FilmG Alba

  • Farpais Cuspair FilmG - Iomhaigh 3
    by FilmG ALBA on DiM, 4 Sult 2012 at 11:39m

    Seo agad an iomhaigh mu dheireadh. A bheil thu air sùil gheur a chumail air na h-iomhaighean?  Dè cuspair a th’ ann? Cuir do bheachdan thugainn tro Facebook, Twitter no post-d gu fios@filmg.co.uk. Cuimnich gu bheil an fharpais a' dùnadh aig meadhan oidhche air Diardaoin.

  • Farpais Cuspair FilmG! Iomhaigh 2
    by FilmG ALBA on DiL, 3 Sult 2012 at 10:41m

    Seo agad an dàrna iomhaigh. Dè an ceangal a tha eadar an dealbh a chunnaic thu air Diardaoin agus an dealbh seo? A bheil an cuspair agad fhathast? Cuir do bheachdan thugainn tro Facebook, Twitter no post-d gu fios@filmg.co.uk. Cumhnich gu bheil cothrom agad air iPad a bhuannachadh!

  • Farpais Cuspair FilmG!
    by FilmG ALBA on Dia, 30 Lùna 2012 at 8:07m

    Dèan tomhais air cuspair FilmG agus faigh cothrom air iPad a bhuannachadh. Tha FilmG air ais airson bliadhna eile ach mus tòisich an fharpais mhòr, tha dùbhlan againn dhut! Dè dh’fheumas tu dèanamh? Chì thu an seo a’ chiad dealbh a-mach a trì – seallaidh sinn an dàrna dhealbh dhut air Diluain agus an treasamh dealbh air Dimàirt. Cuir do bheachdan thugainn tro Facebook, Twitter no post-d gu fios@filmg.co.uk. Bidh agad gus meadhan oidhche air Diardaoin 6 Sultain gus pàirt a ghabhail. Thèid ainm a’ bhuannaiche a thaghadh à ad nam freagairtean ceart le neach […]

  • Maoineachadh de £30,000 airson prògram trèanaidh nan sgoiltean aig FilmG
    by FilmG ALBA on DiC, 25 Iuch 2012 at 11:17m

    Victor MacConnell, Cathraiche MG ALBA Maggie Choineagan, Am Prìomh Mhinestear Alex Salmond, Seumas Mehan. Bidh prògram trèanaidh nan sgoiltean aig FilmG airson na bliadhna-sa a’ tòiseachadh a dh’aithghearr is sin air sgàth an tabhartas maoineachaidh de £30,000 a fhuaras bho Riaghaltas na h-Alba, a thuilleadh air an  £20,000 a gheall Bòrd na Gàidhlig roimhe.  Thèid tòiseachadh air an t-sreath shoirbheachail de bhùthan-obrach fo stiùir Cànan a th’ air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig air feadh Alba nuair a dh’fhosglas na sgoiltean an dèidh fòrladh an […]

  • FILMG AGUS DUAISEAN NAN TRADS AIR AN AINMEACHADH AIRSON DUAISEAN TACHARTASAN NA H-ALBA 2012
    by FilmG ALBA on DiL, 16 Iuch 2012 at 2:16f

    Tha MG ALBA air fàilte a chur air an naidheachd gu bheil FilmG agus Duaisean nan Trads air an ainmeachadh ann an dà ghnè eadar-dhealaichte ann an Duaisean Tachartasan na h-Alba 2012, a chaidh fhoillseachadh air Diardaoin 12 Iuchar. Chaidh FilmG ainmeachadh air geàrr-liosta mar an Tachartas Culturach as Fheàrr agus chaidh Duaisean nan Trads MG ALBA ainmeachadh mar an Tachartas Traidiseanta as Fheàrr. Tha seo a’ leantainn air an naidheachd gun deach Duaisean nan Trads MG ALBA ainmeachadh air geàrr-liosta airson Duaisean Ealain agus Gnìomhachas na h-Alba an t-seachdain seo chaidh. […]

  • MICHELLE MCMANUS NA PREASANTAIR AIG DUAISEAN NÀISEANTA FILMG
    by FilmG ALBA on Dia, 23 Gearr 2012 at 2:06f

    FAODAIDH AM MÒR-SHLUAGH TICEADAN DON CHUIRM FHAIGHINN A-NIS Thèid cuirm duaisean FilmG a chumail le MG ALBA an ath-mhìos (9 Màrt 2012), ann an The Old Fruitmarket, Glaschu, agus i a’ taisbeanadh tàlant filmichean Gàidhlig na bliadhna. Tha an tachartas seo air cliù a chosnadh ann am bliadhna nan gnìomhachasan cruthachail is craolaidh agus tha àireamh chuibhrichte de thiceadan ri fhaighinn a-nis a leigeas le daoine tachairt ri rionnagan telebhisean na h-Alba is muinntir a’ ghnìomhachais agus ri cuid a riochdairean is cleasaichean nam bliadhnaichean ri teachd. Bidh aoighean […]

  • GEÀRR-LIOSTA CO-FHARPAIS NÀISEANTA FILMICHEAN GÀIDHLIG GA FHOILLSEACHADH
    by FilmG ALBA on Dia, 2 Gearr 2012 at 2:59f

    Tha FilmG, co-fharpais nàiseanta filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, air geàrr-liosta nam filmichean fhoillseachadh, a thèid air adhart do chuirm nan duaisean an ath mhìos ann an Old Fruitmarket, Glaschu. An dèidh 76 filmichean (an àireamh as motha) fhaighinn às Alba air fad agus nas fhaide air falbh, bha obair dhoirbh ann do na britheamhan a' taghadh na feadhna as fheàrr anns gach roinn. Am measg nam britheamhan, bha luchd-gnìomha BBC ALBA agus eòlaichean film is telebhisein a leithid Chris Young, na riochdaire air an fhilm, 'The Inbetweeners' agus Tony Kearney a bha na […]

  • AN ÀIREAMH AS MOTHA AIR CUR A-STEACH DON FHARPAIS FHILM - FILMG
    by FilmG ALBA on DiL, 16 Faoi 2012 at 9:53m

    Tha FilmG, co-fharpais nàiseanta nam filmichean goirid aig MG ALBA, air 76 filmichean fhaighinn am bliadhna – an àireamh as motha a fhuaireadh a-riamh. Chithear na filmichean air loidhne an-diugh fhèin (Diluain 16 Faoilleach) air làrach-lìn FilmG www.filmg.co.uk, far an tèid agad air bhòtadh airson an fhilm as fheàrr leat gu 31 Faoilleach. Thèid na bhòtaichean agad a chleachdadh airson duais Roghainn an t-Sluaigh a thaghadh.Am measg britheamhan FilmG, air a bheil riochdairean a' ghnìomhachais an Alba, tha Chris Young, riochdaire an fhilm, 'The Inbetweeners' air an robh fèill […]

  • AIR STAIRSNICH CEANN-LÀ FILMG – MÌOS A-MHÀIN RI DHOL!
    by FilmG ALBA on DiM, 6 Dùbh 2011 at 10:34m

    Chan eil ach mìos ri dhol gus an tig ceann-là FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid aig MG ALBA, ach tha ùine gu leòr ann airson film Goirid a dhèanamh a rèir sgioba FilmG. Tha FilmG an dùil ri tòrr a bharrachd fhilmichean am bliadhna, gu h-àraidh ann an roinn 12-17, is sgioba FilmG trang a’ siubhal air feadh na dùthcha a’ cuideachadh nan sgoiltean le an cuid filmeadaireachd. An-uiridh, fhuair a’ cho-fharpais 71 film agus 34 ann an roinn nan inbheach agus 37 ann an roinn 12-17. Tha na filmichean às na sgoiltean làn muirt, dìomhaireachd, teagamh agus, mar is àbhaist, […]

  • Bùth-obrach Beul a’ Chamara FilmG 2011
    by FilmG ALBA on DiL, 14 Samh 2011 at 11:44m

    An robh ùidh agad riamh ann an cleasachd no preseantadh? Ma bha, seo cothrom dhutsa na sgilean agad fheuchainn air beulaibh a’ chamara!  Bidh am bùth-obrach seo aig FilmG air a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig air 18 Samhain 2011.  Bidh an tachartas fad an là seo a toirt a-steach preseantadh agus cleasachd, a’ toirt dhut cothrom nochdadh air beulaibh a’ chamara agus stiùireadh agus comhairle fhaighinn bho dhithis phroifeiseantaich às a’ ghnìomhachas.   Le còrr is 30 bliadhna air a cur seachad ag obair ann an craoladh, tha an riochdaire Mòrag Stiùbhart làn eòlach air […]

  • THA FILMG A' BROSNACHADH TAGRAIDHEAN FILM BHO THALL THAIRIS
    by FilmG ALBA on DiL, 17 Dàmh 2011 at 1:37f

    Tha FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid Gàidhlig, an dèidh duaisean na bliadhna sa fhoillseachadh, agus nam measg, tha duais ann airson a’ “Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr”.  Bheirear seo don fhilm Ghàidhlig as fheàrr aig duine sam bith a tha a’ còmhnaidh ann an dùthaich sam bith seach Alba. Gheibhear 2 thiocaid do chuirm nan duaisean ann an Glaschu air 9 Màrt 2012, agus pàighear cosgaisean suas ri £500. Ann am bliadhnaichean roimhe, fhuaras filmichean goirid bho air feadh an t-saoghail, bho Nuadh Iorc, Alasca agus Ontairio. Tha FilmG ag iarraidh brath a ghabhail air […]

  • DÀ DHUAIS ÙR AIG FILMG AM-BLIADHNA
    by FilmG ALBA on Dih, 14 Dàmh 2011 at 1:52f

    Tha FilmG air na duaisean aige fhoillseachadh am-bliadhna. Gheibhear an dà dhuais as motha luach £1,500 airson an Dràma Goirid as Fheàrr agus Aithris Ghoirid as Fheàrr air leth. Cuideachd, gheibhear duaisean airson a’ Film Goirid Coimhearsnachd agus Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr. Jenny is Alasdair Foirbeis aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2011 Thathar an dòchas gun cuir na duaisean daoine gu filmeadh, oir tha cuid dhiubh air an fheadhainn as fheàrr san dùthaich airson co-fharpais do dh’ fhilmichean goirid. ’S fhiach an aire a thoirt gu h-àraidh don duais sgoinneil luach […]

  • GRUNN STIÙIRICHEAN IS CHLEASAICHEAN AINMEIL NAN TAIC DO BHUIDHNEAN-OBRACH FILMG
    by FilmG ALBA on Dih, 16 Sult 2011 at 11:28m

    Ann am buidhnean-obrach FilmG na bliadhna sa, bha oidean gu leòr deiseil air daoine a stiùireadh tron deireadh-seachdain. Oidean a th’ air obair air cuid de na prògraman Tbh as fheàrr a th’ ann an Alba, an leithid Eòrpa, Still Game, Chewin’ the Fat, The Culture Show agus Hamish MacBeth. Ghabh na buidhnean-obrach àite ann an Sabhal Mòr Ostaig, san Eilean Sgitheanach thairis air Disathairne 27mh agus Didòmhnaich 28mh an Lùnastal le cothrom sgoinneil ga chur an tairgse còrr is 25 filmeadairean ùra sgilean deatamach ionnsachadh bho am fìor luchd-proifeiseanta. […]

  • Dè tha ‘Air an Stairsich’ a’ ciallachadh dhutsa?
    by FilmG ALBA on DiM, 13 Sult 2011 at 11:14f

    ’S e ‘Air an Stairsich’ cuspair FilmG am-bliadhna. Nar beachd-sa, ’s e deagh chuspair a tha seo airson do mhac-meanmna a phiobrachadh, agus freagarrach airson an dà chuid dràma agus aithriseachd. Ach dè dìreach a tha ‘Air an Stairsich’ a’ ciallachadh dhutsa? mar a tha gu litireil sa Bheurla, air leac an dorais? an rathad, ge be dè cho fada, suas don taigh? aig toiseach gnothaich no slighe ùir? air iomall an t-saoghail? Tha iomadh dòigh anns am faodadh tu mìneachadh a dhèanamh air ‘Air an Stairsich’ agus tha sinn airson ur beachdan uile fhaicinn ann am film […]