Gàidhlig – cha bhithinn às a h-aonais!

  • Ri fhaichinn ann an Inbhir Nis: soidhne ur tamailteach, 's e cuis nàire buileach glan a th' ann
    by Graisg on Dia, 1 Gearr 2018 at 10:12m

    A-nochd, gu mì-fhortanach, tha agam ri litir sgrìobhadh dhan Daily Express. Chan urrainn dhomh a fuireach nam thosd, tha cuisean air fàs nas miosa buileach, fhios againn uile gu bheil airgead air a bhith a dhol dhan t-sitig le soidhnichean dà-chànanach ann an Inbhir Nis ach a-nis chan eil sgeul air Beurla idir. Chan eil ann leis an soidhne ur seo ach Gàidhlig agus Laideann . Cum Beurla Beò! – sgrìobh dhan na h-ùghdarrasan gun dail.

  • Nach math a rinn am balach seo Disathiairne aig Bucaidh
    by Graisg on DiD, 6 Lùna 2017 at 8:59f

    --> --> Max Ewan le tual ann an ùine a bharrachd (91 mionaid) rinn sin a' chuis air Buchaidh 2-3 gu Inbhir Narann agus am balach seo chan eil ach sia bliadhna deug a dh'aois. Dealbh le Dòmhnall MacMhathainn

  • Gàirnealair ann an Inbhir Narann
    by Graisg on Dih, 28 Gibl 2017 at 4:01f

    Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: Gurn Gardening 

  • Sgrìob gu Dùn Eideann le Cromarty Rising agus an cuid càirdean
    by Graisg on DiM, 3 Faoi 2017 at 11:16f
  • Teine san dorachadas An Dùbhlachd 2016
    by Graisg on DiS, 31 Dùbh 2016 at 7:49f

    Agus teine fosgailte sa gharadh a-raoir, a' cur an t-urram air Nollaig, la na Trì Suipearan agus am Bliadhna ùr cuideachd. Smaointinn son an fheadhainn nach eil còmhla ruinn a-nis, an fheadhainn a tha fhathast ann agus an fheadhainn a tha ri tighinn dhan t-saoghal bhrèagha, neònach, an-fhoiseil a tha seo. Mo bheannachd orra uile agus mise an dùil 's dòchas nach bi cuisean nas miosa buileach ann an 2017 son iadsan fo h-èiginn ge b' e far a bheil iad. Feumaidh sinn uile a cumail a dol ge-tà agus slàinte mhòr a chàirdean. Chi mi ann an 2017 sibh.

  • Huntlaidh 4 Inbhir Narann 6 - Sgioba Siorrachd Narann a' libhrigeadh toileachais 's fìor-bhrìgh ioma-fhillte na chois
    by Graisg on DiD, 6 Samh 2016 at 3:55f

    Bho thaobh neach leantainn, nuair a bhuannaich Siorrachd Narann feasgar an-dè aig Huntlaidh, chuir sin làmh air an Holy Grail. Dh'fhalbh luchd-leantainn Siorrachd Narann gu slaodadh as dèidh a' gheama as dèidh a thàinig an cluicheadairean don ionnsaidh gus a bhuail am basan air an son. Bha iad bruidhinn ri chèile aig deireadh a' gheama - geama a chaidh na fhaoinsgeul fiu's mus robh e seachad. Chan eil na faclan ann, bha e mar gum bidh nach robh sin buileach cinnteach gun robh e fìor, gun robh a h-uile càil a chunnaic sinn mu ar beulaibh air a thachairt ann an dha-rìreabh. […]

  • "Gum bi Oidhche Shamhna mhath agaibh uile! " Comhairle na Gàidhlig
    by Graisg on DiL, 31 Dàmh 2016 at 4:32f
  • Deoch-slàinte  do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte
    by Graisg on DiS, 15 Dàmh 2016 at 8:36f

    A' cur fàilte air na h-oidhcheannan dorcha le lasraichean, tiops, brot agus lionn-ubhal. Lionn-ubhal “tioram” gus a bhith ceart. Agus beagan uisge ann ach na duilleagan uaine fhathast uile air na h-uinnsinn os ar cionn air an 15mh latha den Dàmhair a tha seo. An cruinn-cé a' blàthachadh 's an oidhche cuideachd le na dathan a' dannsadh, math a bhith beò, math a bhith fhathast ann. A' gabhail deoch-slàinte do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte agus a' bhocsa bheag ud nam bhroinn a' cumail suil air mo chridhe.

  • Gàidhlig aig Baile - modh teagaisg a th'aca ann an Alba Nuadh
    by Graisg on DiD, 2 Dàmh 2016 at 8:24f

     Tuilleadh fiosrachaidh mu a dheidhinn air an duilleag air an duilleag a tha seo. 

  • Bretagne Réunie - Manifestation annuelle 2016 - Muinntir Naoned a' gabhail na sràidean orra
    by Graisg on Dia, 29 Sult 2016 at 8:26m

    Muinntir sgire Naoned a' gabhail nan sràidean orra. Chan eil riaghaltas Paris gam faicinn mar phàirt den Bhreatainn Bhig. Saoil air Alba gun Dun Eideann no Glaschu na bhroinn agus sin cimar a tha cuisean thall an sin.

  • Seilcheag /ʃeleçag/ boir. gin. -eige, iol. -an 1 snail 2 slug
    by Graisg on DiM, 1 Sult 2015 at 6:03f

    Dh'fhag mi aon de na courgettes againn aig an doras - abair thusa gur e mearachd nach bu bheag a bha siud. Co dhiù bha coltas toilichte riaraicte aca.

  • Tha cruaidh fheum againn air Lidl ann an Inbhir Narann
    by Graisg on DiL, 29 Dùbh 2014 at 8:30f

    Cha bhi sin fada tarsainn stairsneach 2014 nuair a chìthear iarrtas dealabhachaidh a-steach do Chomhairle na Gaidhealtachd son oll-mhargaid Lidl aig Baile Mac Càidh.  A-reir nam planacihaean bidh aonadan eile agus pub le tigh-bìde. Gu pearsanta tha mi coma mu dheidhinn nam aonadan eile agus a’ phub ach rud a dh’fhaodadh sibh a bhith cinnteach às agus ‘s e sin gu bheil fìor chruaidh fheum again air Lidl sa bhaile seo.  Bidh fhios aig an fheadhainn a tha fortanach gu leòr a dhol gu Lidl ann an Inbhir Nis no Forrais gum faigher mòran rudan aig prìs nas saoire ann an Lidl. […]

  • Dol fodha na grèine Inbhir Naran 29 an t-Sultain
    by Graisg on DiM, 30 Sult 2014 at 6:32m

    Dol fodha na grèine Inbhir Narann 29 an t-Sultain: http://t.co/vHEjqHhxcj — A Gurn from Nurn (@GurnNurn) September 29, 2014

  • Air 18 Sultain 2014, eadar na h-uairean 7m agus 10f
    by Graisg on DiD, 14 Sult 2014 at 6:21m

    "Air 18 Sultain 2014, eadar na h-uairean 7m  agus 10f, bidh làn chumhachd uachdarail ann an làmhan muinntir na h-Alba.  Feumaidh iad roghainn a ghabhail: an  cumhachd sin a ghlèidheadh aca fhèin, air  neo a chur air falbh gu àite far nach bi iad,  mar mhion-shluagh, ach lag agus gun  bhrìgh gu sìorraidh buan gu bràth."   Jim Sillars

  • An reifreann - Eadar dà bheachd? Leugh an Leabhar Beag Gorm
    by Graisg on Dia, 11 Sult 2014 at 9:47m

    Seo far a bheil e  ann an cruth PDF.

  • Saoil a dh'fhaodadh seo a' tachairt aig a' bhall-coise ann an Alba?
    by Graisg on DiD, 17 Lùna 2014 at 7:08m

    Seall air an dealbh a tha seo air duilleag Facebook Equipe de Bretagne de Football.

  • Dà bhlog eile a thachair mi air
    by Graisg on DiM, 29 Iuch 2014 at 9:10m

    Air adhbhar air choireigin chunnaic mi tweet bho "Indigenous blogs" agus nuair a lean mi air dhan làrach aca mhothaich mi gun robh dà bhlog Ghàidhlig ann nach robh mi eolach air gu ruige seo. Am faca tu " An t-Seòlaid. Leabhraichean, naidheachdan agus craic gu leòr!" no "Gàidhlig aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig" ?

  • Dàn dà-chànnanach le John Aberdein
    by Graisg on DiM, 29 Iuch 2014 at 7:44m

    Thachair mi air iris air loidhne  ris an canar "The Point" agus mhothaich mi dàn le John Aberdein. Seo far a bheil e.

  • Fo rìoghachd nan car
    by Graisg on Dia, 24 Iuch 2014 at 8:09m

    Rinn mi sgriob air baidhseagal an de. Chaidh mi air an treana gu Inbhir Nis agus. As deidh dhomh suil a thoirt air an taobh-seallaidh Ceasaig a Deas ( agus nach buidhe dhomh – da leumadair a nochadh aig an deiradh am a thug mi mo camara as mo phocaid) rinn mi air an canal agus as deidh sin trasainn na h-Eileanan Nis gu rathad Dures. Bha an rathad trang ach mhothaich mi nach robh moran caraichean sa Tescos ur (an treas no an ceathramh fear?) aig an timicheallan far a bheil an cuairt rathadh a’ stad an drasta ann an achadh agus connspaid gu leor. Chum mi a dhol ach saoilidh mi gur e rathad […]

  • "Bu Chòir" Uaine - Glac an Cothrom
    by Graisg on DiC, 16 Iuch 2014 at 10:14m

    GLAC AN COTHROM  ‘Tha an referendum air 18 Sultain na cothrom faighneachd dhinn fhèin dè an seòrsa dùthcha anns a bheil sinn ag iarraidh fuireach. Dh’fhàg ar siostam poiliteagach mòran dhaoine searbhasach, dìreach mar a dh’fhàg ar siostam eaconomach an RA mar aon de na dùthchannan as neo-ionnaine air a’ phlanaid.  Chan eil na h-Uainich ag iarraidh neo-eisimileachd air a son fhèin. Tha cothrom againn cultar poiliteagach eadar-dhealaichte a chruthachadh - fear a tha comasach air Alba atharrachadh gu tur. ' Patrick Harvie MSP Gheiber tuilleadh an seo