Saoghal Gàidhlig aig Janni

  • Dùbhlachd dubh
    by Slèite on Dia, 7 Dùbh 2006 at 1:32f

    Abair droch shìde! Tha i stoirmeil agus fliuch, no bog-fhliuch agus dorch fad na h-ùine. Ach 's e oidhche bhrèagha a bh' ann a-raoir. Bha a' ghealach làn agus chòisich mi dhan chlas Ghearmailtis agam ann an solas na gealaich. Cha robh feum agam air solas eile idir. Co-dhiù, tha an taigh agam a' fàs blàth a-nis agus tha e uabhasach comhfhurtail. Bidh an teine ('s e Bruce an t-ainm a tha air) a' gabhail gu sunndach leis a' ghaoith sin. Rinn mi aran Gearmailteach a bhon-dè agus nì mi mòran còcaireachd. Bha mi ag ionndrainn sin nuair a bha mi a' fuireach aig a' cholaiste.Tha obair ùr […]

  • Taigh ùr
    by Slèite on DiC, 22 Samh 2006 at 3:07f

    Tha taigh ùr agam a-nis anns an Eilean Sgitheanach. Bha mi a' fuireach aig SMO gu ruige seo ach fhuair mi taigh air mhàl anns a' Chille Mhòir a-nis. 'S e taigh tradaisteanta a th' ann le teine gual. Tha e gu math fuar ach tha sinn a' fàs cleachdte ris agus a' fàs nas fheàrr air teine a dhèanamh. Tha mi a' fuireach còmhla ri tè òg às a' Ghearmailt agus bidh i daonnan fuar. Ach tha an taigh a' còrdadh rinn glè mhath agus 's urrainn dhuinn coiseachd dhan cholaiste. Tha gàrradh againn cuideachd agus cuiridh mi lusan agus dìtheannan as t-samhradh gu cinnteach. Tha mi air fiodh a […]

  • Gleann Comhainn
    by Slèite on DiM, 13 Ògmh 2006 at 6:22f

    Bha mi ann an Gleann Comhainn aig an deireadh-sheachdaine airson coiseachd agus sreap. Chaidh mi còmhla ri Rob mo charaid agus dh'fhuirich sinn air làrach-campaidh ann an Ceann Loch Leabhainn. Disathairne dh'eirich sinn glè thrath oir bha sinn air dùsgadh co-dhiù, agus chaidh sinn do Bhuachaille Eite Mòr agus choisich sinn agus sreap sinn (gun ropa) suas bhon Tuath. 's e latha brèagha a bh'ann agus bha a' ghrian a' dearsadh gu teth. Chuir mi mòran òla grèine orm agus cha d'fhuair mi donn idir. Ghabh sinn biadh air "Crowberry Tower" agus chaidh sinn don mhullach. Bu toil leam na […]

  • Anns a' Chuiltheann
    by Slèite on DiD, 30 Gibl 2006 at 1:04f

    Bha latha mìorbhaileach agam an-dè a-rithist. Dh'fhalbh Rob is mi fhèin ron bhracaist oifigeach agus dhràibh sinn do Ghleann Bhreatail, tha sin ri taobh a' Chuiltheinn. Thòisich sinn coiseachd mu càirteal as dèidh 10, suas air rathad math gu math fada. Chan eil mi uabhasach measail air toiseach slighe sam bith. Tha toiseach toiseachaidh cho uabhasach cruaidh agus chan eil e inntinneach nas motha. 'S fheàrr leam coiseachd air druim na beinne no sreap air creagan doirbha. Shreap sinn tro Coirre a' Ghrunnda agus chòrd sin rium glan. 'S e creagan a bh'annta le beagan coiseachd agus […]

  • Sgeulachd coiseachd
    by Slèite on DiD, 23 Gibl 2006 at 8:01f

    Bha mi a' coiseachd a-rithist an-raoir. Bha mi uabhasach leisg agus chan fhaca mi gu leth uair an dèidh 7 gu bheil i a' fàs soilleir agus tioram taobh a-muigh. Dhraibh mi sios dhan Aird agus bha mi a' coiseachd gu math luath oir bha i cho anmoch mar thà. Ruith mi beagan aig amannan agus bha mi glè thoilichte a bhith taobh. Bha an talmh glè fhliuch. Thuirt mi feasgar math ris na bà agus na caoraich le an uain a bha a ruith agus a' leum mu'n cuairt agus chunnaic mi mu shia feidh. Bha òran Gàidhlig a' cluich nam cheann agus dh'fhàs mi nas ciùine. Bha mi rud beag troimhe cheile, a' […]

  • Coiseachd anns na Beanntan Dearga a' Chuiltheinn
    by Slèite on DiD, 23 Gibl 2006 at 8:01f

    Abair latha a-rithist! Chunnaic mi air fo-shealladh na sìde gum biodh latha brèagha againn an-diugh. Nuair a dhuisg mi ruith mi sios an rathad airson Rob fhaighinn agus dh'fhaighnich mi an tèid e dhan na beanntan comhla rium. Dhràibh sinn do Shlìgeachan agus choisich sinn tro Gleann Slìgeachan airson greis. Bha i uabhasach fluich ach bha a' ghrian a' dearrsach gu blath. Choisich sinn seachad air Beinn Dhearg ged a bha sinn ag iarrraidh a sreap. Ach cha robh slighe ri faicinn. Thòisich sinn sreap mun cuairt agus suas Chiche na Beinne Deirge gus an do ràinig sinn am Mullach. Bha beagan […]

  • Coiseachd ann an Slèite
    by Slèite on DiS, 8 Gibl 2006 at 2:50f

    Abair latha brèagha a th'ann an seo an-diugh! Bha mi ag obair bho 8 gu leth uair as dèidh 10 agus feumaidh mi tilleadh aig 4. Ach bha ùine gu leòr agam beagan a choiseachd. Tha i grianach an-diugh agus chan eil i ro fhuar. Dhraibh mi sìos gu Aird airson coiseachd do Rubha Shlèite. Thàinig Rob comhla rium. Tha esan ag obair anns a' chidsin cuideachd agus tha deagh Ghàidhlig aige. 's toil leam gu mòr e co-dhiù. Choisich sinn sios don traigh bhig le gainmheach geal agus uisge uaine-ghorm. Thog mi mu dheich dealbhan agus bha sinn nar suidhe air clach airson greiseig.An uairson bha sinn […]

  • Caraidean
    by Slèite on DiS, 8 Gibl 2006 at 9:54m

    Tha mi ag obair cus an-dràsta. Bha latha dheth agam Disathairne agus tha mi air a bhith ag obair bho Dhidomhnaich agus bidh mi fhathast ag obair gu Diciadainn gun latha dheth. Ach an uairsin thèid mi air saor-làithean dhan na Hearadh agus a Leòdhas. Tha e gu tùr eadar-dhealaichte an seo a-nis oir tha na h-oileanaich air falbh agus tha cùrsaichean goirid ann. Bidh mi a' bruidhinn ri Alasdair à Leòdhas gu tric oir tha Gàidhlig uabhasach brèagha aige. Thachair mi ri dithis as aithne dhomh bhon bhòrd-bhrath eadar-naiseanta, Niall Beag agus Cam. Ach bidh an ath sheachdain fiu 's nas […]

  • Blath Bheinn ?
    by Slèite on DiS, 1 Gibl 2006 at 5:49f

    'S e latha dheth agam a bh'ann an-diugh agus chan bhi latha dheth agam a-maireach. Mar sin bha mi a' smaoineachadh: feumaidh mi rudeigin snog a dhèanamh gum bi an latha a' faireachdan nas fhaide. 's toil leam coiseachd anns na beanntan àrda gu mòr agus tha càr ùr agam a-nis. Mar sin shaoil mi gun tèid mi airson coiseachd. Aig àm na bracaiste thuirt Kirsten, tè de na h-oileanaich, gum bu toil leatha dol comhla rium. Cha robh mi cinnteach an robh dha-rìreamh, oir 's e a chiad latha den Ghiblean a th'ann agus tha cuid dhaoine ag radh rudan craicte. Co-dhiu, nochd i gu dearbh air aon […]

  • càr ùr
    by Slèite on Dih, 31 Màrt 2006 at 9:03f

    Tha càr ùr agam agus tha mo cho pròiseil :-)Cheannaich mi e ann an Cumbria oir tha caraid agam a' reic chàraichean agus fhuair mi deagh bhargain. 's e Ford KA a th'ann agus chan eil e ach 3 bliadhna a dh'aois. Tha e dubh-ghorm, an dath as fheàrr leam. Tha e beag agus luath.Chaidh mi sios do Shasain Oidhche Haoine comhla ri Caoimhin bhon cholaiste. Bha latha snog agam ann an Cumbria Disathairtne agus cheannaich mi an càr Didomhnaich. Cha robh mi cleachdte idir ri draibheadh ann an càr le stìuradh làimh dheas. Bha agam ri beagan practice fhaighinn an toiseach agus bha mi uabhasach […]

  • Callanish Stoned
    by Slèite on Dia, 16 Màrt 2006 at 10:49f

    Chunnaic mi cleas (??) a-nochd aig an t-Sabhal Mhòr. Bha buidhean cluiche à Leòdhas an-seo agus chluich iad "Callanish Stoned" Tha e a' cluich ann an Leòdhas agus tha e mu dheidhinn òigridh an eilein. Tha na daoine a' cluich uabhasach math gu dearbh. Bu toigh leam gu h-àraidh a' mhàthair a rinn ùrnaighean gu Dia fad na h-ùine. Chuir e iongnadh dhomh ciamar a rinn i sin cho math, cho làidir agus cho èibhinn gun ghàire a dhèanamh. Bu toigh leam an dòigh bruidhinn aice cuideachd. Uabhasach math dha rìreamh!Mar sin, ma tha Callanish Stoned a' tighinn don bhaile agaibh, rachaibh […]

  • breisleach càir
    by Slèite on DiS, 11 Màrt 2006 at 3:54f

    Chan eil a h-uile rud cho math. Bha càr agam gu ruige seo. Ach thàinig mo phiuthair às a' Ghearmailt airson a thoirt dhachaidh leatha. Bha dùil agam gum faigh mi càr eile. Tha caraid aig caraid agam a' reic càraichean ann an Sasainn a Tuath agus bha deagh chàr aige dhomh. Mar sin bha dùil agam siubhal comhla ri mo phiuthair do Dhun Eideann agus bhiodh ise a' gabhail am bàt-aiseag dhachaidh agus mise a' siubhal sios a Shasainn. Deagh bheachd, nach e? Ach cha tig cuisean mar a thogras sinn. Cha robh an càr math mu dheireadh thall agus thuirt mo charaid nach fhaigh mi e agus gum feuch […]

  • Coiseachd anns an Eilean
    by Slèite on Dih, 10 Màrt 2006 at 9:35f

    Tha fios agaibh, tha mi a' fuireach ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach a-nis. Tha mo phiuthair an-seo an-dràsda agus chaidh sinn air cuairt air an eilean an-diugh. Dhraibh sinn suas dhan Chuithearaing agus choisich sin bhon àite pàircidh anns an Cuithearaing tro na beanntan (no dè th'annta) gu'n rathad eadar Flodaidhgaraidh agus Stafainn. Tha an t-slìghe gu math soilleir agus furasda ri coiseachd. Ach chaidh sinn rud beag air chall aon turas nuair a dh'fhàg sinn e o chionn's nach robh e cho uabhasach soilleir agus shreap sinn suas air creagan. Bha e spòrsail gu leòr ach […]

  • Dùrachdan à Slèite
    by Slèite on DiL, 23 Faoi 2006 at 4:18f

    Tha mi a' fuireach ann an Slèite a-nis. Tha mi a' fuireach comhla ri ban-charaid ann an Kilmore agus bidh obair agam aig an t-Sabhal Mhòr. Bha turas fada agam. Chaidh mi bho Chologne gu Zeebrugge an 18mh Faoillteach agus ghabh mi an aiseag aig 6 uairean feasgar. Ràinig mi Dun Eideann aig aon uair deug an ath latha agus dhraibh mi suas tron Ghaidhealtachd dhan Eilean Sgitheanach. Bha mi aig dà cheilidh mar thà agus thèid mi dhan choisir Ghàidhlig comhla ri Ùna a-nochd. Tha mi cho sunndach a bhith a' fuireach an-seo agus tha mi cinnteach gun còrd sin rium an-seo. Bhiodh e snog […]

  • Gluasadh a dh'Alba
    by Slèite on DiC, 11 Faoi 2006 at 12:47m

    Tha mi cho trang na làiithean seo. Bha mi air saor-làithean anns an Fhionnlainn airson seachdainn. Cha robh dad sam bith a' tachairt an-siud ach nuair a thill mi dhachaidh thoisich an cabhag.Thèid mi a dh'Alba an ath sheachdainn (tha mi a' fuireach anns a' Ghearmailt an-dràsda) agus chan eil dùil agam tilleadh. Tha mi air a bhith ag iarraidh sin a dhèanamh airson bhliadhnaichean ach bha agam ri dhol dhan oilthigh airson cuid bhliadhnaichean an toiseach. Tha mi deiseil a-nis agus tha mi deiseil airson falbh. Tha mi deònach a dhol ach a-nis, seachdainn mus dh'fhalbhas (???) mi tha mi a' […]

  • Cuidichibh mi! Blog grod.
    by Slèite on DiS, 24 Dùbh 2005 at 9:43f

    Rinn mi rudan ùr air a' bhlog agam agus 's toigh leam na dàthan a-nis. Ach carson a tha "Mu mo dheidhinn" agus na ceanglaichean fo na blogaichean ach chan eil ri an taobh? Tha sin a' coimhead uabhasach! Cuidichibh mi!

  • dathan ùra is gnothaichean ùra
    by Slèite on DiS, 24 Dùbh 2005 at 11:21m

    Oh, bha mi cho leisg. Thachair mòran 'sna seachdainean sa chaidh ach bha mi ro leisg sin a sgrìobhadh sios an-seo.An toiseach bha mi ann am Mallorca airson seachdainn. Cha robh i cho blath ('s ann an Sabhain a bha sin!) ach ghabh mi mòran fois agus shreap mi air cuid bheann. Chòrd an t-eilean rium gu mòr. Bha mi ann an àite glè shnàmhach san tuath an eilein far nach eil mòran daoine co-dhiù. Bu lugha orm Palma agus na h-àiteachan mu'n cuairt ged tha.An uairsin bha mi anns an Eilbheis airson 6 làithean. Bha mi ann an Zurich a' taghal ri ban-charaid agus an uairsin ann am baile beag […]

  • deiseil leis an oithigh
    by Slèite on Dih, 18 Samh 2005 at 10:03f

    Tha mi deiseil. Bha an deuchainn mu dheireadh agam Diciadann an dèidh 6 bliadhna aig an oilthigh. Bha am bliadhna a chaidh uabhasach cruadh agus cha do rinn mi ach ionnsachadh. Agus tha mi deiseil is saor a-nis. Tha "Staatsexamen" agam agus chan fheum mi dhol air ais don oilthigh a chaoidh. Thoisich mi Beurla is spòrs ionnsachadh as t-fhoghar 1999. Bha mi ann an Alba bho 2001 gu 2002 agus rinn mi 3 semesters an uairsin. An dèidh sin thoisich mi obair airson nan deuchainnean mu dheiradh agus dissertation. Rinn mi deuchainnean ann an spòrs agus pedagogy anns an earrach am bliadhna agus […]

  • Slèite is na cait
    by Slèite on DiD, 13 Samh 2005 at 5:14m

    A charaidean,Tha mi uabhasach brònach an-diugh. Bha cat brèagha, milis, òg agus àlainn agam. Cha robh i ach 8 miosan a dh'aois. Bha i gu math cridheil agus bu toigh leatha gu mòr cadal nam leabaidh. Dh'falbh i gach oidhche airson cadal air a' chathair agus thill i 'sa mhadainn nuair a thoisich an radio agam a chluich airson dùisgeadh. An uairsin bha i na laighe air mo bhroinn no ri taobh mo chinn agus bha an dithis againn sunndach. Bha i gu math fiathaich cuideachd. Bu toigh leatha blàr a dhèanamh comhla rium agus bha mo làmhan daonnan goirt de na fiaclan agus spògan biorrach aice. […]

  • smuaintean as t-fhoghar
    by Slèite on DiM, 18 Dàmh 2005 at 3:55f

    A Chairdean,Tha mi toilichte gun leugh sibh an sgudal agam. Mar sin sgrìobhaidh mi barrachd sgudail air ur son ;-)Tha mi cho toilichte gu bheil am foghar cho brèagha am bliadhna. Chan eil dealbhan agam ach tha na craobhan mar òr agus tha deagh thìde againn gach latha. Thachair rudeigin uabhasach dhomh Latha na Sàbaid ach tha am foghar seo gam chuideachadh nach fairich mi cho dona.Obh, agus bu choir dhomh ionnsachadh fad an latha o chionn's gum bidh deuchainn cudhromach agam ann an 4 seachdainnean. Ach tha mi ro leisg. Feumaidh mi sgeulachdan victorianach agus bàrdachd ùr Albannach […]