Fada Thar Nan Speuran…

  • Bliadhna mhath ùr!
    by Jessica on DiL, 1 Faoi 2007 at 6:55f

    Dealbh a thog mi a-raoir...

  • Nollaig Chridheil dhuibh uile!
    by Jessica on DiS, 23 Dùbh 2006 at 11:23f
  • Trang...
    by Jessica on DiM, 12 Sult 2006 at 6:12f

    Chan robh mòran a' tachairt ann an seo na seachdainean sa chaidh. Agus cha bhi dad sam bith inntinneach a' tachairt airson cuid seachdainean eile. Tha mi fhathast trang leis an tràchdas agam. Fhuair mi cead a chrìochnachadh ceithir seachdainean fadalach. Bidh mi deiseil aig deireadh an Damhair a-nis seach aig deireadh na Sultain. Mòran obair ri dhèanamh fhathast...

  • Aoidh Iongantach
    by Jessica on Dia, 27 Iuch 2006 at 9:01f

    Tha i uabhasach tèth na làithean seo, agus mar sin bidh a h-uile uinneag anns an fhlat againn fosgailte fad na h-oidhche. Tha i ro thèth airson cadail leis na h-uinneagan dùinte, agus bidh mi daonnan an dòchas gum fàs i rud beag nas fhuaire... Agus 's fheàrr leam dùsgadh le uinneag fhosgailte co-dhiù: Tha craobh mhòr ann anns a' ghàrradh, agus tha e coltach gu bheil cuid eòin a' fuireach ann. Bidh mi a' dùsgadh le ceilearadh nan eòin gu tric - agus 's toil leam èisdeachd ris na h-eòin airson greis mus èirich mi. Dh' èisd mi ris na h-òrain aca a-rithist an-diugh - ach bha […]

  • Atharrachaidhean
    by Jessica on DiL, 29 Cèit 2006 at 4:18f

    Tha mi a' faireachdainn rud beag neònach am bliadhna. Tha mòran atharrachaidhean a' tachairt anns mo bheatha na mìosan seo. Tha mi nas trainge aig an oilthigh a-nis na bha mi a-riamh on thòisich mi air nàdar-fheallsanachd ionnsachadh. Feumaidh mi an tràchdas diploma agam a chrìochnachadh gu deireadh na Sultain, agus bidh mi deiseil an dèidh sin. Ach chan eil mi airson an t-oilthigh fhàgail am bliadhna. Tha mi an dòchas gum faigh mi obair an sin neo sgoilearachd sam bith gus tràchdas PhD a sgrìobhadh. Tha mi ag obair aig an oilthigh a-nis mar student assistant – bidh mi a’ […]

  • Flùraichean an Earraich II
    by Jessica on DiL, 17 Gibl 2006 at 5:56f

    Agus seo dealbh eile – chunnaic mi am flùr sin aig deireadh a’ Mhàirt nuair a bha mi ann am Bonn airson cùrsa Gàidhlig. Choisich mi mu chuairt nan Rheinauen tràth sa mhadainn mus do thòisich a’ chùrsa. Bha beagan uisge ann – am faic sibh na boinneagan air na flùr-bhileagan?

  • Flùraichean an Earraich I
    by Jessica on DiL, 17 Gibl 2006 at 5:55f

    Tha an t-Earrach ann a-nis agus chì mi flùraichean ùra gach deireadh-seachdain nuair a bhios mi a’ coiseachd anns na pàircean. Tha na gealagan-làir air seargadh mu thràth, ach thàinig na lusan a’ chrom-chinn fo bhlàth dìreach an t-seachdain sa chaidh agus thig na tiuilipean fo bhlàth a dh’aithghearr.Thog mi cuid dhealbhan nuair a bha mi anns an Tiergarten o chionn goirid. Bha talamh a’ choille còmhdaichte le flùraichean beaga, gorma. Chòrd an sealladh gu mòr rium!

  • Faothachadh...
    by Jessica on Dia, 23 Màrt 2006 at 1:52f

    Cha do sgrìobh mi dad sam bith an-seo airson ùine fhada oir bha mi uabhasach trang aig an oilthigh.Ach tha mi glè thoilichte an-diugh: Bha deuchainn agam sa mhadainn an-diugh - agus chaidh a h-uile rud gu math dhomh. Bha mi uabhasach nearbhasach. Bha an t-eagal orm nach do dh'ionnsaich mi gu leòr - neo gun robh mi ag ionnsachadh na rudan ceàrr. Ach bha an t-àrd-ollamh glè laghach agus cha do dh'fhaighnich i dhìom ach ceistean gu math furasta. B' e sin an deuchainn mu dheireadh agam, agus tha mi gu bhith deiseil a-nis. Dìreach feumaidh mi an diploma thesis agam a chrìochnachadh. […]

  • Àitichean inntinneach ann am Berlin: Grunewaldturm
    by Jessica on DiD, 15 Faoi 2006 at 3:02f

    Seo agaibh dealbh dhen Grunewaldturm a thog mi san t-Samhain an-uiridh. Chaidh an tùr a thogail aig deireadh an 19mh linn (1897/98). Tha e 56m a dh'àirde agus tha e suidhichte air mullach an Karlsberg ann an Grunewald - coille gu math mòr ann am Berlin. Bha an tùr coisrigte gu Wilhelm I. .'S e ìmpire Gearmailteach a bh' ann am Wilhelm I. bho 1871 gu 1888. 'S e Kaiser-Wilhelm-Turm an t-ainm a bh' air an tùr gu 1948 nuair a bhathar a' toirt ainm ùr air: Grunewaldturm.

  • Àm nam Briosgaidean
    by Jessica on Dia, 22 Dùbh 2005 at 2:58f

    Tha àm na Nollaige air tighinn, agus dhomhsa, 's e àm nam briosgaidean a th' ann. 'S toil leam bèicearachd, agus chan eil e gu math furasta briosgaidean sìmplidh, ach uabhasach blasta a dhèanamh. Dìreach feumaidh sibh:300 g flùr100 g siùcar200 g ìmughbìdeag sallainCuiribh a h-uile rud ann am bobhla agus fuin gu mionaideach gus a bheil taois theann agaibh. Feumaidh sibh an taois a chur anns an fhrids airson uair (neo airson oidhche).Deanaibh còmhnard i gu tiughad mu 3mm air bòrd le còta flùr air. An uair sin 's urrainn dhuibh cruthan a ghearradh às an taois (Tha […]

  • Blog Gàidhlig ùr air nochdadh!
    by Jessica on DiM, 1 Samh 2005 at 7:05f

    Lorg mi blog Gàidhlig ùr às na Stàitean an-diugh: Am Blog Gàidhlig aig Ceann-feachd. Tha saoghal nam blogaichean Gàidhlig a' fas gu luath!

  • Berlin san Oidhche
    by Jessica on DiD, 30 Dàmh 2005 at 7:55f

    Bha tachartas sònraichte ann ann am Berlin o chionn goirid. B' e"Fèis nan Solais" an tiotal a bh' air. Bha togalaichean ainmeil agus cudromach air an comhdaichte ann an solas dathach airson seachdain...

  • Dimàirt, 27 Sultain: Glaschu – Hexham
    by Jessica on Dih, 14 Dàmh 2005 at 8:11f

    An latha mu dheireadh agam ann am Breatann... Dh’fhàg sinn Alba agus chaidh sinn a Wall – baile beag faisg air Hexham – o chionns gun robh agam ri dol dhan phort-adhair sa mhadainn an ath latha. Ach mu do dh’fhàg sinn Glaschu chaidh sinn dhan bhùth aig Comhairle nan Leabhraichean a-rithist. Bha e fosgailte an latha sin, agus cheannaich mi ceithir leabhraichen. Fiù’s lorg mi leabhar mu dheidhinn Reul-Eòlais sa Ghàidhlig agus cha b’ urrainn dhomh ach an leabhar sin a cheannach...Uill, chaidh sinn a Wall an dèidh sin, ach nuair a ràinig sinn bha duilgheadas againn an taigh […]

  • Diluain, 26 Sultain: Glaschu
    by Jessica on DiM, 11 Dàmh 2005 at 7:35f

    Bha an t-uisge ann nuair a dh’èirich sinn agus cha robh e air sgur nuair a bha sinn am bracaist air crìochnachadh. Ach cha robh sinn airson fuireach anns an taigh fad an latha. Bha mi fhìn ag iarraidh dol dhan bhùth aig Comhairle nan Leabhraichean airson leabhraichean a cheannach. Mar sin chaidh sinn do mheadhan a’ bhaile agus ghabh sinn trèan fo thalamh gu Kelvin Hall. Ach cha robh am bùth fosgailte – b’ e “Bank Holiday” a bh’ ann an latha sin!Chaidh sinn a Ghovan air an trèan as dèidh sin. Bha sinn airson an Sciene Centre a thadhail. Uill, bha sinn airson an […]

  • Didòmhnaich, 25 Sultain: Glaschu (Loch Laomainn, Sruighlea)
    by Jessica on DiM, 11 Dàmh 2005 at 4:45f

    Bha sinn airson Beinn Laomainn a shreap, ach cha robh an t-sìde math gu leòr. Bha frasan ann sa mhadainn agus cha robh e coltach gum biodh i fada nas fheàrr. Chaidh sinn gu Loch Laomainn co-dhiù airson beagan coiseachd anns a’ choille faisg air Balmaha.Nuair a dh’fhàs an t-sìde nas miosa chaidh sinn a Shruighlea agus choisich sinn mun cuairt a’ bhaile fad an fheasgar. Bha an t-sìde nas fheàrr an sin – bha i grianach agus blàth. Choisich sinn suas chun a’ chaisteil taobh na h-Eaglaise Holy Rude agus a’ chladha air a cùlaibh. Cha do thadhail sinn an caisteal fhèin, ach […]

  • Disathairne, 24 Sultain: Glaschu
    by Jessica on DiL, 10 Dàmh 2005 at 6:30f

    Bha sinn airson choisich anns a’ Phollok Country Park, agus dh’fheuch sinn ri dol ann air a’ bhus. Ach cha robh sinn cho furasta. Cha robh fhios againn dè am bus am biodh a’ dol ann an sin, neo càit am biodh e a’ falbh. Mar sin chaidh sin do stèisean nam busaichean an toiseach. Bha sinn airson clàr nam busaichean (“MapMate” mar a chana iad) a cheannach – ach cha robh aca. Thuirt iad gum biodh dreach ùr air a fhoillseachadh an ath sheachdain... Sgoinneil! Uill, choisich sinn mun cuairt airson greis agus faigh sinn am bus ceart mu dheireadh thall. Bha seòrsa feis ann anns […]

  • Post Title
    by Jessica on DiL, 10 Dàmh 2005 at 6:29f

    Feòrag...

  • Post Title
    by Jessica on DiL, 10 Dàmh 2005 at 6:28f

    Dealan-dè...

  • Dihaoine, 23 Sultain: Bail’ a’ Chaolais a Tuath – Glaschu
    by Jessica on DiD, 9 Dàmh 2005 at 7:30f

    Dh’fhàg sinn Bail’ a’ Chaolais airson dol a Ghlaschu tràth sa mhadainn. Bha dùil againn coiseachd ann an Gleann Comhainn. Ach bha i a’ dortadh fad an t-siubhail, agus cha do rinn sinn stad idir. Mar sin ràinig sinn an taigh ann an Glaschu mu mheadhan-latha. Bha sin a’ cur iongnadh air bean an taighe - bha mi air innse oirre gum biodh sinn a’ ruigsinn mu shia uairean feasgar – agus cha robh i deiseil leis an seòmar againn. B’ urrainn dhuinn na màlaidean againn a chur a-steach co-dhiù mus deach sinn do mheadan a’ bhaile. Dh’fhàs an t-sìde na b’ fheàrr, agus […]

  • Diardaoin, 22 Sultain: Bail a’ Chaolais a Tuath
    by Jessica on DiD, 9 Dàmh 2005 at 3:25f

    Bha an t-uisge ann a-rithist sa mhadainn, agus cha robh sinn ag iarraidh ach ceuman goirid a dhèanamh. Bha sinn air leughadh mu dheidhinn easan san sgìre sin, agus bha sinn a’ smaoineachadh gum b’ e latha sgoinneil a bh’ ann airson coimhead orra. Mar sin chaidh sinn a dh’Omhanaich – tha easan na h-aibhne Rìgh faisg air a’ bhaile – agus choisich sinn ann. B’ fhiach e gu dearbh. Bha an t-uisge ann gu tric na làithean roimhe agus bha an abhainn làn uisge, agus bha na h-easan air leth beothail agus fuaimneach.Tha eas mòr eile ann ann an Ceann Loch Mòr. Chaidh sinn ann an […]