Plana Dì-charbonachaidh Rathaidean-iarainn na h-Alba ri fhaighinn sa Ghàidhlig #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Dh’aithris mi an seo bho chionn ghoirid gu bheil Còmdhail Alba air plana fhoillseachadh mu dhì-charbonachdadh (decarbonising) lìonra rèile na h-Alba.

Tha am plana àrd-amasach seo ag amas air lìonra rèile na h-Alba a dhì-charbonachadh ro 2035. Thèid cha mhòr a h-uile loidhne ann an Alba a dhealanachadh agus thèid an còrr a ruith le trèanaichean haidridein no bataraidh.

Tha Còmhdhail Alba a-nis air tionndadh Gàidhlig fhoillseachadh den phlana gnìomh. Ma tha ùidh agad ann an rathaidean-iarainn agus Gàidhlig agad, mholainn gun toir thu sùil air!

Agus ma tha thu deidheil air trèanaichean dìosail, mholainn gun tog thu tòrr mòr dealbhan an-dràsta oir bidh iad a cheart cho tearc ri trèanaichean smùid an Alba taobh a-staigh beagan is 10 bliadhna!

Clas 156, Mòrar
Trèana diosail air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar.
Bidh trèanaichean haidridean ann nan àite taobh a-staigh 15 bliadhna

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

It’s electric! A’ dì-charbonachadh rathaidean-iarainn na h-Alba #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha Còmhdhail Alba, buidheann còmhdhail Riaghaltas na h-Alba air fìor dheagh naidheachd fhoillseachadh an t-seachdain seo.

Thèid rathaidean-iarainn na h-Alba a dhì-charbonachadh (decarbonised) ro 2035.

Thèid cha mhòr a h-uile loidhne rèile ann an Alba a dhealanachadh (electrified). Thèid an còrr a ruith le trèanaichean bataraidh no haidridein.

Seo mapa de shuidheachadh an latha an-diugh.

Alba 2020

 

Mar a chithear bhon dealbh, tha a’ mhòr-chuid de na loidhnichean ann am meadhan na h-Alba air an dealanachadh ach chan eil iad a’ dol a tuath air Sruighlea aig an àm seo. Tha 75% de na tursan aig luchd-siubhail an Alba air an dèanamh air trèanaichean dealanach mar-thà ach le planaichean an riaghaltais, bhiodh seo fada na b’ àirde – is dòcha mu 95% uile gu lèir.

Seo mar a bhios an suidheachadh ann an 2035 nuair a bhios an dì-charbochadh deiseil ach nuair a bhios obair dealanachaidh fhathast a’ dol air adhart.

Alba 2035

Agus seo mar a bhios cùisean aig a’ cheann thall ann an 2045.

lionra 2045

Cha tèid na loidhnichean fada dùthchail a dhealanachadh – Loidhne a’ Chaoil, Loidhne a Chinn a Tuath, Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus Loidhne na Sròin Reamhair – ach thèid trèanaichean hydrogen no bataraidh a chleachdadh orra a bhios tòrr nas uaine na diosal salach.

Aon rud a tha inntinneach mun Ghàidhealtachd, ’s e gu bheilear a’ moladh gun tèid an loidhne a dhealanachadh cho fada ri Baile Dhubhthaich.

Tha an riaghaltas an dùil mu 130 km de thrac singilte a dhèalanachadh gach bliadhna gus an tèid an targaid a ruighinn.

Bithear a’ tòiseachadh air obair dealanachaidh le Loidhne Chnoc Màiri agus Loidhne Chille Bhrìde an Ear ann am Mòr-sgìre Ghlaschu.

Alasdair

Cò as a thàinig tiotal a’ phuist-bloga seo? Bhon òran sgoinneil aig Diamond Head – rinn Metallica fìor dheagh chover dheth. Seo bhideo de Metallica agus Diamond Head ga cluich còmhla!

Air m’ ipod: Peter Green’s Fleetwood Mac (RIP Peter Green!)


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico