- Fios naidheachd: Mionnan, dearbhaidhean agus Oifigear Riaghlaidh ùr- BPA ag ullachadh airson ciad latha na Pàrlamaid ùireby Oifigear Gàidhlig on DiD, 10 Cèit 2026 at 9:00m
Bidh na BPA, air an ùr thaghadh, a’ gabhail pàirt sa chiad choinneimh fhoirmeil aca ann am Pàrlamaid na h-Alba aig 9.30m air Diardaoin 14 Cèitean. Bidh na BPA uile a’ tòiseachadh an cuid obrach sa Phàrlamaid le bhith a’ gabhail mionnan no a’ dèanamh dearbhadh, rud a dh’fheumas tachairt mus faod iad pàirt a … Leugh an corr de Fios naidheachd: Mionnan, dearbhaidhean agus Oifigear Riaghlaidh ùr- BPA ag ullachadh airson ciad latha na Pàrlamaid ùire
- Beachdan gan sìreadh air cuairt-litir agus conaltradh Gàidhligby Oifigear Gàidhlig on Dia, 26 Màrt 2026 at 11:00m
Tha an seisean pàrlamaideach a-nis air tighinn gu crìch agus tha seo a’ toirt deagh chothrom dhuinn sùil a thoirt air mar a bhios sinn a’ conaltraidh sa Ghàidhlig sa Phàrlamaid ùire. Tha sinn airson faighinn a-mach ciamar a tha luchd-labhairt na Gàidhlig airson cluinntinn bhon Phàrlamaid agus airson eadar-obrachadh rithe – tron chuairt-litir againn, … Leugh an corr de Beachdan gan sìreadh air cuairt-litir agus conaltradh Gàidhlig
- Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh guth Albannach nas treasa aig a’ BhBCby Oifigear Gàidhlig on Dih, 20 Màrt 2026 at 11:11m
Tha Comataidh ag iarraidh gum bi guth Albannach nas làidire aig a’ BhBC agus gum bi iad a’ dèanamh comharrachadh nas soilleire air cumhachdan tiomnaichte ann an craoladh nan naidheachdan Feumaidh barrachd ghuthan Albannach a bhith aig a’ BhBC ag innse sgeulachdan Albannach, feumaidh iad a bhith nas soilleire mu chùisean tiomnaichte agus glèidhte nan … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh guth Albannach nas treasa aig a’ BhBC
- Fios naidheachd: Gnìomh cuimsichte a dhìth gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine ann an sgìrean dùthchail gu seirbheisean, cothroman agus còraicheanby Oifigear Gàidhlig on Dih, 27 Gearr 2026 at 2:07f
20 Gearran 2026 Tha coimhearsnachdan dùthchail fhathast a’ fulang le cnapan-starra a chuireas bacadh air ruigsinneachd air seirbheisean riatanach, a’ gabhail a-steach cùram slàinte, cùram cloinne, taic speisealta, comhairle laghail agus còmhdhail phoblach, a rèir aithisg ùr bhon Chomataidh Co-ionannachd, Còraichean Daonna agus Ceartas Catharra aig Taigh an Ròid. Chaidh a lorg cuideachd gu bheil … Leugh an corr de Fios naidheachd: Gnìomh cuimsichte a dhìth gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine ann an sgìrean dùthchail gu seirbheisean, cothroman agus còraichean
- Taigh an Ròid a’ sireadh bheachdan air dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba by Oifigear Gàidhlig on DiM, 6 Faoi 2026 at 2:39f
Dè do bheachd air na molaidhean a tha gan cur an cèill ann an dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba? A bheil iad a’ dol fada gu leòr? A bheil iad mionaideach gu leòr? Dè an còrr a ghabhas dèanamh gus a bhith cinnteach gun ruig Alba a targaidean a thaobh cothromachadh-carboin? Tha Pàrlamaid na h-Alba … Leugh an corr de Taigh an Ròid a’ sireadh bheachdan air dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba
- Comataidh Taigh an Ròid ag aontachadh ri prionnsapalan coitcheann Bile na Croitearachd is Cùirt an Fhearainnby Oifigear Gàidhlig on DiM, 6 Faoi 2026 at 2:30f
Tha Comataidh nan Cùisean Dùthchail is nan Eilean aig Taigh an Ròid air dearbhadh gu bheil iad a’ toirt taic do phrionnsapalan coitcheann Bile na Croitearachd is Cùirt an Fhearainn, ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Ach, air sgàth aonta farsaing gu bheil feum air ‘ath-sgrùdadh nas bunaitiche agus nas structarail’ air poileasaidh is … Leugh an corr de Comataidh Taigh an Ròid ag aontachadh ri prionnsapalan coitcheann Bile na Croitearachd is Cùirt an Fhearainn
- Fios naidheachd: Lagh Cànan Soidhnidh na bhuannachd air leth, ach tha dùbhlain ann fhathastby Oifigear Gàidhlig on Dih, 26 Sult 2025 at 9:18m
Tha Achd a tha ag amas air cleachdadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) a bhrosnachadh ann an Alba air beatha làitheil luchd-cleachdaidh BSL a leasachadh gu mòr, a rèir aithisg le BPAan air Comataidh Co-ionannachd, Chòraichean Daonna agus Ceartas Catharra Thaigh an Ròid. Dh’innis luchd-ùidh don Chomataidh gu bheil an Achd air BSL a dhèanamh nas … Leugh an corr de Fios naidheachd: Lagh Cànan Soidhnidh na bhuannachd air leth, ach tha dùbhlain ann fhathast
- Fios: Comataidh Thaigh an Ròid a’ tadhal air coimhearsnachdan croitearachd san Eilean Sgitheanachby Oifigear Gàidhlig on Dia, 25 Sult 2025 at 10:06m
Thadhail buill de Chomataidh Chùisean Dùthchail is Eileanan Thaigh an Ròid air ceithir croitean anns an Eilean Sgitheanach air an deireadh-sheachdain mar phàirt den sgrùdadh aca air Bile na Croitearachd is Cùirt an Fhearainn. Bha a’ Chomataidh airson bruidhinn gu dìreach ri croitearan mu mar a bheireadh molaidhean a’ Bhile buaidh air coimhearsnachdan croitearachd. Thadhail … Leugh an corr de Fios: Comataidh Thaigh an Ròid a’ tadhal air coimhearsnachdan croitearachd san Eilean Sgitheanach
- Fios naidheachd: Tha Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ caoidh an Fhìor Urr Sir Seòras Reid nach maireannby Oifigear Gàidhlig on DiC, 13 Lùna 2025 at 12:54f
Dealbh: Portraid oifigeil de Sir George Reid leis an dealbhdair Harry Benson CBE © Harry Benson Tha Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urramach Alison Johnstone BPA, a’ caoidh an t-seann BhPA agus seann Oifigeir Riaghlaidh, am Fìor Urramach Sir Seòras Reid, às dèidh a bhàis ann ann uairean tràtha na maidne, Dimàirt 12 Lùnastal. … Leugh an corr de Fios naidheachd: Tha Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ caoidh an Fhìor Urr Sir Seòras Reid nach maireann
- Fios naidheachd: Tasgadh a dhìth sa bhad gus gàrradh-iarainn a shàbhaladhby Oifigear Gàidhlig on Dih, 4 Iuch 2025 at 9:34m
Tha feum air tasgadh sa bhad gus gàrradh-iarainn na stàite, Ferguson Marine Port Ghlaschu (FMPG), a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd. Seo co-dhùnadh aithisge ùire le Comataidh Sgrùdadh Poblach Pàrlamaid na h-Alba às dèidh don Chomataidh beachdachadh air measadh 2023/24 air Ferguson Marine le Sgrùdadh Alba. Dealbh: Dave souza, CC BY-SA 4.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/4.0, via … Leugh an corr de Fios naidheachd: Tasgadh a dhìth sa bhad gus gàrradh-iarainn a shàbhaladh




