Ball-coise Albannach

  • Geamannan Meadhan an t-Seachdain (28/11)
    by Anonymous on Dia, 29 Samh 2012 at 12:35f

    Le còig geamannan ann am meadhan an t-seachdain, dh’fhaodadh tòrr rudan atharrachadh aig an àrd san lìog. Bhuannaich Celtic is Hibernian, is chaidh Cluaran Cailleanach Inbhir Nis os cionn Obar Dheathain. Aig an taobh eile, ghluais Siorrachd Rois is Naomh Mearain puing a bharrachd air thoiseach Dùn Dèagh. Siorrachd Rois   0-0   Naomh Mearain Thàinig an geama gu crìoch gun tadhal ann an Inbhir Pheòfharain, an còigeamh turas a thachair sin ann an geama Siorrachd Rois am-bliadhna. Thòisich Siorrachd Rois uabhasach làidir, is bha iad a’ gluasad a’ bhalla timcheall […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (24/11)
    by Anonymous on DiD, 25 Samh 2012 at 5:49f

    B’ e an geama a bu chudromaiche ann am Pàislig aig an deireadh-sheachdain, far an do thàinig an dà sgioba aig bonn na lìge ri chèile. Ann an àiteachan eile, bhuannaich Caley Thistle Inbhir Nis airson a’ chiad turas riamh an-aghaidh Celtic san lìog, is chaidh Obar Dheathain os cionn Hibernian. Tobar na Màthar   0-0   Cridhe Mheadhan-Lodainn Cha robh tadhal ri fhaicinn anns an geama tràth ann an Tobar na Màthar. ’S e geama duilich a bha seo, is cha do chruthaich an dà sgioba cothroman gu math soilleir fad na geama. Ghlèidh Darren Randolph breab-asgaidh a bh’ […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (11/11)
    by Anonymous on DiD, 11 Samh 2012 at 5:31f

    Tony Watt an-aghaidh Barcelona Tha rudan math air a bhith tachairt an t-seachdain seo, is rudan gu math dona ann am ball-coise Albannach. Bhuannaich Celtic ann an geama Roinn-Eòrpa an-aghaidh Barcelona, an sgioba as fheàrr san t-saoghal, is bha Rod Stewart fhèin a’ caoineadh aig deireadh na geama. Ach, air an taobh eile, nochd na trioblaidean airgid aig Cridhe Mheadhan-Lodainn cho soilleir ’s a ghabhas nuair a thuirt an sgioba ’s dòcha gun cluich iad an geama mu dheireadh aca airson 17mh an t-Samhain, mura faigh iad airgead gu leòr airson an sgioba a shabhaladh. Cluaran […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (27/10)
    by Anonymous on DiD, 28 Dàmh 2012 at 5:14f

    'S e deireadh-sheachdain làn de bhreab-peanais a bh' ann, le seachd anns na geamannan air fad. Bhuannaich Cill Mheàrnaig an-aghaidh Celtic airson rudan a chumail teann aig an àrd, ach gu mi-fhortanach, chaill Dùn Dèagh a-rithist. Tobar na Màthar   0-4   Hibernian                                        Wotherspoon “28”                                        Griffiths (peanais) “64”, “74”                                        Handling “90” Chum Hibernian a’ dol air adhart fo […]

  • Caley Thistle Inbhir Nis
    by Anonymous on DiC, 24 Dàmh 2012 at 5:35f

    Thairis an t-seusan, tha luchd-leantainn eadar-dhealaichte a' dol a sgrìobhadh blog dhomh mu dheidhinn an sgioba aca fhèin. Chaidh am fear seo a sgrìobhadh le Calum MacIlleathain. Tha Caley Thistle Inbhir Nis na laighe sa chòigeamh àite san lìog. Is mise Calum MacIlleathain, is tha mi a’ leantainn Caley Thistle Inbhir Nis. Seo na beachdan agam air an t-seusan aig ICT suas gu seo. Bha torr cluicheadairean ùra againn, agus thug e ùine dhaibh faighinn cleachdte ri chèile. Bha e doirbh dhuinn gèama a ghlèidheadh an toiseach, ach tha sinn anns an dà chupa fhathast, agus tha […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (21/10)
    by Anonymous on DiD, 21 Dàmh 2012 at 6:50f

    Tha àmannan doirbh air a bhith aig Alba anns an t-saoghal ball-coise an t-seachdain seo, is tha iad a-nis na laighe aig bonn na buidhinn aca. Is tha trioblaidean co-ionann air a bhith aig Dùn Dèagh sa Prìomh Lìog na h-Alba. Aig an taobh eile, tha Celtic a' gluasad air falbh bho na sgiobaidhean eile. Dùn Dèagh   1-4   Cluaran Cailleanach Inbhir Nis Breab-peanais aig Andrew Shinnie Nish “12”              McKay “4”, “85”                               Warren “7”                               Shinnie (pean.) “81” […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (07/10)
    by Anonymous on DiD, 7 Dàmh 2012 at 6:43f

    Thachair geama mòr ùr anns a’ Phrìomh Lìog na h-Alba air oidhche Haoine, nuair a thàinig sgiobaidhean nan Gaidhealtachd ri chèile airson a’ chiad turas. Anns na geamannan eile, bhuannaich Baile Naoimh Eòin a-rithist, is ged a bha Celtic anns an Ruis meadhan an t-seachdain, chluich iad math airson na puingean a bhuannachadh ann an Glaschu. Cluaran Cailleanach Inbhir Nis   3-1   Siorrachd Rois Draper “9”                                             Vigurs “48” Shinnie “28” Doran “87” Bhuannaich Inbhir Nis a’ […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (29/09)
    by Anonymous on DiD, 30 Sult 2012 at 6:06f

    Bha sia tadhail air fhichead ri fhaicinn aig an deireadh-sheachdain seo, far an deach tòrr geamannan tarraingeach a chluich. Bha feadhainn de na comharran iongantach ri fhaicinn, gu h-araid an geama aig Tynecastle, agus an geama ann am Pàislig. Tha Celtic a-nis na laighe sa chiad àite, is feumaidh Dùn Dèagh a bhith faiceallach aig a' bhonn. Adam Cummins Tobar na Màthar   0-2   Celtic                                        Hooper “32”                                        Cummins (og) “35” Chaidh Celtic suas do cheann na […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (23/09)
    by Anonymous on DiD, 23 Sult 2012 at 7:39f

    Bha deireadh-sheachdain inntinneach ann an Alba, is gu mi-fhortanach airson luchd-leantainn Siorrachd Rois, chaill iad airson a' chiad turas ann an ùine fada. Ghluais Celtic nas fhaisge do Thobar na Màthar aig an àrd, is thuit Dùn Dèagh Aonaichte nas fhaisge na bonn na lige. Callum Paterson Dùn Dèagh Aonaichte   0-3   Cridhe Mheadhan-Lodainn                                                  Paterson "28","61"                                                 Novikovas "30" Ged a bhunnaich Cridhe Mheadhan-Lodainn gu math […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (16/09)
    by Anonymous on DiD, 16 Sult 2012 at 6:00f

    Thachair tòrr geamannan cudromach aig an deireadh-sheachdain seo, is tha na sgiobaidhean uile fhathast faisg ri chèile. Chaidh Dùn Dèagh air ais dha bonn na lìge nuair a chaill iad an-aghaidh Tobar na Màthar, a tha fhathast aig an àrd, is ann an geamannan eile, bhuannaich Baile Naomh Eòin, Naomh Mearain is Hibernian. Dùn Dèagh Aonaichte   0-0   Siorrachd Rois Cha robh tadhal ri fhaicinn anns a’ chiad geama oidhche Haoine ann am Prìomh Lìog na h-Alba am-bliadhna. ’S e geama dà leth a bh’ ann, is bha Siorrachd Rois na bu làidire sa chiad leth. Bhuail Colin […]

  • Sgrùdadh air na Sgiobaidhean
    by Anonymous on DiC, 5 Sult 2012 at 4:35f

    Às dèidh samhradh trang airson ball-coise Albannach, chan fhaod sgiobaidhean cluicheadairean a cheannach a-nis, ach faodaidh iad ma tha iad gun sgioba. Seo ùraich air na sgiobaidhean air fad ann am Prìomh Lìog na h-Alba. Peter Pawlett Baile Naomh Eòin Tha tòrr cluicheadairean air Baile Naomh Eòin fhàgail air feadh an t-samhraidh, is thàinig tòrr dhaoine eile a-steach. Dh’atharraich tòrr ann an ùine ghoirid airson an sgioba à Peairt, is cha do thàinig iad ri chèile math gu leòr fhathast air a’ phairc, ged a tha sgioba sgoinneil aca. Thàinig Steven MacLean is […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (2/9)
    by Anonymous on DiD, 2 Sult 2012 at 5:24f

    Chaidh Tobar na Màthar dhan chiad àite ann am Prìomh Liog na h-Alba, ach chaill Celtic is Dùn Dèagh Aonaichte puingean. Aig an taobh eile, ghluais Dùn Dèagh os cionn Cluaran Cailleanach Inbhir Nis is Baile Naomh Eòin aig a' bhonn. Cothrom aig Cammy Smith Obar Dheathain   0-0   Naomh Mearain Tha Obar Dheathain fhathast a’ feitheamh airson a’ chiad tadhal aca aig Pittodrie am-bliadhna, ged a bha grèim làidir aca air a’ gheama. Thoisich Obar Dheathain le Scott Vernon aig an àrd a-rithist, is ged nach eil cluicheadairean sgileil mar Ryan Jack fallain gu leòr […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (26/8)
    by Anonymous on DiL, 27 Lùna 2012 at 9:29m

    Bha Cridhe Mheadhan-Lodainn, Tobar na Màthar is Celtic an sàs le co--fharpaisean Roinn-Eòrpa ann am meadhan an t-seachdain, le soirbheachas measgaichte. Is bha feadhainn de na geamannan aig an deireadh-sheachdain a' cur iongnadh oirnn uile. Cill Mheàrnaig   3-1   Dùn Dèagh Aonaichte McKenzie "47"           Daly "79" Perez (pean.) "50.Winchester "56" Bha Dùn Dèagh Aonaichte sgriosail aig a’ chùl Disathairne, is fhuair Cill Mheàrnaig na trì puingean, às dèidh trì tadhail ann an deich mionaidean. Bha a’ chiad leth caran sàmhach is truagh. Bha Kyle […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain (19/6)
    by Anonymous on DiL, 20 Lùna 2012 at 6:17f

    Ged a bha a' Phrìomh Lìog ann an Sasainn dìreach a' tòiseachadh aig an deireadh-sheachdain, b' e seo an treas chuairt de gheamannan ann an Prìomh Lìog na h-Alba, is tha na sgiobaidhean a' sealltainn dè cho làidir 's a tha iad. Siorrachd Rois   1-1   Celtic Brittain "49"              Commons "90+3" Fhuair Celtic tadhal leis am breab mu dheireadh ann an geama tarraingeach ann an Inbhir Pheòfhairean. Thoisich Siorrachd Rois nas fhèarr na Celtic, is bha deagh chothrom aig Stuart Kettlewell le buille-cinn, ach chaidh am ball farsaing. Mar a chaidh a’ chiad leth […]

  • Geamannan na Deireadh Sheachdain (12/6)
    by Anonymous on DiD, 12 Lùna 2012 at 2:15f

    Cha robh ach còig geamannan an t-seachdain seo anns a' Phrìomh Lìog na h-Alba, a chionn 's gun robh Celtic anns na Stàitean a' cluich an-aghaidh Real Madrid. Ged a bha Celtic ann an Ameireaga, bha tòrr luchd-leantainn a-mach airson brosnachadh a chur air ball-coise Albannach. Obar Dheathain   0-0   Siorrachd Rois Cha robh tadhal ri fhaicinn aig Pittodrie, ach bidh a’ mhòr-chuid den ceithir mìle daoine deug a bha an làthair a’ dol dhachaigh brònach nach do bhuannaich Obar Dheathain. Thoisich an geama aig astar gu math luath, is bha cothroman aig gach taobh den phàirc. […]

  • Geamannan na Deireadh-Sheachdain
    by Anonymous on DiL, 6 Lùna 2012 at 11:58m

    Celtic   1-0   Obar Dheathain Commons “79”                                    Langfield às dèidh am mearachd aige. Thoisich Celtic an tiotal na prìomh lìog a dhìonadh an-aghaidh Obar Dheathain, a’ buannachadh 1-0 às dèidh mearachd mhòr aig Jamie Langfield. Cha robh Celtic a’ cruthachadh tòrr cothroman airson Hooper is Stokes aig an àrd, is sheas na luchd-tadhail gu math làidir aig a’ chùl. Chum Obar Dheathain am balla nas fhèarr na Celtic air feadh an geama, ach cha robh iad cunnartach a’ dol air adhart cuideachd. […]

  • Cluicheadairean Ùra is Roinn-Eòrpa
    by Anonymous on Dih, 3 Lùna 2012 at 10:49m

    Leis a’ chiad geama a’ tòiseachadh a-màireach dìreach às dèidh meadhan-latha, tha seachdain trang air a bhith aig a’ mhòr-chuid de na sgiobaidhean ann an Alba. Cluicheadairean Ùra Gary Naysmith Fhuair Gary Naysmith cùmhnant bliadhna aig Obar Dheathain às dèidh fàgail Huddersfield Town. B’ àbhaist dha a bhith a’ cluich airson sgiobaidhean mar Cridhe Mheadhan-Lodainn agus Everton ann an Sasainn, agus bidh Naysmith a’ toirt barrachd roghainnean do Bhrown aig a’ chùl, far a bheil iad rud beag lag. Rowan Vine Cheannaich Naomh Mhic Iain cluicheadair […]

  • Prìomh Lìog na h-Alba
    by Anonymous on DiM, 31 Iuch 2012 at 2:27f

    Leis a h-uile rud a thachair san t-samhradh ann am ball-coise Albannach, bha e furasta a bhith a’ dìochuimhneachadh uaireannan gun robh na sgiobaidhean eile ag ullachadh airson a’ bhliadhna ùr. Tha am Prìomh Lìog na h-Alba a’ tòiseachadh Disathairne, is a-nis, tha na sgiobaidhean deiseil airson tòiseachadh, le Siorrachd Rois is Dùn Dèagh anns an lìog an àite Rangers is Dunfermline. Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ris a’ bhall-coise a-rithist, is chuir mi seo ri chèile, pìos mu dheidhinn nan sgiobaidhean is nan cluicheadairean, is, nam bheachdsa, dè tha dol a’ […]

  • Fàilte!
    by Anonymous on DiL, 30 Iuch 2012 at 8:48f

    Fàilte dhan bhlog agam!Ann a sheo, tha mi a' dol a bhith a' sgrìobhadh gach seachdain mu dheidhinn dè tha tachairt anns a' Phrìomh Lìog na h-Alba airson ball-coise. Sgrìobhaidh mi fiosrachadh mu dheidhinn nan sgiobaidhean is nan geamannan air fad agus na naidheachdan às ùire bhon lìog.Tha mi an dòchas gum faigh sibh uile rudeigin a-mach às!