- Turas gu Sydneyby Seonaidh on DiC, 28 Dùbh 2005 at 2:47f
Chaidh sinn le itealan gu Sydney air son laithean saora Nollaige am bliadhna. Bha sinn a' fuireach anns an fho-bhaile Ultimo direach faisg air Baile Sineach agus na Féiltean aig Padruig. Bha torr taigh-bidhean ri laimh agus bha móran ann ri fhaicinn, ri ceannach is ri dèanamh an siud is aig Taobh na h-Acarsaid (ann an Laimrig Feudaile), aig Na Creagan, aig a' Bhaile Mhór fhéin agus aig Taigh an Drama Liriceach. Shiubhail sinn air an Aon Réile agus rinn mi beagan streap creagan (rud eagalach a dhèanamh) a measg iomadh eile. Feuchaidh mi dealbhan a nochdadh dhuibh (ma is urrainn dhomh). […]
- Gaidhlig ri cluinntinnby Seonaidh on DiL, 5 Dùbh 2005 at 6:08m
Carson nach tionail sinn ri cheile ann an aon aite air neo ann an iomadh aiteachan gu dearbh liosta de larach-lin far an urrainn dhut a' Ghaidhlig a chluinntinn?Agus caite anns an t-saoghal am faigh thu programan Gaidhlig? Bu choir dha cuid a bhith ann...Uill tha fios ann mu dheidhinn Reidio Nan Gaidheil. Ach ged a shiubhalas mi troimh Alba bho am gu am cha chluinninn moran Gaidhlig eadhan air tuinn nan adhair is eadhan air an tricead ceart. Chan 'eil iad a' craoladh 'sa Ghaidhlig lan-thide eadhan air an eadar-lin ann an Alba fhein.Tha mise ga craobh-sgaoileadh aig 92.3 fm ann am Melbourne […]
- Mo Dhana Teachdaireachdby Seonaidh on DiL, 5 Dùbh 2005 at 6:03m
Foillsicheadh Mo DheilbheCha robh e furasda idir, ach mu dheireadh thall, fhuair mi mo rathad timcheall gus an d'rinn mi an gnothach. Mar sin, b'urrainn dhuibh m'fhaicinn.Feuchaidh mi nas motha nithean annasach a dheanamh leis an larach lin seo.
- Mo chiad teagaireachdby Seonaidh on DiL, 5 Dùbh 2005 at 5:01m
Ciamar a tha sibh?Tha mi ag iarraidh a bhruidhinn 'sa Ghaidhlig a mhain air an leabhar-lin seo.'S a bharrachd air sin, 's dorcha nach bi stracan ann mo sgriobhainnean.'S dorcha gum bi mearachdan litrichidh ann ta cuideachd.Ma bhitheas, an gabh sibh mo leisgeul!Bithidh mi a' cur nas moth suas bho am gu am.Ach beannachd leibh an drasda.Seonaidh