An Gaidheal Alascanach

  • Strì nam Poblachdach
    by tearlach61 on DiC, 24 Gearr 2016 at 6:32m

    Tha co-labhairt nam Poblachadh ann an Nevada dìreach air tighinn gu crìoch 's tha coltas ann gur e Trump a bhuanaich a' chuid as motha. Ged a tha iad fhathst a'cunntadh ann an Nevada, tha coltas ann gun do bhuannaich an 42% cuid de na bhotaidhean 's gum faigh e 14 riochdairean de na 30 a bha ri fhaighinn ann an Nevada. Gu ruige seo, tha Trump air 80 riochdairean bhuanachadh. Aig a'cheart àm tha an càch air 52 riochdairean bhuanachadh. Tha Trump fad air thoiseach gu h-àraidh air sgàth gun do bhuannaich e a' cuid gu lèir de na 50 riochdairean as a'Charolina a Deas. Ged a tha a […]

  • Stad leis a' Phoileas 's Gunna Agam
    by tearlach61 on Dih, 18 Sult 2015 at 4:01m

    Chuir am Poileas stad orm a-raoir.  Bha solas thoiseach a'chàir agam briste.   Rud eile: bha gunna-làimhe agam fo chleith.  Ann an Alasga, chan ann an aghaidh an lagh a tha seo.  Ach nuair a th' agad ri còmhradh a dhèanamh leis a' phoileas, feumaidh tu innse dha sa bhad gu bheil gunna-làimhe agad.  Mura innse, bhiodh tu ann an trioblaid. Mar sin, nuair  thòisich e ri bruidhinn rium chuir mise stad airsan 's thuirt mi gun b' fheudar dhomh innse dha gu robh mi airmaichte.  Saoilidh mi gun do ghabh e iongnadh rud beag.  "Taing mhòr airson sin innse dhomh" thuirt e.  Thòisich […]

  • Chiad Bhideo de sreath ùr air cuspair gunnaichean
    by tearlach61 on DiM, 25 Màrt 2014 at 4:44m

    http://youtu.be/m_66QKX7FF0 Tha mi a'cur sreath ùr de bhideothan air loidhne. 'S ann air cuspair gunnaichean a tha iad. Chan ann airson a bhith connspaideach a tha mi a'deanamh sin ach air sgàth gur e cuspair anns a bheil ùidh mhòr agamsa 's ma tha ùidh mhòr agamsa ann an rudeigin 's mathaid gun deanainn bhideo nas inntinniche m'a dhèidhinn. 'S e cuspair mòr 's farsaing 's ioma-fhillte a th'ann an gunnaichean 's 's iomadh bhideothan a ghabhas ri dhèanamh orra. San àite far a bheil mi fhìn a'fuireachd chan e cuspair connspaideach idir a th'ann ach cuspair làitheal d'ar beatha. […]

  • Latha Breagha Sgì
    by tearlach61 on DiD, 2 Màrt 2014 at 7:36m

    Rinn mi bhideo dhen turais a rinn mi dhan aonad sgì Eaglecrest ann an Juneau Alaska. 'S e latha uabhasach breagha a bh'ann. Seo am bhideo:http://youtu.be/_sMHbSwk504

  • Gunnaichean: m'eachdraidh phearsanta 's Gunnaichean.
    by tearlach61 on DiL, 25 Màrt 2013 at 6:21m

    Bha mi mothachail co-dhiù gu robh beàrn mòr ann eadar sinne sna Stàitean Aonaichte 's an fheadhainn a tha a'fuireachd sa Roinn Eòrpa ri thaobh gunnaichean. Ach thàinig seo a-steach orm gu soilleir 's gu pearsanta bho chionn ghoirid nuair a dh'fhàg cuideigin mi mar charaid Facebook, cuideigin a b'aithne dhomh o chionn suas ri deich bliadhna. Thuirt i gu robh gunnaichean cus am foillis air an làrach FB agam. Dh'innse mi mun a thachair do thriùir a bhios ag obair còmhla rium 's b'e seo cùis-iongnaidh mhòr dhaibh. Feumaidh gu bheil an sgaireadh nas motha na bha mi a'smaoineachadh. […]

  • Adhbharan chall Romney
    by tearlach61 on DiL, 12 Samh 2012 at 12:25m

    Aon rud as cinnteach, 's e taghadh a b'fheudar do Obama a chall. Bha an eaconomaidh chi duilich 's bha am mòr-shluagh chi mi-thoilichte le Obama shaoileadh tu nach robh dòigh sam bith gun chàilleadh na Republicans an taghadh seo. Ach chàill agus 's iad na Poblachdaich fhèin as coireach!S chiad a'dol a-mach chan eil mi ag aontachadh idir leis a'bheachd gur e fìor 'right wing' a th'ann an Romney. Chuimhnich gun deach Romney a thaghadh mar riaghladair ann am Massechusets, stàit nas libralaich sa th'againn sna S.A.! Fad ùine mhòr ag àm nan bu-tafhaidhean, cha d'fhuair Romney na bu […]

  • An gabh Romney buannachadh as aonais Ohio?
    by tearlach61 on DiL, 29 Dàmh 2012 at 3:28m

    An t-seachdain sa chaidh, sgrìobh mi mu mar a tha làmh an uachdar aig Mitt Romney ged a tha na cunntais-bheachd a'cantainn gu bheil Romney agus Obama gu math faisg air a'chèile. Ach chan eil sin ach pàirt dhen sgeul. Chan ann a-rèir bhotaidhean an t-sluaigh de na Stàitean Aonaichte a thèid Romney neo Obama a thaghadh ach a-rèir bhotaidhean-taghaidh (neo electoral votes ann am Beurla). Ged a tha còrr 's 300 million duine a tha a'fuireach anns na Stàitean Aonaichte 's ged a thèid còrr 's 100 million duine ri bhotadh, chan eil ach 538 bhotaidhean-taghaidh airson Cheann-suidhe. […]

  • Ceist mu ghunnaichean
    by tearlach61 on Dih, 26 Dàmh 2012 at 10:12f

    Corra mìosan air ais, sgriobh mi mu mar cho furasta sa tha e a bhith siubhail air itealan le gunna. Chan eil mi a'ciallachadh le gunna nad làmhan ach le gunna nad cheasaichean gus am bith e agad an àite far a bheil thu a'dol. Sgrìobh dithis ceistean thugam mu dheidhinn sin beagan ùine as dèidh sin 's chan fhaca mi iad ach corra làithean air ais. Seo na ceistean a sgrìobh iad: "Chan eil mi buileach cinnteach gu bheil mi a' tuigsinn carson a bhiodh feum aig daoine air gunna gan dìon...Dè seòrsa cunnartan a bhiodh aig bannais? Gad dhìon bho dè sèorsa olc eile?...Nach biodh […]

  • Stait na Rèis sna Stàitean Aonaichte
    by tearlach61 on Dia, 25 Dàmh 2012 at 4:59m

    Tha latha an taghaidh sna S.A. nas liugha na dhà sheachdainn air falbh 's tha an rèis gu math dlùth a-nis. Tha làrach-linn ann, Realclearpolitics (RCP), a bhios a'deanamh meadhan de na cunntais-bheachd mu dheireadh air agus tha iadsan ag ràdh a-nis gu bheil Romney 0.6 air thoiseach air Obama sna mheadhan aca as dèidh dhaibh a bhith co-ionnan thar an deireadh sheachdainn.Fad mòran seachdainnean gu ruige toiseach an Dàmhair bha Obama daonnan eadar trì 's sia puingean air thoiseach air Romney. Gus an do rinn iad a'chiad deasbad ge-ta. Bha Obama fìor dhuilich san deasbad seo 's air […]

  • A'toirt Gunna air bòrd Itealan
    by tearlach61 on Dia, 31 Cèit 2012 at 2:59f

    S iongnantach mar cho furasda sa tha e gunna a thoirt air bòrd itealan sna Stàitean Aonaichte, gu laghail tha mi a'ciallachadh!Tha mi a'siubhail cuide ris an teaghlach agam an-diugh. Tha sinn a'dol a Kodiak far am bi bainis ann. As dèidh sin, bith sinn ann an Anchorage fad seachdain. Shaoil mi gum biodh e math nan robh gunna agam fhad sa tha sinn a'siubhail. S e daonnan a'cheist a tha fa-near dhimh nuair a shiubhaileas mi, 's e ciamar a bheireas mi díon. Agus mar as trice, ma ghabhas sin a dhèanamh gu laghail, 's e gunna a thaghas mi.Airson siubhail air itealan, feumaidh an gunna a […]

  • Buaidh Ghingrich ann an Carolina a Deas
    by tearlach61 on DiL, 23 Faoi 2012 at 4:19m

    'S e buaidh chudthromach a bhuannaich Gingrich ann an Carolina a Deas diSathairne sa chaidh. O chionn seachdainn bha Romney a-reir coltais mar tha air dhà bun-taghadh bhuannachadh 's bha e air thoiseach air chàich ann an Carolina a Deas. Bha a h-uile dùil ann gum buannaicheadh e ann an Carolina a Deas 's bhiodh e an íre mhath cinnteach bhuanachadh mar thagraiche nam Poblachdach.Ach chaidh an suidheachadh seo thilgeil bun os cionn buileach. Chan eil buaidh Romney a-nis cinnteach idir. Dè a thachair?Uill, sa chiad dol-a-mach, thachair dhà dheasad thar an t-seachdain sa chaidh ann do […]

  • Herman Cain: 'S esan an Duine!
    by tearlach61 on DiL, 3 Dàmh 2011 at 8:30f

    Ghabh mi buidheachas mòr nuair a bhuanaich Herman Cain am Florida Straw Poll an t-seachain sa chaidh.'S mathaid gur ann an Cèitean neo an Ògmhíos nuair a thug mi fa-near dha airson a' chiad uair. Rinn caraid iomradh dhomh mu dheidhinn. An toiseach, feumaidh mi aideachadh, cha robh mi cho cinnteach. Ach mar a bu mhotha a dh'èist mi ris, b'ann na b'fheàrr a bha e nam bheachd-sa. Shaoil mi gu robh fíor-thuigse aige air cùisean co-ceangailte ris an eaconomaidh. 'S e fear-ghnothaich a th'ann. Dha uair ghabh e stiùir air companaidh a bha an iompaidh dhol fodha 's shabhail e e.'S e […]

  • Fianais as ùire mu rùn Sarah Palin
    by tearlach61 on DiL, 5 Sult 2011 at 4:39m

    Líbhrich Sarah Palin òraid DiSarthaine a tha a'togail ceistean as ùr feuch an tèid i fhèin a-steach san iomairt airson ceann-suidhe. Ged nach eil i a' dearbhadh neo a'dol às àidhchedh an tèid neo nach tèid i an tòir gu bhith na ceann-suidhe, bha fianais gu leòr san òraid aice a leigeadh crèidinn gu bheil rùn aice leum a-steach san iomairt.Sa chiad dol a-mach, thabhainn i plana eaconomaigeach. Carson a dheanadh i sin mura robh rùn aice leum a-steach dhan rèis? Am measg sna tha i a'moladh: cuir as do Obama Care 's riaghailtean eile a tha a'tachdadh an eaconomaidh. Tha i a' […]

  • Òraid Obama mu Àirdeachadh Fiachan
    by tearlach61 on DiM, 26 Iuch 2011 at 4:14m

    Lìbhrich Obama òraid mud rèiteachadh a tha dol mu àirdeachadh ìre fiachan. Bho thus gu h-èis, 's e òraid iomairt an taghaidh a bh’ann. Bha e a’droch-chàineadh nam Poblachdach. ‘S iadsan as coireach. Agus Bush cuideachd. Dh’iarr air muinntir na Dùthcha fòn a chur do na Riochdairean Poblachdach an Taigh nan Riochdairean. Bho thoiseach, ‘s ann o bhun-bharailean soisealach tha e air a bhith dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo. Rinn e iomradh air “millionaires 's billionaires” ‘s an uair sin bha e a-mach air àirdeachadh cìsean air an fheadhain a bhuanaicheas […]

  • Beachd-Smuaintean mun t-Suidheachadh Àirdeachadh Ìre Fiachan
    by tearlach61 on DiD, 24 Iuch 2011 at 11:50f

    Carson gur ann le Obama seachd Taigh nan Riochdairean a bu chòir làmh an uachdar bhith ann an-dràsda. Shaoileadh tu gur e seo a'bhun-bharail a th'aig a'mhòr sna meadhanan. 'S esan a tha na Cheann-suidhe, faodaidh e mar a thogras e. Uill, chan eil Dictators againn ann an Ameiregaidh. 'S chan e cumhachd iomlan a th'aige fo bhun-reachd 's tha iomallan ann do a chuid chumhachd gu h-àraidh ri thaobh cùisean ionmhais, 'S ann leis a'Chongail a tha a'chumhachd seo.'S mar sin, bha e gu tur neo-iomchaidh ordughan a thoirt do cheannardan a'Chongail gus nochd iad fhèin an Taigh Geall. 'S e […]

  • Desbaid mu Àirdeachadh Ìre Fhèich
    by tearlach61 on DiL, 11 Iuch 2011 at 1:57f

    Tha mi air a bhith dlùth-leantainn an deasbaid mu àirdeachadh ìre fhèich sna Stàitean Aonaichte.Gu ruige deireadh an linn George Bush, 's e mu $400 billion dollar an ìre as àirde nan easbhaidhean bliadhnail sna S.A. agus aig an àm sin bha tòrr gearainean mu cho àrd sa bha sin. Ach bhon uair sin, chaidh na h-easbhaidhean nam meud gu mòr 's iad a'ruith eadar $1 agus $1.7 trillion dollar gach bliadhna. Bho thoiseach linn Obama, tha an ìre fhèich air riaghaltas nan Stàitean Aonaichte air a dhol an àrd bho mu $10 trillion dollar gu seachad air $14 trillion agus air rèir figearan […]

  • Post Title
    by tearlach61 on DiM, 7 Ògmh 2011 at 4:32m

    Thar an t-seachdainn sa chaidh seachad tha Sarah Palin air a bhith dol timcheall ceann an ear nan Stàitean Aonaichte ann an cuairt bus ach an ceist a th’ann ‘s e: a bheil i san rèis airson a bith na ceann-suidhe?Thòisich i ann an Washington bho chionn còrr ‘s seachdain nuair a nochd i gun rabhadh air cùl motair-bhaighsaigeal aig tachartas cuimhneachaidh do shaighdearan a bhàsaich sna cogaidhean. Bhon uair sin tha i air a bhith nochdadh ann siud ‘s an seo suas ‘s sìos costa sear nan Stàitean Aonaichte.Ma ‘s e gu bheil i san rèis, gu ruige seo, tha i air diùltadh ri […]

  • Cùisean a'tighinn gu teann ann an Washington Cead-iasaid
    by tearlach61 on DiM, 17 Cèit 2011 at 4:38m

    Tha an deasbad mu easbhaidhean sna S.A. a’tighinn gu teann a-nis. A’mhìos sa chaidh, bha èigheachdan mòra mu gearraidhean beaga nuair chuir na Poblachdaich an gnìomh a’ bhliadhna ionmhais a thòisich an-uiridh. $35 billion de ghearraidhean à buidseat de chòrr ‘s $3.5 trillion dollar.Tha an deasbad air tionndaidh a-nis gu àrdachadh cead iasaid. Tha an riaghaltas a’dlùthachadh ri crìoch iasaid agus tha Rùnaire Iomhais Timothy Geithner ag iarradh cead a bharrachd airson $2T dollar. Tha an riaghaltas mar tha a’buntainn ris a’chrìoch iasaid ach le bhith cleachdadh […]

  • Dè a Bhiodh Churchill air Dhèanamh?
    by tearlach61 on DiL, 16 Cèit 2011 at 1:57m

    Am measg cuid a thèid dhan eaglais sna Stàitean Aonaichte, tha ceist ann a chluinnear bho àm gu àm: What would Jesus do? (Dè a dhèanadh Ìosa?). Agus fhad sa bha Obama a'dol thall 's a-bhos a'leigeil iollach àrd air sàilleamh bàs Osama ben Laden, thàinig ceist caran coltach rin sin dom ínntinn: Dè a bhiodh Churchill air dhèanamh na àite?Uill, sa chiad a'dol a-mach, bhiodh Churchill air fheitheamh bliadhna co-dhiù mus leigeadh e innse gu robh fiù 's aige gu robh OBL air mharbhadh. 'S e cnap mhòr de dh'fhiosrachadh a chruinnich iad ri chèile mu mar a tha Al Qaeda ag […]

  • Bàs Osama agus Dè a rinn Obama dhan chùis
    by tearlach61 on DiM, 3 Cèit 2011 at 1:51f

    'S e fìor deagh naidheachd a tha seo gun d'fhuair Osama ben Laden bàs, gun deach e a mharbhadh.'S mathaid gur e rud nàdarach a th'ann, ach chuala mi mar tha dà uair, a ghabhail a-steach air Aithris na Maidne, gun do shoirbhich le Obama ann an seadh nach do shoirbhich le Bush. Obama 1, Bush 0. Dhomhsa 's e sealladh caran sìmplidh a tha seo. Cuimhnich gur e nàdar de bhratach a th'ann an ceann-suidhe, 's e glè bheag a nì cinn-suidhe fhèin, ach bith tòrr a'tachairt fo'n bhratach aca. An ceist a th'agamsa, 's e cò iad na co-dhùnaidhean a rinn Obama a dh'adhbhraich gun do shoirbhich […]