Blog a’ Bhàird air Mhuinntireas

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiD, 26 Lùna 2012 at 9:24m

    cruth bhuam air astar           is an uair sin gun sgeul air –                    geàrr

  • Post Title
    by Rody Gorman on Dih, 6 Iuch 2012 at 9:10m

    sa choille-challtainn           cùl rinn sa Chèitean,                    cat-cinn, caitean

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiD, 24 Ògmh 2012 at 8:32m

    na mo leabaidh sa mhadainn,           a’ tuiteam air ais nam shuain                    agus Checkov agam air mo bhilean

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiL, 4 Ògmh 2012 at 4:48f

    scáth solais ag dealramh           i gcumhdach le gruaimhín an bhealaigh                    mar a bhfuil ór Muire faoi bhláth

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiS, 26 Cèit 2012 at 8:16m

    sliabh a’ nochdadh thall ud           is uisgeachan Iòrdain a’ sruthadh seachad –                   Gilead

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiL, 21 Cèit 2012 at 8:22m

    beum-slèibhe sa bhealach           far an rachamaid a’ sìtheadh                    nar linn leis a' bhruthaich

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiC, 16 Cèit 2012 at 3:22f

    tòrradh feasgar Diluain,           clachan taobh ris a’ chuan,                    ciùin agus làn

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiM, 15 Cèit 2012 at 2:46f

    na beannachdan àbhaisteach aig an tòrradh aig an doras: tha mi duilich, chan eil guth ri ràdh

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiL, 16 Gibl 2012 at 8:36m

    bog braonach mar is dual ar maidin, préachán anuas ón gcrann is muid ag siúl beirt ar an mbán

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiM, 10 Gibl 2012 at 3:27f

    dol-fodha-na-grèine ‘s an t-sìorraidheachd air cuairt ghoirid os cionn Beinn a’ Bhràghad

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiS, 7 Gibl 2012 at 10:13m

    Dihaoin’ a’ Cheusta leam aig baile, mo ghaol air taobh thall na Maoile ‘s na taighean-seinnse dùinteann an dachaigh nan sean anns a' Ghearastan, duineachan ris an uinneig a’ sealltainn a-mach air a’ bhearradh os a chionn

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiC, 22 Gearr 2012 at 9:45m

    ann an Helmand air ùir air a seacadh, fear ag iomain a chuid chaorach tro bheàrn air cho beag anns a’ ghàrradh

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiD, 19 Gearr 2012 at 11:51m

    na làithean a’ falbh air mo bheulaibh ‘s na dathan, geal, dubh, dubh ‘s buidheachas mu dheireadh

  • Post Title
    by Rody Gorman on Dih, 17 Gearr 2012 at 10:44m

    ìsle-làin ‘s mnathan air an glùin ann an sreath sna faochagan mar ghrìogagan air paidirean

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiD, 22 Faoi 2012 at 9:10m

    Aon turas, an taobh thall nan sùmainn,Fhuair mi dalladhDe dh' eun gealIs thuit mi an gaolLeis a' mhearanA bhios ga thathaich.(Akiko)

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiS, 21 Faoi 2012 at 9:25m

    Agus mi air ceann mo thuraisA thoirt a-mach mu dheireadh thall,Tha mi mothachailGu bheil mi air a bhith nam dhallAir nach eil eagalBhon dorchadas.(Akiko)

  • Post Title
    by Rody Gorman on Dih, 20 Faoi 2012 at 7:56m

    'S mi a' dlùthachadhRi baile na beinneTro chamhanaich an earraich,Bidh mi a' cluinntinn clag dol-fodha-na-grèine'S e a' bualadhTro bhileagan a' falbh le gaoith.(Noin)

  • Post Title
    by Rody Gorman on Dia, 19 Faoi 2012 at 8:33m

    Feumaidh mi dealachadh riutAch ma chluinneas mi fuaimNan giuthas a tha fàsMu Loch an Tuim,Thig mi air aisAnns an spot.(Aiwara no Yukihira)

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiC, 18 Faoi 2012 at 8:48m

    Bidh mi ri laigheGu ruig' eadradh-na-maidne'S ag èisteachd ri balaich na h-aibhne'S iad ag iomradh air Allt na Bèiste.(Yakamochi)

  • Post Title
    by Rody Gorman on DiM, 17 Faoi 2012 at 8:21m

    dè tha e smaoineachadh ris fhèin, ag iasgach is am feasgar a’ teireachdainn, am bodach air gob Leac nan Uan?