Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean air Instagram #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha greis ann bho sgrìobh mi rud sam bith an seo – ach tron ghlasadh-sìos, cha robh cothrom agam a dhol air trèana sam bith agus cha robh mòran naidheachdan rèile ann nas motha!

Bidh sin ag atharrachadh a dh’aithghearr ge-tà, agus tòrr thursan agam air fàire agus gu leòr naidheachdan ann cuideachd.

Ma tha thu airson barrachd a leughadh mu rathaidean-iarainn sa Ghàidhlig an-dràsta, faic an cunntas Instagram ùr agam @treanatramatralidh.

@treanatramatrailidh (2)

Tha e fìor bhrosnachail gu bheil an uiread de chunntasan Instagram sa Ghàidhlig air nochdadh bho chionn goirid air diofar chuspairean agus shaoil mi gum biodh e feumail cur ris.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico