis ann bho sgrìobh mi rud sam bith an seo – ach tron ghlasadh-sìos, cha robh cothrom agam a dhol air trèana sam bith agus cha robh mòran naidheachdan rèile ann nas motha!
Bidh sin ag atharrachadh a dh’aithghearr ge-tà, agus tòrr thursan agam air fàire agus gu leòr naidheachdan ann cuideachd.
Ma tha thu airson barrachd a leughadh mu rathaidean-iarainn sa Ghàidhlig an-dràsta, faic an cunntas Instagram ùr agam @treanatramatralidh.

Tha e fìor bhrosnachail gu bheil an uiread de chunntasan Instagram sa Ghàidhlig air nochdadh bho chionn goirid air diofar chuspairean agus shaoil mi gum biodh e feumail cur ris.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Le Gordon Wells
Ding dong! “लंदन को जाने-वाली ब्रिटिश एयरवेज़ की उड़ान…. British Airways flight to London….”
For those with a keen ear for language, the international departures lounges of airports across the world once provided rich listening, as announcements in multiple languages provided a constant reminder of linguistic diversity across the world. Then came COVID and the lockdowns. Almost overnight, international air travel came to a near-complete halt, and those multilingual moments have turned into ever more distant memories.
But our taste for linguistic adventure lives on, and physical lockdown has not disabled our capacity for creativity and innovation in responding to new communicative challenges, as our contributor Animesh Biswas has recently demonstrated, here and here. Nor is he alone! We now welcome a new addition to our Other Tongues collection with a Hindi version of our Windsurfing film by Rohini Tolsma.
Gordon Wells met Rohini, who is based in the Netherlands, at the 2019 NEHU International Language Fest for Indigenous and Endangered Languages in Shillong. The Netherlands is currently relaxing some of its most stringent lockdown restrictions, but in this exercise Rohini followed the same simple modus operandi as previous recent contributors, recording her voice on her phone, and sending the results to Gordon by Facebook Messenger.
Anyone listening will be struck by the clarity of Rohini’s diction, and may find themselves wondering how her voice somehow feels familiar. Well, if you’ve passed through Heathrow Terminal 5 or any other similar airport lounge, the chances are you have heard her before, as Rohini’s day job is to record the public announcements in Hindi for airports across the world. Island Voices have a Hebridean locus, but a truly international reach!
Here’s the film:
And here’s the wordlinked Clilstore transcript: Unit 8610
Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico