Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Bha fèis shònraichte ann an Glaschu air ais aig deireadh nan 80an, Fèis Gàraidh Ghlaschu no the Glasgow Garden Festival.

Bha sreath de na tachartasan seo ann an sgìrean bailteal far an robh gnìomhachas air a dhol bàs agus far an robh ath-leasachadh a dhith. Bha a’ chiad Fhèis Gàraidh ann an Liverpool ann an 1984 agus chaidh a leantainn le Stoke on Trent (1986), Glaschu (1988), Gateshead (1990) agus mu dheireadh le Glyn Ebwy/Ebbw Vale ann an 1992.
B’ e amas nam fèisean togail a thoirt do dh’àiteachan far an robh ath-leasachadh a dhìth agus gus togail is spòrs a thoirt do na daoine fhèin.
Bha tòrr rudan san fhèis – gàraidhean, bùithean, taighean-bìdh, rollercoasters is tòrr a bharrachd.
Agus bha rathaidean-iarainn annta uile cuideachd! Ann an Glaschu, bha an dà chuid rathad-iarainn caol-ghèidse agus slighe-trama ann.
Cò ris a bha na rathaidean-iarainn coltach? Chan eil cuimhne agam leis an fhirinn innse! Bha mi 14 ann an 1988 agus cha deach sinn gu Fèis Gàradh Ghlaschu ach dà thuras, mas math mo chuimhne. Cha deach sinn ann nas trice oir bha m’ athair tinn san osbadal fad uine mhòr air a’ bhliadhna sin agus bha mo mhàthair ag obair uamhasach trang ag obair is a’ dol a dh’fhaicinn m’ athar. Mar sin, chan eil mo chuimhne cho math air an fhèis.
Cuideachd, ged a bha mi beò-ghlaicte le trèanaichean eadar 1985 is 1987, chaill mi m’ ùidh ann an rathaidean-iarainn an uair sin fad deich bliadhna oir bha barrachd ùidh agam ann an ceòl is geamannan coimpiutair.

Mar sin, ged a tha cuimhne agam air dè a dh’ith is dè a dh’òl mi air an latha sin (Vimto bhon t-Soda Stream is ceapairean oir bha mo mham draghail mu na chuala mi mu chosgaisean a’ bhìdh ann!) agus de bha mi ag èisteachd ris air a’ Walkman agam (teip leis na 12” mixes agus B-sides bho na 12” singles de Kiss Like Judas agus Midnight aig It Bites, an còmhlan prog sgoinneil à Cumbria), chan eil mòran cuimhne agam air na rathaidean-iarainn. Chaidh mi air an trèana ach chan eil mi a’ smaoineachadh gun deach mi air na tramaichean idir.
Bha mo bhean Jenny a’ fuireach gu math faisg air làimh agus bha tiocaid seisein aice agus chaidh i ann na ficheadan de thursan le a càirdean is mar sin, tha cuimhne tòrr nas fheàrr aice air an Fhèis na th’ agam. Tha fìor dheagh chuimhne aice gu sònraichte air a’ Choca-cola Roller, an rollercoaster mòr, oir bhris e sìos aon latha nuair a bha i air agus bha Jenny bhochd stucte bun-os-cionn fad cairteil na h-uarach gus an deach a chàradh! Ach gu mì-fhortanach, chan eil i deidheil air trèanaichean is tramaichean is mar sin, chan eil cus cuimhne aicese nas motha orra sin.
Mar sin, tha mi air beagan rannsachaidh a dhèanamh air a’ chùis.
Chaidh an fhèis a cumail air taobh a deas a’ Chluaidh mu choinneimh an SECC far a bheil toglaichean a’ BhBC, STV agus Ionad Saidheans Ghlaschu a-nis agus far a bheil Festival Park a-nis.
Bha loidhne nan tramaichean ri taobh na h-aibhne agus bha iad ruith seachad air far a bheil am BBC a-nis. Bha e cudromach dhan fhèis gun robh tramaichean ann oir bha na “caurs” nam pàirt chudromach de dh’fhèin-aithne a’ bhaile agus bha daoine fhathast air leth dèidheil orra, ged a dh’fhalbh iad ann an 1962. Aig an àm sin, bha dealbh frèamte le sealladh-baile anns an robh trama anns cha mhòr gach taigh ann an Glaschu.
Bha grunn thramaichean air an t-slighe trama – tramaichean Standard agus Cunarder à Glaschu, trama Phàislig, trama Dhùn Èideann agus trama ‘boat’ fosgailte à Blackpool. Fhuair mi cead bho mo chairdean Hugh, Alex is John beagan de na dealbhan aca bho Flickr a chleachdadh.
Blackpool Boat Car, Blackpool
Trama Cunarder Ghlaschu – le Hugh Spicer
Trama Standard Ghlaschu, Le Alexander Cunningham
Trama Dhùn Èideann ann an Taigh-tasgaidh nan Tramaichean, Crich, le John Zebedee
Bha rathad-iarainn beag ann cuideachd. Saolidh mi gun robh dà sheòrsa loco ann – cuid le coltas loco smùid agus cuid eile le coltas ùr-fhasanta a bha gu math gu math grannda! Seo cairt-puist den rathad-iarainn. Bha an trèana a’ dol gu deas ann an cearcall.
Cairt-phuist den rathad-iarainn
Agus a bharrachd air seo, bha taisbeanadh aig Roinn a’ Mheadhain air an robh “Heart of Scotland” le stèisesan agus loco smùid. Thàinig togalach snog an stèisein à stèisean Mhonadh Fotha (Moneifeith) ann an Siorrachd Aonghais agus às dèidh na fèise, chaidh ath-thogail ann am Birkill air rathad-iarainn Bo’ness is Cheann Fhàil.
Cairt-phuist de Chridhe na h-Alba
Thug ainm an taisbeanaidh orm smaoineachadh air ‘Heart of the World’ le Big Country, deagh òran a thàinig a-mach dà bhlaidhna às dèidh na fèise!
Chan eil mòran air fhàgail den fhèis ann an Glaschu a-nis ach tha an tùr ainmeil Tùr Banca Dail Chluaidh fhathast ann. Chan eil e ann an Glaschu, ge-tà, ach anns a’ Chuimrigh. Tha e ann an Rhyl. Agus ged nach eil an rathad-iarainn beag fhathast ann, tha meanbh-rathad-iarainn ann an Rhyl agus tha mi an dùil tadhal air cho luath ’s a bhios suidheachadh a’ choròna-bhìoras deiseil!
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tha 34 latha ann bho bha mi air trèana mu dheireadh agus bidh greis ann fhathast mus bi cothrom agam a dhol air turas rèile a-rithist.
Tha mi air leasan inntinneach ionnsachadh san àm sin – is iongantach an obair a nì duine ma tha e stuicte san taigh fad mìos. Tha mi air na faidhlichean agam uile a sgioblachadh, tha mi air na h-uinneagan a ghlanadh, tha mi air na faidhlichean coimpiutair agam a sgrioblachadh, tha mi air iomairt Gàidhlig no dhà a dhèanamh agus tha mi fiù ’s air toiseachadh air an lobht a sgioblachadh.
Clas 120, Glaschu Mheadhain c1986
Nuair a bha mi san lobht, lorg mi bogsa de na dealbhan trèana a thog mi sna 1980an nuair a bha mi san sgoil. Tha mi a-nis air a’ chuid as fheàrr aca a sgannadh a-steach dhan choimpiutair agus a chur suas air Flickr.
Bha mi beò-glaicte le trèanaichean eadar mu 1985 agus 1987/88. An uair sin, fhuair mi ZX Spectrum agus ghabh mi ùidh na bu mhotha ann an geamaichean coimpiutair agus ceòl agus chan ann airson 10 bliadhna eile a thog mi ùidh ann an rathaidean-iarainn a-rithist.
Clas 104, Stèisean Sràid na Banrighinn (bliadhnaichean mus robh sgeul air soidhnichean dà chànanach ann)
Air ais ann an 1985, bha mi ann an clas 7 sa bhun-sgoil agus clas 1 san àrd-sgoil ann an Stepps, faisg air Glaschu. Cha mhòr gach deireadh seachdain, bhithinn a’ dol dhan bhaile Disathairne no Didòmhnaich le mo charaid Cailean air a’ bhus gus trainspotting a dhèanamh.
Bhiomaid a’ tòiseachadh ann an Stèisean Sràid na Banrighinn – High Level is Low Level, agus an uair sin a’ dol gu Central – High Level is Low Level. Rachamaid air an t-Subway gach turas cuideachd – mar as trice airson dà chuairt den t-siostam air fad!
Nuair a bha airgead gu leòr againn, gheibheamaid burgair bho Casey Jones Burgers ann an Stèisean a’ Mheadhain agus is dòcha lethbhreac den iris Modern Railways cuideachd.
Casey Jones Burgers – BR a’ feuchainn ri bhith coltach ri McDonalds!
Bha camara beag 110 size agam a thug m’ athair dhomh agus bhithinn a’ togail dealbhan de na trèanaichean leis. Bha e caran coltach ris a’ chamara san t-sanas spaideil (?!) seo ach bha e na bu shine agus cha robh flash air! Bha na dealbhan a thog e math ach beag biodach!!

Airson mo cho-latha-breith ann an 1986, fhuair mo phàrantan camara-disc dhomh! Eil cuimhne agaibh orra? Bha e na bu spaideile AGUS bha flash air!
Camara-disc!
Bhiomaid a’ dol bho Stèisean a’ Mheadhain gu Stèisean Sràid na Banrighinn uair is uair air an aon latha, uaireanan air a’ bhus shònraichte a bha a’ cosg dìreach 10sg! ‘S e bus double-decker ‘Corpy’ àbhaisteach a bh’ ann leis a’ mhullach air a gheàrradh dheth!
Am bus sònraichte eadar an dà stèisean. Cheannaich mi an dealbh seo bho: https://www.philt.org.uk/
Bha na rathaidean-iarainn rud beag eadar-dhealaichte sna 80an. Ann an Alba san latha an-diugh, tha sinn cleachdte ri trèanaichean gu math ùr is glan agus tha tòrr a bharrachd trèanaichean dealanach ann. Ann am meadhan nan ceithir ficheadan, bha a mhòr-chuid de na trèanaichean bho na 1950an. Bha tòrr charactar aca ach gu tric, bha iad gu math salach agus bha na stèisesanan loma làn smuid diosail agus bhiodh ceann goirt agad às dèidh cus tìde ann!
A bharrachd air seo, bha tòrr de na trèanaichean air an tarraing le locothan. San latha an-diugh, tha cha mhòr a h-uile trèana ann an Alba na Iom-aonad no multiple unit – càraichean-rèile.
Loco clas 27 ann an Sràid na Banrighinn (GLQ)
Agus bha Glaschu na àite inntinneach airson iom-aonadan ann am meadhan nan ochdadan. Bha gainnead thrèanaichean ann an Alba – gu sònraichte air loidhne Inbhir Air – agus chaidh tòrr dhìofar sheòrsaichean aonad a chur a dh’Alba mun àm seo. Bha trainspotting car coltach ri safari rèile – cha robh fhios agad dè a chitheadh tu is cuine.
Clas 107, Glaschu Mheadhain (GLC)
‘S e àm inntinneach a bha seo airson rathaidean-iarainn. Bliadhna no dhà às dèidh seo, thàining tòrr mòr thrèanaichean ùra a-steach. Tòrr chàraichean-rèile ùra – na Sprinters agus Supersprinters a bha spaideil agus ùr-nodha agus mean air mhean, chaidh an cur an àite nan seann aonadan agus nan locothan. Mar sin, chunnaic mi cùisean dìreach mus robh mòr atharrachadh ann.
Clas 156 ‘Supersprinter’ – ginealach ùr nan aonadan rèile
‘S e deagh àm a bha seo airson a bhith beò agus a bhith a’ leantainn rathaidean-iarainn ann an Alba!
Alasdair
Air an Sony Walkman agam aig an àm: Big Country, the Alarm
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Chan urrainn dhomh a dhol air turas trèana no trama sam bith an-dràsta mar thoradh air a’ Chorònabhìoras, ach tha mi a’ cur deagh fheum air a’ chuairt coise agam gach latha.
Chaidh mi fhèin agus an tè bheag air turas gu Pàirc Bhaile Hùistean an-diugh agus fhad ’s a bha sinn ann, rinn mi beagan obair detective airson beagan de sheann lìonra tramaichean is tràilidhean Ghlaschu a lorg.
Ma tha thu eòlach air Pàirc Bhaile Hùistean no Mosspark Boulevard idir, is dòcha gun do mhothaich thu gu bheil am Boulevard gu math leathann. ’S e as adbhar do sin gun robh slighe-trama ann uair. An àite a bhith a’ ruith air an rathad fhèin, bha slighe fa leth aca eadar an rathad agus a’ phàirc.
Eubha a’ sealltainn far an robh an t-slighe trama.
Ged a dh’fhalbh na tramaichean bho chionn cha mhòr 60 bliadhna, chithear far an robh iad fhathast agus tha pìos beag biodach de thrac ann aig a’ cheann-rathad le Draibh Bhale Hùistean.
Na tha air fhàgail de slighe trama Phàirc na Mòna
An uair sinn, choisich sinn sìos Dràibh Bhaile Hùistean gu Sràid Dhiùra far an robh terminus bus-tràilidh àireamh 106.
Làrach terminus bus-tràilidh Bhaile Hùistean
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Le lasairdhubh

B’ e neard DnD uabhasach a bh’ annam nuair a bha mi òg. Thachair mi ris a’ gheama reusanta tràth na eachdraidh, mu ’80 – ’81 bu dòcha. Tha na seann leabhraichean, air an caitheamh gu mòr, fhathast ann an dachaigh mo phàrantan ann am badeigin. Bha mi a’ smaoineachadh uime a-raoir, is mi nam shìneadh nam leabaidh, gun chadal, is a’ caitheamh ùine a’ coimhead sgudail air an eadar-lìon. Bhuail mi air bhideo de Stephen Colbert ga iomairt, agus thug e air ais mi gu làithean m’ òige.
Bidh cuid dhe na h-oileanaich agam a’ ruith iomairt anns a’ Ghàidhlig, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin dìreach sgoinneil, agus gu math iomchaidh cuideachd. Nach tàinig mòran dhen chultar ùr-sgeulachd (fantasaidh) seo bho chultar nan Gàidheal co-dhiù, gu sònraichte bhon fhicsean aig J.R.R. Tolkien a bha a’ fuireach ann an Eige greis nuair a bha e ag obair air Tighearna nan Fàinne.
Bruidhean — mar as àbhaist, ’s e dìreach ‘toll-dubh’ a th’ againn air dungeon, ach lorg mi am facal ‘buidhean’ seo fhad ’s a bha mi a’ leughadh An Ubhal as Àirde, le Wilson McLeod agus Michael Newton. Is coltach gur e gnè de sgeulachdan na Fèinne a bh’ ann an sgeulachdan nam bruidhean, anns an rachadh an Fhiann a-steach ann an taigh seunta fon talamh (bruidhean) agus bhiodh aca ri strì an aghaidh shìthichean is uile-biastan. (tdd. 143-9) Gu math coltach ri DnD dhomhsa!
Teintidh — a-rithist, ged a chleachdamaid dìreach ’dràgon’ mar bu trice air dragon sa Ghàidhlig, lorg mi ‘teintidh’ ann an Dwelly (td. 944), agus tha e a’ còrdadh rium fada nas fheàrr, am facal fhèin a’ toirt ìomhaigh na bèiste dham inntinn gu soilleir.
Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Rinneadh deuchainnean air trèanaichean bataraidh-dealanach ann an Alba ann an 2018 mar phàirt de phlana Riaghaltas na h-Alba gus rathaidean-iarainn na h-Alba a dhì-charbonachadh.
Clas 230 no D-train – trèana battaraidh dealanach, Bo’ness, 2018
Chaidh ainmeachadh an t-seachdain seo gu bheil deuchainn de theicneòlas haidridein gu bhith againn cuideachd mar phàirt den targaid gus lionra-rèile gun charbon a bhith againn ro 2035.
Thèid uidheamachd haidridein a chur a-steach do sheann thrèanaichean Clas 314 a thàinig à seirbheis an-uiridh.
Clas 314, An Dùn Breac, 2019
Tha trèanaichean bataraidh dealanach gu math freagarrach airson tursan goirid far nach deach loidhnichean a dhealanachadh le uèirean fhathast – no far nach eil coltas ann gun tèid an dealanachadh gu bràth. Tha iad saor a thogail agus a ruith. Nì iad mu 40 mìle eadar charge is mar sin, bhiodh iad freagarrach airson loidhnichean leithid Glaschu gu Cnoc Màiri, Glaschu gu Cill Mheàrnaig no Glaschu – Cille Bhrìde an Ear (a thèid a dhealachadh latha de na làithean) no Inbhir Ùige-Inbhir Theòrsa (nach tèid a dhealanachadh mar thoradh air cho beag de sheirbheisean a th’ ann).
Tha trèanaichean haidridein nas daoire ach nì iad astaran tòrr nas fhaide air tanca làn. Ghabhadh an cleachdadh airson nan loidhinichean fada uile far nach eil cumhachd an dealain ann, m.e Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath agus Loidhne a’ Chaoil agus cuideachd seirbheisean eadar-chatharach bho Ghlaschu/Dùn Èideann gu Inbhir Nis is Obar Dheathain agus Obar Dheathain gu Inbhir Nis.
Feumar tòrr dealain gus haidridean a dhèanamh ach le tuathanasan gaoithe, gabhaidh a dhèanamh ann an dòigh gu math uaine. Gu tric, bithear a’ cruthachadh cus dealain na tha a dhìth air an an lìonra agus gabhaidh an dealan seo a chleachdadh gus haidridean a dhèanamh.
Tha e gu math brosnachail gu bheil adhartas ga dhèanamh cho luath air lìonra rèile na h-Alba aig an àm seo.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Chunnaic sinn tòrr mòr adhartais le lìonra rèile na h-Alba sna 2010an ach dè thachras anns na 2020a?
Seo beachd no dhà bhuam.
Loidhnichean ùra
Thèid an loidhne gu Inbhir Lìobhann, a dhùin ann an 1969, ath-fhosgladh agus thèid tramaichean Dhùn Èideann a lughdachadh gu Lìte is Newhaven mar as còir. Chaidh seo uile aontachadh mar-thà.

Tha doirbh a bhith cinnteach de na loidhnichean eile a thèid fhosgladh/ath-fhosgladh ach tha tòrr iomairtean ath-fhosglaidh làidir ann agus tha mi cinnteach gun tèid tòrr rannsachaidhean-comais (feasibility studies) a dhèanamh air diofar loidhnichean.
Tha mi gu bhith a’ sgrìobhadh post eile mu bhith ag ath-thionndadh gearraidhean Beeching ann an ùine nach bi fada ach seo mo bheachdan air na pròiseactan a thèid air adhart:
Còrd Amain (the Almond Chord) – loidhne goirid (c1.5m) faisg air Dùn Èideann. Chruthaicheadh seo ceangal dìreach eadar Glaschu is Port-adhair Dhùn Èideann (tro stèisean Slighe Dhùn Èideann). Bhiodh e a’ ciallachadh gum biodh slighe a-steach a Dhùn Èideann ann a tha a’ seachnadh Tunail Winchburgh a tha dùinte ro thric mar thoradh air trioblaidean siognalaidh agus tuiltean.
Tha Còrd Amain ann an dearg
Almhaigh-Dùn Phàrlain (no pàirt dheth). Chaidh loidhne Sruighlea-Almhaigh-Ceann Chàrdainn-Dùn Phàrlain ath-fhosgladh ann an 2008 – do luchd-siubhail eadar Sruighlea is Almhaigh agus do thrèanaichean bathair air t-slighe air fad. Chaidh an loidhne ath-fhosgladh gus nach biodh aig trèanaichean guail do stèisean cumhachd Lann na h-Annaid (Longannet) ri dhol thairis air Drochaid an Fhoirthe tuilleadh. Gu mì-fhortanach dhan loidhne – ach gu fortanach dhan àrainneachd – chaidh Stèisean Cumhachd Lann na h-Annaid a dhùnadh ann an 2016 agus mar sin, chan eilear a’ cleachdadh na loidhne eadar Almhaigh agus Dùn Phàrlain gu cunbhalach a-nis. Tha planaichean ann aig ìre gu math adhartach gus factaraidh a thogail air làrach an stèisein chumhachd a bhios a’ togail thrèanaichean ùra. Tha an riaghaltas a-nis a’ beachdachadh air seirbheisean luchd-siubhail a leudachadh, agus an loidhne a dhealanachadh gu faisg air an fhactaraidh ùr. Nan tachradh sin, dh’fhaodadh stèiseanan ùra bhith ann an Clach Mhanainn agus ann an Ceann Chàrdainn.
Deltic ann an Sruighlea leis a’ chiad trèana à Almhaighm 2008
A bharrachd air seo, tha iomairt ann cuideachd gus an loidhne fhosgladh fad na slighe gu Dùn Phàrlain. Lìonadh seo beàrn chudromach anns an lìonra nàiseanta – eadar Glaschu/an costa an Iar agus Fìobh. Aig an àm seo, tha e a cheart cho furasta a dhol dhan Ghealaich air an trèana ’s a tha e a dhol dhan Rìoghachd bho Ghlaschu.
Seo dà phròiseact eile a dh’fhaodadh a dhol air adhart – chan eil mi buileach cinnteach gun tachair iad ach chanainn gu bheil teansa 50/50 aca.
Ceangail rèile gu port-adhair Ghlaschu. Tha an saga seo air a bhith a’ dol fad cha mhòr 15 bliadhna ach tha mi a-nis meadhanach dòchasach gun tachair e mu dheireadh thall. Leugh am post-bloga a sgrìobh mi mu dheidhinn bho chionn goirid.
Leudachadh air loidhne nan Crìochan. Tha loidhne nan Crìochan air a bhith uamhasach fhèin soirbheachail – tòrr nas soirbheachaile na bhathar an dùil. Ach tha tòrr sgìrean anns na crìochan a tha fhathast fada air falbh bhon lìonra rèile agus chanainn gu bheil teansa ann gun tèid an loidhne ath fhosgladh gu Maol Ros, Cille Bhoiseil agus Hawick. Tha Hawick air a bhith a’ fulang gu dona mar thoradh air crìonadh san eaconomaidh agus tha droch cheanglaichean còmhdhail aige. Tha an còrr den rathad-iarainn air a bhith cho fìor shoirbheachail is gu bheil mi a’ smaoineachadh gu bheil deagh argamaid ann air a shon – ged a bhiodh e cosgail. Bidh feum air obair mhòr air an loidhne co-dhiù – thog an riaghaltas e le speac gu math ìosal le tòrr trac singilte agus gun lùban seachnaidh gu leòr agus mar sin, tha trioblaid air a bhith ann le cunbhalachd is astar nan trèanaichean agus chan eil rùm ann gus barrachd thrèanaichean a ruith. Dh’fhaodadh an riaghaltas an dà phròiseact a chur ri chèile mar aon phròiseact mòr gus an loidhne a leasachadh aig tuath agus a leudachadh gu deas aig an aon àm.
Bu toil leam gum rachadh an loidhne ath-fhosgladh fad na slighe gu Carlisle cuideachd ach ’s e pròiseact mòr is air leth cosgail a tha a’ gabhail a-steach dà dhiofar riaghaltas agus mar sin, ma thachras seo idir, chanainn nach tachradh e gu co-dhiù nan 2030s.
Stèiseanan ùra
Tha aonta ann mar-thà gun tèid trì stèiseanan ùra fhosgladh.
Dealanachadh
Tha Riaghaltas na h-Alba air targaid a shuidheachadh gus rathaidean-iarainn Albannach a dhì-charbonachadh ro 2035 tro dhealanachadh, trèanaichean bataraidh-dealanach agus trèanaichean haidridean.
Chanainn gun tòisich obair gus an còrr de na loidhnichean suburbach ann am mòr-sgìre Ghlaschu a dhealanachadh sna 2020an. Chan eil ach trì loidhnichean air fhàgail nach eil dealanach fhathast– Loidhne Chnoc Màiri (Glaschu- Cnoc Màiri – Fearann Anna) – 6m, Glaschu – Cille Bhrìghde an Ear – 11m, agus Glaschu gu Barrhead – 7m (agus is dòcha air adhart gu Cill Mheàrnaig – 16m a bharrachd). Agus mur a tachair seo, tha a h-uile coltas ann gun tèid trèanaichean bataraidh-dealanach a chleachdadh airson nan slighean sin.
Le uèirean suas ann am mòr-sgìre Ghlaschu agus na loidhnichean uile eadar Glaschu is Dùn Èideann, bhithinn an dùil gun rachadh cearcall Fìobha a dhealanachadh. Tha mu 75% de na tursan trèana ann an Alba air trèanaichean dealanach mar-thà agus nan rachadh na loidhnichean seo uile a dhealanachadh, chanainn gun rachadh am figear sin am meud gu mòr.
Tha an riaghaltas air a bhith a’ coimhead air trèanaichean bataraidh-dealanach airson slighean far nach biodh iarrtas gu leòr ann airson dealanachadh àbhaisteach. Seo trèana dealanach air deuchainn ann an Rathad-iarainn Bo’ness is Cheann an Fhàil an-uiridh.
Clas 230 ‘D-train’ – trèanaidh bataraidh dealanach, Stèisean Manuel, Rathad-iarainn Bo’ness is Cheann Fhàil
Bhiodh trèanaichean haidridean freagarrach airson loidhnichean fada anns nach eil iarrtas gu leòr airson dealanachadh leithid loidhnichean na Gàidhealtachd agus loidhne an t-Sròn Reamhar.
Bhithinn an dòchas gum biodh an riaghaltas co-dhiù a’ beachdachadh air Glaschu/Dùn Èideann-Dùn Deagh is Obar Dheathain a dhealanachadh cuideachd ach ’s e pròiseact mòr a bhiodh ann an seo agus dh’fhaodte gur e trèanaichean haidridean a thèid a chleachdadh ma thig an teicneòlas air adhart sna beagan bhliadhnaichean a tha romhainn.
Trèanaichean ùra
Fhuair ScotRail tòrr mòr trèanaichean ùra sna 2010an agus mar sin, chan eil mi an dùil gum faic sinn an uiread de thrèanaichean ùra airson greiseag fhathast. Ma thèid barrachd loidhnichean a dhealanachadh ge-tà, dh’fhaodte gum faic sinn trèanaichean dealanach ùra ro 2030.
Tha mi an dùil ge-tà, gum faic sinn trèanaichean bataraidh-dealanach ùra agus gus dòcha gum faic sinn trèanaichean haidridean cuideachd.
Chan eil mi an dùil gum faic sinn trèanaichean dìosail ùra. Aig a’ chàr as ìsle, bidh hybrids ann ach chanainn nach bi e fada gus nach bi trèanaichean dìosail idir againn air an lìonra nàiseanta. Ruith na trèanaichean smùid mu dheireadh air an lìonra nàiseanta ann an Alba ann an 1967 (1968 ann an Sasainn). Chan eil mi a’ smaoineachadh gun cuir sinn cùl ris na dìosailean ann an 2027 ach tha fìor dheagh sheans ann gum bi iad air falbh ro 2037.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tha deichead ùr air tòiseachadh agus tha seo a’ toirt dhomh deagh leisgeul sùil a thoirt air ais air na thachair sna rathaidean-iarainn ann an Alba sna 2010an.
Fosglaidhean
Ann an 2010, chaidh an loidhne eadar Bathgate agus an Àrd Ruigh ath-fhosgladh. Chaidh 13 mìle ùr de thrac a chur sìos uile gu lèir. Sgur seirbheisean do luchd-siubhail eadar an dà bhaile anns na 1950an agus chaidh an trac a thoirt air falbh ann an 1982. Chaidh ath-fhosgladh mar loidhne dhealanach dhùbailte.
Làrach Stèisean Caldercruix, 2008, goirid mus do thoisich obair gus a ath-thogail
Ann an 2015, chaidh Loidhne nan Crìochan ath-fhosgladh eadar Dùn Èideann agus Bruach Thuaidh beagan a deas air Galasheils. Sin còrr is 30 mìle de thrac ùr. Bha an loidhne seo air dùnadh ann an 1969 agus dh’fhàg e na crìochan air fad gun stèisean rèile sam bith. Tha an iomairt a leantainn gus an rathad-iarainn a leudachadh gu Maol Ros, Hawick is Carlisle.
Mo theaghlach a’ dèanamh air trèana do na Crìochan airson a’ chiad turais 2015
Dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba ann an 2019 gun rachadh Rathad-iarainn Inbhir Lìobhann ath-fhosgladh eadar Ceann-rèile Thornton agus Inbhir Lìobhann. Thathar ag amas air an loidhne seo, a tha 5 mìle a dh’fhaide, fhosgladh ann an 2024.
Agus bha adhartas ann le rèile aotrom cuideachd le tramaichean Dhùn Èideann a’ tòiseachadh – mu dheireadh thall – ann an 2014 eadar Port-adhair Dhùn Èideann agus Plàs York. Shoirbhich gu mòr leis na tramaichean agus chaidh aontachadh an siostam a leudachadh gu Lìte is Newhaven ann an 2019.
Stèiseanan ùra
A bharrachd air na loidhnichean ùra agus na stèiseanan ùra orra, chaidh stèiseanan fhosgladh no ath-fhosgladh air grunn loidhnichean a bha fosgailte mar-thà. B’ iad:
Dealanachadh
Is dòcha gur e an t-atharrachadh as motha a bh’ ann sna 2020an gun deach tòrr de na rathaidean-iarainn a dhealanachadh (electrified).
Comar nan Allt mus deach an loidhne a dhealanachadh
Sna 2010an, chaidh na loidhichean a leanas a dhealanachadh:
A-nis, tha 25% den lìonra rèile air a dhealanchadh agus tha Coimisean Bunstructar na h-Alba a’ meas gu bheil 75% de na tursan rèile ann an Alba a-nis air trèanaichean dealanach.
Bha na 2010an gu math soirbheachail airson rathaidean-iarainn ann an Alba agus chaidh àireamh nan tursan rèile le luchd-siubhail suas 3!% eadar 2010 agus 2019.
Anns an ath phost, bheir mi sùil air adhart ris na 2020an.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico