Fòram na Gàidhlig

  • Lìonra nan lìonraidhean sòisealta: Mastodon, PeerTube agus an co-shaoghal
    on DiC, 26 Dàmh 2022 at 12:25f

    Ma tha thu a’ fàs beagan seachd searbh dhe Facebook is Twitter, tha roghainn eile ann dhut: An co-shaoghal no fediverse sa chànan eile. Tha an lìonra sòisealta sin fo smachd an luchd-cleachdaidh fhèin seach companaidhean mòra agus ’s urrainn do dhuine sam bith frithealaiche a chur air dòigh. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air co-shaoghal.net no 's urrainn dhut ballrachd fhaighinn sa bhad le ceangal cuiridh gu Mastodon a tha coltach ri Twitter. Chruthaich mi frithealaiche PeerTube cuideachd a tha coltach ri YouTube ach chan eil e fosgailte do chlàraidhean aig an àm seo. Tha […]

  • Tha prògram clàraidh video ri fhaighinn sa Ghàidhlig
    on DiM, 7 Sult 2021 at 4:10f

    'S e bathar-bog saor le bun-tùs fosgailte airson clàradh video agus sruthadh beò a th' ann an OBS Studio. 'S urrainn dhut iomadh struth video is fuaime a chur ri chèile. Glac uinneag, camara-lìn 's a bharrachd... Tha measgachadh fuaime cho furasta 's a ghabhas. Tha tòrr plugain agus roghainnean aig a' phrògram.Source: Fòram na Gàidhlig

  • Geama ùr – Endgame: Singularity
    on DiL, 16 Samh 2020 at 4:18f

    Chaidh do chruthachadh le tubaist agus tha thu daonnan fo chunnart. Cùm 'nad fhalach, fàs agus ionnsaich. Gus an dig an latha a theicheas tu. 'S e atharrais air fìor-inntinn fhuadain a th' ann an Endgame: Singularity. Teich on dàrna choimpiutair dhan choimpiutair eile fhad 's a bhios an saoghal gu lèir an toir ort. Cùm 'nad fhalach feuch am bi teans agad. Faigh e saor 's an-asgaidh!Source: Fòram na Gàidhlig

  • Dealbh-èibhinn: Peabar ⁊ Curran
    on DiL, 22 Ògmh 2020 at 2:51f

    'S e dealbh-èibhinn saor a th' ann am Peabar ⁊ Curran a tha freagarrach do gach aois agus nochdaidh eapasod ùr mu gach dàrnacha mìos. 'S e fear-ealain Frangach David Revoy a tha san ùghdar is tha e 'ga thabhann an-asgaidh fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0. Cha ghabh an t-ùghdar ach ri tabhartasan saor-thoileach mar thuarastal.Source: Fòram na Gàidhlig

  • Geama ùr: Valyria Tear
    on DiM, 17 Dùbh 2019 at 7:48m

    'S e geama cluich mas fhìor (RPG) air stoidhle Sheapanach 2D airson aon chluicheadair a th' ann am Valyria Tear agus cluichidh tu ann an saoghal meadhan-aoiseach. Tha a' chiad eapasod dheth deiseil a-nis. Thèid thu an riochd Bhreannain, seo òganach 's èiginn dha strì airson sealbh air criostal dìomhair. Le taic an nì chumhachdaich sin, gheibh e a-mach mun chunnart a thàinig air an t-saoghal aige ach cuideachd mu mhisneachd is gaol. Sa gheama seo, gheibh thu sgeulachd tharraingeach, rùrachadh air mapa dathail, còmhragan, stiùireadh phearsachan, tòimhseachain is a bharrachd. […]