Guthan na Gàidhlig

  • Oidhche Shamhna 2010 (do Jane Adams)
    by guthannagaidhlig on DiC, 23 Gearr 2011 at 10:06m

    Cha b’ e ach faclan dealanach a bh’ annad ach thàinig an latha a thug mi an cuan orm gu eilean siar far an d’fhuair mi fàilte shunndach. Dh’fhàs thu beò nam shaoghal dhomh. ‘S e neart nam anam a th’ annad agus thàinig an latha a thug thu an cuan ort gu eilean siar.

  • Meud
    by guthannagaidhlig on DiC, 27 Dàmh 2010 at 9:17m

    Cha tuirt i an còrr. Bha i comasach air èisteachd co dhiù, agus seo na rinn i. Èisteachd. Ri clachan a thuit às a bheul, agus sruth is tuil is deàrrsadh na grèine a’ slìobadh a cridhe. Thiodhlaiceadh i fon mhonadh. Gun dùnadh i a shùilean le an sìth agus am bòidhchead. Cha d’rinn na

  • Rian
    by guthannagaidhlig on DiC, 27 Dàmh 2010 at 9:16m

    a’ cabadaich a’ casadaich a’ casadaich a’ cabadaich sgìths. Catrìona NicUilleim

  • Teirm ùr
    by guthannagaidhlig on DiL, 23 Lùna 2010 at 6:21f

    A chairdean Bidh a’ bhuidheann sgrìobhaidh a’ tòiseachadh a-rithist tràth air an ath mhìos. Thathas an dòchas gum bi sgrìobhaidearan ùra nar measg a bharrachd air na sgrìobhaidearan tha air tilleadh airson bliadhna eile. Cùmaibh sùil air a’ bhlog!

  • Dà laogh geal
    by guthannagaidhlig on DiM, 11 Cèit 2010 at 10:03m

    “Bheil thu dol air ais?” theirear rium. “Dà laogh geal is craobh chaorainn air tulach agus an conasg fo bhlàth,” is e mo fhreagairt. Caitlín Ní Rodaigh

  • Odysseus
    by guthannagaidhlig on DiL, 26 Gibl 2010 at 9:38m

    Dh’ionnsaich thu do cheàird ri taobh oir na cuairte do làmh bheag shalach a’ smùrach aig a casan agus an Laideann mar bhràghad dubh air d’ amhach Chuir iad crios dearg ort ann an caoran a’ bhàis guth blàth nam bodach na do chridhe is na do chluais is dh’iarr thu air a’ ghaoith do

  • Thadhail a’ ghealach orm
    by guthannagaidhlig on Dih, 23 Gibl 2010 at 1:41f

    Thadhail a’ ghealach orm Nuair a bha mi beag Sa chàr, a’ dol dhachaigh. Lean bodach na gealaich mi Le fiamh a’ ghàire air A’ deàrrsadh orm Tro uinneig a’ chàir Gus an do ruig sinn an taigh Anns an robh biadh is blàths is cadal. Chunnaic mi a’ ghealach Oidhche Dhòmhnaich, Nuair a dh’fhosgail

  • Caochladh Choimhearsnachdan
    by guthannagaidhlig on Dih, 23 Gibl 2010 at 1:39f

    Air mo bheulaibh chì mi rathad fada, caol air fhiaradh Chan eil sgeul air duine ‘s tha an lochan na thàmh Mo shùilean dùinte cluinnidh mi na traoin A’ faireachdainn carachadh ri mo thaobh chì mi caora a’ toirt an droch shùil orm, ‘s i a’ mùn ‘s an uair sin a’ togail oirre gun

  • Meòrachadh Beag air Bàs (Miroslav Holub)
    by guthannagaidhlig on DiS, 20 Màrt 2010 at 4:23f

    ’S iomadh duine a nì mar nach do rugadh fhathast iad. Rè an ama sin, ge-tà, dh’fhaighnicheadh do William Burroughs le oileanach ma bha e gabhail ri beatha an dèidh bàis, ’s fhreagair e: – An cinnteach leat nach do bhàsaich thu fhathast? Tionndadh: Steafan MacRisnidh

  • Frois a’ Phoit!
    by guthannagaidhlig on DiS, 20 Màrt 2010 at 4:23f

    Nuair a thèid sinn a shnàmh sa mhuir mar chlann a’ plubraich air an t-sràid ann an tuil, no gar plumadh fhèin anns an tuba, is sinn nar suidhe mar chlod no mar ghuga, ̕s beag an t-iongnadh ged a phlumas sinn gu grad gun èirich fras-uisge anns a’ bhad, a’ stealladh oirnn, ̕s sinn