Facal no dhà bho Chadalach

  • Post-d bho Aran / A bheil cù agad?
    by Cadalach on DiM, 3 Gibl 2007 at 8:12f

    Fhuair mi post-d bho Aran an diugh agus tha e ag iarraidh beagan cuideachaidh bhuainn. (Às aonais cha bhiodh TnamB beò an diugh.) Dh'innis a bhean dha gum bi iad a' faighinn cù eile a dh'aithghearr agus mar sin bidh iad ag iarraidh ainm air a shon. Bu mhath leotha ainm Gàidhlig ach chan eil iad airson ainm mar Donnchadh no Eilidh no rudeigin mar sin a chur air -- b' fheàrr leotha rudeigin a tha nas traidiseanta airson con. Thug mi moladh no dhà dhaibh ach dè ur beachdan, a chàirdean? Sgrìobhaibh ur beachdan an seo agus cuiridh mi gu Aran iad. Mòran taing 🙂

  • Cuairt nam Blog
    by Cadalach on Dia, 1 Màrt 2007 at 5:35f

    Bidh am prògram a rinn BBC Alba air na blogaichean Gàidhlig air an TBh a-nochd: 18:30 air BBC2.

  • Botal-teth no botal-fuar?
    by Cadalach on DiM, 25 Iuch 2006 at 9:16f

    Bha mi a' bruidhinn ri banacaraid, Iona, air an fhòn a-raoir agus bha mi a' gearain air sgàth 's gu bheil an aimsir fada ro theth dhomhsa an dràsda. Dh'aontaich i leam agus an uairsin dh'innis i sgeulachd dhomh. O chionn greis bha Iona anns an ospadal agus fhad 's a bha i a' feitheamh ris an dotair chuala i cailleach a' bruidhinn ri nurs. Seo an còmhradh a bha ann eadar an dithis aca, mar a dh'innis Iona e dhomh."Och, tha i fada ro theth air an oidhche an dràsda, chan urrainn dhomh cadail gu furasda," ars a' chailleach. "'S bochd sin," fhreagair an nurs, "a bheil botail-fhuar' […]

  • B dhen Bhrag
    by Cadalach on DiM, 20 Ògmh 2006 at 5:44f

    Fhuair mi camara ùr an diugh 's thog mi an dealbh seo nuair a bha mi a' tighinn dhachaigh uair no dhà air ais. Bha an t-uisge ann aig an àm 's mar sin chan eil an dealbh uabhasach math, ach tha fhios agam a-nis gu bheil an camara ag obrachadh...San dealbh is urrainn dhuibh am B of the Bang fhaicinn. 'S e deilbheadh mór a th'ann a tha na sheasamh aig an lann-cluiche far am bi Manchester City a' cluich ball-coise. An toigh leibh e? Nam bheachdsa tha e gu math inntinneach agus is toigh leam e.

  • Ball-coise
    by Cadalach on Dih, 5 Cèit 2006 at 6:53f

    An toigh leibh ball-coise? Chan eil mi cho déidheil air -- 's fheàrr leam criogaid -- ach tha Cupa na Cruinne air fàire 's bidh a h-uile duine a' bruidhinn air a dh'aithghearr.Co-dhiù, fhuair mi post-d bho charaid an diugh. Thuirt e "Tha fhios a'm nach toigh leat ball-coise, ach 's toigh leat StickCricket, mar sin, 's dòcha gum bidh seo a' còrdadh riut cuideachd". Uill, chluich mi geama no dà fhichead agus chan eil e dona idir 🙂 Ach dhomhsa, tha e gu math doirbh -- chan eil mi air barrachd air fichead puing 's a h-ochd a chur ri chéile fhathast. Feuchaidh mi a-rithist nas anmoiche...

  • Co-là-breith sona!
    by Cadalach on DiM, 25 Gibl 2006 at 11:42f

    Tha am blog seo aon bhliadhna a dh'aois an diugh 🙂 Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil mi air a bhith a' blogachadh sa' Ghàidhlig fad bliadhna ach 's e deagh spòrs a bh'ann. Tha mi cinnteach gum bi spòrs gu leòr ann san àm ri teachd cuideachd 's tha mi an dòchas gum bi mi fhathast a' sgrìobhadh an seo sna bliadhnaichean a tha romhainn. Tuilleadh a' tighinn a dh'aithghearr... 🙂

  • An t-seann dùthaich
    by Cadalach on DiL, 20 Màrt 2006 at 5:36f

    Fhuair mi post-d bhon amadan ud aig ScrewGaelic.org latha no dhà air ais, 's thuirt e rudeigin mar "Tapadh leibh airson na taic' a tha thu fhathast a' toirt dhuinn. Ma tha thu airson ceangal a chur air an làraich agad, seo an HTML..." An d'fhuair duine sam bith eile am post-d seo? Smaoinich mi gun robh e gu math éibhinn.An déidh dhomh am post-d fhaighinn, bha mi airson faighinn a-mach ma bha dad sam bith air tachairt san t-seann dùthaich 's mar sin chaidh mi air ais. Uill, tha am fòrum dùinte fhathast 's tha sanasachd gu leòr ann airson poker agus casinos, ach, mar a bha mi a' […]

  • Lorg mi Tìr eile
    by Cadalach on Dia, 16 Màrt 2006 at 6:13f

    Fastyr mie!Fhad 's a bha mi air an eadar-lìon Diluain, lorg mi dà bhlog eile nach eil mi air faicinn roimhe. Chan e blogaichean Gàidhlig ach blogaichean Gàidhlig Mhanainneach a th'annta! Tha a' chiad bhlog ri fhaighinn aig BlogVrian agus 's e Brian Stowell an t-ùghdar. 'S dòcha gu bheil sibh eòlach air mar-thà a chionn 's gu bheil e glé chudthromach ann an eachdraidh na Gàidhlig Manainnich. Tha am blog eile ri fhaicinn aig Blog ny Gaelgey ach chan eil mi eòlach air an ùghdar.Tha na dà bhlog gu math inntinneach, ach chan urrainn dhomh ach facal no dhà a thuigsinn an siud 's an […]

  • Blog ùr bho Inbhir Narann
    by Cadalach on Dih, 3 Màrt 2006 at 12:24m

    Fhuair mi post-d aig Tìr nam Blòg HQ a-nochd bho bhlogair eile ann an Inbhir Narann. Abair àite! Co-dhiù, carson nach téid sibh gu http://fuaim-lorg.blogspot.com/ agus cuir fàilte oirre? 🙂

  • Boireannach craicte
    by Cadalach on DiD, 26 Gearr 2006 at 10:28f

    Uair no dhà air ais fhuair mi teacsa (text message, mar a chanas iad) bho bhoireannach craicte. Thuirt i, Hai, tha mi duilich nach do chuir mi freagairt thugad gu ruige seo, ach tha am fòn agam briste 's mar sin tha mi aig an àireamh seo an dràsda! Ciamar a tha sibh uile? Bha mi a' bruidhinn ri Gary an dràsda 's thuirt e gum bu chòir dhuinn tighinn air chéilidh oirbh! Dé mu dheidhinn oidhche h-Aoine? Tìoraidh, Lynsey.Nis, chan aithne dhomh i, ach smaoinich mi gum bu chòir dhomh a bhith cuideachail, 's mar sin chuir mi freagairt thuice. Thuirt mi, Saoilidh mi gun do chuir thu an […]

  • Clàr ùr
    by Cadalach on DiD, 26 Gearr 2006 at 7:55f

    Feasgar math a h-uile duine. Chunnaic mi an diugh nach do sgrìobh mi dad sam bith air a' bhlog am mìos, ach uill, sin mar a tha e bho àm gu àm.Co-dhiù, bha mi a' cluich le Google an diugh agus lorg mi làrach air an robh beagan mu dheidhinn Last.fm 's Audioscrobbler. Bha fios agam air o chionn fhada, ach cha d'rinn mi càil leis gu ruige seo. 'S e uidheam airson clàrachadh a' chiùil ris a tha thu ag éisdeachd a th'innte agus, nam bheachdsa, bidh seo gu math inntinneach dhomhsa. (Tha 6000+ mp3s ann air an laptop agam.) Chan eil mi cinnteach ma bhios na toraidhean inntinneach do dhuine […]

  • @ Taibhse...
    by Cadalach on DiS, 28 Faoi 2006 at 9:47m

    Tha sinn ann aig an làraich seo a-nis. Tha mi an dòchas gum faic sinn a dh'aithghearr thu. 🙂

  • Dh'fhàg mi SG...
    by Cadalach on DiC, 25 Faoi 2006 at 8:05f

    Feasgar math a h-uile duine. 'S dòcha gu bheil fios agaibh mar thà gun do dh'fhàg mi an làrach SG (SaveGaelic.org) an diugh. Leugh mi sa' mhadainn an diugh gun robh e ri reic 's cha toigh leam an rathad a tha e a' gabhail na làithean seo nas motha. Thug mi taic 's cuideachadh do luchd-ionnsachaidh eile fhad 's a bha mi nam bhall oir tha mi den bheachd gu bheil e cho cudthromach a bhith ag àrdachadh na Gàidhlig. Ach a-nis tha mi cinnteach nach eil an t-amadan ud airson an aon rud. Tha esan ann airson airgid a-mhàin 's mar sin dh'fhàg mi. Mar sin, am feasgar seo, bha mi a' […]

  • A bheil Spàinnis agaibh?
    by Cadalach on DiM, 24 Faoi 2006 at 7:43m

    Uill, mura bheil Spàinnis agaibh mar thà, carson nach téid sibh gu SG gun dàil? Nuair a bha mi ann o chionn mionaid no dhà, chunnaic mi sanasachd ùr airson ionnsachadh na Spàinnis! Tha mi cinnteach gu bheil a' mhuinntir aig an sgoil "don Quijote" math, ach tha rudeigin ann nach urrainn dhomhsa tuigsinn -- dé mu dheidhinn na Gàidhlig? Carson a tha sanasachd ann airson don Quijote, ach chan eil dad sam bith ann airson an t-Sabhail Mhóir no àiteachan eile far a bheil iad a' teasgasg na Gàidhlig? SG -- beò airson àrdachadh na Spàinnis...?

  • Blog ùr!
    by Cadalach on Dih, 20 Faoi 2006 at 8:12f

    Chunnaic mi blog ùr an dràsda 's tha Còmhradh air mar ainm. Saoilidh mi gum bi e inntinneach dhuibh uile. Fàilte gu Tìr nam Blòg! 🙂

  • Sanasachd airson TnamB
    by Cadalach on DiS, 7 Faoi 2006 at 7:55f

    Seo sgeulachd bheag dhuibh. Nuair a chuir sinn TnamB air bhog san Dùbhlachd an uiridh, chuir Graisg 's mi fios gu móran dhaoine mu a deidhinn. Chuir sinn post-d gu Comunn na Gàidhlig, Sabhal Mór, sgioba Gaelcast 's msaa. Thuirt a' mhórchuid gur e deagh smaoin a bh'ann 's bhiodh iad deònach beagan taic a thoirt dhuinn leis an t-sanasachd (Móran taing!). Bha mise glé shona 's bha e coltach gun robh daoine eile sona cuideachd.Bha a h-uile rud a' dol gu math ach an uair sin fhuair mi freagairt bhon mhaighstir-lìn aig SG. Bha mi air sgrìobhadh thuige le earrann bheag sa' Ghàidhlig 's […]

  • Faclan gliocais...
    by Cadalach on DiC, 4 Faoi 2006 at 7:57f

    Fhuair mi post-d an diugh bho charaid, Ed, a tha a' fuireach ann an Oxford na làithean seo. 'S ann às a' Chuimrigh a tha e, ach mu shia bliadhnaichean air ais bha sinn a' fuireach le chéile ann am Manchester.Co-dhiù, thuirt e dhomh gun robh e aig pàirtidh Oidhche Challainn (ris an deoch gu ceithir uairean sa' mhadainn) agus nuair a bha e ann, bha iad a' cluich Pictionary. Chluich mi fhìn Pictionary bliadhna no dhà air ais ach cha robh mi math air idir. Bha agam ri "Texas" a dhèanamh, 's mar sin, peann nam làimh, dhealbhaich mi an iomall 's chuir mi rionnag ann cuideachd. ('S e an […]

  • Bliadhna mhath ùr!
    by Cadalach on DiD, 1 Faoi 2006 at 12:01m

    Tha mi an dòchas gum bi spòrs gu leòr agaibh uile ann an 2006 🙂

  • Nollaig chridheil!
    by Cadalach on DiD, 25 Dùbh 2005 at 1:31m

    Chan eil móran agam ri ràdh, ach tha mi an dòchas gum bi latha foiseil sona agaibh uile an diugh. 🙂

  • Eachdraidh TìrnamBlòg
    by Cadalach on DiM, 20 Dùbh 2005 at 8:53f

    Seo beagan eachdraidh an làraiche TìrnamBlòg...Anns an t-Samhain 2005, chuir duine às a' Chuimrigh -- Rhys Wynne (Gwenu dan Fysiau) -- teachdaireachd air a' bhlog seo. Thuirt e gum bu chòir dhomh làrach ùr a thòiseachadh. Làrach a bhiodh mar chridhe saoghal nam blogaichean. Smaoinich mi gun robh e ceart -- tha saoghal nam blogaichean gu math eadar-nàiseanta agus bha mi air chluinntinn gun robh e doirbh do dhaoine a bhith a' tadhal air gach blog.Thuirt Rhys cuideachd gum bu chòir dhomh sgrìobhadh gu Aran Jones (Blogiadur) air sgàth 's gun robh e air làraich airson nam blogaichean […]