Smuainntean sa chànan as bòidhche

  • A' sgrìobhadh an seo
    by Flùr on DiD, 29 Gibl 2007 at 8:45m

    Uill... Tha e cho doirbh a bhith a' sgrìobhadh anns a' bhlog... Chan e sin air sgàth 's gu bheil e doirbh a bhith a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig, chan eil idir. Uill... 'S e sin air sgàth 's nach eil rud sam bith inntinneach agam ri ràdh. Chan eil rud sam bith agam ri ràdh agus chan eil rud sam bith agam ri dhèanamh sna làithean seo, chan eil dad a' tachairt an seo. Idir. Chan eil fhios agam dè bhios mi a' sgrìobhadh anns a' bhlog seo, agus chan eil fios agam cuin a bhios mi a' sgrìobhadh a-rithist. Is dòcha gu bheil mi sgìth cuideachd. Co-dhiù, cha robh mi riamh a' sgrìobhadh an […]

  • Cothrom 51
    by Flùr on DiC, 28 Màrt 2007 at 7:26m

    Am faca sibh an iris ùr de Chothrom? Uill, chan fhaca mi fhìn i fhathast, ach chuala mi gu bheil i a-mach a-nis!!! Sgrìobh mi aiste ann mu dheidhinn Chasagstan. Tha mi an dòchas gum bi e inntinneach do luchd-leughaidh!Chuala mi gun do sgrìobh Mona agus Gràisg rudeigin ann an GATH. Glè inntinneach, gu dearbh!Tha sinn uile cho ainmeil!!!!!

  • Nauryz Kutty Bolsyn! 😉
    by Flùr on Dih, 23 Màrt 2007 at 3:21f

    Bha fèill againn an-dè (22mh latha dhen Mhàrt). Nauryz. 'S e sin Bliadhna Ùr Casagach. An t-àm nuair a thòisicheas an t-earrach gu dearbh. Spring equinox. Ciamar a chanas mi sin sa Ghàidhlig? Co-dhiù, tha an t-earrach ann gun teagamh, tha i brèagha, agus tha i blàth, agus chan eil sneachd ann idir!!!Aig àm na fèille seo, tha na sràidean ann an Almaty a' coimhead gu math snog. Thog mi beagan dhealbhan, ged nach eil iad cho math... Ach co-dhiù, 's dòcha gu bheil sibh airson faicinn dè tha dol ann an Almaty...

  • A' sgrìobhadh a-rithist...
    by Flùr on DiC, 21 Gearr 2007 at 11:34m

    Chan e blogair math a th’annam idir… 🙁 Cha robh mi air a bhith a’ sgrìobhadh rud sam bith airson ùine mhòir mhòir!!! Uaireannan air sgath ’s gu robh mi gu math trang, uaireannan air sgàth ’s gu robh mi gu math leisg… A h-uile turas a tha mi a’ dol a sgrìobhadh rudeigin, tha rudeigin a’ tachairt... Tha daonnan rudeigin ann ri dhèanamh… Agus chan urrainn dhomh sgrìobhadh air sgàth sin… 🙁 Dhìochuimhnich mi mo chuid Ghàidhlig rud beag cuideachd. Bu chòir dhomh barrachd a sgrìobhadh, co-dhiù......

  • Mosgo (Moscow)
    by Flùr on DiL, 21 Lùna 2006 at 4:23f

    Uill, chuir mi seachad dà sheachdain ann am Mosgo. Nise, tha mi air ais ann an Almaty, agus tha mi a’ dol a sgrìobhadh rudeigin anns a’ bhlog a-rithist. Rudeigin mu dheidhinn Mhosgo, ’s dòcha 😉 .......Tha mo luchd-dàimh a’ fuireach ann am Mosgo, agus ’s e sin am prìomh adhbhar carson a chaidh mi a Mhosgo. Bha adhbhar eile ann cuideachd: ’s e seo mo chiad turas a Mhosgo. Seadh, ged a ’s e bana-Ruiseanach a th’ annam, cha robh mi anns an Ruis a-riamh roimhe. Neònach, nach eil? Uill, a thaobh nan adhbharan eile... Mmm... Gàidhlig? 😉 Uill, 's e adhbhar inntinneach a th' […]

  • An samhradh...
    by Flùr on DiS, 29 Iuch 2006 at 11:52m

    Halò! Ciamar a tha sibh? 'S fada bho nach robh mi a' sgrìobhadh rudeigin an seo... ’S dòcha gun do dhìochuimhnich a h-uile duine mi..... Ach tha mi fhathast ann!Ged a tha mi deiseil leis a' cholaiste, agus ged as e an samhradh a th' ann a-nis, tha mi fhathast trang. Tha mòran agam ri dhèanamh na làithean seo, agus chan eil mòran ùine agam airson sgrìobhadh anns a' bhlog no anns an fhòram 🙁 Ach tha naidheachdan inntinneach agam ge-tà, agus tha mi an dòchas gum bi mi saor uaireigin, agus sgrìobhaidh mi mòran an seo. Cha bhi mi saor anns an Lùnastal, ge-tà. Bidh mi ann an […]

  • Na h-Innseachan (2)
    by Flùr on DiS, 29 Gibl 2006 at 8:43m

    Halò a charaidean! 🙂 Smaoinich mi gur dòcha gum biodh e math nan sgrìobhainn rudeigin inntinneach a-rithist. :-)Uill, mus tig sinn air ais don “bhaile nan ùbhlan”, no Almaty (agus tha mòran agam ri innse dhuibh fhathast! 😉 ), bu mhath leam innse dhuibh rudeigin a-rithist mu bhailtean nan Innseachan eile anns an robh sinn. An dèidh Jaipur, bha sinn ann am baile eile, ris an canar Agra agus bha e glè inntinneach cuideachd. Tha Agra ainmeil airson rudan bòidheach a th’air an dèanamh de marble, - rudan mar bhogsaichean, coinnlearan, truinnsearan, ìomhaighean is mar sin air […]

  • Tha blog neònach agam...
    by Flùr on Dih, 28 Gibl 2006 at 3:03f

    Dè thachair air mo bhlog???Chan urrainn dhomh fonts atharrachadh ann an teacsa.Ach rud nas neònaiche na sin - carson a tha mo "Bhlogger" ag ràdh gun deach an teacsa a sgrìobhadh air a' 1d là dhen Ghiblean, 1990 (!!!), ged a tha mi a' sgrìobhadh AN-DIUGH???!!!!! Agus mar sin tha an teacsa aig an dearbh toiseach a' bhloig!Am b' urrainn dhuibh mo chuideachadh??!!!

  • Na h-Innseachan (1)
    by Flùr on Dih, 17 Màrt 2006 at 9:55m

    Nochd cothrom agam a dhol do na h-Innseachan anns a’gheamhradh, nuair a bha saor-làithean agam, agus a-nis tha mi airson aithris a sgrìobhadh dhuibh mu dheidhinn sin. ’S e dùthaich bhrèagha iongantach a tha anns na h-Innseachan agus chòrd e rium gu mòr a bhith a’ siubhal ann. Cha robh ùidh agam anns na h-Innseachan roimhe, ach tha mi a’ tuigsinn a-nis gur e dùthaich air leth a th’ innte, gu dearbh. Tha deagh chuimhne agam fhathast air dè cho sunndach a bha mi, nuair a bha mi anns na h-Innseachan, oir nach robh (cha mhòr) rud sam bith ann a bha a’ cur dragh orm – uill, […]

  • Tha mi air ais...
    by Flùr on DiS, 4 Màrt 2006 at 6:32m

    Halò a-rithist! 🙂 Uill, tha mi air ais… Tha fios agam, cha do sgrìobh mi an seo airson ùine mhòr mhòr! Carson???!!! Uill, anns an Fhaoilteach bha mi anns na h-Innseachan, agus anns a’Ghearran bha mi tinn 🙁 … agus leisg… 😉 Uill, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mo bhlog a’ coimhead cho èibhinn a-nis: nuair a tha daoine a’ tadhal air mo bhlog, ’s dòcha,’s e a’chiad rud a tha iad a’ faicinn, na faclan “Bliadhna Mhath ùr!”:-) Mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil àm ann airson rudeigin a sgrìobhadh a-rithist. ’S dòcha gun innis mi rudeigin dhuibh […]

  • Bliadhna mhath ùr! 😉
    by Flùr on Dia, 5 Faoi 2006 at 5:28f

    Bliadhna Mhath ùr a h-uile duine, ged a tha e rud beag anmoch sin a ràdh :-). Uill, tha mi trang a-nis, air sgàth 's gu bheil deuchainnean agam anns a'cholaiste, agus chan urrainn dhomh mòran a sgrìobhadh anns a'bhlog a-nis. 🙁 Nuair a bhios mi saor, innsidh mi rudeigin a-rithist dhuibh!

  • Nollaig Chridheil! 🙂
    by Flùr on DiL, 26 Dùbh 2005 at 6:44f

    Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr, a h-uile duine!!!!! 🙂

  • Dealbhan eile
    by Flùr on Dih, 23 Dùbh 2005 at 5:28f

    Uill, nuair a bha sinn anns na beanntan, thog sinn dealbhan eile a tha gu math inntinneach. Agus tha mi’n dòchas gun còrd iad ruibh :-)Seo lorg-coise an fhamhair a tha a’fuireach anns na beanntan againn ;-)’S toil leam an dealbh seo, cuideachd:Nuair a bha mi anns a’bhealach Mhòr Talgar, chunnaic mi na flùraichean seo, agus sneachd na laighe air an talaimh air feadh an àite!Seo feòrag a chunnaic mi nuair a bha mi ann an Alma-Arasan:Dealbhan eile:Agus seo fear de na dealbhan as inntinniche, ’s dòcha 🙂

  • Beanntan
    by Flùr on Dia, 22 Dùbh 2005 at 7:43f

    Fàilte gu Kazakhstan a-rithist, a charaidean! 🙂 Innsidh mi dhuibh mu na beanntan an turas seo.’S e Zailiysky Alatau an t-ainm a th’air na beanntan gu lèir a tha faisg air Almaty. ’S ann tric a tha sinn a’dol ann le caraidean mo mhàthar, agus bha sinn ann am mòran phàirtean de Zailiysky Alatau mar-thà.Tha na beanntan seo àlainn, àrd (’S e Talgar a’bheinn as àirde an-seo, 5017m), drùidhteach, le seallaidhean iongantach an siud ’s an seo. Uill co-dhiù, chan eil na beanntan seo math anns a h-uile dòigh: tha iad òg, agus air sgàth sin, bidh crithean-talmhainn anns […]

  • Salem! (Halò!)
    by Flùr on Dih, 25 Samh 2005 at 4:08f

    Tha a h-uile càil ceart gu leòr a-nis, agus an-diugh chì sibh na dealbhan inntinneach a bha mi ag iarraidh sealltainn dhuibh. Agus ged nach eil mi cinnteach ciamar a chanas mi cuid de rudan anns a’Ghàidhlig, agus ged a bhios mi, ’s dòcha, a’dèanamh mearachdan an siud ’s an seo, tha mi a’dol a dh’innse dhuibh beagan mu dheidhinn Khazakhstan, agus mu dheidhinn a’bhaile far a bheil mi a’fuireach, Almaty.Ach an toiseach, don fheadhainn aig nach eil fios mu dheidhinn Khazakhstan idir, is mu dheidhinn càit’ a bheil an dùthaich seo, feumaidh mi mìneachadh. ’S e tè de na […]

  • Dealbh!!!!!!! :)))))
    by Flùr on DiD, 13 Samh 2005 at 7:13f

    'S urrainn dhomh dealbhan a chur an seo!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!! :)))Uill tha e glè bheag, co-dhiù...

  • Uill, tha mi a'sgrìobhadh a-rithist...
    by Flùr on DiC, 26 Dàmh 2005 at 7:06f

    Uill bha mi a' feuchinn ri beagan dhealbhan a chur nam bhlog an-diugh, agus bha mi a'feuchinn ri seo a dhèanamh an t-seachdain sa chaidh cuideachd. Ach chan eil fios agam carson, ach cha b'urrainn dhomh an cur an-seo idir. :(Bha mi ag iarraidh sealltainn dhuibh beagan dhealbhan de dh' Almaty - am baile far a bheil mi a'fuireach. ’S e baile brèagha a th’ann, gu dearbh. Gu h-àraidh anns an fhoghar, nuair a tha dathan àlainn air na craobhan. Aig an àm seo, ’s toil leam a bhith a’coiseachd le mo chù anns a’phàirc a tha faisg air Republic Square. Agus gu dearbh, ’s toil leam na […]

  • Fàilte an-seo a h-uile duine!
    by Flùr on Dih, 9 Sult 2005 at 7:58f

    Fàilte chun an leabhair lìn agam! Seo an t-àite far am bi mi a’sgrìobhadh rudeigin ann an Gàidhlig, bho àm gu àm. Thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh o chionn cha mhòr dà bhliadhna. Tha mi ag ionnsachadh dìreach leam fhìn agus chan eil Gàidhlig glè mhath agam fhathast. Uaireannan bidh e doirbh dhomh sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig air sgàth ’s nach eil faclair agam: bidh e doirbh dhomh faclan ùra ionnsachadh – bidh mi dìreach a’ cleachdadh faclairean air-loidhne, no bidh mi a’leughadh rudeigin anns a’Ghàidhlig, mar eisimpleir, “Litir do Luchd-Ionnsachaidh”, […]

  • Am bu toil leat...
    by Flùr on DiD, 7 Lùna 2005 at 11:52m

    ...a bhith sgrìobhadh an seo?