Guth Bhon Iar

  • Post Title
    by Helena Gowan on DiS, 17 Samh 2012 at 5:57f

    obh obh, cha robh mi ann, tha mi duilich.

  • Tha mi Air Ais
    by Helena Gowan on DiC, 23 Sult 2009 at 6:37f

    Halo, mo charaiean agus duine eile! Tha mi air ais ann an tìr nam blog. Bha mi sàmhach agus nach bruidhinn mi àrd. Tha mi an dòchas gur urrainn dhomh sgeulachdan innse dhuibh a-rithist. Ach, tha mi an dòchas nach dìochuimhnich mi air mo Ghàidhlig. Chì mi thu!

  • Dè nam b'urrainn dhut...
    by Helena Gowan on DiM, 29 Iuch 2008 at 12:56f

    Nam bithinn a’ dol a dhèanamh dìnnear do chòignear agus gum faodainn duine sam bith a thoirt ann seo an fheadhainn a bu toil leam faicinn a’ suidhe aig bòrd còmhla, gus am biodh deagh chòmhradh ann. Cò a bhithinn fiathachadh a thoirt?Thugainn fiathachadh do Rìgh Seumas VII agus Rìgh Uilleam III. Dh’innseadh iad dhomh dè a bha iad a’ smaointinn nuair a bha “Reabhlaid Ghlòrmhor” ann. Carson a bha Rìgh Seumas deiseil a thoir thairis cho luaithe mar eisimplir? Biodh e snog nam biodh Sir Eòghainn Camshron Lochiel ann cuideachd. Thug Rìgh Seumas “Rìgh den mèirlich” […]

  • Cù mòr ‘s cù beag
    by Helena Gowan on Dih, 22 Gearr 2008 at 11:43f

    Feumaidh mi innse dhuibh mu chon agam a-rithist. Fhuair mo nighean cuilean ùr. Ùr ‘s beag. Glè bheag. ‘S e “Miniature Doberman Pinscher” a th’ ann. Dè tha e? ‘S e seòrsa a’ chù às bige as urrainn dhut cleachdadh airson sealg. Dè seòrsa sealg? Sealg radain. Tha an cù gun eagal. Nuair a chaidh e anns an taigh againn tha ceann a’ chù bheag air a bhith cho beag ri nimh-fhiacail a’ chù mhòr. ‘S e cù-chaorach Gearmailteach a th’ anns a’ chù mhòr agam.A-nis tha e beag fhathast. ‘S toil leis am bràthair mòr a chluiche. Tha an cù gun eagal.Bidh e fiaclan […]

  • Cànan nan Gaidheil
    by Helena Gowan on DiS, 8 Dùbh 2007 at 4:32f

    Tha iongnadh orm cia mheud blais Gàidhlig a tha a-muigh an siud. Tha fios agam gu bheil sin blas Leòdhasach, blas Uibhisteach, blas Sgitheanach agus blas Earra-Ghàidheal ann. ‘S math dh’fhaoidte gu bheil blas Albais cuideachd.Ach, ‘s ann tòrr blais a th’ anns an t-saoghal againn. Mar eisimpleir Gàidhlig na Beurla, Beurla Sassanaich agus Ameireaganaich, na Gearmailtis, na Ruis agus na Frangais.Choinnich mi duine a tha deagh Ghàidhlig aige. Dh’fhaighnich mi ris, dè blas na Gàidhlig agad? Fhreagairt esan gu bheil measgaich nam blas aige, beagan Leòdhasach, beagan Uibhisteach, […]

  • So, sgrìobh mi leabhar...
    by Helena Gowan on Dih, 23 Samh 2007 at 12:14m

    Sgrìobh, rinn mi e. Ri taobh stuth eile, tha agam ri dèanamh, sgrìobh mi leabhar. Cha do sgrìobh... tha mi ga sgrìobhadh fhathast. Sgrìobhadh agus sgrìobadh a-rithist agus a-rithist... dàn sgrìobhadair.‘S e sgeulachdan eile a th’ anns mo cheann ach bu chòir dhomh a chur crìoch, nach bu chòir?Sia bliadhna air ais, lorg mi mo ghaoil a sgrìobhadh a-rithist. An toiseachd chluich mi gabhail riochd mar sin ann an taigh chluiche. Dh’ionnsaich mi sgeul a sgèith agus còmhradh a sgrìobhadh. Mòran còmhradh. Bha an gabhail riochd air a sgèith mar sin clò. Beagan tuairisgeul, […]

  • Ouch!
    by Helena Gowan on Dia, 15 Samh 2007 at 7:06f

    Leòn mi mo chas no feumaidh mi ràdh gun do leòn mi m' òrdag mhòr. Chan robh cuimhne agam ciamar a thachairt e. Cha robh an deoch orm!Oidhche Luain, chluich mi le mo chù. Rinn sinn ‘agility’ agus tha e còrdadh rinn glan a bhith a ruith agus a cluich còmhla ri chèile. Chaidh sinn aig an àite far am bi na cnapan-starra agus clàs “agility” ann. Ruith mi le mo chù, ‘s e an t-ainm Cody a th’air, ri a thaobh. Ruith e suas air an cnaip-starra “Board walk” (coiseachd dèile) a tha dèile na laighe air na seasamhan. Ruith mi dlùth ris airson ‘s nach bu chòir dha ruith ro […]

  • An e cànan cudromach a th’ anns a’ Ghàidhlig?
    by Helena Gowan on Dih, 9 Samh 2007 at 9:45f

    Tha mi a’ smaointinn nach e. Tha an cànan cho cudromach ris a’ chànan eile. Ach feumaidh mi ràdh nach eil i furasta nas motha. Dè nì an cànan cudromach no furasta? ‘S dòcha gu bheil an gràmar ga dhèanamh. Chan eil mi cinnteach gu bheil an gràmar ann a bheil furasta a mìneachadh. Carson a chanas mi “feumaidh mi tì òl” agus nach canaidh “Feumaidh mi tì a dh’òl” ma bhios “infinitive” ann? Chan eil mi ga thuigsinn. ‘S urrainn dhomh a ionnsachadh ach chan eil mi ga thuigsinn carson.Ma bhios tu òg nach feum agad gràmar ionnsachadh. An uairsin, bidh thu ag […]

  • Bas mo mhàthar
    by Helena Gowan on DiL, 1 Dàmh 2007 at 11:27f

    Bhas mo mhàthair dà sheachdain sa chaidh. Bha i ceithir fichead bliadhna ‘s a h-aon a dh’ aois. Bhas i a’ fuireach ann an taigh-altraim o chionn seach bliadhnaichean oir bha seargadh-inntinn oirre.Tha bròn orm ach tha cofhurtachd ann cuideachd airson ‘s gu robh furtachd air a son. Cha b’ urrainn dhi leabhaidh fhalbh on thuit i seach bliadhna air ais ach bha i ann an sèithear-cuibhle. Uaireannan, cha robh mi cinnteach gu robh cuimhne aice ormsa anns na mìosan sa chaidh. Bha i na cadal agus chan do dùisg i san ath mhadainn.‘S e boireannach bòidheach agus lagach a bh’ innte. […]

  • Mort
    by Helena Gowan on DiS, 8 Sult 2007 at 2:16m

    Thàinig mi dachaidh am feasgar Sathairne sa chaidh. Fhòn mo nighean thugam gur feumaidh sinn a dhol dhan taigh aig na caraidean againn, an-dràsta. Carson? Thachairt rud uabhasach ‘is sgreamhail. Tha dithis nighean aca. Tha an dithis nighean pòsta agus an dithis mhac aca.Mhort an duine aig nighean nan caraidean an nighean agus e fhèin.Anns a’ mhadainn Dihaoine, chaidh Chuck, an duine aig Catherine, dhan taigh aig a mhàthair agus thug e oirre a dhraibheadh mun cuairt air a’ bhaile. Dhraibh iad a thaigh piuthar a mhnà, Amy, agus dh’fheith iad airson a chlann a bha ann na làithean […]

  • Guthan
    by Helena Gowan on DiS, 14 Iuch 2007 at 7:34f

    ‘S toil leam a bhith ag èisteachd ri guth fir. Chan eil mi eòlach air, cha do choinnich mi air ach tha mi eòlach air a ghuth.Bha mi ag èisteachd ris a ghuth gach seachdain agus bha mi air mo dhòigh. ‘S ann laghach is ciùin, treun is fois-inntinneach a th’ anns a’ ghuth, uaireannan spòrs, fealla-dhà, no fearg a bharrachd air. ‘S toil leis gàire a dhèanamh.Chan eil mi eòlach air an fhear fhèin agus saoilidh mi gu bheil sin nas fheàrr. ‘S dòcha.Tha mi eòlach air duine eile. ’S e a ghuth às sgoinneil agus às fheàrr. Tha an guth domhainn is ath-fhuaimneach aige. […]

  • Chengdu
    by Helena Gowan on DiS, 30 Ògmh 2007 at 3:26f

    Bha mi ann an Sìona a-rithist, ann am baile an e an t-ainm Chengdu a th’ ann. Bha an dàrna turas a bha mi ann an Sìona. Chunnaic mi Shanghai, Beijing, agus Chengdu. Tha gach baile eadar-dhealaichte eatarra.’S e am baile mòr agus trang ann ach tha e beagan nas sèimhe cuideachd. ‘S e baile cudromach agus àite an riaghaltas a th’ ann am Beijing am feadh port trang agus baile na cruinne a th’ ann an Shanghai. Tha Chengdu diofaraichte gu dearbh. ‘S e baile as motha den roinn Sichuan, no Sechuan, a th’ ann. Tha “Baile Iar” air.Tha mòran duine air rothair no rothar-ola no […]

  • Abair sgudal!
    by Helena Gowan on Dih, 1 Ògmh 2007 at 8:33f

    Bha an sgudal mòr ann anns an taigh againn an latha roimhe. Chaidh an t-amar sgudail làn. Chan eil mi cinnteach ciamar a chanas tu “septic tank” sa Ghàidhlig ach bha e làn a dh’aindeoin.Air sgàth gu robh amar làn, thig an t-uisge sgudail suas agus a-steach anns an ùrlar iosal. Phrrr. Bha am brath ùrlar air a mhilleadh agus stuth eile.Smaoinichibh air a’ bholadh! Ach chan eil mi airson talach air. Bha againn ri daoine glanadh fhaighinn. Mo chreach. Bha iad cho daor, ach bu chòir dhomh a ràdh, bha e nas daoire brath ùrlar ùr a cheannach.Cha robh mi air mo dhòigh idir.

  • Istanbul
    by Helena Gowan on Dih, 4 Cèit 2007 at 6:38f

    Bha mi ann an Istanbul anns a’ Thuirc dà sheachdain a chaidh. ‘S e baile anabarrach brèagha agus trang ann. Tha mi a’ smaoineachadh gur e dùthaich neònach agus eadar-dhealaichte a th’ anns a’ Thuirc far a bheil cuid mhòr a bhith ann an Asia beag, agus cuid bheag anns an Roinn Eòrpa. ‘S ann ceithir fichead ‘s a deich sa cheud luchd Muslamach a th’ iad a’ fuireach ann an Istanbul. Chan eil am baile seo cho neònach ri Shanghai no Beijing. Tha e coltach ri baile meadhan-thìreach ach tha rudeigin diofaraichte ann cuideachd. Chan eil thu ga chreidsinn cia mheud duine a […]

  • Iodhal Ameireaganach
    by Helena Gowan on Dia, 5 Gibl 2007 at 1:58m

    An toil leat coimhead air telebhisean? Cha toil leam e. Ach uaireannan bidh mi a’ sealltainn air taisbeanaidhean sònraichte, mar sin fìolm math agus mìneachadh inntinneach, agus gach bliadhna air "iodhal ameireaganach". Tha e cudromach a choimhead air telebhisean-taisbeanaidhean anns na Stàitean Aoinichte air sgàth gum bi thu a’ dèanamh deasbaid an ath latha aig obair, uill, ‘s math dh’fhaoidte a bheil sin fìor ann an iomadh dùthaich. 'S e taisbeanaidh glè math airson còmhraidh a th' ann an "iodhal ameireaganch". ‘S e neach-seinn math agus dona ann, a bhios iad a’ cur […]

  • Càite a bheil na drannd-eòin?
    by Helena Gowan on Dih, 29 Dùbh 2006 at 7:32f

    An latha roimhe, sheall mi air dealbhan a’ bhliadhna seo agus lorg mi dealbh gun do thog mi air an fhosglan againn an Fhoghar. Thog sinn suas biadhadh drannd-eòin faisg air flùraichean an toil leatha. Tha sùgh siùcarach agus ìocshlaint tarraing ann am botal. ‘S urrainn don drannd-eòin lionn leaghte dearg fhaighinn tro fhosglaidhean beaga air bronn a’ bhotail a bheil iad coltach ri blàthan.Rinn mi rudeigin ceàrr a’ chiad thuras nuair a dh’fheuch mi drannd-eòin a bhiadhadh agus chan eil iad air a thighinn. Ach am bliadhna seo, rinn mi an sùgh nas thiugha, chleadh mi tòrr […]

  • An domhan
    by Helena Gowan on Dih, 15 Dùbh 2006 at 11:23f

    Uaireannan, feumar eòlas ùmhlachadh fhaiginn ma a bhios rudan a’ fàs cho uabhasach cudromach. Saoilidh sinn gu tionndaidheadh an saoghal umainn.Fhuair mi na dealbhan shìos. Tha iad a' taisbeadh agus a' toirt air ar beachdachadh dè cudromach a tha sinn fìor.Is e a còigeamh reul deug as soilleire anns na speuran a th’ ann an Antares. Tha e a’ fuireach barrachd air mìle solas-bhliadhna air falbh.

  • Sammy, mo chù laghach agus diùid
    by Helena Gowan on DiD, 10 Dùbh 2006 at 4:04f

    Diana agus Sammy, 2006B’ fhaodar dhomh mo sheann chù eile a mharbhadh. B’ e “Sammy” a bh’ air. Bha e trì bliadhna deug gu leth a dh’ aois. Fhuair mi Sammy nuair a bha mi anns na Stàitean Aonaichte a chiad thuras, an latha Bliadhna Ùire 1994. B’ e cuilean a bh’ ann fhathast, ‘s math a dh’fhaoidte nach robh e ach sia mìosan a dh’aois agus 's dòcha gun do rugadh e anns an fhàsach. Bha e glè thana ach nach urrainn dhut sin fhaicinn oir bha bian aige tiugh agus àrd, dubh is beagan geall. Bha e coltach ris b’ e “Border collie” agus beagan cuid de “Husky” a […]

  • Terry Jones: Barbarian lives – Na Ceiltich
    by Helena Gowan on DiL, 27 Samh 2006 at 3:55m

    An latha roimhe, chunnaic mi prògram math air an telebhisean aig "history channel" ann a bha iad a' bruidhinn air na Ceiltich. Chan do bhruidhinn iad air Alba, bhruidhinn iad mu an t- saoghal Cheilteach nuair an d'ràinig Ròmanach an a sheo. Cha robh Gaidheil ann an Alba fhathast.Bha na daoine Ceilteach a' fuireach air feadh an Roinn Eòrpa am feadh bha na Ròmanaich a’ fàs mòr ach dh’fhuirich Ròmanaich anns an Eadailt an-diugh fhathast. Chan eil fios againn, cò às a deach na Ceiltich, ach bha an cultar Ceilteach a’ sgaoileadh às an taobh Deas de Ghearmailt an-diugh. Tha e […]

  • An Nathair Dhubh
    by Helena Gowan on Dih, 13 Dàmh 2006 at 11:25f

    Tha e coltach ris a bhith nathraichean diofaraichte ann anns na Stàitean Aoinichte mar anns a Ròin Europa. Chan e eòlaich nathrach a th’ annam idir ach tha mi eòlach air nathraichean am bi iad a' fuireach anns a’ Ghearmailt agus nach bi iad a’ fuireach anns na Stàitean Aoinichte agus cùlaibh air beulaibh. Chan eil fhios agam dè na h-ainmean a th’ orra anns a’ Ghàidhlig.Tha mi eòlach air nathair-nimhe anns a’ Ghearmailt. 'S e “common viper” neo “crossed viper” a th’ oirre. Bhìd nathair-nimhe dà coin agam, gach cù ann an trì seachdainean a’ thìde. Bha iad […]