Bloigh Gràmair

  • Glòr-shùileach
    by Bloigh Gràmair on Dih, 20 Gibl 2018 at 7:55m

    Bha Suki glòr-shùileach, mar a chithear san dealbh a rinneadh lem mhac aig aois a deich, .i. walled-eyed sa Bheurla ‒ san t-seagh seo, an dàrna brìgh aig an OED: ‘having one or both eyes of an excessively light colour, so that the iris is hardly distinguishable from the white ... having eyes of a different colour, having eyes or an eye streaked or partcoloured ... having a divergent squint which exposes an excessive proportion of the white of the eye’. Sna faclairean Gàidhig, gheibhear sùil-leusach, geal-shùileach, sgiath-shùileach, glòr-shùileach, glòir-fhionn, glòirionn […]

  • ‘Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018‒2023’
    by Bloigh Gràmair on DiL, 2 Gibl 2018 at 8:33m

    Is iongantach nach b' ann air an riochd Bheurla ‒ The National Gaelic Language Plan 2018‒2023 ‒ a chaidh an t-ainm a th' air treas plana cànain Bhòrd na Gàidhlig a stèidheachadh, gu ìre co-dhiù ‒ bloigh beurlachais. Is e dùblachadh a bhiodh anns an abairt plana cànain Gàidhlig, agus an t-ainmear ginideach cànain na bhuadhair càileach a’ comharradh plana, agus an t-ainmear ginideach Gàidhlig na bhuadhair càileach a’ comharradh plana cànain; cha bhiodh feum ri cànain. Nam b’ e plana Gàidhlig tiotal a' phlana, ge-tà, cha robh cinnt an ann ag innse gum b' ann […]

  • Cha mhòr nach ...
    by Bloigh Gràmair on Dih, 30 Màrt 2018 at 1:36m

    Air uairean, cleachdar àicheadh dùbailte a chuireas sìneadh air an rosgrann sam bi e a’ nochdadh, ged as i ciall dhearbhte a th’ aig an dà àicheadh le chèile, m.e. cha mhòr nach do reic sinn gach tè an-diugh ‘reic sinn an ìre mhath gach tè an-diugh’. An seo, gheibhear cha(n), .i. riochd neo-eisimeileach làthaireach àicheil a’ ghnìomhair IS + am buadhair mòr + nach, .i. riochd àicheil an naisgeir gun. Tuilleadh eisimpleirean: cha mhòr nach do thuit mi, bha an rathad cho sleamhainn; cha mhòr nach deach am bàta fodha, bha na bha siud de dh’uisge air tighinn air […]

  • iolair(e)
    by Bloigh Gràmair on DiC, 21 Màrt 2018 at 1:14f

    ’S ann à SG irar fir., a chaidh na ilar agus na connragan air an dì-choslachadh, a tha GA iolair boir. B’ e iolair an cruth àbhaisteach, mar a chithear aig Mac Mhaighstir Alasdair 1741, Shaw 1780, Armstrong 1825, Highland Society Dictionary 1828, Dwelly 1901–11, ged a gheibhear an cruth iolaire an-diugh cuideachd, m.e. ann an ainm an leabhair Call na h-Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach agus ann an tiotal an òrain ‘Raoir Reubadh an Iolaire’ le Murchadh MacPhàrlain. Lorgar fiolair(e) cuideachd, le f ro-leasaichte; coim. GA feagal < eagal < SG ecal. Is math dh’fhaodte […]

  • air fear/tè/feadhainn ...
    by Bloigh Gràmair on DiL, 29 Gearr 2016 at 4:44f

    Chan urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair BI a chleachdadh le cuspair dìreach ach le àireamhan 7c (m.e. tha e fichead bliadhna a dh’aois). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: tha i na dotair (le an). Air neo, feumar structar leis a’ ghnìomhair IS a chleachdadh: is e dotair a th’ innte (nas sine: is dotair i). Gus ‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structaran le BI agus an roimhear air: (1) Cuiridh an structar BI + cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e fear/tè […]

  • a' gabhail na combaiste
    by Bloigh Gràmair on DiD, 7 Gearr 2016 at 9:29m
  • saoil ...
    by Bloigh Gràmair on Dih, 5 Gearr 2016 at 8:09f

    Gabhaidh an gnìomhair saoil ‘creid, beachdaich, smaoinich’ cleachdadh mar a chleachdar gnìomhairean eile a bhuineas do na ciadfathan: saoilidh mi gur e; an saoil thu sin? cha s(h)aoil. Coim. cluinnidh sinn fuaim; am faic thu am bàta?; chan fhairich mi càil; an aithnich thu i?; chan fhuiling mi siud. Thèid an cruth ceisteach, (an) saoil, a chleachdadh cuideachd às aonais riochdair phearsanta: saoil am faigh mi iasad air a’ chàr? Anns na h-eisimpleirean a tha shuas, tha an tràth teachdail ga chleachdadh ann am brìgh làthairich. ’S e as adhbhar dha seo gum b’ e tràth […]

  • ciad, ceudna ...
    by Bloigh Gràmair on DiM, 2 Gearr 2016 at 1:08f

    B' àbhaist ciad ‘(am) prìomh (rud ann an sreath)’ a sgrìobhadh ceud. ’S ann às an t-Sean Ghàidhlig cét- a tha e. Gus am facal a dhealachadh ri ceud ‘100’ (SG cét), thòisich daoine ga sgrìobhadh ciad. Mar bhuadhair, bhiodh cruth an uilt ro ciad a rèir gnè agus àireimh an ainmeir às a dhèidh, m.e. an ciad fhear (fir.); a’ chiad bhean (boir.); na ciad làithean (iol.). An-diugh, airson na mòr-chuid, cleachdar a’ an dà chuid ro ainmearan fireann agus boireann san tuiseal bhunasach: a’ chiad fhear; a’ chiad bhean. Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 179, §155 + bn […]

  • barrachd, tuilleadh, còrr
    by Bloigh Gràmair on DiC, 9 Dùbh 2015 at 9:20m

    Aig bun, tha brìgh nan ainmearan seo eadar-dhealaichte: barrachd ‘meud nas motha’: tha barrachd bidhe air an truinnsear sin na tha air an fhear agamsa; tuilleadh ‘meud eile’: an dèidh dhut na tha agad an sin ithe, tha tuilleadh sa phoit, ma bhios tu ga iarraidh; còrr ‘na tha air fhàgail’: sìn thugam a’ phoit a-nis agus gabhaidh mi làn na spàine de na tha innte, ach chan ith mi an còrr. barrachd boir. (+ gin.) ‘àireamh no meud nas motha’: tha mi ag iarraidh barrachd; barrachd air (+ tabh.) ‘thairis air, nas motha na’: barrachd air uair a thìde; barrachd […]

  • foghain, a' fòghnadh
    by Bloigh Gràmair on DiL, 19 Sult 2011 at 2:44f

    Nochdaidh an gnìomhair FOGHAIN 'bi gu leòr' (air a sgrìobhadh foghainn no fòghainn air mhearachd ann an cuid de dh'fhaclairean) ann an abairtean mar fòghnaidh sin 'is leòr sin' agus fòghnaidh na dh'fhòghnas 'nì e an gnothach'. Eisimpleirean eile: bha pinnt bainne ann, ach cha do dh'fhoghain e dhuinn; am fòghnadh e do dhithis? chan fhòghnadh. Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 392, §437 (v)  

  • dè fo ghrian ...?
    by Bloigh Gràmair on DiD, 27 Màrt 2011 at 9:11m

    'S e ainmear boireann à Rang II boir. (.i. coltach ri bròg bròige, caileag caileige) a th' ann an grian: (bun.) tha a' ghrian a' dol fodha; (gin.) aig dol fodha na grèine; (tabh.) na ròin gam blianadh sa ghrèin. Air a' chiad sealladh, a-rèist, tha e na iongnadh gun canar, mar eisimpleir, dè fo ghrian a tha sin? 'dè air thalamh a tha sin?'. An dèidh an roimheir fo, bhite an dùil ris an tuiseal thabhartach, mar a tha ann an chan eil teagamh fon ghrèin agam 'chan eil teagamh sam bith agam', ach tha e coltach gur h-e giorrachadh a th' ann am fo ghrian an seo airson fo ghrian nan speur […]

  • aon cheud, dà cheud, trì cheud ...
    by Bloigh Gràmair on DiD, 13 Màrt 2011 at 5:37m

    A thuilleadh air aon cheud agus dà cheud, gheibhear trì cheud, ceithir cheud agus fiù 's còig cheud ann an corra dhualchainnt. 'S e fuidheall àrsaidh a tha seo. Nuair a bha trì gnèithean fhathast aig a' Ghàidhlig (fireann, boireann agus neodrach), bha ceud na fhacal neodrach. An dèidh fhacal neodrach a ghabhadh claonadh san t-Sean Ghàidhlig, bhite an dùil ri sèimheachadh anns na tuisealan ainmneach agus cuspaireach – le chèile an tuiseal bunasach againne – agus san tuiseal ghairmeach. Bha seo a' toirt a-steach SG trí 'trì' agus cethair 'ceithir' sna suidhichean sin. B' e […]

  • Loch a' Bhaile na Dùine
    by Bloigh Gràmair on DiL, 28 Gearr 2011 at 9:16m

    A rèir riaghailtean gràmar na Gàidhlig, tha co-rèir an ainme seo ceàrr, agus dà alt (a' agus na) a' nochdadh ann. Cha bhithear an dùil ris an alt ann an sreath de dh'ainmearan ann an co-chur ginideach ach ron ainmear dheireannach, m.e. muinntir a' Ghearasdain, muinntir an Eilein Sgitheanaich, agus, ma bhios an t-ainmear deireannach deimhinnte mu thràth, cha bhi an t-alt a' nochdadh idir, m.e. muinntir Ghlaschu. (An seo, tha am facal muinntir, agus e a' comharradh an ainmeir na dhèidh san tuiseal ghinideach, deimhinnte mar a tha.) Mothaichibh cuideachd nach bi ach an t-ainmear mu […]

  • air beulaibh
    by Bloigh Gràmair on DiD, 13 Gearr 2011 at 9:21m

    Bhite a' faicinn an roimheir air beulaibh 'ro, fa chomhair' air a sgrìobhadh air beulaobh air uairean (m.e. ann an Dwelly), mar gum b' ann à *air beul thaobh a thàinig an abairt, ach 's e sean chruth tabhartach iolra a th' ann am beulaibh 'beòil'. Tha an aon chruth ri fhaicinn ann an air cùlaibh 'an dèidh, air an taobh chùil'. Bha uair a bha an dùnadh tabhartach iolra -(a)ibh na bu chumanta ach, a bharrachd air air beulaibh is air cùlaibh, chan fhaicear e ach ann an corra abairt san latha an-diugh, m.e. a-chianaibh 'bho chionn greis'; an caraibh: chaidh iad nan caraibh 'ghreimich iad […]

  • Earra-Ghàidheal ~ Innse Gall
    by Bloigh Gràmair on DiD, 6 Gearr 2011 at 4:04m

    'S e fìor sheann ainm a th' ann an Earra-Ghàidheal. Air ainmeachadh sa Mheadhan Ghàidhlig mar Airer Gáidel (SG Airer nGoídel), thathas den bheachd gur h-e 'oirthir Ghàidheal' as ciall dha, ged nach deach a mhìneachadh fhathast ciamar a chaidh airer na earr/earra (coim. 1560 Errghaodheal). Tha am facal Gàidheal san ainm Earra-Ghàidheal san tuiseal ghinideach iolra agus 's e sin as coireach gu bheil sèimheachadh san ainmear (coim. mòran bhalach), agus 's e sin as coireach nach tèid am facal a chlaonadh nuair a bhios an t-ainm fhèin san tuiseal ghinideach, m.e. muinntir […]

  • theab
    by Bloigh Gràmair on DiD, 30 Faoi 2011 at 7:17m

    'S e gnìomhair uireasbhach a tha seo, .i. fear anns nach fhaighear sreath slàn de chruthan (coim. can, faod, feum): cha chleachdar theab an-diugh ach san tràth chaithte. 'S e 'caillidh no fàilligidh' a bu chiall don Mheadhan Ghàidhlig teipid, a chaidh a bhrìgh na 'cha mhòr nach, faisg air' san nuadh chànan: theab nach deach leinn aig a' cho-fharpais 'cha mhòr nach do dh'fhàillig sinn ...'. Thèid an gnìomhair a leantainn gu tric le ainmear gnìomhaireach: (guth spreigeach) theab i fanntaigeadh 'cha mhòr nach do dh'fhanntaig i'; an do theab thu do làmh a losgadh? theab; (guth […]

  • an-dràsta ~ a-nise
    by Bloigh Gràmair on DiS, 15 Faoi 2011 at 10:48m

    'S ann a thig an-dràsta 'aig an àm seo, aig an dearbh àm seo' à SG a tráth-sa 'an tràth seo' (.i. *a dtráth-sa, agus an t-alt neodrach cuspaireach a' dùbhradh an ainmeir) > *a dtrásta (le càradh eadar th is s: ths > st) > GA an dràsta (air a sgrìobhadh an-dràsta an-diugh, mar cho-ghnìomhair do-mhùthadh). 'S ann a thig a-nise (cuideachd a-nis, nise, nis) 'aig an àm seo' à SG indossa; coim. GE anois. Gabhaidh iad cleachdadh ann an raon de shuidheachaidhean ama: Caithte, o chionn ghoirid: (a) 's e uisge a bhathas a' gealltainn an-dràsta; (b) tha mi deiseil dheth nis. […]

  • bidh tu ann a-màireach, nach bi? bithidh
    by Bloigh Gràmair on DiL, 10 Faoi 2011 at 8:59m

    Tha bidh (gun bheum: bidh e ann aig còig) na chruth lùghdaichte aig bithidh (SG bíid, beumte: am bi e ann? bithidh), agus bidh agus bithidh le chèile nan cruthan neo-eisimeileach teachdail den ghnìomhair bi 'bi ann, mair', .i. 's iadsan na cruthan a chleachdar aig toiseach rosgrainn. 'S e bi (SG bí) an cruth eisimeileach, a chleachdar an dèidh mhìrean ro-ghnìomhaireach (am bi thu fhèin ann? cha bhi) no an dèidh (tha i ag ràdh gum bi e anmoch mus bi i fhìn ann).

  • a' Challainn
    by Bloigh Gràmair on DiL, 3 Faoi 2011 at 7:58m

    Facal Laidinn (kalendae) bho thùs a chaidh na calainn/callainn, gin. cailne/caille, san t-Sean Ghàidhlig. Sgrìobhar Callainn, gin. Callainn(e), an Gàidhlig na h-Albann, ach gheibhear Caileann (cho math ri Calann) an Gàidhlig na h-Èireann, a tha, a rèir choltais, na chùl-chinntinn air cailne gin. > caileann bun., coim. muilne gin. < muileann bun. 'S e 'a' chiad latha den mhìos' a bu chiall dhan fhacal an toiseach, mus deach a chuingealachadh gu 'a' chiad latha den bhliadhna', .i. Latha na Bliadhna Ùire; às a sin, Oidhche Challainn(e), .i. an latha ron Challainn.

  • aonar ~ a h-aon, aon, aonan
    by Bloigh Gràmair on DiL, 6 Dùbh 2010 at 6:08f

    'S ann à aon + fhear 'aon duine' a tha aonar bho thùs, ach tha e cuingealaichte an-diugh ris an abairt an + buadhair seilbheach + aonar: nam aonar 'leam fhèin', nad aonar 'leat fhèin' 7c. Gu bhith a' bruidhinn air aon nì no air aon duine, cleachdar a h-aon (chan eil a h-aon agamsa ach tha a dhà agadsa) no aon no aonan, a rèir dualchainnt; mar sin, is ionann chan eil a h-aon agam agus chan eil aonan agam. Air neo cleachdar fear no tè, a rèir gnè an rud air a bheileas a' bruidhinn: (glainne uisge-bheatha) tè bheag.