Hiort

  • Bho Hiort gu Peairt agus nas fhaide air adhart....
    by Mìcheal Klevenhaus on DiC, 27 Ògmh 2007 at 2:51f

    Chriochnaich am pròiseact Opra Hiort an-raoir nuair a bha coinneamh ann an Düsseldorf còmhla ri stiùirichean a' phròiseict.Chuir Frank Schultz - riochdaire Theater Kontrapunkt fàilte air Calum MacIlleathain à Steornabhagh, Lew Bogdan à Valenciennes, Tatiana Stepantchenko à Mons sa Bheilg agus Ferdinand Götz às an Ostair.Bha an còisir agus na cleasaichean à Düsseldorf agus an càraidean an lathair cuideachd agus nuair a bha e dorch gu leòr choimhead sinn air dealbhan nam pròiseactan san bailtean eadar-dhealaichte is fhuair sinn athisg mar a chaidh cùisean an-sin.Chaidh […]

  • Am Premiere
    by Mìcheal Klevenhaus on DiL, 25 Ògmh 2007 at 12:38f

    Nisd chluich sinn trí tursan agus a-nochd an turas mu dheireadh. Agus tha beagan ùine agam airson sgrìobhadh mar a chaidh cùisean gu ruige seo. Bha am premiere dìreach anabarrach math. Bha an còisir cho làidir na bha e riamh, chaidh a h-uile rud teicnigeach ceart gu leòr agus thàinig an ceangail beò à Hiort dìreach san àm nuair a bhitheadh dùil ris. Cha robh trioblaid agam na h-órain a chumal orra bho ghuth Maggie Dhomhnallach à Hiort, bha an "timing" ceart gu leòr.Bha an t-àite làn gun ticead a bharrachd ri fhaighinn agus chòrd an opra glan ris an luchd-amhairc. Thàinig […]

  • an deuchainn mòr
    by Mìcheal Klevenhaus on Dia, 21 Ògmh 2007 at 12:31f

    a-nochd bidh an deuchainn mòr againne. Cha chanainn gun deach a h-uile rud mar bu chòir an-raoir. Bha an rehearsal seo rud-beag troimhe chèile. A chiad turas leis an t-solas, le microphones ùra, tèicneòlas ùr air nach robh na cluicheadairean eòlach gu ruige seo.Tha sinn uile neurbhasach -agus chan eil fhios againne tuilleadh a bheil na tha sinn a' dèanamh math neo tarraingeach ann an dòigh air choireigin. Ach sin mar a tha cùisean dìreach ro oidhche mhòr mar a bhitheas againn a-màireach.An-diugh tha sinn uile an dòchas gun obraich an ceangail beò ri Hiort, rud bunaiteach gus […]

  • Post Title
    by Mìcheal Klevenhaus on DiL, 18 Ògmh 2007 at 7:35m

    Oidhche Shathairne bha sinn gu math trang. Aig 7 Uairean fesgar chluich sinn an opra air fad airson na ciad uair. Cha robh e buileach dona ach gu dearbh fhèin bha mearachdan ann, dhiochuimhnich daoine facail, aon turas chaidh an ceòl ceàrr ach dh' fhàs sinn mothachail air na chaidh math agus air na rudan air a dh' fheumas sinn obair a-rithist. Sgìth ri cù dh' èisd sinn gu cùramach na mhinich an rìochdaire dhuinn às dèidh sin. Bha fois de 20 mionaid againn agus rinn sin a h-uile rud a- rithist! An turas seo bha e fada na b' fhèarr, bha ceòl, dannsa is na cleasaichean a' dol leis […]

  • dealbhan
    by Mìcheal Klevenhaus on DiS, 16 Ògmh 2007 at 8:32m

    Tha na dealbhan a-nisde rim faicinn air www.6-tage-oper.deAn còisir anns an adhair, a' crochadh air na ròpaichean agus a' seinn.Kenny an dannsair mar eòin dhubh agus cuid eile.An-raoir chunnaic sin dreach ùr an fhilm le barrachd dealbhan Bhoraraigh. Tha iad cho brèagha gun do dhiochuimhnich mi cluich air adhart nuair a chunnaic mi iad air an àrd-ùrlar.Gu fortanach cha robh luchd-amhairc a-staigh.:-))Bhris mi meur coise an-dè. Nuair a bha mi a' sreap sìos cha do dh' obraich an stad-ròpa airson grèiseig agus thuit mi sìos mu 2 mheatar is bhrag mi ri balla.Nisd tha mo chasan goirt […]

  • thainig na meadhannan
    by Mìcheal Klevenhaus on Dia, 14 Ògmh 2007 at 4:11f

    agus bha iad airson fiosrachadh fhaighinn mu na rinn sinn fad 4 seachdainnean. Agus bhruidhinn riochdaire Theater Kontrapunkt Frank Schultz riutha mu bhun-stèidh na h-opra, gur e pròiseact eadar-nàiseanta a th' ann amsaa. As dèidh leth uair a thìde sreap an ceathrar chleasaichean againn sìos nan ròpaichean agus a' seinn "Leac na Càdaig" is " gura thall ann am Bodaraigh". A-rèir choltais chòrd e ris an luchd-naidheachd - is ann a bha iad gun a bhith a' bruidhinn airson greiseig. :-))Fhuair iad dealbhan is chunnaic iad pìos beag den fhiolm air Hiort. Agus nise tha sinn an dòchas gum […]

  • a' chiad dreach
    by Mìcheal Klevenhaus on DiD, 10 Ògmh 2007 at 11:25m

    An-raoir chaidh sin tron opra gu lèir sa chiad turas. Thàinig a h-uile sian còmhla, am film, an ceòl, na dannsairean, sinn fhìn an ceathrar chleasaiche agus nise tha beachd agam air cho mòr a tha am pròiseact seo.Agus gu math àrd - an Düsseldorf co-dhiubh. Bha an eagal mòr orm nuair a thuirt an riochdaire gum bu chòir dhuinn uile sreap sìos ròpaichean bho gu bhith 20 meatar a dh' àirde. Anns an togalach far a bheil sinn a' cluich tha talla àrd is mòr ann agus na h-oifisean a ruith mun chuairt air 6 làr. Tha an làr as àirde ceangailte ri gach taobh le drochaid a tha a' dol […]

  • Post Title
    by Mìcheal Klevenhaus on DiL, 28 Cèit 2007 at 9:06f

    Feasgar Di-Haoine chunnaic mi an t-àite far am bi an opra a' tachairt. Cha bhi ann an taigh-opra àbahisteach ach ann an cuairt togalach oifisean ann am port Dhüsseldorf. Togalach ùr a th' ann le gu bhith 10 làr timcheall air cuairt le ballachan glainne far am faicear an timcheallachd glè mhath.Nuair a thòisich sinn air cuid de na sgeulachdan mu Hiort agus aig an aon ám chìthear togalach pàrlamaid North-Rhine Westphalia tro na h-uinneagan. Thèis aithris anns aon de na sgeulachdan cho doirbh a bha cùisean conaltraidh bho eilean gu eilean ann an Hiort is m.e. Boraraigh agus chìthear […]

  • a' chiad phairt
    by Mìcheal Klevenhaus on DiL, 21 Cèit 2007 at 9:15f

    An-diugh thòisich sinn air obair air na chiad pàirtean den dealbh-chluich.Is iad pìosan beaga fiosrachaidh mu bheatha muinntir Hiort. Bidh na cleasaichean ag innse don luchd-amharc mar a bha na Hiortaich a' sealg, dè na h-eun a thadhladh air an eilean a-rèir raithean na bliadhna agus dè na h-eun a ghabhadh ithe neo a bhitheadh iad a' cur gu feum.Tha e anabarrach inntinneach nach robh sgathan aig na Hiortaich. Nuair a chunnaic boireannaich a h-aodann anns an sgathan thuirt i: Nach i tha grannda!Tha an ceathrar chleasaichean an-dràsda ag obair air na pìosan beaga seo.An-raoir thachair […]

  • Larach-Lin na h-Opra sa Ghaidhlig
    by Mìcheal Klevenhaus on DiC, 16 Cèit 2007 at 8:12f

    Bho a-mach an-diugh tha eadar-theangachadh làraich-lìn mun opra Hiort gu Gàidhlig againn. Taing do dh' eadar-theangaiche profaiseanta, Mìcheal Bauer, tha e a' coimhead gu math snasail agus tha dòchas ann gun còrd e don leughadair am fiosrachadh seo a leughadh anns a' Ghàidhlig cuideachd.Sin an ceangal: http://www.6-tage-oper.de/2007/index.php?lang=4&aktion=operCarson nach tèid sibh ann gus tuilleadh faighinn a-mach mu na bhitheas a' tachairt air an àrd-ùrlar.Chìthear cuideachd an togalach far am bi an opra a' tachairt agus dealbhan nuair a bha an còisir a' feuchainn ri […]

  • An Libretto
    by Mìcheal Klevenhaus on DiM, 15 Cèit 2007 at 8:12f

    Leugh sinn a-rithist an libretto an-diugh. cha robh sin furasda idir oir is e pròiseact ioma-chuspaireach a tha anns an opra seo.Tòiseach-tòiseachaidh bidh am film ann. Chaidh a dhèanamh mar-thà ann an Hiort fhèin as t-samhradh. Chìthear na "extreme dancers" às an Fhraing a bha a' crochadh air ròpaichean bho chreagan àrda Hiort far an robh iad a' dannsa. Dannsairean treuna a th' annta gun teagamh! Agus cuideachd chìthear gun tig cuid-eigin air ais do Hiort feuch dè tha e a' cuimhneachadh mu bheatha muinntir an eilein.Bidh am film seo - measgaichte le sreath de dh' fhilmichean […]

  • Tha an obair air toiseachadh
    by Mìcheal Klevenhaus on DiL, 14 Cèit 2007 at 8:20f

    Nise, an-raoir thòisich an obair air an opra seo. Uill, Dhomh-sa co-dhiubh. Tha na stiùirichean anns a' Ghearmailt, Frank Schultz agus Annette Bieker air obair gus a h-uile sion ullachadh do na seinneadairean, na cleasaichean, don chòisir (fichead duine), don luchd-ciùil agus, agus, agus.....Feasgar Di-Dòmhnaich chaidh mi fhìn gu Ionad spòrs mòr an Düsseldorf far a bheil talla-sreap. Bha againn ri ionnsachadh ciamar a sreapas tu ballaichean suas agus ciamar a leumas tu bho cheann a' bhalla mu 10 meatar sìos. Chaidh innse dhuinn gum feum sinn leum sìos mu 20 meatar anns an opra. […]