Rathad-iarainn beag Pàirc Kelvingrove

Le alasdairmaccaluim

Thug sinn sùil air Taisbeanadh a h-Ìmpireachd ann am Baile Ùistein ann an 1938 bho chionn ghoirid. Cha b’ e sin a’ chiad taisbeanadh mòr ann an Glaschu, ge-tà, ach an ceathramh fear, às dèidh taisbeanaidhean a chaidh a chumail ann am Pàirce Kelvingrove ann an 1888, 1901 agus 1911.

Bha fios agam gun robh na taisbeanaidhean air a bhith ann ach cha robh fhios agam idir gun robh trèanaichean aca. Fhuair mi a-mach bho chion ghoirid ge-tà, gun robh trèana bheag shònraichte aig taisbeanadh 1901 agus gun robh trèana air leth fhèin neònach aig taisbeanadh 1911.

Seo an rathad-iarainn ann an 1901. ‘S e the American Minature Railway an t-ainm a bh’ air agus bha e sònraichte a chionn ’s gur e a’ chìad mheanbh rathad-iarainn poblach ann am Breatainn a bh’ ann.

“The American Miniature Railway” – Taisbeanadh Eadar-nàiseanta Ghlaschu 1901

Bha an loidhne 160 troigh a dh’fhaide agus bha gèidse de 15″ aice. Chaidh an loco agus an trèana a thogail leis a’ chompanaidh Cagney Brothers ann an New York agus sin as adhbhar gu bheil coltas Ameireaganach air an loco. Bhiodh Cagney Bros a’ dèanamh rathaidean-iarainn beaga a bha car coltach ri “train sets” a bhiodh fèiltean spòrs no pàircean a cheannach mar kit. Bha iad furasta a chur sìos agus a thoirt air falbh.

Làrach na loidhne (a’ cuairteachadh toglaichean na Rùis).
Chithear am mapa air fad aig: https://maps.nls.uk/view/103656955
Seo dealbh eile den trèana – seall cho òg sa tha an dràibhear!

Ged nach robh rathad-iarainn àbhaisteach aig Taisbeanadh 1911 ann an Kelvingrove, bha rathad-iarainn gu math neo-àbhaisteach aca: Hamilton’s Aerial Railway. ‘S e seòrsa càr càbaill a bha seo a bha a’ ruith air rèilichean àrd os cionn na h-Aibhne Ceilbhinn.

Tha coltas caran zombiach air na boireanaich ri aghaidh an deilbh!
Chithear an rathad-iarainn aerial faisg air an Oilthigh

‘S e rud inntinneach mu thaisbeanadh 1911 gun deach a chur air dòigh gus airgead a thogail cus cathair Eachdraidh is Litreachas na h-Alba a stèidheachadh ann an Oilthigh Ghlaschu. Rinn mi ceum ann an Eachdraidh na h-Alba (agus sòiseolas) san Oilthigh mu 85 bliadhna às dèidh an taisbeanaidh agus mar sin, tha mi gum math taingeil gun deach a chumail!

Nuair a bhios an glasadh-sìos deiseil, feumaidh mi a dhol dhan Phàirc airson beagan rannsachaidh a dhèanamh, feuch a bheir rud sam bith air fhàgail a tha a’ sealltainn gun robh na loidhnichean inntineach sin ann uair!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Ath-ionnsaigh na h-Ìmpireachd?– rathad-iarainn Pàirc Bhaile Ùistein

Le alasdairmaccaluim

(Or – how to decolonise your miniature railway!)

Tron ghlasadh-sìos, bidh mi a’ dol air cuairt cha mhòr gach latha gu Pàirc Bhaile Ùistein (Bellahouston Park) ann an Glaschu a Deas, gu math faisg air an taigh agam.

Tha a’ Phàirc ainmeil airson Taisbeanadh na h-Ìmpireachd a chaidh a chumail sa phàirc air ais ann an 1938. Ged a bha Taisbeanadh na h-Ìmpireachd uabhasach mòr is cudromach, is gann gu bheil rud sam bith air fhàgail dheth sa phàirc san latha an-diugh. Tha am Palace of Arts fhathast ann mar ionad spòrs, ach chaidh a h-uile rud eile a leagail, a’ gabhail a-steach fiù ’s tùr suaicheanta an Taisbeanaidh.

Nuair a bha mi a’ coimhead air seann chairtean-puist de Ghlaschu air ebay bho chionn goirid, chunnaic mi tè de Thaisbeanadh na h-Ìmpaireachd. Ann an oisean na cairte, mhothaich mi rud inntinneach – gun robh trèana bheag ann!

Ged a tha mi air a bhith a’ fuireach an seo fad 15 bliadhna is air a bhith fìor eòlach air a’ phàirc fad cha mhòr 30 bliadhna, cha robh sian a dh’fhios agam gun robh rathad-iarainn beag ann uair!

Bhon uair sin, tha mi air a bhith a’ dèanamh rannsachadh nach beag air an taisbeanadh. Cha robh e furasta faighinn a-mach mun rathad-iarainn – gu sònraichte leis gu bheil na leabharlannan uile dùinte an-dràsta – ach às dèidh tòrr mòr rannsachaidh, lorg mi fiosrachaidh air làrach-lìn sgoinneil Minor Railways aig Peter Scott agus chuir e thugam cuideachd artagal a sgrìobh e mu rathad-iarainn an taisbeanaidh. Chaidh agam air lethbhreac de phrògram agus de leabhran eile mun taisbeanadh fhaighinn air ebay cuideachd.

Mar phàirt den taisbeanadh, bha fèill spòrs air a ruith le Butlins ann an oisean ear-dheas na Pàirce ri taobh Mosspark Boulevard. Bha an rathad-iarainn mar phàirt de seo. Choimisean Billy Butlin dà loco airson na loidhne – dà loco dìosail le coltas locothothan smùid orra. Bha iad stèidhichte air na locothan Royal Princess class aig an LMS. Chuir Butlin ainmean nigheannan an Rìgh orra: Princess Elizabeth agus Princess Margaret Rose. Feumaidh gur e sàr forlock tugger a bh’ ann am Butlin!

Cha toil leam ainmean nan locothan is mar sin, cuiridh mi “John Maclean” agus “James Maxton” orra bho seo a-mach!

Artaigil mu thogail locothan an taisbeanaidh bhon Daily Record

Bha an loidhne 820 slat a dh’fhaide uile gu lèir le lùb aig gach ceann. Dh’fhosgail i air 03.05.38 agus dhùin i air 29/10/38 agus tron àm sin, chaidh leth mhillean duine air an rathad-iarainn bheag seo. Chosg turas air an trèana 6d.

Mapa de rathad-iarainn Bhaile Hùistein, 1938 (NB- ’s e rollercoaster a bh’ anns an “scenic railway”)

Seo làrach an fhèill spòrs/an rathaid-iarainn san latha an-diugh:

Às dèidh an taisbeanaidh, chaidh an trac agus na locothan “James Maxton” agus “John Maclean” gu diofar champaichean làithean-saora aig Butlins – bha grunn rathaidean-iarainn beaga ann an Clacton, Pwllheli, Minehead is eile. Agus thàinig fear de na locothan air ais a dh’Alba eadar 1956 agus 1963 air rathad-iarainn Butlins Inbhir Air. Gheibhear eachdraidh nan rathaidean-iarainn Butlins an seo.

Às dèidh iomadh bliadhna anns na campaichean saor-làithean, chaidh an dà loco a ghlèidheadh anns an Midland Railway Centre ann an Siorrachd Derby.

Fear de na locothan ann an Inbhir Air ann an livery Red Clydeside!

Nis, bhiodh e ceàrr an t-artagal seo a chrìochnachadh gun a bhith a’ toirt iomradh air a’ chòrr den taisbeanadh.

B’ e adhbhar an taisbeanaidh Ìmpaireachd Bhreatainn a bhrosnachadh. Mar chuideigin a tha an aghaidh ìmpireileas de gach seòrsa, rinn mi beagan rannsachaidh feuch an robh daoine a’ cur an aghaidh an taisbeanaidh air adhbharan poilitigeach aig an àm agus lorg mi am post bloga inntinneach seo mun chuspair:

Bha taobh Gàidhealach aig an taisbeanadh cuideachd. Am measg nan nithean as mòr-chòrdte san taisbeanadh, bha baile beag Gàidhealach air an robh “An Clachan” anns an robh lochan, taighean-dubha, Oifis Puist a bha a’ reic leabhraichean Gàidhlig am measg rudan eile, agus taigh-òsta. Bha an Clachan air culaibh Palace of Arts.

Seo an dealbh bhon phògram – loma làn stereotypes!

“With it’s white-walled cottages, its burn flowing under the old bridge, and at night the plaintive songs of the Islanders, An Clachan has brought to Bellahouston the mystic romance and glamour of remote Scotland”

An dòchas gu bheil sibh uile a’ faireachdainn romansachd agus glàmar rùnach Gàidhealtachd iomallach na h-Alba a chàirdean!

Ceart gu leòr bha tòrr stereotypes ann de gach seòrsa….

Colourfully-garbed Continentals? Whoa – racist much??

Agus an e dìreach mise a th’ ann no a bheil an ealain seo car coltach ri rudan a chitheadh tu, ahem, sa Ghearmailt aig an àm sin??!

Agus mur a robh sin dona gu leòr, bha Pàillean Afraga a Deas agus Pàillean Rhodesia a Deas ann cuideachd…. No Pàillean Shealan Nuaidh a bha ag ràdh nach tàinig sìobilteachd dhan dùthaich ach bho chionn 100 bliadhna! Agus chan eil rùm gu leòr fiù ’s airson tòiseachadh air a’ mhisogony uile!!

Rinn mi eachdraidh na h-Alba (agus sòiseòlas) san oilthigh sna 1990an agus choimhead sinn air Taisbeanadh na h-Ìmpireachd mar phàirt de chùrsa fìor mhath a rinn mi air an robh “Scottish Government and the British State” mu Alba san 20mh linn – a’ coimhead air diofar thaobhan de dh’fhèin-aithne agus poileataigs na h-Alba agus bha e fìor math coimhead tro prògraman an taisbeanadh air an adhbhar seo. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na leugh mi a’ dearbhadh na h-abairt Beurla “’s e dùthaich eadar-dhealaichte a th’ anns an àm a dh’fhalbh” leis a h-uile rud a tha air atharrachadh.

Ach ged a thuiteas Ìmpireachdan (mar as còir!), mairidh trèanaichean beaga gu bràth!  

Alasdair

Mapa den taisbeanadh. Tha an rathad-iarainn aig 97 agus tha An Clachan aig àireamh 9.

Eàrr-ràdh: Às dèidh dhomh am post seo a chrìochnachadh, bha mi air mo chuairt làitheil anns a’ phàirc nuair a lorg mi an graffiti ùr seo an aghaidh colonachd ri taobh carragh-chuimhne turas an Rìgh is na Banrigh dhan taisbeanadh.

“The colonial regime owes its legitimacy to force and at no time does it ever endeavour to to cover up this nature of things”


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Kerr’s Miniature Railway, Obar Bhrothaig gu bhith a’ dùnadh #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Às dèidh 85 bliadhna, tha Meanbh-rathaid-iarainn Kerr’s gu bhith a’ dùnadh.

Tha an loidhne bheag seo ann am pàirc eadar prìomh loidhne a’ Chosta an Ear gu Obar Dheathain agus an tràigh⠀.


⁠⠀
Tha àireamh an luchd-cleachdaidh air a bhith a’ dol an lughad fad bhliadhnaichean agus an-uiridh, cleachd nas lugha na 3,000 duine an rathad-iarainn fad na bliadhna. ⁠⠀
⁠⠀
Tha John Kerr leis a bheil an rathad-iarainn ag ràdh gum bi e fosgailte airson a’ chòrr den t-seusain agus gun tèid fios a sgaoileadh mu na làithean fosgailte mu dheireadh a dh’aithghearr air Facebook agus air an làraich-lìn.⁠ Tha e ag ràdh nach e cùis airgid a th’ ann ach gu bheil na saor-thoilich is e fhèin air an dì-mhisneachadh gu mòr le cho beag dhaoine a tha ga chleachdadh.
⁠⠀
Thuirt e cuideachd gu bheil grunn dhaoine is bhuidhnean air fios a chur thuige mu bhith ag ath-fhosgladh na loidhne ann an cruth no àite eile ach nach bi e fhèin an sàs ann. Chì sinn dè thachras. ⁠⠀

Alasdair
⁠⠀

 


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

“Heart of the World” – rathaidean-iarainn ann am Fèis Gàraidh Ghlaschu 1988 #gaidhlig

Le alasdairmaccaluim

Bha fèis shònraichte ann an Glaschu air ais aig deireadh nan 80an, Fèis Gàraidh Ghlaschu no the Glasgow Garden Festival.

glasgow garden festival - Yahoo Image Search results | Flower art ...

Bha sreath de na tachartasan seo ann an sgìrean bailteal far an robh gnìomhachas air a dhol bàs agus far an robh ath-leasachadh a dhith. Bha a’ chiad Fhèis Gàraidh ann an Liverpool ann an 1984 agus chaidh a leantainn le Stoke on Trent (1986), Glaschu (1988), Gateshead (1990) agus mu dheireadh le Glyn Ebwy/Ebbw Vale ann an 1992.

B’ e amas nam fèisean togail a thoirt do dh’àiteachan far an robh ath-leasachadh a dhìth agus gus togail is spòrs a thoirt do na daoine fhèin.

Bha tòrr rudan san fhèis – gàraidhean, bùithean, taighean-bìdh, rollercoasters is tòrr a bharrachd.

Agus bha rathaidean-iarainn annta uile cuideachd! Ann an Glaschu, bha an dà chuid rathad-iarainn caol-ghèidse agus slighe-trama ann.

Cò ris a bha na rathaidean-iarainn coltach? Chan eil cuimhne agam leis an fhirinn innse! Bha mi 14 ann an 1988 agus cha deach sinn gu Fèis Gàradh Ghlaschu ach dà thuras, mas math mo chuimhne. Cha deach sinn ann nas trice oir bha m’ athair tinn san osbadal fad uine mhòr air a’ bhliadhna sin agus bha mo mhàthair ag obair uamhasach trang ag obair is a’ dol a dh’fhaicinn m’ athar. Mar sin, chan eil mo chuimhne cho math air an fhèis.

Cuideachd, ged a bha mi beò-ghlaicte le trèanaichean eadar 1985 is 1987, chaill mi m’ ùidh ann an rathaidean-iarainn an uair sin fad deich bliadhna oir bha barrachd ùidh agam ann an ceòl is geamannan coimpiutair.

R-3315135-1349959655-9669.jpeg

Mar sin, ged a tha cuimhne agam air dè a dh’ith is dè a dh’òl mi air an latha sin (Vimto bhon t-Soda Stream is ceapairean oir bha mo mham draghail mu na chuala mi mu chosgaisean a’ bhìdh ann!) agus de bha mi ag èisteachd ris air a’ Walkman agam (teip leis na 12” mixes agus B-sides bho na 12” singles de Kiss Like Judas agus Midnight aig It Bites, an còmhlan prog sgoinneil à Cumbria), chan eil mòran cuimhne agam air na rathaidean-iarainn. Chaidh mi air an trèana ach chan eil mi a’ smaoineachadh gun deach mi air na tramaichean idir.

Bha mo bhean Jenny a’ fuireach gu math faisg air làimh agus bha tiocaid seisein aice agus chaidh i ann na ficheadan de thursan le a càirdean is mar sin, tha cuimhne tòrr nas fheàrr aice air an Fhèis na th’ agam. Tha fìor dheagh chuimhne aice gu sònraichte air a’ Choca-cola Roller, an rollercoaster mòr, oir bhris e sìos aon latha nuair a bha i air agus bha Jenny bhochd stucte bun-os-cionn fad cairteil na h-uarach gus an deach a chàradh! Ach gu mì-fhortanach, chan eil i deidheil air trèanaichean is tramaichean is mar sin,  chan eil cus cuimhne aicese nas motha orra sin. 

Mar sin, tha mi air beagan rannsachaidh a dhèanamh air a’ chùis.

Chaidh an fhèis a cumail air taobh a deas a’ Chluaidh mu choinneimh an SECC far a bheil toglaichean a’ BhBC, STV agus Ionad Saidheans Ghlaschu a-nis agus far a bheil Festival Park a-nis.

Bha loidhne nan tramaichean ri taobh na h-aibhne agus bha iad ruith seachad air far a bheil am BBC a-nis. Bha e cudromach dhan fhèis gun robh tramaichean ann oir bha na “caurs” nam pàirt chudromach de dh’fhèin-aithne a’ bhaile agus bha daoine fhathast air leth dèidheil orra, ged a dh’fhalbh iad ann an 1962. Aig an àm sin, bha dealbh frèamte le sealladh-baile anns an robh trama anns cha mhòr gach taigh ann an Glaschu.

Bha grunn thramaichean air an t-slighe trama – tramaichean Standard agus Cunarder à Glaschu, trama Phàislig, trama Dhùn Èideann agus trama ‘boat’ fosgailte à Blackpool. Fhuair mi cead bho mo chairdean Hugh, Alex is John beagan de na dealbhan aca bho Flickr a chleachdadh.

Blackpool Boat Car, Blackpool

Trama Cunarder Ghlaschu – le Hugh Spicer

Trama Standard Ghlaschu, Le Alexander Cunningham

6574352015_2857078e68_o

Trama Dhùn Èideann ann an Taigh-tasgaidh nan Tramaichean, Crich, le John Zebedee

Bha rathad-iarainn beag ann cuideachd. Saolidh mi gun robh dà sheòrsa loco ann – cuid le coltas loco smùid agus cuid eile le coltas ùr-fhasanta a bha gu math gu math grannda! Seo cairt-puist den rathad-iarainn. Bha an trèana a’ dol gu deas ann an cearcall.

IMG_20200427_0004

Cairt-phuist den rathad-iarainn

Agus a bharrachd air seo, bha taisbeanadh aig Roinn a’ Mheadhain air an robh “Heart of Scotland” le stèisesan agus loco smùid. Thàinig togalach snog an stèisein à stèisean Mhonadh Fotha (Moneifeith) ann an Siorrachd Aonghais agus às dèidh na fèise, chaidh ath-thogail ann am Birkill air rathad-iarainn Bo’ness is Cheann Fhàil.

49826744858_f6c7768976_o

Cairt-phuist de Chridhe na h-Alba

Thug ainm an taisbeanaidh orm smaoineachadh air ‘Heart of the World’ le Big Country, deagh òran a thàinig a-mach dà bhlaidhna às dèidh na fèise!

Chan eil mòran air fhàgail den fhèis ann an Glaschu a-nis ach tha an tùr ainmeil Tùr Banca Dail Chluaidh fhathast ann. Chan eil e ann an Glaschu, ge-tà, ach anns a’ Chuimrigh. Tha e ann an Rhyl. Agus ged nach eil an rathad-iarainn beag fhathast ann, tha meanbh-rathad-iarainn ann an Rhyl agus tha mi an dùil tadhal air cho luath ’s a bhios suidheachadh a’ choròna-bhìoras deiseil!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico