Cànanaiche Craicte

  • Nach beag a tha an saoghal - 7
    by GunChleoc on DiS, 17 Iuch 2010 at 6:39f

    Leth uair nas anmoiche, chunnacadh dithis thaistealaichean sgìthe a’ siubhal nan cabhsairean baile beag taobh a deas na Gearmailte. ’S ann trang a bha na cabhsairean, làn dhaoine a’ dèanamh an gnòthaich agus a’ sealltainn air uinneagan mòra nam bùithtean. Gun a bhith a’ gluasad. Sheall an Dotair orra gu mionaideach, sgriubhaire fuaimneach na làimh. “Plastaig a‑rithist; na h‑uile fear aca”, dhearbhaich e.“Seall na fhuair mise!” dh’osnaich Donna is leig i i fhèin tuiteam air being air beulaibh cafaidh. Chuir i a casan suas. “Saoil am faigh mi glainne uisge […]

  • Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 6
    by GunChleoc on DiM, 15 Ògmh 2010 at 8:31m

    Nuair a ràinig na siubhlaichean nas fhàisge air a’ ghleann, thàinig caisteal nan sealladh. Seann togalach mòr drùidhteach brèagha air mullach cnuic ri taobh eile a’ ghlinne agus coltas cloiche-gainmhiche aige. Thòisich e air a losgadh. Theab gun robh e air falach leis an smùid fhad ’s an do rinn carbadan-smàlaidh agus -eiridinn cabhag a‑nuas. Còig mionaidean an dèidh a’ chiad charbad an caisteal a ruigsinn, dh’fhalbh a h‑uile sìon aca do na ceithir ranna-ruadh gun sgeul air losgadh ri fhaicinn air an togalach. Powered by […]

  • Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 5
    by GunChleoc on Dia, 22 Gibl 2010 at 4:54f

    Deich mionaidean an dèidh dhaibh an sliabh a thogail orra, thàinig dubhar na h oidhche mun cuairt. Air astar, chunnaic na taistealaichean-tìme solas òr-bhuidhe a’ fàs anns an dubhar. Chluinnte mac-talla dhùdaichean a’ tighinn a nuas bhon ghleann, a’ seinn nam fonn sònraichte mòr-thìreach. Dhanns an teine anns na speuran. “Saoil gu bheil fìor-dhaoine a’ fuireach anns a’ ghleann ud?” dh’fhaighnich Donna. “Tha e coltach gu bheil,” dh’fhreagair a caraid, “Bu chòir dhuinn dhol sìos is sealltainn air na thachras.”Thionndaidh an Talamhach a h aodann suas air an […]

  • Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 4
    by GunChleoc on Dia, 15 Gibl 2010 at 9:50f

    Dh’èist an Dotair ri srann a’ sgriubhaire fhuaimnich le aire air aodann. Rinn e gàire is ghnog e ceann an duine phlastaig. “Nach tus’ a tha sàmhach”, bheachdaich e.- “’m bu chòir dhut gàire a dhèanamh air an truaghan?” thug a caraid achmhasan dha.- “Truaghan, truaghan, chan e truaghan a th’ ann seo oir cha robh e beò riamh. Chan eil e air a thionndadh gu plastaig, ’s ann dìreach dèante de phlastaig a tha e. Nach eil sin sgoinneil! ’S ann mar sin a tha ’n saoghal seo gu lèir: chan eil e air a thionndadh gu plastaig ach dèante de phlastaig. Seall is tha a […]

  • Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 3
    by GunChleoc on DiM, 6 Gibl 2010 at 11:04m

    Le sgiamh sheann-bhanntaichean, dh’fhosgail doras a’ bhogsa-phoileis bhig ghuirm a bha na sheasamh air bràighe. Leum duine àrd tana a mach à seòmar mòr do-chreidinneach le boireannach fhuilt fhada ruaidh a’ dèanamh cabhag às a dhèidh mus rachadh e à sealladh a rithist. Stad e gu h obann. Shaoilte gun tarraingte na brògan-cleasachd bèis aige dà shlighe air an talamh. Cha do tharraing. Sheall an Dotair timcheall air le breisleach follaiseach air aodann.“Chan ann ri taobh port Hamburg a th’ annainne! Uill, chan e làn chraobhan a bha e an turas mu dheireadh a bha mi ann […]

  • Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 2
    by GunChleoc on DiM, 23 Màrt 2010 at 4:07f

    Rinn an tè Thalamhaich ruadh suidhe air sèiseach anns an t soitheach-tìme choigreach. Sheall i mun cuairt cearcall an t seòmair fhalaimh, le deàrrsadh solas gorm-uaine a’ chuilbh mheadhanaich na aon chompanach. Thòisich i air lùban muinchill clì a geansaidh duinn-dorcha a chunntadh. A h aon, a dhà, ... trì cheud is leth cheud ’s a còig. Thòisich i air dranndan a dhèanamh, ach cha tug i mòran tlachd às nas motha. Chunnt i lùban a muinchill deas. Trì cheud is dà fhichead ’s a h ochd?Thug i seachad cuairt timcheall a’ chlàir-stiùiridh. Agus cuairt eile. Theab gun do […]

  • Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 1
    by GunChleoc on Dia, 18 Màrt 2010 at 12:11f

    - “Nise, tarraing a’ lùb-buillsgein nuair a chanas mi ’n dràsda, ceart?“ mhìnich an Dotair.- “Ceart.”- “OK mar-thà… allons-y!”- “A long dè?” dh’fhaighnich an Lunnainneach.- “Siuthad is tarraing a’ lùb-buillsgein, feumaidh tu a’ lùb-buillsgein a tharraing mar-thà! A’ lùb-buillsgein!”Tharraing tè an fhuilt ruaidh uidheam-smachd a bha air a beulaibh agus rinn an soitheach an fhuaim nas neònaiche a chuala i riamh. Am biodh i air a dhèanamh gu ceart?- “Och, cha chreid mi e, chan ann am bunailteachadair iomadh-sheallach ach an tè seo, mar a mhìnich […]

  • Òrain Runrig – le stràcan
    by GunChleoc on DiC, 11 Samh 2009 at 10:27m

    Nuair a thòisich mi air a’ Ghàidhlig ionnsachadh, b’ e goireas glè chudromach is prìseil a bh’ anns na h-òrain aig Runrig dhomh gus a fuaimean a chleachdadh. Bha a’ mhòr-chuid de na stràcan a dhìth air na faclan sgrìobhte co-dhiù agus tha mi air sgrùdadh nam faclan uile a dhèanamh gus na sràcan a bha a dhìth a chur riutha. Geibhtear na faclan air làrach-lìn Fòram na Gàidhlig.Mòran taing do Runrig airson cead foillseachaidh a thoirt dhomh.

  • Ciamar a shiubhlas mi a dh’ Alba - DiArdaoin, 17mh an t-Iuchar 2008
    by GunChleoc on DiC, 10 Sult 2008 at 5:30m

    Ciamar a bhreabas mi boireannachAn cuimhneachan coileantaFaigh bus gus a’ phort-adhairTeich air boireannach fo lighe cùbhraigheachd agus faigh dachaigh ùr anns a’ chiad shreathCuir farmad air draibhear fhaighneachail (“Tha sinn a’ dol a dh’Alba!”) am feadh 's tu a’ gabhail glug aidhair ùr cho luath ’s a ghabhas gach turas a bhios an doras a’ fosgladhCuir seachad ùine no dhà aig port-adhair Amsterdam a’ coimhead air na bùithteanGabh fadachd liosta màirnealach agus coimhead air na bùithtean a-rithistNa caill am bùth aodaich is cuimhneachan agus brògan maide is […]

  • Fèill-thaisbeanaidh ann an Odense
    by GunChleoc on Dih, 6 Ògmh 2008 at 7:06m

    Thèid mi a dh' Odense 'sa Dhanmhairg an-diugh. Bidh fèill-thaisbeanaidh ann 10 an t-Ògmhios - 24 an t-Ògmhios agus bidh mi a' cuideachadh a h-uile rud chur suas a' bhalla Di-Luain. 'S e Filosofgangen an t-ainm a tha air an ealanlann.Seo cuid de na dealbhan a bhios mi a' sealltainn:Thug mi na h-uile dhaibh ann an Odense.Leabhraichean-latha Odense ('sa Bheurla)

  • Pròiseict eadar-theangachaidh
    by GunChleoc on Dia, 24 Faoi 2008 at 6:45f

    Thòisich sinn air am bathar bog aig Fòram na Gàidhlig eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Ma bhios ùidh agad ann an eadar-theangachadh no bu toil leat tionndadh Gàidhlig airson an fhòram agad fhèin fhaighinn, carson nach gabh thu ann airson cuideachadh a thoirt dhuinn.

  • Càirtean-puist
    by GunChleoc on DiD, 16 Dùbh 2007 at 6:56f

    Tha am buth air loidhne agam deiseil mu dheireadh thall. 'S e mòran obair a bh' ann! Seo ceangal dhuibh.Chan eil Gàidhlig ann air an làrach-lìn seo gu mì-fhortanach. Tha mo cheann goirt fhathast air sgàth 's gun robh agam ris a h-uile rud eadar-theangachadh gu Beurla, gu h-àraidh an duilleag seo. Abair cainnt neònach a th' ann!Mìle neach-lagha ceangailte ri chèile aig bonn a' chuan, dè th' ann? - Seadh, tòiseachadh fior-mhath!Tha ainmean-àite 'sa Ghàidhlig ann air na càirtean-puist le dealbhan a thug mi 'sa Ghaidhealtachd fhèin co-dhiù. Nise, tha glainne uisge-beatha mòr a […]

  • Runrig leis an Arm an Tartain
    by GunChleoc on DiS, 17 Samh 2007 at 11:09m

    Chlàr Runrig tionndadh ùr le Loch Laomainn leis an Arm an Tartain. Bidh a h-uile cosnadh a' dol gu BBC Clann ann an Èis. Chluich iad beò aig an TBh an-raoir. Seo ceangal UTube dhuibh.Chaidh mi a-mach airson biadh a cheannachd 'sa mhadainn an-diugh. Nuair a ràinig mi dhachaigh, fhuair mi teachdaireachd anns a' phuist gum bi litir dhomhsa ann. Gonadh! Gu fortanach, bha cuimhe agam air baidhseagal na tè-phuist fhaicinn, agus chaidh mi a-mach às a dèidh. Seadh, 's e pacaid bho amazon.uk a bh' ann agus thug i e thugam. Ho, ho mo leannan, ho, mo leannan bhoidheach, ho, ho... mo nabaidhean […]

  • A' chiad turas agam tro Alba
    by GunChleoc on DiD, 11 Samh 2007 at 11:01m

    Shiubhail mo tro na h-eileanan brèagha siud ri taobh eile den Chaolas o chionn bliadhnaichean, ach cha d’ ràinig mi an roinn a tuath. Nise, nuair a chuir Runrig fios dhan eadar-lìon gum bi iad a’ cluich ri taobh Loch Nis, ’s e fiathachadh nach urrainn dhomh diùltadh a bh’ ann. A bharrachd air seo, thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh dà bhliadhna air ais, agus bha an t-àm ann airson dol a dh’Alba mu dheidhreadh thall agus an cànan a chleachdadh. Bha mi gu dol ann le caraid a chaidh ann an-uiridh. Bha an t-eòlas aice os cionn luach nuair a dh’eagraich sinn an turas […]

  • Tha Fòram na Gàidhlig beò!
    by GunChleoc on Dia, 18 Dàmh 2007 at 10:34m

    An dèidh freeBB air dùnadh, fhosgail sinn fòram ùr, agus tha e gu math beòthail mu thràth. 'S e bòrd-bràth airson an luchd-ionnsachaidh Gàidhlig agus coimhearsnachd chuideachail is èibhinn a th' ann. Taing do a h-uile duine gu bheil a' sgrìobhadh an-siud! Tha mi glè thoilichte gu bheil na duine a' lorg an àite ùr againne. Mura bhios ach beagan Gàidhlig agaibh no ma bhios Gàidhlig math no fileanta agaibh, carson nach toir sibh sùil air? Gheibh sibh an fòram an-seo.

  • Abhainn an t-Sluaigh
    by GunChleoc on Dia, 4 Dàmh 2007 at 10:12m

    Rinn NME media prògram air a' chuirm-chiùil a rinn Runrig ri taobh Loch Nis as t-samhradh, agus tha Gàidhlig gu leòr ann. Bhruidhinn iad ris an luchd-leantainn agus rinn iad agallamhan. Chaidh am prògram a chraobh-sgaoileadh ann an TBh bho chionn ghoirid. Fhuair Isbeal le schottisch-gaelisch.de an bhideo aig an làrach-lìn aca a-nist. Gheibh thu e an-seo.

  • Fuaim Gàidhlig
    by GunChleoc on DiC, 19 Sult 2007 at 7:27m

    Bha caraid agam gu gluasad. Bha i airson siubhail, agus flat ùr a lorg an dèidh sinn. Bhris i a gualainn co-dhiù, agus mar sin bha i a' fuireach ann an flat agam airson greis. Is toil leam ceòl Gàidhlig, agus is toil leatha ceart gu leòr e. Mar sin, bha sinn ag èisteachd ri ceòl gu tric.Thàinig caraid aice gar tadhal DiLuain agus a' cuideachadh le bogsaichean mo charaid a' chuir sa phost. Dh' innse i dhasan: "Tha GunChleoc na Gàidhlig ionnsachadh, agus a h-uile nàbaidhean cuideachd!"

  • Càite a bheil am Fòram na Gàidhlig?
    by GunChleoc on Dia, 13 Sult 2007 at 9:22m

    Chaidh a h-uile freebb.com sìos agus chan eil càil a fhios againne dè thachair. Tha sinn a' bruidhinn air dè nì sinn anns an fhòram Gearmailteach. Gheibh thu an deasbaid an-seo.

  • Clàr ùr agam: Dail-Riata le Griogair Labhruidh
    by GunChleoc on Dih, 10 Lùna 2007 at 7:58m

    Dà sheachdain air ais, chuala mi òran aig Radio nan Gàidheal agus Àirde Chuain an t-ainm a bh' air, le Griogair Labhruidh. Fhuair mi an clàr aige anns an eadar-lìn agus cheannaich mi e. Ràinig e mi an-dè. Tha mi den bheachd gur e clàr cianail agus uabhasach brèagha a th' ann, agus 's toil leam e gu dearbh. Tha Griogair à Earra Ghàidheal agus barrachd air a bhith seinneadair, tha e a' cluich air a' ghiotàr agus a' seinn air a' phìob gu math fhèin. Tha na faclan nan òran agus fiosrachadh mionaideach air gach port ann ri leughadh, 'sa Ghàidhlig agus 'sa Bheurla.'S urrainn dhuibh […]

  • Halò a chàirdean!
    by GunChleoc on DiD, 5 Lùna 2007 at 10:46m

    Thòisich mi air blog a sgrìobhadh mu dheireadh thall. Tha mi an dòchas gun do dh' eadar-theangaich mi a h-uile càil gu ceart, ach chan eil an cuid latha ag obair 'sa Ghàidhlig fhathast...Tha mi an dòchas gum bi na sgrìobhas mi a' còrdadh ruibh agus nach cuir mi cus sgudail Beurlig ann.Sin agaibh e an-dràsda.