Anns a’ Chiste Mhòr

  • Òrain Luaidh aig a’ Mhòd ann an America
    by Liam on DiC, 12 Sult 2007 at 2:29m

    A charaidean, ciamar a tha ur beò?Tha mi gu math trang, mar is àbhaist, ach tha mi a’ dèanamh mo dhìchioll a h-uile sian a chumail a’ dol. Chaidh mi fhìn agus sgioba Ghaelcast chun a’ Mhòid Naiseanta Aimearagaidh ann an Ligonier, Pennsylvania, o chionn ghoirid, agus rinn sinn bhideo neo dhà ann. Seo a’ chiad tè dhiubh – “Seinneadairean Gàidhlig nan Lochan Mòra” à Ohio aig a’ bhòrd luaidh. Bha iad gu math beòthail – mar a chì sibh. Tha seo aig Gaelcast cuideachd.

  • Faire gu math beòthail
    by Liam on DiS, 7 Iuch 2007 at 2:30f

    Uill, a charaidean, fada bhon uair sin, nach eil?Ged bha an ciste dùinte airson mìosan, tha mi beò fhathast, agus tha mi air n-ais le pìos mu dheidhinn film gu math goirid a thàinig a-mach air DVD mu dheireadh, “Faire Chaluim Mhic Leòid,” film ann an Gàidhlig bho Eilean Cheap Breatainn. Cha mhair "Faire Chaluim" ach sia mionaidean, ach theirinn gun do chuir iad tuilleadh anns na sia mionaidean na gheibh thu ann an iomadh film fada nas fhaide.Tha “Faire Chaluim” suidhichte ann an Ceap Breatainn. An toiseach, thachair sinn ri Calum nuair a bha e na dhuine òg, aig innse […]

  • Air Ais Dhan Sgoil
    by Liam on Dia, 19 Dàmh 2006 at 6:28f

    Chaidh mi air ais dhan oilthigh dar a bha mi ann an Albainn Ùir bho chionn ghoirid. Fìor bu thoigh leam mo dhreuchd a leigeil dhìom agus a’ dol air ais dhan oilthigh — agus a bhi òg a-rithist — ach cha b’e sin a thachair, mo bhròn!Rinn mi cèilidh air Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier ann an Antigonish far an do bhruidhinn mi ris an ollamh Coinneach Nilsen anns an Roinn Ceilteach mu dheidhinn na prògramman, na clasaichean agus na goireasan a th’aca.Tha Naomh FX gu math ainmeil air feadh Canada airson prògramman acadaimigeach fo-cheumnaiche, Eòlas Ceilteach nam measg. Tha […]

  • Cò Mise?
    by Liam on Dih, 6 Dàmh 2006 at 1:49m

    “B’eòlach ur sinn-sinn-sinn seanair orm …“Rugadh mi iomadh bliadhna air ais – ann an Èirinn, no, is dòcha, ann an Alba Nuadh. Dhìochuimhnich mi. Cò-dhiubh, dh’fhuirich mi ann am Pictou agus na h-Eileanan Magdalen anns an naoidheamh linn deug agus chaochail mi eadar 1840 agus 1870.“Dè’n aois a tha mi anns an dealbh seo? Tha e duilich ri ràdh. Dè ur beachd?"Uill, a chàirdean, feumaidh mi ràdh gur e mo “sheanair” a tha anns an dealbh seo – mo shinn-sinn-sinn-sinn seanair Seán Ó Caiside, is dòcha, no a mhac Seumas, mo shinn-sinn-sinn seanair. Fhuair mi an dealbh […]

  • Bliadhna na Bainnse
    by Liam on Dia, 28 Sult 2006 at 6:47f

    Seo bliadhna na bainnse. Cha robh mi riamh roimhe seo aig ceithir bainnsean anns an aon bhliadhna — agus tha trì mìosan air fhàgail fhathast!Chan eil mise a’ gearan, tha sibh a' tuigsinn … chòrd iad uile rium gu mòr, gu h-àraid na bainnsean far an robh pìobairean.Thachair mi ris a’ phiobaire seo — Tom Herr — aig iomadh banais am bliadhna, ach an turas seo gur ann aig banais a nighean fhèin a bha Tom a' seinn air a’ phìob. Phòs Megan Herr agus Nathan Lester ann an Richmond, Virginia, aig toiseach a’ mhìos seo.Bha tuilleadh na pìobairean ann — sheinn Ed Owen à […]

  • Agallamhan
    by Liam on DiM, 26 Sult 2006 at 2:04m

    ’S iomadh agallamh a rinn mi mar neach-naidheachd rè na bliadhnaichean (chan innis mi dhuibh dè cho mòran dhiubh a bh’ann!), ach tha cuid dhiubh comharraichte ’nam chuimhne. Bha cothrom agam bho uair gu h-uair a choinneachadh agus a bhruidhinn ri boireannaich sònraichte a bha – agus a tha – an sàs ann an saoghal na Gàidhlig agus cultar nan Gaidheal ann an Albainn agus ann an Èirinn. Dh’ionnsaich mi mòran bhuapa, agus bha na bh’aca ri ràdh cudthromach agus ùidheil ann an iomadh dòigh.Rinn mi na h-agallamhan airson irisean eadar-dhealaichte, agus cha deach an […]

  • A’ bheil sibh eòlach oirre?
    by Liam on DiC, 20 Sult 2006 at 9:06f

    Seo dhuibh Annag, a bha na cat-fuadain ach a-nise a tha fuireach còmhla rium agus Ruairidh (cat eile – ochd bliadhna dh’aois agus chan eil e cho toilichte an-dràsda, feumaidh mi ràdh).Bha Annag a’ fuireach a measg na craobhan agus preasan mu thimcheall an taigh agam — chan eil fhios agam dè cho fada — agus bha i glè-thoilichte dachaigh ùr fhaighinn.Tha i cho gaolach tha e duilich ri creidsinn gun do chuir cuideigin cùl rithe — ’s dòcha gun deach i air chall. Ach cha robh “tags” neo microchip neo rud sam bith eile aice.Thug mi Annag dhan “bheat” Diluain agus gu […]

  • "Bu deònach leam tilleadh"
    by Liam on DiD, 3 Sult 2006 at 8:28f

    Dannsairean-ceumaidh òga aig Fèis Mhàbu 2004"'S e Ceap Breatainn tìr mo ghràidh," mar a thuirt am bàrd, agus mar a thuirt bàrd eile, "bu deònach leam tilleadh."Agus tha mi toilichte ri ràdh gun till mi do Cheap Breatainn ann an ùine ghoirid, airson an fhèill chiùil mhòr "Dathannan Ceilteach" neo "Celtic Colours."A' robh sibh riamh ann? 'S e seo an dàrna turas agam chun na fèille seo – bha mi ann bhon-uiridh agus chòrd e gu mòr mòr rium. Fhuair mi cothromman gu leòir Gàidhlig a bhruidhinn agus choinnich mi ri iomadh caraid bho Chanada, Alba agus na Stàitean.Bha […]

  • Fàilte dhan Chiste / Welcome
    by Liam on DiS, 2 Sult 2006 at 3:57m

    Fàilte dhuibh dhan Chiste Mhòr, blog ùr anns a’ Ghàidhlig agus, uaireannan, Beurla. Dìreach mar a bhios mi a' faireachdainn. ’S mise Liam Ó Caiside, neo Bill Cassidy.Welcome to A' Chiste Mhòr - "The Big Chest" – a new blog in Scottish Gaelic and, sometimes, English. Depending on how I feel at the moment. I'm Bill Cassidy, or Liam Ó Caiside.Dè gheibhear ann a’ seo? A bharrachd air fàilte:mo smaointean;mo bheachdan;ceangailtean ri airteagalan a sgrìobh mi agus agallamhan a rinn mi;Cothrom airson còmhraidh ann an Gàidhlig neo Beurla – feuchaidh mi beagan Gaeilge cuideachd, […]