Tha Loidhne Dartmoor air fosgladh – tha iomairt air tòiseachadh gus a leudachadh dhan Chòrn

Le alasdairmaccaluim

Dh’fhosgail rathad-iarainn ùr ann an Devon Disathairne sa chaidh.⁠⁠
⁠⁠
Seo “Rathad-iarainn Dartmoor” eadar Exeter agus Okehampton ann am Pàirce Nàiseanta Dartmoor. Loidhne a tha 14 mìle a dh’fhaid.⁠⁠
⁠⁠
Chaidh an loidhne a dhùnadh do luchd-siubhail bho chionn cha mhòr 50 bliadhna ach lean seirbheisean bathair gu na 2010an agus bha rathad-iarainn glèidhichte air pàirt den t-slighe cuideachd bho 1997 air adhart.

Bha a’ chomhairle ionadail agus ùghdarras na Pàirce Nàiseanta fada den bheachd gum bu chòir dhan loidhne ath-fhosgladh air adhbharan àrainneachdail agus eaconomach le cho dona ’s a tha an trafaig anns a’ Phàirce Nàiseanta agus mu dheireadh fhuair iad maoineachadh tro iomairt “Reversing Beeching” aig Riaghaltas na RA.

Chaidh an trac agus am bun-structar air fad ùrachadh agus tha an loidhne a cheart cho spaideil ‘s a bha i nuair a dh’fhosgail i an toiseach bho chionn 150 bliadhna.
⁠⁠
Bidh an stèisean ùr gu math goireasach ma tha thu air ùr thighinn a-mach à Broadmoor no ma tha thu a’ teicheadh bho Chù nam Baskerville! Bidh e feumail cuideachd ma tha thu dìreach a’ dol dhan Phàirc Nàiseanta – ach chan eil sin buileach cho inntinneach….
⁠⁠
Bha an loidhne seo mar phàirt de loidhne na b’ fhaide uair – a’ dol cho fada ri Bude air costa a tuath na Cùirne.

An t-seann loidhne eadar Okehampton agus Bude

Tha iomairt a’ dol air adhart gus an loidhne a thoirt air ais fad na slighe gu Bude leis a’ bhuidhinn Connect Bude. Gur math a thèid leotha.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Trèanaichean san taghadh!

Le alasdairmaccaluim

Chan fhada gus am bi taghadh Pàrlamaid na h-Alba ann agus tha manifestothan nam pàrtaidhean uile air tighinn a-mach.

Dè tha iad ag ràdh mu rathaidean-iarainn?

Tòrr, feumar a ràdh! Agus eu-choltach ri ceistean connspaideach mar am bunreachd, tha e coltach gu bheil tòrr aonta ann eadar na prìomh phàrtaidhean.

Seo na pìosan bho na manifestothan uile (anns an òrdugh anns an tàinig iad a-mach). Tha ùidh shònraichte agam ann am fosglaidhean/ath-fhosglaidhean rèile agus tha mi air na pìosan a chur ann gu sònraichtemu rathaidean-iarainn ùra.

Am Pàrtaidh Uaine

Seo ceangail ri Rail For All. Tha an aithisg a’ moladh tòrr ath-fhosglaidhean rèile.

An SNP

Liberalaich Dheamocratach na h-Alba

Tòraidhean na h-Alba

Prìomh Mhainifesto nan Tòraidhean
Mini-manifesto nan Tòraidhean airson Ear-thuath na h-Alba

Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

Alba

Cha b’ urrainn dhomh iomradh sam bith a lorg air rathaidean-iarainn ann am manifesto Pàrtaidh Alba.

A rèir coltais, tha co-aonta ann gu bheil feum air rathaidean-iarainn ùra, a’ gabhail a-steach rathaidean-iarainn ùra ann an sgìrean dùthchail. Tha leudachadh Loidhne a’ Waverley gu Hawick agus Carlisle air ainmeachadh gu tric gu sònraichte.

Ged nach robh rùm gu leòr gus a h-uile rud bho na manifestothan mu dheidhinn còmhdhail a chur an seo, tha tòrr annta cuideachd mu shiostam thiocaidean nas fheàrr a bhios freagarrach airson dìofar mhodhan còmhdhail.

Chì sinn dè thachras san taghadh, ach ge b’ e cò a bhuannaicheas, tha e coltach gum bi rathaidean-iarainn ùra againn! Nach math sin.

Dè an rathad-iarainn ùr a b’ fheàrr leat fhaicinn an Alba? Waverley Route? Cill Rìmhinn? Ceann Phàdraig/Baile nam Frisealach? Allmhaigh-Dùn Phàrlain? Crois-rèile Ghlaschu? South-sub Dhùn Èideann? Eile? Leig fios gu h-ìosal!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Ath-bheothachadh ann an Àfard? #gaidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha iomairt a’ dol air adhart aig an àm seo gus Rathad-iarainn Srath Àfard (Alford Valley Railway) ann an Siorrachd Obar Dheathain ath-fhosgladh.

’S e rathad-iarainn caol-ghèidse a tha seo a tha a’ ruith bho sheann stèisean a’ bhaile tro raon goilf a-steach gu pàirc.

Stèisean Àfard, 2011

Tha an loidhne, a tha mu mhìle a dh’fhaidte, a’ tòiseachadh ann an stèisean a’ bhaile ach, an àite a bhith a’ dol air làrach na seann loidhne a dhùin ann an 1965, tha i air slighe gu tur ùr.

Dh’fhosgail an rathad-iarainn ann na 1980 agus thadhail mi air aon turas air ais ann 2011. ‘S e loidhne àlainn a th’ ann le seallaidhean brèagha agus tha i ri taobh Taigh-tasgaidh Còmhdhail Roinn a’ Mhonaidh cuideachd.

Nuair a chaidh mi ann, ge-tà, bha an loidhne ann an droch staid le lusan a’ fàs tron trac agus bha e follaiseach gun robh beagan TLC a dhìth air an loidhne. Smaoinich mi aig an àm gur dòcha nach maireadh an loidhne ro fhada – agus cha robh mi fada ceàrr oir dhùin i ann an 2017.

Gu fòrtanach, tha companaidh coimhearsnachd air an loidhne a ghabhail thairis agus tha iad air iomairt maoineachadh sluaigh a chur air bhog gus an stèisean a sgeadachadh. Gur math a thèid leotha!

Seo bhidio a thog mi den loidhne air ais ann an 2011

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Seanadh Gnàth-shìde na h-Alba – iomairt bheag

Le alasdairmaccaluim

Chaidh Seanadh Gnàth-shìde na h-Alba a chur air dòigh tro Achd Atharrachadh na Gnàth-thìde (Targaidean airson Sgaoilidhean a Lùghdachadh) (Alba) 2019. ‘S e a th’ ann ach seanadh de shaoranaich a bhios a’ cnuasachadh air gnothaichean mun àrainneachd agus a’ toirt mholaidhean do Phàrlamaid na h-Alba.

Scotland's Climate Assembly Logo

Tha co-chomhairle a’ dol air adhart an-dràsta, a’ sìreadh bheachdan a thèid a thoirt dhan t-Seanadh.

Tha a’ cho-chomhairle a’ tighinn gu crìch 26/10/20.

Tha còmhdhail na pàirt chudromach de bhith a’ lùghdachadh sgaoilidhean càrboin. Air an adhbhar seo, tha mi air beachd a chur air ais dhan cho-chomhairle a thaobh rathaidean-iarainn.

Seo e:

Prògram de dh’fhosglaidhean/ath-fhosglaidhean reile

Clas 170, Luacharas – thathar an dùil gum bi seirbheisean a’ dol gu Cill Rìmhinn bho seo latha de na làithean

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh tòrr an-dràsta gus rathaidean-iarainn a dhì-charbonachadh ach tha an t-àm ann a bhith a’ cur ri sin le prògram leantainneach (’rolling programme’) de rathaidean-iarainn ùra is ath-fhosgailte. 

Bu chòir na loidhnichean a leanas a bhith air a’ phrògram, mar eisimpleir:

Loidhne Chill Rìmhinn

South Sub Dhùn Èideann

Slighe a’ Waverley bho Bhruach Thuaidh- Carlisle

– Obar Dheathain- Eilean (Ellon) – Ceann Phàdraig / Baile nam Frisealach

– Crois-rèile Ghlaschu 

– Almhagh-Dùn Phàrlain

– An Eaglais Bhreac – Inbhir Ghrainnse

– Ceangal rèile gu Port Adhair Ghlaschu

– Siostam thramaichean do Ghlaschu

Why the contribution is important

– Tha prògram leantainneach de rathaidean-iarainn ùra/ath-fhosgailte cudromach gus còmhdhail phoblach a bhrosnachadh agus gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh. 

– Tha e cudromach gum bi lìonra rèile ann a tha a’ ceangail na dùthcha ri chèile agus a’ brosnachadh gluasad bho chàraichean gu còmhdhail phoblach.

– Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil rathaidean-iarainn nas èifeachdaiche gus gluasad a bhrosnachadh bho chàraichean gu còmhdhail phoblach na busaichean.

– Tha àiteachan ann an Alba far nach eil deagh cheanglaichean ann le còmhdhail phoblach – m.e Ear-thuath na h-Alba agus Glaschu/taobh an iar na h-Alba – Fìobh, na Crìochan gu Carlisle agus cha ghabh na beàrnan seo a lìonadh ach le rèile. 

Aig an àm seo, tha iomairtean gus rathaidean-iarainn ath-fhosgladh a’ toirt bhliadhnaichean mòra is obair ro-mhòr. Tha aig coimhearsnachdan, buidhnean iomairt is Comhairlean ri iomairtean fada duilich a dhèanamh mus bi adhartas sam bith ann. An àite seo, bu chòir prògram a bhith ann aig an ìre nàiseanta far am bi an Riaghaltas a’ gabhail an uallaich os làimh airson a bhith a’ brosnachadh is a’ planadh rathaidean-iarainn ùra agus bu chòir prògram leantainneach (’rolling programme’) a bhith ann.

Tha an riaghaltas ag amas air mu 125 mìle a de rathaidean-iarainn a dhealanachadh gach bliadhna. Bu chòir targaid a bhith ann airson mìltean de rathaidean-iarainn a thèid fhosgladh gach bliadhna, can 10 mìle gach bliadhna.

Stèisesan Mhaolros – cuine a thilleas na trèanaichean?

Ma tha thu ag aontachadh ris a’ mholadh, bhiodh e glan nam b’ urrainn dhut a dhol dhan cheangail seo, clàradh air an làraich agus bhòtadh air seo no beachd no dhà fhàgail.

Tha tòrr mholaidhean eile ann air a h-uile cuspair co-cheangailte ris a’ ghnàth-shìde – na bi leisg do chuid bheachdan a chur a-steach – sa Ghàidhlig!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Tha an eala bhàn a’ dol fodha! Turas gu Inbhir Garadh #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi air a’ chiad “safari-rèile” agam bhon Mhàrt bho chionn goirid.

Bha e math faighinn a-mach à Glaschu agus sgrìob a ghabhail dhan Ghàidhealtachd gu fear de na rathaidean-iarainn glèidhte as ùire ann an Alba: Rathad-iarainn Inbhir Garadh agus Chille Chuimein.

Inbhir Garadh

Tha mi gu math deidheil air Rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimin. Cha robh an rathad-iarainn seo riamh uamhasach soirbheachchail – dh’fhosgail e ann an 1903 agus thàinig seirbheisean do luchd-siubhail gu crìch ann an 1933 agus dhùin an loidhne ann an 1947 mus robh sgeul air an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul).

Ged nach robh beatha uamhasach fada no soirbheachail aig an loidhne, thathar ag ath-bheothachadh pàirt dhìth do luchd-turais ann an Stèisean Inbhir Garadh. Cha chuireadh e iongnadh sam bith orm nan cleachdadh barrachd dhaoine an rathad-iarainn ath-fhosgailte beag san latha an-diugh na chleachd i nuair a bha i fosgailte fad na slighe bho Dhrochaid an Aonachain gu Cille Chuimein.



Chaidh mi air turas dhan loidhne trì bliadhna air ais agus tha tòrr air atharrachadh bho bha mi ann mu dheireadh. Bha trac ri taobh àrd-ùrlar an stèisean ach tha e a-nis a’ dol nas fhaide gu tuath. Tha bothan beag le fiosrachadh mun loidhne le dealbhan agus rudan eachdraidheil. Tha bogsa-siognail air an àrd-ùrlar a-nis cuideachd agus thathar a’ deisealachadh gus barrachd trac a chur sìos cuideachd mar a chithear gu h-ìosal.


Bha an trèana a’ ruith cuideachd. Cha robh e ceadaichte a dhol air mar thoradh air a’ Chorònabhìoras ach bha an loco a’ ruith suas agus sìos an trac agus seo bhidio bheag a rinn mi.

Tha bhana-brèige (brake van) gu bhith a’ tighinn dhan rathad-iarainn air a’ mhìos seo cuideachd agus bi cothrom aig daoine turas trèana fhaighinn ann.

Chaidh mi air cuairt air làrach na seann loidhne às dèidh dhomh an trèana fhaicinn oir tuath air stèisean Inbhir Garadh, tha Slighe Baidsagal Nàiseanta 78 agus Slighe a’ Ghlinne Mhòir air làrach na seann loidhne.

Choisich mi mu thrì mìle air an t-slighe is chunnaic mi deagh sheallaidhean de Loch Omhaich.

Am measg rudan eile, chunnaic mi caisteal Inbhir Garadh agus bàta a bha air a dhol fodha! Fhuair mi a-mach às dèidh làimh gur e seo an Eala Bhàn a chaidh fodha còrr is 10 bliadhna air ais.

Às dèidh dhomh coiseachd air ais dhan stèisean, rinn mi air Cille Chuimein sa chàr gus faicinn an robh rud sam bith air fhàgail den rathad-iarainn. Lorg mi drochaid abhainn Omhaich a bha uair a’ giùlan na loidhne eadar stèisean Chille Chuimein agus stèisean Cidhe Chille Chuimein ri taobh Loch Nis.


An uair sin, bha an t-àm ann a dhràibheadh dhachaigh. Tha mi gu math eòlach air an A82 oir bha mi nam oileanach aig SMO anns na 1990an. Aig an àm sin, ’s e glè bheag de Ghàidhlig a bha air na soidhnichean eadar Glaschu is an t-Eilean Sgitheanach. A’ dràibheadh dhachaigh, ag èisteachd ri roc is blues àrd, agus ag òl cofaidh làidir thug e misneachd dhomh gu bheil an uiread de Ghàidhlig a-nis ri fhaicinn air na soidhnichean rathaid.

Alasdair

Ag èisteachd ri: Peter Green’s Fleetwood Mac* Fleetwood Mac (1968). Sin agad roc blueseach!

*Nuair is e còmhlan blues a bh’ annta seach còmhlan pop caiseach a rinn cuid den cheòl a bu bhoring den 20mh linn!!


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico