Kerr’s Miniature Railway, Obar Bhrothaig gu bhith a’ dùnadh #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Às dèidh 85 bliadhna, tha Meanbh-rathaid-iarainn Kerr’s gu bhith a’ dùnadh.

Tha an loidhne bheag seo ann am pàirc eadar prìomh loidhne a’ Chosta an Ear gu Obar Dheathain agus an tràigh⠀.


⁠⠀
Tha àireamh an luchd-cleachdaidh air a bhith a’ dol an lughad fad bhliadhnaichean agus an-uiridh, cleachd nas lugha na 3,000 duine an rathad-iarainn fad na bliadhna. ⁠⠀
⁠⠀
Tha John Kerr leis a bheil an rathad-iarainn ag ràdh gum bi e fosgailte airson a’ chòrr den t-seusain agus gun tèid fios a sgaoileadh mu na làithean fosgailte mu dheireadh a dh’aithghearr air Facebook agus air an làraich-lìn.⁠ Tha e ag ràdh nach e cùis airgid a th’ ann ach gu bheil na saor-thoilich is e fhèin air an dì-mhisneachadh gu mòr le cho beag dhaoine a tha ga chleachdadh.
⁠⠀
Thuirt e cuideachd gu bheil grunn dhaoine is bhuidhnean air fios a chur thuige mu bhith ag ath-fhosgladh na loidhne ann an cruth no àite eile ach nach bi e fhèin an sàs ann. Chì sinn dè thachras. ⁠⠀

Alasdair
⁠⠀

 


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Oh the humanity! Trèana haidridein do dh’Alba #gaidhlig

Le alasdairmaccaluim

Rinneadh deuchainnean air trèanaichean bataraidh-dealanach ann an Alba ann an 2018 mar phàirt de phlana Riaghaltas na h-Alba gus rathaidean-iarainn na h-Alba a dhì-charbonachadh.

Clas 230 no D-train – trèana battaraidh dealanach, Bo’ness, 2018

Chaidh ainmeachadh an t-seachdain seo gu bheil deuchainn de theicneòlas haidridein gu bhith againn cuideachd mar phàirt den targaid gus lionra-rèile gun charbon a bhith againn ro 2035.

Thèid uidheamachd haidridein a chur a-steach do sheann thrèanaichean Clas 314 a thàinig à seirbheis an-uiridh.

Clas 314, An Dùn Breac, 2019

Tha trèanaichean bataraidh dealanach gu math freagarrach airson tursan goirid far nach deach loidhnichean a dhealanachadh le uèirean  fhathast – no far nach eil coltas ann gun tèid an dealanachadh gu bràth. Tha iad saor a thogail agus a ruith. Nì iad mu 40 mìle eadar charge is mar sin, bhiodh iad freagarrach airson loidhnichean leithid Glaschu gu Cnoc Màiri, Glaschu gu Cill Mheàrnaig no Glaschu – Cille Bhrìde an Ear (a thèid a dhealachadh latha de na làithean) no Inbhir Ùige-Inbhir Theòrsa (nach tèid a dhealanachadh mar thoradh air cho beag de sheirbheisean a th’ ann).

Tha trèanaichean haidridein nas daoire ach nì iad astaran tòrr nas fhaide air tanca làn. Ghabhadh an cleachdadh airson nan loidhinichean fada uile far nach eil cumhachd an dealain ann, m.e Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath agus Loidhne a’ Chaoil agus cuideachd seirbheisean eadar-chatharach bho Ghlaschu/Dùn Èideann gu Inbhir Nis is Obar Dheathain agus Obar Dheathain gu Inbhir Nis.

Feumar tòrr dealain gus haidridean a dhèanamh ach le tuathanasan gaoithe, gabhaidh a dhèanamh ann an dòigh gu math uaine. Gu tric, bithear a’ cruthachadh cus dealain na tha a dhìth air an an lìonra agus gabhaidh an dealan seo a chleachdadh gus haidridean a dhèanamh.

Tha e gu math brosnachail gu bheil adhartas ga dhèanamh cho luath air lìonra rèile na h-Alba aig an àm seo.

Alasdair

 


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico