The Next Stop’s Kirkcaldy – turas dhan rathad-iarainn as falachaidh an Alba

Le alasdairmaccaluim

Thoisich mi am bloga seo bho chionn fhada air an t-saoghal leis an amas a dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba – beag is mòr.

Chaidh mi air a h-uile loidhne san lionra nàiseanta agus air a h-uile rathad-iarainn glèidhte bhon uair sin agus cha robh e doirbh idir. Cha robh e a cheart cho furasta a dhol air gach meanbh-rathad-iarainn (miniature railway) ge-tà.

Meanbh rathad-iarainn Chair Chaladainn
Meanbh-rathad-iarainn Cair Chaladain, 8/4/23

Mar as trice, cha bhi meanbh-loidhnichean a’ ruith gu tric agus gu h-eachdraidheil, cha robh dad aca air an eadar-lìon no sna meadhanan sòisealta agus mar sin tha e gu math tric cianal doirbh faighinn a-mach cuine a tha iad a’ ruith mur eil thu a’ fuireach san sgìre sin.

Tha aon mheanbh-rathad-iarainn a bha gu sònraichte doirbh faighinn a-mach mu dheidhinn – am fear ann am Pàirc Beveridge ann an Cair Chaladain.

Sgrìobh mi gu Miniature Railway magazine, chuir mi fios gu daoine a tha an sàs ann an rathaidean-iarainn beaga agus bhruidhinn mi ri daoine as aithne dhomh a tha a’ fuireach ann am Fìobh agus fad bhliadhnaichean, cha chuala mi dad air ais. Cha robh fhios aig duine sam bith mu dheidhinn.

Lorg mi bhidio air YouTube den loidhne bho chionn beagan bhlaidhnaichean agus sgrìobh mi dhan neach a thog e a’ faighneachd an robh fios sam bith aca mu dheidhinn – ach thuirt iad gur ann glè glè ainneamh a bhiodh e a’ ruith is nach robh fios sam bith a bharrachd aca…

An uair sin, cha chuala mi dad a bharrachd fad beagan bliadhnaichean – gus am faca mo charaid is co-obraiche Michaela, a tha a’ fuireach san Rìoghachd – artagal mu dheidhinn san East Fife Mail.

A bharrachd air sin, tha làthaireachd aca air Facebook a-nis cuideachd.

Leugh mi an sin gum biodh iad a’ ruith air an Disathairne aig àm na Càisge agus cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol ann airson a dhol air an rathad-iarainn rùnach seo!

Chaidh mi air an trèana eadar Glaschu is Dùn Èideann taobh Shotts agus an uair sin eadar Dùn Èideann gus Cair Chaladain. Bha latha blàth grianach brèagha ann agus bha an turas math fhèin. Seallaidhean àlainn de na monaidhean ann am meadhan na h-Alba agus an uair sin den tràigh ann am Fìobh.

Cha robh mi ann an Cair Chaladain bho na 80an agus chaidh mi air cuairt bheag timcheall air a’ bhaile mus deach mi dhan phàirc agus feumaidh mi a ràdh gun do chòrd am baile rium gu mòr.

Tha Pàirc Beveridge gu math mòr agus gu math breàgha le tòrr shlighean coiseachd agus loch mòr. Mhothaich mi gun robh ciuatha mòr ann – bha còrr is 150 duine a’ feitheimh ris an trèana bheag às dèidh dhan artagal nochdadh san East Fife Mail. Leis nach robh ach aon choidse ann, bha mi a’ feitheimh fad còrr is uair a thìde gu leth airson a dhol air an trèana (is math gun robh deagh leabhar claisneachd agam!).

Meanbh rathad-iarainn Chair Chaladainn

Mu dheireadh thall, bha an turas agam gu bhith ann. Dh’fhalbh an còignear a bha air thoiseach orm air an trèana agus bha mi gu bhith a’ dol air an ath thrèana. An uair sin, bha brag ann agus thàining an trèana gu stad obann. ’S ann a bha an trèana air a dhol far nan rèilichean mar thoradh air rèile bhriste!

“Tha sinn duilich” thuirt an neach a bha a’ cruinneachadh an airgid – “feumaidh sinn an loidhne a charadh. Thigibh air ais a-màireach.”

Às dèidh dhomh feuchainn ri turas fhaighinn air an rathad-iarainn fad còrr is 12 bliadhna, cha d’ fhuair mi cothrom fhathast, Ach tha mi fortanach gum faca mi an trèana a’ ruith air an loidhne le mo dhà shùil agus gun do thog mi dealbh no dhà. Tha mi an dùil is an dòchas gum faigh mi cothrom a dhol air an loidhne bheag seo latha eile agus nach toir e 12 bliadhna eile.

Alasdair

Air m’ fòn: Pink Floyd “Meddle” (1971).


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Kerr’s Miniature Railway, Obar Bhrothaig gu bhith a’ dùnadh #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Às dèidh 85 bliadhna, tha Meanbh-rathaid-iarainn Kerr’s gu bhith a’ dùnadh.

Tha an loidhne bheag seo ann am pàirc eadar prìomh loidhne a’ Chosta an Ear gu Obar Dheathain agus an tràigh⠀.


⁠⠀
Tha àireamh an luchd-cleachdaidh air a bhith a’ dol an lughad fad bhliadhnaichean agus an-uiridh, cleachd nas lugha na 3,000 duine an rathad-iarainn fad na bliadhna. ⁠⠀
⁠⠀
Tha John Kerr leis a bheil an rathad-iarainn ag ràdh gum bi e fosgailte airson a’ chòrr den t-seusain agus gun tèid fios a sgaoileadh mu na làithean fosgailte mu dheireadh a dh’aithghearr air Facebook agus air an làraich-lìn.⁠ Tha e ag ràdh nach e cùis airgid a th’ ann ach gu bheil na saor-thoilich is e fhèin air an dì-mhisneachadh gu mòr le cho beag dhaoine a tha ga chleachdadh.
⁠⠀
Thuirt e cuideachd gu bheil grunn dhaoine is bhuidhnean air fios a chur thuige mu bhith ag ath-fhosgladh na loidhne ann an cruth no àite eile ach nach bi e fhèin an sàs ann. Chì sinn dè thachras. ⁠⠀

Alasdair
⁠⠀

 


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico