TURAS A’ CHRÌOSDAIDH le Iain Buinian

  • Earrann 7
    by Unknown on DiC, 18 Iuch 2012 at 5:46f

    Foighidinn agus Buaireas Sheall e dha Foighidinn agus Buaireas.      A thuilleadh air a siud chunnaic mi as mo chadal gun do ghabh am Fear-mìneachaidh air làimh e, agus gun d'thug e steach e do sheòmar beag, far an robh dithis chloinne nan suidhe, gach fear air cathair dha fhèin. B' e ainm an fhir bu shine Buaireas, agus ainm an fhir eile Foighidinn. Bha coltas air Buaireas a bhi cànranach, ach bha Foighidinn solt. Is àill le Buaireas nithean air ball. Foighidinn deònach fuireach.      An sin dh'fhaighnich Crìosdaidh, carson a bha Buaireas cànranach. Fhreagair am […]

  • Earrann 6
    by Unknown on Dia, 12 Iuch 2012 at 8:42f

    Crìosdaidh sgìth dhe eallach.      An sin chunnaic mi as mo chadal gun dh’fhaighnich Crìosdaidh dheth cuideachd, an robh na chomas cobhair a dhèanamh air na oidhirp air eallach fhuasgladh bhàrr a dhroma. Oir cha robh e air faotainn cuidhteas e fhathast. Cha mhò bha dol aige dheth, gun chobhair o chuideigin eile. Is e do chuid gabhail leis gus an ruig thu àite na saorsa. Ann an sin tuitidh e dhiot leis fhèin.            Chan eil dol às o chiont, is eallach peacaidh, ach tre bhàs is fuil Chrìosd.     An sin thòisich Crìosdaidh air teannachadh a chrios, […]

  • Earrann 5
    by Unknown on DiM, 26 Dàmh 2010 at 7:07f

         Cha robh nise dùil aig Crìosdaidh ri nì air bith ach bàs, agus shìn e air gul is caoineadh. Thug e mhallachd air an uair a thachair Mgr Gliocas-saoghalta ris, agus e ga bhùirt fhèin, nach robh ann ach an dearg amadan, an uair a thug e cluas da sheanchas. Bha e cuideachd a' leaghadh le nàire gun tugadh e an spèis bu lugha do reusonachadh an duine ud, agus sàbh na feòla dhe gu lèir, air dhòigh 's gun tugadh e air an t-slighe cheart a thrèigsinn. An dèidh sin, chuir e chomhairle ri Soisgeulach ann am briathran rudeigin mar seo.      Crìosdaidh faighneachd am faod e […]

  • Earrann 4
    by Unknown on DiL, 25 Dàmh 2010 at 8:43f

    Crìosdaidh fo eagal gun tuiteadh Beinn Shinai air a cheann.     Mar so dh'fhàg Crìosdaidh a shlighe gu dhol gu taigh Mhgr. Laghalachd, a dh'iarraidh cobhair; ach ma dh'fhàg cha luaithe a ràinig e àrainn a' chnuic, na chunnaic e i cho àrd, agus i cho cas os cionn an rothaid, is nach dùirigeadh Crìosdaidh a dhol na b'fhaide, mun tuiteadh an cnoc air a cheann. Air an adhbhar sin stad e an làrach nam bonn, gun fhios dè a dhèanadh e. Chan e sin, ach cha do mhothaich e an t-eallach a riamh cho trom 's a bha e an uair ud. Is e na sheasamh air a' bhad ud thàinig lasraichean teine […]

  • Earrann 3
    by Unknown on DiD, 24 Dàmh 2010 at 8:34f

    Choinnich Gliocas-saoghalta ri Crìosdaidh.      A-nis, mar bha Crìosdaidh a' gabhail roimhe, is e leis fhèin, chunnaic e fear air fàire, a' tighinn tarsaing an còmhnard, na choinnimh, agus thurchair gun choinnich iad air a chèile dìreach far an robh rathad an darna fir a' dol tarsaing air rathad an fhir eile. B'e Gliocas-saoghalta ainm an fhir a thachair ris, fear a bhuineadh do bhaile Nòs-Nàdarra -- baile mòr mòr, faisg air an àite as an tàinig Crìosdaidh fhèin. Seach gun robh bheag no mhòr a dh'eòlas aig an duine so air Crìosdaidh (oir an uair a dh'fhàg Crìosdaidh […]

  • Earrann 2
    by Unknown on Dih, 22 Dàmh 2010 at 8:04f

    An sin thuirt Cobhair ris: "Thoir dhòmhsa do làmh." Tha strì eadar Crìosdaidh is Ceann-làidir mu anam Shocharaich.      An sin thuirt Socharach: Na dèan! Ma tha 'n fhìrinn aig Crìosdaidh còir, is fheàrr na nithean a tha e sireadh na na nithean a tha againne. Tha mo chridhe a' togail as dèidh mo choimhearsnaich.      CEANN-LÀIDIR: Ciod! An tuilleadh amadain! Gabh mo chomhairlse agus till. Cò aige tha fios càite an treòraich a leithid sin de ghaoithean thu? Air t' ais, air t' ais, agus bi glic.      CR.: Thig còmhla rium, a Shocharaich, a nàbaidh; Tha nithean […]

  • Earrann 1
    by Unknown on DiS, 9 Dàmh 2010 at 7:53f

    Am Prìosan.       Mar a bha mi gabhail tre fhàsach an t-saoghail so, thachair dhomh tighinn air àite àraidh far an robh uamha [Prìosan Bhedford]. An sin leig mi mi fhèin nam shìneadh, is thuit mi nam chadal, agus as mo chadal chunnaic mi bruadar. Ciod a chunnaic mi anns a' bhruadar sin ach fear na sheasamh an àite àraidh, is a dheise na luideagan, a chùl ri dhachaigh, leabhar na làimh, eallach mòr air a mhuin. Sùil dhan tug mi chunnaic mi e fosgladh an leabhair agus a' leughadh. Mar a bha e leughadh shil air a dheòir, agus chaidh e air chrith; ach a chionn nach b'urrainn e […]