- BA air stailcby Anonymous on Dih, 19 Lùna 2005 at 8:46f
Dealbh ùr bho stailc a’ BhA an seachdain seo chaidh! (Tha mi duilich mura bheil sibh a’ faighinn an fhealla-dhà).
- An Heraldby Anonymous on DiC, 17 Lùna 2005 at 4:44f
Sgrìobh mi an aiste airson Wikipedia mu pàipear-naidheachd an Herald. Tha mi ‘n dòchas gu bheil mo Ghàidhlig math gu leòr. Ach uill, ‘s urrainn do dhuine sam bith a bhith ag atharrachadh e! Co-dhiù, seo e:‘Se pàipear-naidheachd broadsheet beurla a th’ anns An Herald. Bidh e air fhoillseachadh air Diluain gu Disathairne ann an Glaschu.Tha e aon de na pàipearan-naidheachd beurla as sine anns an t-saoghal. Chaidh an pàipear fhoillseachadh an toiseachd ann an 1783 leis an t-ainm Glasgow Advertiser. B’e Iain Mennons an deasaiche an toiseachd.Dh’ atharraich e an t-ainm aige […]
- Wikipediaby Anonymous on DiL, 8 Lùna 2005 at 9:22f
‘Se Wikipedia leabhar mòr eòlais air-loidhne. Tha e fosgailte airson duine sam bith a bhith a’ cuideachadh leis. Tha nas motha na 1000 aistidhean aige an-dràsta. Tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh mu ball-coise na h-Alba.Ach, cha sgrìobh mi mun an geama air Didòmhnaich! Tha mi a’ feuchainn a dìochuimhneachadh.
- Buidhnean-charthannachd a’ call a-mach?by Anonymous on DiM, 2 Lùna 2005 at 6:04f
'Se an Scottish SPCA an t-ainm a th'air an t-SSPCA a-nis. Tha iad 'n dòchas gu bheil seo a’ stad daoine a' toirt tabhartas gus an RSPCA - buidheann-charthannachd Sasannach - tro thuiteamas. O chionn ghoirid, dh'fhàg cailleach £250,000 gus an RSPCA an àite an t-SSPCA.Ach chan eil seo dìreach duilgheadas aig an SSPCA. Tha mòran buidhnean-charthannachd Sasannach a' sanasachadh ann an Alba. Chan eil iad a' dèanamh e soilleir nach eil iad ag obair ann an Alba. A bheil iad a’ dèanamh seo a dh’aon ghnothach? 'S dòcha. An urrainn dhan a' Phàrlamaid a bith ag iarraidh gu beil […]
- An t-sèasan ùrby Anonymous on DiS, 30 Iuch 2005 at 9:27m
Tha an t-sèasan ball-coise a' tòiseachadh an-diugh. Dh'fhaodadh seo a bhith lìog inntinneach am bliadhna seo. Chùm Hibs a' chuid as motha den cluicheadairean aca a thàinig anns an treas àite an t-sèasan seo chaidh. Neartaich Hearts, Obar Dheathain is Dùn Deagh an sgioban aca agus bidh iad a' smaoineachadh gun urrainn dhaibh a bhith a' strì airson an treas àite am bliadhna seo. On bha Celtic a’ irioslachadh ann an Eòrpa, is dòcha gun tig sgioba seach an Old Firm anns a’ chiad no an dàrna àite!Tha mi a’ falbh gu Easter Road far am bi Hibs a’ cluich le Dùn Phàrlain. Tha […]
- Làrach-lìn dreuchdby Anonymous on Dia, 28 Iuch 2005 at 1:56f
A bheil thu a’ lorg airson dreuchd? ‘S urrainn dhut a bhith a’ lorg le Gàidhlig aig ScottishJobs.com.Chan eil dreuchdan an-sin an-dràsta ged a tha dreuchdan gu leòr aig an dreach Beurla. Sgrìobh mi thuca agus tha mi ‘n dòchas gum bi iad a’ ceartachadh seo a dh’aithghearr.
- Chuir Discovery air bhogby Anonymous on DiM, 26 Iuch 2005 at 7:51f
Chuir an soitheach-fànais Discovery air bhog an-diugh gun dhuilgheadasan. Bidh iad a’ siubhal gu an International Space Station. Bha e a’ chiad soitheach-fànais le sgioba gu bhith a ‘cur air bhog bho NASA o chionn 2003 nuair a deach an soitheach-fànais Colombia a sgrios.
- Sgioba Olympic Albannach?by Anonymous on DiL, 25 Iuch 2005 at 7:30f
Anns a’ Phàrlamaid an seachdain seo, bha Linda Fabiani (PNA, Alba Mheadhanach) a' cur air adhart gluasad airson am Pàrlamaid gu bhith a' cruthachadh sgioba Olympic Albannach.
- Geamannan Olympic 2012by Anonymous on DiS, 23 Iuch 2005 at 8:04f
Bhuannaich Lunnainn a’ cho-fharpais airson na Geamannan Olympic ann an 2012. Am bi seo math air Alba? Dh'fhaodadh gum bi pàirt dhen bhall-còise a’ cluich an-seo, ach dh'fhaodadh gum bi sinn a’ call maoineachadh spòrsa a phàigh airson an leasachadh air Lunnainn.Cha chluich Breatainn ball-còise co-dhiù a chionn ‘s nach eil sgioba ball-còise Breatannach againn. Is dòcha gum bi sgioba Olympic Albannach againn ann an 2012!Cuideachd, an seachdain seo, chuir Glaschu iomairt air bhog airson na Geamannan Commonwealth ann an 2014.
- Bhòt na Frangaich “non” air am bun-reachd Eòrpachby Anonymous on DiL, 30 Cèit 2005 at 9:40f
Dhiùlt na Frangaich am bun-reachd Eòrpach an-dè. Bhòt 55% an aghaidh e agus thàinig mòran a-mach le 70% a’ bhòtadh. Bidh e coltach gum bi Jean-Pierre Raffarin, am Prìomhaire Frangach, a thoirt suas a dhreuchd a-nochd.Bhòtaidh na Òlaindich air am bun-reachd air Diciadain. Tha dùil gum iad a’ bhòtadh an aghaidh e cuideachd. An e seo deireadh a’ bhun-reachd Eòrpach?Is urrainn dhuimh leughadh am bun-reachd (anns a’ Bheurla) an seo
- Latha Naomh Anndraisby Anonymous on Dia, 26 Cèit 2005 at 2:22f
Faodaidh sinn a bhith a’ faighinn latha-fèille ùr an seo ann an Alba. Thaic 76 Buill Pàrlamaid am bile-buill aig Dennis Canavan BPA a stèidicheadh latha-fèille ùr air latha naomh pàtran na h-Alba. Ach ged a tha, thuirt Jack McConnell, am Prìomh Mhinistear, nach robh e cinnteach den bbuannachd den bheachd. Cha diùlt e a’ mhòr-chuid den phàrlamaid, an dhiùlt?Tha là Naomh Anndrais air a’ chomharrachadh air 30mh an t-Samhain.
- Hibs ann an Eòrpaby Anonymous on DiM, 24 Cèit 2005 at 3:23f
Bha e deireadh beothachail an t-sèasain. Chaill Hibs an aghaidh Rangers air Didòmhnaich ach a dh’aindeoin seo, thàinig iad anns an treas àite agus cluichidh iad ann an Eòrpa an ath bhliadhna. Bidh sinn fios againn cò a cluichidh iad aig deireadh an Ògmhios.Bhuannaich Rangers an lìog an dèidh chaill Celtic an aghaidh Tobar na Màthar agus bha Dùn Dèagh ag ìsleachadh.
- Cairtean-aithneachaidhby Anonymous on DiC, 18 Cèit 2005 at 10:05f
Bha òraid na bànrigh an seachdain seo. Thuirt i gum bi a riaghaltas a’ thoirt a-staigh cairtean-aithneachaidh agus Clàr Nàiseanta na h-Ionannachd. Bhòt am Pàrlamaid na h-Alba an aghaidh cairtean-aithneachaidh an bliadhna seo. A dh’ aindeoin seo, bheir iad a-staigh an seo fhathast.Tuilleadh fiosrachaidh (anns a’ Bheurla) aig No2id
- Blogaichean na h-Albaby Anonymous on Dih, 13 Cèit 2005 at 5:36f
Cheangail mi Air Fàire ri an làrach 'Scottish Blogs' an-raoir. Cha lorg mi ach aon blog Gàidhlig eile an-sin - Inbhir Narann.Tha e uabhasach inntinneach agus tha ceanglaichean aige ri dhà no thrì blogaichean Gàidhlig eile. Bheir mi sùil orra nas fhadalaiche.
- Aonachadh ùr ann an 2007?by Anonymous on Dia, 12 Cèit 2005 at 6:58f
Thug suas Jim Wallace a obair dhen ceannard Libearalaich Dheamocratach an seachdain seo. Bidh farpais ceannardais agus tha e coltach gum bi Nicol Stephen an ceannard ùr. Thuirt Nicol Stephen gum bi e beachdaich air aonachadh le am PNA an dèidh an taghadh ann an 2007. Shìor-dhiùltadh Jim Wallace a leithid de cùmhnant. Bhiodh seo a' ciallachadh gun robh am Pàrtaidh Làbarach gun ùghdarras airson a' chiad turas o chionn fèin-riaghladh.
- Tha uisge-beatha math dhuibhby Anonymous on DiC, 11 Cèit 2005 at 10:01f
Tha an t-àm ann airson rudeigin nach eil mu spòrs!Tha co-labhairt EuroMedLab 2005 ann an Glaschu an t-seachdain seo. Thug Jim Swan MD òraid an-dè agus thuirt e gu bheil mòran 'ellagic acid' aig uisge-beatha. Tha 'ellagic acid' anti-ogsaidear gu bheil a’ marbhadh ceallan aillse. Thuirt e gu bheil an ellagic acid aig uisge-beatha nas motha na an ellagic acid aig fìon dearg.Slàinte mhath!
- Cupa Bogha-fhroisby Anonymous on DiM, 10 Cèit 2005 at 4:36f
Cluichidh Sgioba Rugbaidh Dun Èideann ann an co-fharpais ùr - an 'Rainbow cup'. Bidh seo a’ chiad turas gum bidh clubaichean leth-chruinne mu Thuath agus clubaichean leth-chruinne mu Dheas a’ cluich le chèile. Compàirtichidh Glaschu, na Crìochan, ceithir sgioban Èireannach, ceithir sgioban Cuimreach, ceithir sgioban Eadailteach agus naoi sgioban bho Afraga a Deas. Tòisichidh an co-fharpais an ath-bhliadhna agus mairidh e seachd seachdainean.
- Tobar na Màthar 2 - 2 Hibernianby Anonymous on DiD, 8 Cèit 2005 at 4:01f
Chluich Hibs an aghaidh Tobar na Màthar an-dè. Bha e deiseil aig dà thadhal an urra. Chuir Caldwell agus Konte am ball a-steach anns an dàrna pàirt an dèidh chuir Tobar na Màthar dà thadhal.Chaill Obar Dheadhain gu Celtic an-diugh. Ma buannaichidh Hibs an aghaidh Obar Dheathain Disathurna seo tighinn, cluichidh Hibs ann an Eòrpa an ath bhliadhna!
- A' chiad blogby Anonymous on DiS, 7 Cèit 2005 at 3:06f
Fàilte oirbh! 'Se seo a'chiad blog agam. Tha beagan Gàidhlig agam, ach saoil mi gum bi e uamhasach feumail airson mi a bhith sgrìobhadh an seo.Tha mi duilich ma tha mi a' dèanamh mearachdan. Ma tha thu ag iarraidh a' ceartachadh rud sam bith, fàg do bheachd. Tapadh leibh.