An t-Seòlaid

  • Dòmhnall Iain MacÌomhair
    by Acair Books on DiL, 2 Màrt 2015 at 4:29f

    Chaill Acair, agus saoghal litreachais na Gàidhlig, deagh charaid leis an naidheachd an-dè gun do chaochail Dòmhnall Iain MacÌomhair. Bha Dòmhnall Iain ag obair an luib foghlam fad iomadh bliadhna agus thug e còig bliadhna na cheann-suidhe air a’ Chomann Ghàidhealach. Choisinn e Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd Nàiseanta sa bhliadhna 2000. Tha Acair moiteil gun do nochd leabhar de sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Iain, Caogad san Fhàsach, bho chionn bliadhna mar phàirt den t-sreath Aiteal. `S iomadh iris is leabhar anns na nochd na sgrìobhaidhean aig Dòmhnall Iain ach 's ann mar […]

  • Lèirmheas Dol Fodha na Grèine
    by Acair Books on Dih, 13 Gearr 2015 at 11:30f

    Nochd an lèirmheas mìorbhaileach seo bho Roger Hutchinson air Dol Fodha Na Grèine anns an West Highland Free Press bho chionn ghoirid.  Na bhroinn, tha Hutchinson ag radh:  "The Going Down of the Sun or, Dol Fodha na Grèine, is a large, illustrated, brilliantly compiled and beautifully written bilingual account of the effect of the war on the 18 villages which loosely comprise the village of Ness. Paper is usually frailer than stone but such books are another form of war memorial. Donald A Morrison, Anna MacSween, Iain G MacDonald, Comunn Eachdraidh Nis and the publisher Acair […]

  • Lèirmheas air Casan Searraich
    by Acair Books on DiC, 28 Faoi 2015 at 11:24m

    Bha sinn air dhòigh glan nuair a nochd an lèirmheas seo air leabhar Chaluim san t-Albannach agus air Dànamag.org air an deireadh sheachdainn. Abair lèirmheas sgoinneil bho Steaphan MacRisnidh! 'S e leabhar sònraichte a tha seo, sgeulachd Chaluim air innse anns an dòigh thlachdmhòr aige fhèin, 's tha sinn uabhasach fhèin toilichte gu bheil e a' còrdadh ri daoine! (Leugh an teacs gu h-ìosal) "Aig toiseach na fèin-eachdraidh Casan Searraich (Sunbeams in Memory) : The Life and Times of Calum MacFhearghuis gheibhear naidheachdan geanail, aoibhneach o shaoghal òige an […]

  • Leabhar na Mìos: Sùlaisgeir
    by Acair Books on DiL, 18 Lùna 2014 at 11:13m

    Fiona Rennie tells us about Sùlaisgeir, her choice for Book of the Month: Book of the Month - August Ann an 2012 chaidh an leabhar seo a chur ri chèile le cuideachadh bho Catriona MacGeoch, nighean James MacGeoch, le taghadh dhe na dealbhan a thog a h-athair anns na 1950an fhads a bha e an cois buidheann de bhalaich Nis thall air Sùlaisgeir a' sealg a' ghuga. Tha am measgachadh de dh'iomhaidhean a' togail fianais air na bha a' dol air dhart air turas chun an eilean agus na bha a' tachairt fhads a bha iad ann. Tha an leabhar math mar chuimneachan air na linntean a dh' fhalbh ach […]

  • Anndra Dunn aig Fèis Leabhair Ulapuil
    by Acair Books on DiM, 8 Iuch 2014 at 11:04m

    Tha mise air a bhith aig dhà neo thrì fèisean-leabhraichean a-nis, agus tha gach fèis air a bhith eadar-dhealaichte. Gun teagamh, bha fèis Dhùn Èideann fìor mhath le cho mòr ’s a bha e agus cho farsaing ’s a bha na tachartasan agus ùghdaran aig an fhèis. Ach, ged nach robh dùil agam ris mus deach mi ann, b’ e Fèis Leabhraichean Ulapul an fhèis a b’fheàrr aig an robh mi a-riamh. Mar Leòdhasach, cha robh mi a-riamh air smaoineachadh air Ulapul ach mar bhaile beag le aon adhbhar-bith: an aiseag a Steòrnabhagh. Cha robh mi fiù’s mothachail gun robh barrachd ris […]

  • Leabhar na Mìos: Muir is Tìr
    by Acair Books on Dih, 4 Iuch 2014 at 10:23m

    We've been fortunate enough to have gorgeous weather in the islands recently, and with the arrival of the summer holidays and more people out sailing, what better a choice to make than 'Mùir is Tìr' as July's book of the month! Tha sinn air a bhith gu math fortanach leis an t-sìde seo sna h-eileanan bho chionn ghoirid. Sìde mhath airson seòladh. Mar sin, tha Agnes air 'Muir is Tìr' le Seòras Chaluim Sheòrais a thaghadh mar Leabhar na Mìos. "Leabhar làn fiosrachaidh 'son duine sam bith le ùidh ann an eathraichean agus seòladh." - Agnes Rennie, manaidsear Acair. Muir […]

  • Liam: Work Experience at Acair
    by Acair Books on Dia, 6 Gearr 2014 at 3:36f

    Liam Alastair Crouse is the recipient of a scholarship from the Gaelic Book Council and is studying publishing at the University of Stirling. He spent a fortnight working here at Acair as part of his course. Liam reading from one of our new books, 'Latha Mòr na Glaodhaich!' ‘Doing a work placement at Acair has been a great experience. I gained detailed insight into the various sides of publishing, from logistics and print-runs to editorial and marketing approaches. ‘Acair is a small enterprise, one of many which make up a big part of this important industry which matches the […]

  • Liam
    by Acair Books on DiL, 20 Faoi 2014 at 1:28f

    Liam Alastair Crouse Halò, 's mise Liam; 's ann às a' furthest Hebride a tha mi – an t-àite beag uaine, làn-chearcanach ris an abrar Rhode Island. Tha mi an seo gus greis-gnìomhachais a dhèanamh aig Acair 'son cola-deug mar phàirt de chùrsa foillseachaidh agam thall ann an Sruighlea. Tha ùidh agam ann am margaidheachd agus reic leabhraichean, a bharrachd air eachdraidh is dualchas na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Thug mi a-mach ceum ann an Ceiltis agus Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2012 agus eadar an-sin agus an-seo, bha mi ag obair aig taigh-tasgaidh ionadail […]

  • Agnes
    by Acair Books on Dih, 17 Faoi 2014 at 10:31m

    Co Thù? Agnes Rennie Innis dhuinn beagan mu d’obair aig Acair… S mìse a manaidsear aig Acair bho chionn trì bliadhna. Se obair inntineach tha seo le ceud seòrsa rud a tuiteam air an deasc agam a h-uile latha. Tha sgioba beag làn ùine againn ach tha deugachadh eile ag obair còmhla rinn aig àm sam bith eadar luchd dealbhachaidh, luchd sgrìobhaidh agus luchd deasachaidh. Tha sinn cuideachd ag obair an co-bhonn ri luchd reic thall sa bhos airson leabhraichean paipear agus leabhraichean-e fhaighean a-mach far an lorg luchd ceannach iad. Highlights… Se highlight a […]

  • Christmas is coming... a bheil sibh deiseil fhathast?!
    by Acair Books on Dih, 6 Dùbh 2013 at 3:41f

    It's beginning to look a lot like Christmas here at Acair and with snow starting to fall on Stornoway, our teddies are getting a little bit excited...  Ok, maybe we’re getting a little excited too. December is a really busy time for us with our Christmas Sale, Late Night Shopping in Stornoway, and generally preparing orders to send out in time for Christmas.  Last night we joined in with the festivities in Stornoway at the cèilidh in Perceval Square and like many other local businesses, took part in the Late Night Christmas Shopping. We spent […]

  • Acair aig a' Mhòd!
    by Acair Books on DiL, 28 Dàmh 2013 at 3:06f

    Tha sinn fhàthast a' faighinn seachad air seachdain a' Mhòd an seo aig Acair HQ, ach abair gun robh seachdain làn spòrs agus fealla-dhà againn shios ann am Pàislig! Catherine, Calum agus Maria sa Phiazza Bha 'buzz' ann dha-rireabh nuair a ràinig sinn air madainn Diluain, bha am bàile fhèin làn sgoilearan agus còisearan a sgoiltean eadar-dhealaichte air feadh Alba, a bha air a bhith 'g ullachadh agus air deasachadh fad mìosan airson co-fharpaisean a' Mhòid.  An teis-meadhan an fhèis, bha an 'Taisbaineadh Gàidhlig' àite a bha air...'dedicated' am measg na bùitean a […]

  • Còisir nan Gunna
    by Acair Books on DiM, 20 Lùna 2013 at 4:27f

    Is e 1940 a th’ann, agus tha an cogadh ann an Eòrpa a’ dol gu làidir, le airmean Hitler a’ dèanamh ionnsaigh air gach dùthcha agus feum aig Breatainn agus an Fhraing seasamh nan aghaidh. Uill, sin a shaoil Uilleam MacLeòid nuair a chaidh e don arm, co-dhiù. Anns an Fhraing chan eil càil a’ tachairt, agus chan eil ann an cogadh Uilleam ach sàirdseantan fiadhaich, bully beef a-mach a tionaichean, a’ seasamh faire ann an trainnse airson uairean-a-thìde fada – agus sabaid ghoirid gheur bho àm gu àm. Chan e seo na bha e a’ sùileachadh bhon chogadh, ach ’s dòcha gum […]

  • Seachdain Heb Celt 2013
    by Acair Books on Dia, 25 Iuch 2013 at 9:15m

    Oifis Acair Pheeeew! Abair gu robh sinn trang(agus blàth) seachdain sa chaidh! Tha sinn nisd feuchainn ri beagan fois a ghabhail air ais san oifis as dèidh seachdain làn spòrs airson an fhèis Heb Celt 2013.  Bho Diciadain sa chaidh, bha sinn trang ag ullachadh airson an fhèis, a' dealbhachadh t-shirts ùr Acair agus a' lìonadh balloons làn helium. Aig aon am cha mhòr nach robh sinn air chall am measg na balloons! Bha a bhaile fhèin trang... bha an Lanntair a' ruith clasaichean airson blasad Gàidhlig fhaighinn, dìreach a muigh an doras bha luchd-saidheans a' dèanamh […]

  • Catherine
    by Acair Books on DiM, 16 Iuch 2013 at 12:06f

    Hello! Is mise Catherine agus tha mi dìreach air tòiseachadh bho chionn ghoirid mar neach-cuideachaidh foillseachaidh aig Acair. 'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha mi, ach bha mi a' fuireach ann an Glaschu bho chionn còig bliadhna far an robh mi nam oileanach Gàidhlig is Eachdraidh. Bha mi airson obair fhaighinn ann am foillseachaidh co-dhiù so bha mi air mo dhòigh nuair a fhuair mi obair an seo. Seo an treas seachdain agam aig Acair agus tha an obair a' còrdadh rium glan! Tha e a' toirt cothrom dhomh a bhith ag obair am measg sgioba ealanta agus a bhith ag obair ann an […]

  • Fiona
    by Acair Books on Dih, 12 Iuch 2013 at 9:56m

    Haidh is mise Fiona. ‘S e seo an treas samhradh agam ag obair aig Acair a’ dèanamh greis-gniomhachais oileanach. ‘S ann tro sgema CnaG a fhuair mi an obair sa chiad dol a mach agus tha Acair air mo thoirt air ais airson dà shamhradh a bharrachd, agus tha e a còrdadh rium gu mòr a bhith ag obair san oifis. Tha mi air a bhith trì bliadhna an Obar Dheathain far an do chriochnaich mi HND ann an togail dheilbhan, agus tha mi a’ gluasad a Dhùn Èideann anns an t-Sultain airson ceum a dheanamh aig an ath ìre. Mar sin ‘s ann air taobh dhealbhachaidh anns a bheil mi air a bhith an […]

  • Cothrom ùr do sgriobhadairean!
    by Acair Books on Dia, 11 Iuch 2013 at 9:43m

    Tha Acair, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean, a’ leasachadh sreath ùr ficsean Gàidhlig do dh’inbhich. Tha grunn sgrìobhadairean ag obair an-dràsta, cuid a’ sgrìobhadh sgeulachdan goirid agus cuid eile ag obair air nobhail.  Thuirt Agnes Rennie, manaidsear Acair, “Tha Acair moiteil gum bi a’ chiad dà leabhar anns an t-sreath ùr a’ nochdadh air an t-samhradh seo tighinn. A’ chiad leabhar ann an clò bho Anndra Dunn agus leabhar eile bho Chatriona Lexy Chaimbeul, tè den ghinealach òg de luchd sgrìobhaidh air a bheil sinn air fàs gu math eòlach.” Tha […]

  • Mairead
    by Acair Books on DiC, 10 Iuch 2013 at 11:05m

    Halo, ‘s mise Mairead.  Thòisich mi aig Acair bho chionn trì seachdainnean agus tha mi air a bhith an sàs ann an obair rianachais anns an oifis.  Bha mi eòlach air sgeama CnaG bho chionn bhliadhnaichean agus chuir mi m’ ainm ris bho chionn ceithir bliadhnaichean, ach bha mi ro òg aig an àm, ach a-nis seo mi.  Tha mi air mo shlighe a dhèanamh agus fhuair mi obair aig Acair aison deich seachdainnean tro sgeama CnaG.  Tha e a' còrdadh rium gu mòr a bhith an sàs ann an obair foillseachaidh agus a bhith a’ faicinn mar a tha an obair ga dhèanamh agus ga thoirt air adhart.  Bho […]

  • Blog ùr Acair
    by Acair Books on DiL, 8 Iuch 2013 at 11:42m

    Hello!   Hello agus fàilte chun am blog ùr againn, 'An t-Seòlaid'! An seo, gheibhinn fios air gnothaichean co-cheangailte ri Acair, leabhraichean Gàidhlig, air tachartasan a bhios sinn a cuir air dòigh agus dè tha a' dol san oifis. Tha sinn an dòchas gun chòrd am blog seo ruibh 🙂 Welcome to our new blog, 'An t-Seòlaid'(habour, anchorage, pier)! Here you'll find information everything Acair-related from Gaelic books and events to what's happening in the Acair office. An t-seachdain 's a chaidh aig Acair...   The past week at Acair... Mar a tha Dòmhnall a' sealltainn […]

  • Blog Post: Team Yes or Team No
    by Acair Books on Dih, 10 Lùna 2012 at 1:19f

    We’ll admit it. We’re hooked. Olympic fever has taken over. And with the end of the Games in sight, the conversation has begun to shift towards the legacy of London 2012. How do we build on this magnificent display of sportsmanship, once the last whistle has blown and the last medal is awarded? Further north, the big discussion point of the Olympics has been whether or not the Rio de Janeiro 2016 Games will see Scotland compete as an independent nation for the first time. Everyone is looking to the future. For those involved in the world of Gaelic language and culture, the […]

  • Blog Post: International Day of the World’s Indigenous Peoples
    by Acair Books on Dia, 9 Lùna 2012 at 1:17f

    “There are an estimated 370 million indigenous people in some 70 countries around the world. Practicing unique traditions, they retain social, cultural, economic and political characteristics that are distinct from those of the dominant societies in which they live.” [1] The world is growing smaller. We carry around the knowledge of the world in our pockets and the answer to every question is the same – Google it. Developments in communication, technology and transport have changed the way we look at ourselves and the world we live in. But where do the ‘370 million […]