Taigh na Croiche

  • Ceòl ùr-nòsach Basgach an Alba
    by Unknown on Dih, 25 Màrt 2016 at 8:47m

    Bha mi a-riamh den bheachd gu bheil ceòl na Gàidhlig san là an-diugh fada ro fhad' air ais. Mar eisimpleir, chunnacas bho chionn ghoirid farpais ‘Nòs Ùr’ ga shanasachadh. Bhiodh seo math ach tha e coltach gur ann fon sgèith ‘trad’ a bhios e.  Mar sin dheth, ‘s dòcha gum faigh sinn fonn ùr no dhà ach sann san aon cheòl sean-nòsach sa bhios e. Chan eil cnapan-starra mar sin fainear nam Basgach. Coltach gu bheil taic aca bhon riaghaltas airson ceòl de gach seòrsa a chruthachadh. Thèid seo a thaisbeanadh air prògraman ciùil air telebhisean Bhasgais.  Tha prògraman […]

  • Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh...
    by Unknown on DiM, 22 Sult 2015 at 8:49m

    Nach sinn a rinn gàire. Agus carson nach dèanadh. Tha seo fada, fada nas fheàrr na Bannan agus nas salaiche na Outlander. Abair dibhearsain. Am faca tu Twitter? Caitheamh ùine, tha fios'am. Ach, mar a chanas an sean-fhacal, "S fheàrr tlachd bho rann air Twitter na bho cheann na muice" S mathaid gun cuir cuspair mo dhàin oilbheum air cuid ach feumar cuimhneachadh gur e sinne an sliochd a thug 'Moladh air Deagh Bhod' dhan t-saoghail. Tha salachar a' ruith san daoine againn, ge b'oil leis an eaglais. Ach bha uair nuair as e na sagairtean a rinn na dàin as treasa. S fhada bhon uairsin […]

  • Là Samhraidh ann an Glaschu
    by Unknown on DiD, 28 Ògmh 2015 at 8:42f

    Agus mar bu dual is mar bu nòs bha an t-uisge ann ged a dh’fhalbh e rè ùine. Cuideachd bha rathaidean a’ bhaile cho toinnte – eadhon ann am Pàrtaig – ‘s gun robh e doirbh do cheann-uidhe a lorg ann an dòigh ciallach. Ach rinn sinn a’ chuis.  Agus dìreach nuair a tha thu air rathad dìreach sìmplidh a lorg, cò tha ann air thoiseach ort, is iad a’ caismeachd, ach an Luchd Buidhe (Orange Order ann an Anglo-Sasannais). An ann an-aghaidh Cailtigich a tha iad no dìreach luchd-cleachdaidh nan rathaidean? Agus, cò tha cur bacadh orra a dhol dhan eaglais? Co-dhiu, sgap […]

  • Torcuil: beul gun taobh?
    by Unknown on DiC, 29 Gibl 2015 at 8:51f

    Bho chionn fhad' an t-saoghail... bho chionn linn crochadh nan con... bha sgrìobhadair, neach-naidheachd fiù à Leòdhas a bha aithnichte airson nam facal a chuir e an clò airson an Herald, an Sunday Herald agus am BBC. Bhruidhinn a ghuth le tomhas math de dh’ughdarras anns a’ Ghàidhlig agus ann am Beurla na Banrìghinn. An uairsin, ghabh e ri duilleagan an Daily Record. Tha an DR gu mòr air taobh nan Laborach agus gun nàire sam bith na chois. Tha an DR air taobh nan Laborach as bith modh no poileasaidhean a’ phàrtaidh. PFI airson ar ospadalan? Bàs is lèir-sgrios ann an […]

  • Bannan no srannan?
    by Unknown on DiC, 24 Sult 2014 at 8:55f

    Bha fadachd againn air. Mus do nochd e air ar sgàileanan, chaidh inns dhuinn gun robh e mar-tha air siubhail 'thall-thairis' is ùidh aig na Canadaich ann. Cuideachd, chaidh inns dhuinn gur ann mar The Killing a bhiodh e. Obh. Ma bha a' chiad phàirt san t-sreath mar shamhail air cuisean se na fo-thiotalan a aon choltas a th'aige ri The Killing. Nordic dubh? Chan eil na. Leis an fhìrinn innse, chan eil - an ceartair co-dhiù - ann ach iarsmadh (seqeul) do Mhachair a dh'fhàg sinn 20 bliadhna air ais no rudeigin mar sin. Tha e slaodach. Tha mi gabhail ris gu bheil e slaodach oir sin mar […]

  • Bu Chòir
    by Unknown on DiC, 17 Sult 2014 at 4:58f

    Smaoinich. Tha nabaidh coir agad. Tha sibh rèidh. Gu ire air choireigin co-dhiù. Ach, tha e fada nas motha na thu agus se an dleastanas agad an tuarastal gu lèir agad a thoirt dhasan. Gheibh thu beagan air ais. Chan e siud a-mhàin ach nuair a dh'fhàsas e crosta, feumaidh tusa a dhol a shabaid co' ris. Cuideachd, chan fhaod thu a dhol thall thairis as aonais cead bhuaithe. Sin mar a tha cuisean againne mar dùthaich. Cràicte. Siuthad. Tagh BU CHOIR.

  • An Deasbad Mòr
    by Unknown on DiM, 5 Lùna 2014 at 3:08f

    Se a-nochd an oidhche. Thig e gu a h-aon is gu a dhà eadar an dà cheannard. Ach. chan iad na ceannardan. Chan eil Darling ach a' riochdachadh gràisg de BhritNats. Thathar a' meas ge-tà nach eil anns an Luchd-Buidhe (Orange Order), Ukip agus am BNP ach cuis-nàire ged a tha iad a' tarraing air an aon ràmh. Ràmh a tha briste. S mòr am beud nach e an dà cheannard a dheidheadh an amhaich a-chèile - CamShròn an-aghaidh Salmond. Coltach gun do chac CamShròn a bhriogais. Mar sin dheth, chaidh ar fàgail leis an Fhear Liath, Alaidh Gràdh mas fhìor. S fhad' an t-saoghail bhon a bha […]

  • Efa Supertramp agus eile
    by Unknown on DiC, 30 Iuch 2014 at 8:47m

    Chan ann tric a thig gràisg de cheoladairean dhan àrainn agad a tha... inntinneach, beachdail, garbh is ceolmhor. Chan ann tric a b'urrainn dhut gach buadhair sin a chleachdadh airson gach aon de na cleasaichean. Chan ann tric a tha a' mhor-chuid dhiubh 'Ceilteach'... gu ire. Chaidh agam air teicheadh bhon a' phriosan agam dhan a' Bhanshee Labyrinth Dihaoine sa-chaidh agus abair thusa toll dubh de taigh-chluiche. Aite beag grot dhà-riribh is tha mi air fear no dhà fhaicin ri mo bheo. Be cuirm na h-oidhche seo Brian Curran, Breagha Cuinn, Mark Ayling, Norman Silver and the Gold agus Efa […]

  • Salachar, feise is droch droch chainnt
    by Unknown on DiL, 31 Màrt 2014 at 3:43f

      Tha iomadach faclair ri fhaotainn a-nis - air-loidhne agus ann an clò. Agus ged a tha cànan 'salach' ri lorg ann an cuid aca, chan eil e fo fhollaiseach. Uaireannan, mar ann an Dwelly, tha na faclan air am mineachadh ann an Laidin. Gus nach bi cus nàir oirnn. Aig àmannan eile, tha clann no luchd-ionnsachaidh gan lorg le tuiteamas. Chuala mi aon sgeul mu thidsear a chaidh air an Fhaclair Bheag gus faclan no abairtean a lorg fainear 'eat'. Cha do dh'fhuirich i air an duilleag fada. Co-dhiù, tha faclair sònraichte againn a-nis airson gach seòrsa droch chainnt a tha tòrr againn […]

  • Tha cuid dàna, cuid eile rìoghail
    by Unknown on DiS, 8 Màrt 2014 at 8:54f

    Chaidh iris air-loidhne ùr a chur air bhog an t-seachdainn-sa - Dàna. Cha do leugh mi tòrr dheth fhathast ach tha coltas glè mhath air. Gheibhear altan air naidheachdan, spòrs agus eadhon saidheans is teacneolas. Ghlac am pìos air 'ceallan-luirgeach' mo shùil agus feumar aideachadh gun robh mi taingeil gun do mhinich an t-ùghdar gur e seo a th'againn air 'stem cells'. Coltach gu bheil connspaid ann cuideachd, no co-dhiù deasbad air 'in-imrich'. Nach math gu bheil rudeigin Gaidhealach againn a chuireas dragh air leughadairean an Daily Mail? Fhad's a tha cuid againn dàna, tha cuid […]

  • Tha sinn air ais
    by Unknown on Dia, 9 Faoi 2014 at 9:43f

    2014 - abair bliadhna a bhios againn. Ged a tha gràin-cinnidh fhathast a' nochdadh mu'r coinneamh is sgeulachdan eagalach feagalach air an sparradh oirnn le Bitter Together, tha fùil ùr nar cuislean is ar sùilean air saoghal nas fheàrr. Tha an cothrom againn dorus ùr fhosgladh dhan dùthaich is cànan againn is tha mi cinnteach gun gabh sinn e. Mar sin dheth, fàilt' air 2014. Tog do ghuth, seas do choraichean is tagh 'bu chòir'. Bi ann no bi fann. Nach toiseachamaid le bhideo...

  • Cothrom air chall ach am faic sinn nòs ùr?
    by Unknown on DiC, 11 Dùbh 2013 at 9:51m

    Tha an gainnead airgid a-nis a' toirt greim às a' Ghàidhlig. Cha iongnadh sin. Tha an tuarastal aig tòrr againn air a bhith reòite fad 2 no 3 bliadhnaichean a-nis agus mura h-eil thu nad bhancair, bhall-pàrlamaid no spuinnedair 'hedge fund', tha sin a' ciallachadh teachd-a-steach nas isle. Carson Cothrom ma-tha? Tha sin a' cur iongnadh orm. Shaoileadh tu gum biodh co-dhiù aon iris no pàipear-naidheachd cunbhalach riatanach do chànan air iomadh adhbhar: Tha e a' toirt cosnadh do chuid tro mheadhan a' chànain; tha a' togail ìomhaigh a' chànain; tha e na eisimplear do chloinn is […]

  • Brookmyre sa Chas Chaolas agus Saidh-faidh na Gàidhlig
    by Unknown on Dia, 14 Samh 2013 at 11:04f

    Thòisich an t-seachdainn le Christopher Brookmyre - sgrìobhadair de nobhailean 'eucoir' - a' tighinn gu Leabharlann a' Chas Chaolais. S gann gum b'urrainn dhomh a chreidsinn nuair a chaidh innse dhomh le caraid gun nochdadh Brookmyre sa sgire. Nach e Fèis Leabhraichean Dhùn Eideann an raon aigesan? Co-dhiù, nochd e is an tachartas saor san-asgaidh. Còrr is uair a thìde de chuimhneachan èibhinn, naidheachd dhrabasta is rosg eirmseach a tha inntinneach, culturach, borb, beòthail agus làn den droch bheul. Cha b'urrainn na b'fheàrr air oidhche fhuar Samhna. Bha an èisteachd car […]

  • Telebhisean 'son Oidhche Shamhna
    by Unknown on Dia, 31 Dàmh 2013 at 10:12f

    Chan eil càil na b'fheàrr mar ullachadh airson Oidhche Shamhna. Deich mionaidean air beulaibh aon de na dealbhan-beò bho Bhocan TV agus tha an dà chuid inbhich is clann deiseil airson nan sràidean. Samhnagan air an lasadh, pocannan dòchasach is drama no dhà san t-searrag. Cha b'urrainn dhomh 'embed' a lorg dhi, ach shaoileam gum b'fhiach e an sàr obair aig West Highland Animation no Bocan TV a thaisbeanadh an-seo. Tarraingeach do chloinn, is tòrr dheth dèanta le cloinn, tha e cuideachd air leth feumail do luchd-ionnsachaidh. Dòigh eile gus ar cànan àbhaisteachadh. Suidh air ais […]

  • Gàidhlig am follais air na sràidean
    by Unknown on DiL, 23 Sult 2013 at 3:38f

    Chan e rocket science a th'ann ach mar as motha a tha ar cànan am follais sann as motha a thèid a cleachdadh. Agus, ma tha Gàidhlig agad agus tha thu a' dol gu caismeachd no eile, carson nach cleachdadh tu i? Tha cuideigin bho YesAlba air sanasan 'Bu Chòir' a dhèanamh - gleansach is tarraingeach agus... sìmplidh. Bha làn thìde ac' air. Ach, bha an co-ionnanachd siud a dhith air YesScotland airson greis mhath. A-nis, tha craiteachan de chothromachd againn. Suas ma-tha agus air adhart. Bha brataichean eile ann cuideachd ann an seann chainnt ar dùthcha - cuid air an […]

  • Oigridh air na sràidean...
    by Unknown on DiL, 16 Sult 2013 at 8:50f

    ...is tòrr a bharrachd, eadar cnapach is cailleach. Se caismeachd na bliadhnasa airson neo-eisimealachd na h-Alba Disathairne sa tighinn. Bha còrr is 10000 ann an-uiridh - nach dèan sinn cinnteach gu bheil an tè seo nas motha? Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh an-seo, ged sann sa chànain eile a tha e: http://independencerally.com/main/ Agus, fhad's a tha mi a-mach air cànan, tha mi air leth toilichte gu bheil cuid ann Yes Scotland air mothachadh mu dheireadh thall gu bheil seann chànan na h-Alba fhathast air bilean nam mìltean. Gheibhear YesAlba an-seo. An dòchas gum faic sinn […]

  • The Engine Shed
    by Unknown on DiD, 18 Lùna 2013 at 7:59m

    Gura fada beò an t-àite seo. Se an t-Engine Shed taigh-fuine agus cafaidh glasraichear (siud a th'againn air vegetarian a-rèir an Stòr-Dàta) suidhichte ann an sgìre Naomh Leonard ann an Dùn Eideann. A bharrachd air sin ge-tà, se pròiseact a th'ann a bheir fastadh do dhaoine aig a bheil ciorram ionnsachaidh. Tha roghainn farsaing de bhiadh slàn fallain anns nach eil feòil agus tòrr anns nach eil bathar-bainne nas mo. Tha e saor agus gheibhear seirbhis chàirdeil bho luchd-obrach an àite. Bheir àiteachan mar seo seirbhis mhath dhan mhòr-shluagh ach nas cudromaiche, cuiridh iad […]

  • Gàidhlig aig na Fèisean is aig amadain Think Scotland
    by Unknown on Dia, 8 Lùna 2013 at 6:09f

    Tha Dùn Eideann na bhoil an-dràsta is iomadh fèis air dòigh. Ged a tha e coltach gu bheil blasan Sasannach nan mòr-chuid am measg beòil na sràide, tha am brochan de chànanan a tha rin cluinntinn na thoileachas dhan chluas. Air Disathairne 10mh Lùnastal,bidh seo ri lorg aig Fèis nan Leabhraichean cuideachd is measgachadh de dh'aoigh fo sgèith Ur-Sgeul a' leughadh bhon obair aca. Tha Mìcheal Klevenhaus as a' Ghearmailt air an obair aige a thaisbeanadh ann an Gàidhlig is cànan a dhùthcha-sa cuideachd. Tha Màiri E NicLeòid ann. Tha sgeul aice-se ann 'An Claigeann aig Damien […]

  • Gazpacho blanco
    by Unknown on DiC, 10 Iuch 2013 at 7:54f

    S dòcha gur e lughdachadh an t-saoghail as coireach no nach eil sinn an Alba ro chleachdte ri sìde theth mar a th'againn an ceartair ach cha robh guth aig bodaich no cailleachan a' bhaile air gazpacho blanco. Cha mhotha bha iad eòlach air gazpacho àbhaisteach a tha dèanta le tomatothan. Nach math gu bheil ar biadh is ar cànan ag atharrachadh - fhad's a tha ri beò. Co-dhiù, leis an ìre theothachd a' sreap seachad air 30C sa ghàrradh chùl aig Taigh an Donais, shaoileam gum biodh gazpacho blanco ceart is iomchaidh. Se adhbhar eile 's gu bheil sinn air a bhith ag ithe (òl?) gazpacho […]

  • Soitheach fànais
    by Unknown on Dih, 19 Gibl 2013 at 5:30f

    Nach e tha math nuair a tha tachartas inntinneach san amharc san sgìre agad. Agus leis an-sin, chan eil mi a' ciallachadh àite air beulaibh bogs' an amadain a' coimhead air tuilleadh ceòl dùthchail air a chluich air beulaibh bodaich is cailleachan a tha nan leth-chadail. Chan eil càil agam an-aghaidh ceòl na fidhle - tha tòrr dheth beòthail is breabail - ach chan e deagh theilidh a th'ann. Nach biodh e fada na b'fhearr beò - am measg sluagh mòr teann is gun sgeul air cathair is bòrd? Co-dhiù, chan ann tric is minic sa tha leabhar ùr gu bhith a' nochdadh a tha an dà chuid sa […]