- Saor-laithean, gad dheanamh ceart gu leor!by Anonymous on DiC, 5 Gibl 2006 at 12:28f
Woo-hoo, tha Mac T air laithean-saora airson cola-deug! Sgreamhail math! A' Cumail orm leis m'fheallsanachd nach eil uidh aig daoine de tha mi a' deanamh nam bheatha laihteil chan eil mi a' dol a dh'innse smid dhuibh mu de tha dol ann an Saoghal Mhic an Toisich :-D, ach innsidh mi dhuibh mu barrachd chlaran ris a bheil mi ag eisteachd (Tha fios agam gu bheil air seo a dheanamh o chionn gu math goirid ach co-dhiu, faidaidh tu a dhol gu aite eile ann an Tir nam Blog....Madonna - Saor-la (direach mar Co-La-Breith Sona Dhut (Tha mi a' ciallachadh an Orain le Stevie Wonder) Bha An t-Oran seo a' […]
- A' mhios seo, tha mi ag eisteachd ri....by Anonymous on DiC, 29 Màrt 2006 at 9:37m
Croft No Five - Dà phort ùr. “Crash” agus “Out of Line”. Gheibhear an-seo iadhttp://www.myspace.com/croftnofivePrionnsa -3121 Clàr Ùr, air ais air dòigh ‘s a’ togail air Musicology mar bun-steidh.An Cò – “Baba Ui Riallaigh” agus “Cò th’annad?”Enclave – Buidheann Dannsa bho Ghlaschu a’ measgachadh rudan neonach.Brian Eno – Ceol airson Puirt-adhair 1Pink Floyd – Wish You Were Here Remixes, Gu h-araidh “Gabh Cigar” Gheibhear an leithid le inneal mar Kazaa no Limewire, thathar a radh gun deach an deanamh le Trent Reznor.‘S caomh leam an t-side agus […]
- Air bhioranby Anonymous on Dih, 3 Màrt 2006 at 11:13m
A bheil sibh fhein air bhioran? Tha mise gu mor! Tha fiughar orm gu samhradh de cheol mhath ur bho chuid dhe na comhlan is cluicheadaran as fhearr leam, Prionnsa, Na Fugees agus gu h-araidh na Red Hot Chili Peppers. Chunnaic mi iad aig Achadh a' Mhoirich ('S e sin an t-aite far an robh Hearts ag iarraidh a chluich an aghaidh Hibs) bhon-uiridh is bha iad sgrathail math fhein. 'S tric air m'iPod a bhios mi a' cur air "Mun timcheall an t-Saoghail", a' chiad oran bho "Californication", nam bheachd-sa a' chiad oran aig toiseach chlair as fhearr a bh' ann a-riamh, tha e direach a' cosnadh lamh an […]
- Sgudal ris a bheil mi ag eisteachd agus m'fhoram ur.by Anonymous on DiL, 13 Gearr 2006 at 2:00f
Bidh moran dhaoine air thighinn an seo bho Savegaelic.org, uill chaidh sin dha na coin agus bha feum airson aite nach robh cho ardan is tioram, mar sin chruthaich Mac an TOisich "Taigh na Gaidhlig", gheibhear an-seo e.http://www.activeboard.com/directory/preview.spark?forumID=76107Tha e air a bhith gu math samhach o chionn greis is bu mhath leam barrachd dhaoine fhaicinn ann.Co-dhiu, an-drasta tha mi ag eisteachd ri beagan "Latha Uaine" is "Ban-Righ", gu h-araidh stuth bho Innuendo (Fhuair mi MP3 de Raibeart Plant a' seinn an orain sin aig an consairt cuimhneachaidh aig Freddie, 's fior mhath […]
- A' Cuimhneachadh Sar-Ghaidhealby Anonymous on DiL, 6 Gearr 2006 at 4:11f
O chionn bhliadhna dh'eug cuideigin a bha na lasair shoilleir threun ann an ath-bheothachadh cultar nan Gaidheal, duine a bha na ghaisgeach do dh'iomadh dhaoine dem ghinealach, 's duine a chruthaich cuid den cheol as ealanta is beothaile a chaidh a dheanamh a-riamh le cuidieign as a ' Ghaidhlig. 'S e an duine sin Martyn Bennett, am piobaire is fidhlear miorbhaileach a sniomh ceol na ceilidh le ceol a' chluib 's rinn fuaim sgoinneil.Chunnaic mi Martyn airson a' chiad thuras ann an 1998 ann an Obar Dheathain agus co-dhiu 4 no 5 tursan bhon uairsin air feadh na duthcha (Bha trup math ann an […]
- Johnny Cashby Anonymous on DiC, 18 Faoi 2006 at 11:44m
Tha fiolm mu bheatha a' nochdadh a' dh'aithghearr. Chan urrainn dhomh fheitheamh. Tha buaidh mhor air a bhith aig an Fhear ann an Dubh air mo bheatha gu ruige seo. Tha na h-orain aige cho math airson an anaim ann an uairean eiginneach. Daoine spioradail, diadhaidh is laghach a bh'ann, tha e na sar-eisimpleir dhuinn uile. (Tha sin a' ciallachadh gum faodar a dhol air splaoid amphetamaine airson 10 bliaddhna cho fad gun gabh sinn an curam as a dheidh!!! 😉 Cheeruz!
- Croft No Fiveby Anonymous on DiM, 3 Faoi 2006 at 2:41f
'S e comhlan-ciuil anabarrach math tha seo, tha mi air fhaicinn aon trup ann an Dun Eideann, is tha iad a' toirt an Fhuinc leatha don cheilidh. Tha iad coltach ri Shooglenifty agus na Red Hot Chili Peppers (no Na Capsaiceim Teth Teth mar a chanas mi fhein riutha.) air an sniomh ri cheile ann am brot ceolmhor. Bidh mi a' tric ag eisteach ri ceol a' bhocsa agus feumaidh miradh gu bheil an cluicheadair Bhocsa, John Somerville, gle mhath, anns a' chiad coig cluicheadairean as fhearr ann an Alba an-drast, (ged tha stoidhle gu math mi-thraidiseanta a th' aige.). Tha da chlar aca,"Attention All […]
- Nollaig Chridheilby Anonymous on DiD, 25 Dùbh 2005 at 10:46f
Aye Aye 'Illean, Tiodhlac Nollaig Bheag Dhuibh Uile. Cairistiona Choir!!! Cho piosail 'sa ghabhas! Beannachd Oirbh! Mac
- De ris a tha mi ag eisteachd?by Anonymous on Dih, 23 Dùbh 2005 at 11:44f
Kanye West - Late RegistrationRap a' Mhille Bhliadhna Ur, direach sgoinneil!Daibhidh Macillebhuidhe - Ameirigeanaich OgaA' toiseachadh le oran an tiotail agus a' criochnachadh le "Cliu", abair bookends!Arcade Teine - TiolaigeadhSeall an artagail a sgriobh mi mu thrath.Martyn Bennett - A' Chiad ChlarTha seo mach a' phrint an-drasta, an dochas gum foillsichear e a dh'aithghearrJohnny Cash/Bob Dylan - Nashville Skyline SessionsAn cuala sibh riamh"Nashville Skyline", agus an t--oran, "girl from the north country"? Uill thanig na bootlegs seo bho na seiseanan sin. Da ghaisgeach ri cheile. […]
- Ragga Iudhachby Anonymous on DiC, 21 Dùbh 2005 at 9:00f
Mar a bhios fios agaibh, tha Mac an Toisich gu math measail air reggae.'S toil leam a h-uile cail bho Sca agus "na Scadaileits" tro Bhob Marlaigh gu stuth ur mar Buju Banton. Ach chan eil mi ro mheasail air daoine geala a bhith a' deanamh 'regatta de blanc". Chan eil moran ann a tha math air, 's docha UB40 sna 80an, ach tha an cuid eile gun fheum sam bith. Le sin air m'aire bha mi beagan teagmhach mu dheidhinn an duine seo. Canaidh "Matisyahu" ris agus 's e balach a Pittsburgh no aiteigin a th' ann, agus bidh e a' tostadh thairis air an ruitheam mar Shabba Ranks agus seinn mar Bunnaidh […]
- Arcade Teine!!!by Anonymous on DiC, 7 Dùbh 2005 at 9:39f
Comhlan-ciuil sgonneil a Montreal, is doirbh am mineachadh, gu math coltach ri Talking Heads is U2 le beagan Bowie an luib cuideachd. Gu dearbh , chluich iad comhla ri "Macillebhuidhe" aig an fheis-ciuil, "Fashion Rocks" ann an NYC da bhliadhna air ais. Luchdaich mi a-nuas bootleg dhiabh a' seinn an oran aig Arcade Fire "Wake Up", (no "Duisg" ma thogras tu. 😀 ) . 'S toil leam iad, a thaobh "Art Rock", tha iad a' breabadh toin Franz Ferdinand dhan t-sitig. Ceannacih an clar "Funeral" aca an-diugh fhein.
- Wikipediaby Anonymous on DiC, 12 Dàmh 2005 at 11:42m
'S e leabhar-eolais air loidhne is saor-thoileach a th' anns an wikipedia, tha am fear sa Bheurla gle mhor ach tha fear anns a' Ghaidhlig agus tha e a' sior-fhas.. Bidh daoine a' dol air agus a' cur an eolas air a cheann fhein. Faodaidh tu a sgriobhadh mu chail sambith. Saoilidh mi gum bi mi a' deanamh an leithid san am ri teachd.Seall air aighttp://gd.wikipedia.org
- Iomain agus Ceolby Anonymous on DiC, 12 Dàmh 2005 at 11:30m
Bha aig Cuach na Camanachd mios air ais anns a' Ghearasdan, no Inbhir Lochaidh mar b'fhearr leam a chur air, agus bha deagh gheama eadar Caol Mhaillidh agus An Gearasdan fhein ann. Bhuinnig An Gearasdan 3 gu 2 an aghaidh an nabaidhean bho thairis air a' Chaolas ged a bha an t-side fior diobhalta. Co-dhiu, bha mi cuideachd a' coimhead air an geama eadar-naiseanta leis na h-Eirinnich air Oidhche na Sabaid agus chluich iad "Two Tribes" le Frankie Goes to Hollywood thairis air na tiotalan aig an deireadh. Ach s'e seo a' cheist bho Mhac an Toisich an t-seachdain seo (duilich nach eil mi air a […]
- Deagh Chac!by Anonymous on DiL, 5 Sult 2005 at 12:11f
Bidh fios aig daoine gun gabh 'cac' a chleachdadh 'sa Bheural airson a radh gu bheil rudeigin math, mar eisimpleir, "sin an dearbh chac", no "'s e cac math a tha siud". An gabh an aon rud a dheanamh ann an teanga nan Gaidheal? 'S cintteach gun gabh, rinn mi an dearbh rud an ceartuair.Eisimpleirean de chac mhathDr Dre., The Chronic (lan le gunnaichean, drogaichean, striopaich agus Snoop Dogg)Daibhidh Bowie, Coin nan Daoimeanan (Chan e Roc is Rol a tha seo, 'S e Muirt-sluaigh!)Niall Og, Rocadh san t-Saoghal Shaor (Dathan air an t-Sraid, Dearg, Gorm is Geal)A' chaid chlar aig na Afro Celt […]
- Na Guirm Tuaregby Anonymous on DiS, 27 Lùna 2005 at 2:36f
Tinariwen. Can gu luath e, agus bidh e a' soundadh coltach ri sgire sgreamhail air Ceann Ear-thuath na Sasainn. Ach chan e idir, 'se comhlan-ciuil "Gorm" a th'annta, as an Fhasach Sahara. Fhuair mi eolas air nuair bha mi a' leughadh agallamh le Robert Plant, an seinneadair ann an Led Zep (ged tha fios agam nach bi feum airson seo a dh'innse do chuideigin a bhios a' tadhal an-seo.) 'S e sluagh an fhasaich, a th' anns na Tuaregs (Bidh iad a' nochadh san dan fada le Deors' Mac Iain Deorsa, Mochtar is Dughall). Lorg Plant Tinariwen aig Feis an Fhasich ann an Timbuctu ann an 2002, 's bhon […]
- Co as fhearr leibh, Peadar, Bunnaidh no Bob???by Anonymous on Dih, 26 Lùna 2005 at 8:46m
Ged bha iomadach buill aig a' chomhlan ciuil "Na Wailers" aig an toiseach, thathar ag aontachadh gu mor gur e Peadar Mac an Toisich, Bunnaidh Wailer agus Raibeart Marlaigh a bh 'anns na priomh buill, 's iad a bha anns a' chomhlan nuair a fhuair cliu: Ann an Iamaica sa chiad dol-a-mach, le Lee Perry gan riochdachadh, agus gu eadar-naiseanta, leis na claran, 'Catch a Fire' agus 'Burnin'. Dhealaich iad as deidh seo, air sgath' sgun robh Chris Blackwell, ceannard Chlaran nan Eilean, a' cur cuideam air iomhaigh Bhob mar an Toiseach, rud nach robh a' cordadh ris an Toiseach eile sa chomhlan-ciuil! […]
- uile gu leir 's e breig eile sa bhallaby Anonymous on DiM, 23 Lùna 2005 at 2:12f
Breig eile sa Bhalla (Pairt a Dha)Chan eil feum againn air foghlam.Chan eil feum air smachd-smuain.Gun searbhas dorch san t-seomar-teagaisg.A Thidseir, seachainibh a' chlann udUile gu leir, 's e breig eile sa bhalla.A bheil thu eolach air 'A' Bhalla' le Pink Floyd?'S e clar gu math ioma-fhillte, domhainn is uaireannan dorainn, ach tha oran no dha math air.Am faca tu sibh an ceathrar bodaich aig Live 8? Nach math a rinn iad?
- Uisge Purpaidhby Anonymous on DiM, 23 Lùna 2005 at 10:14m
Howdy, 'illean is nighnean, 's mise Mac an Toisich, is failte romhaibh dhan bhlog agam. Bidh mi ag eadar theangachadh liricean orain an-seo bhon a' Bheurla gu Gaidhlg is cuideachd a' toirt mo bheachdan air orain is claran roc, rap is reggae clasaigeach bho am gu am.An-diughUisge Purpaidh le PrionnsaA bheil an clar seo agaibh? Mura h-eil, carson nacheil. Seo Clar a' Chlair!1.Rachamaid Craicte2.Thoir mi falbh bhuat3.An Fheadhainn Bhreagha4.Coimpiutair Gorm5.Nikki Choir6.Nuair a Chaoineas na Calamain7.Bhasaichinn Dhut8.A Ghraidh, 'S e Rionnag a th'annam9.Uisge Purpaidh'S e clar fior mhath tha […]
- Dè do bheachd?by Anonymous on DiS, 6 Lùna 2005 at 12:14m
Am bu toil leat a bhith sgriobhadh an seo?