- Fèill mheadhan a’ Chargaisby Uaineach on DiL, 30 Faoi 2006 at 11:55f
Bidh na pàistean a’ cruinneachadh a h-uile sgillinn faisg air làimh agus gu dearbh bidh iad a’ cunntadh an airgid fad ‘s a bha iad a’ cur planaichean air dòigh. Chan eil am Màrt fada a-mach a-nis. Thig na làraidhean feasgar la na Sabaid nuair a bhios na h-eaglaisean deiseil agus cuiridh an luchd-obrach a h-uile inneal re chèile aig astar a chuireas iongantach ort. Bidh na clann òga agus a h-uile mac màthar a bhios fhathast òg nan cridheachan a’ toirt sùil mhìneachadh air a’ ghnothaich agus a’ beachdachadh nan anasan ùra. Bidh iad a’ dhèanamh comais eadar na […]
- Taibhsean chòmhradh a-nis glacteby Uaineach on DiS, 28 Faoi 2006 at 2:13m
B’ àbhaist muinntir nam bailtean beaga a bhith a’ ceannaich pàipearan-naidheachd agus suiteas agus tombaca anns a’ bhùth seo mus deach iad dhachaidh. Abair àite ionmhais a bh’ ann dhuinn gu h-àraidh nan robh sinn a’ dhèanamh deiseil a dhol gu Skegness air latha brèagha air choireigin mus do chuir sinn a leithid dragh air an t-sreath ozone. Bha busaichean dearg no busaichean gorm ri fhaighinn. Tha na busaichean gorm fhathast a ruith, ciamar a tha iad a’ cumail orra leis na sealgairean a tha os cionn a’ ghnìomhachas ud sna làithean seo chan eil càil fhios agam. Tha […]
- Bagaichean falamh ach làn naidheachdby Uaineach on Dia, 26 Faoi 2006 at 10:07f
Chunnaic mi biorra-crùidein a’ dol a-mach a shealladh . Cha robh e airson a’ dèanamh màirneal. Cha d’ fhuair mi ach plubraich bheag de na dathan àlainn aige ach bha mi riaraichte leis. Cha robh a leithid de cabhag air na tunnagan (creutairean gu dearbh nan Heinz 57). Cha robh iadsan an-fhoiseil m’ fhaicinn ged nach robh iad faisg air a’ bhruaich. Air taobh thall na h-innis bha trèanaichean a’ giùlain dathan ùra agus an cois feallsanachd ùr. Feallsanachd a bha air a bhreith don t-saoghal leis an abairt, ‘Chan eil dad ris an canar Sòisealtas.’Chum mi orm agus dh’ […]