Seanadh Gnàth-shìde na h-Alba – iomairt bheag

Le alasdairmaccaluim

Chaidh Seanadh Gnàth-shìde na h-Alba a chur air dòigh tro Achd Atharrachadh na Gnàth-thìde (Targaidean airson Sgaoilidhean a Lùghdachadh) (Alba) 2019. ‘S e a th’ ann ach seanadh de shaoranaich a bhios a’ cnuasachadh air gnothaichean mun àrainneachd agus a’ toirt mholaidhean do Phàrlamaid na h-Alba.

Scotland's Climate Assembly Logo

Tha co-chomhairle a’ dol air adhart an-dràsta, a’ sìreadh bheachdan a thèid a thoirt dhan t-Seanadh.

Tha a’ cho-chomhairle a’ tighinn gu crìch 26/10/20.

Tha còmhdhail na pàirt chudromach de bhith a’ lùghdachadh sgaoilidhean càrboin. Air an adhbhar seo, tha mi air beachd a chur air ais dhan cho-chomhairle a thaobh rathaidean-iarainn.

Seo e:

Prògram de dh’fhosglaidhean/ath-fhosglaidhean reile

Clas 170, Luacharas – thathar an dùil gum bi seirbheisean a’ dol gu Cill Rìmhinn bho seo latha de na làithean

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh tòrr an-dràsta gus rathaidean-iarainn a dhì-charbonachadh ach tha an t-àm ann a bhith a’ cur ri sin le prògram leantainneach (’rolling programme’) de rathaidean-iarainn ùra is ath-fhosgailte. 

Bu chòir na loidhnichean a leanas a bhith air a’ phrògram, mar eisimpleir:

Loidhne Chill Rìmhinn

South Sub Dhùn Èideann

Slighe a’ Waverley bho Bhruach Thuaidh- Carlisle

– Obar Dheathain- Eilean (Ellon) – Ceann Phàdraig / Baile nam Frisealach

– Crois-rèile Ghlaschu 

– Almhagh-Dùn Phàrlain

– An Eaglais Bhreac – Inbhir Ghrainnse

– Ceangal rèile gu Port Adhair Ghlaschu

– Siostam thramaichean do Ghlaschu

Why the contribution is important

– Tha prògram leantainneach de rathaidean-iarainn ùra/ath-fhosgailte cudromach gus còmhdhail phoblach a bhrosnachadh agus gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh. 

– Tha e cudromach gum bi lìonra rèile ann a tha a’ ceangail na dùthcha ri chèile agus a’ brosnachadh gluasad bho chàraichean gu còmhdhail phoblach.

– Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil rathaidean-iarainn nas èifeachdaiche gus gluasad a bhrosnachadh bho chàraichean gu còmhdhail phoblach na busaichean.

– Tha àiteachan ann an Alba far nach eil deagh cheanglaichean ann le còmhdhail phoblach – m.e Ear-thuath na h-Alba agus Glaschu/taobh an iar na h-Alba – Fìobh, na Crìochan gu Carlisle agus cha ghabh na beàrnan seo a lìonadh ach le rèile. 

Aig an àm seo, tha iomairtean gus rathaidean-iarainn ath-fhosgladh a’ toirt bhliadhnaichean mòra is obair ro-mhòr. Tha aig coimhearsnachdan, buidhnean iomairt is Comhairlean ri iomairtean fada duilich a dhèanamh mus bi adhartas sam bith ann. An àite seo, bu chòir prògram a bhith ann aig an ìre nàiseanta far am bi an Riaghaltas a’ gabhail an uallaich os làimh airson a bhith a’ brosnachadh is a’ planadh rathaidean-iarainn ùra agus bu chòir prògram leantainneach (’rolling programme’) a bhith ann.

Tha an riaghaltas ag amas air mu 125 mìle a de rathaidean-iarainn a dhealanachadh gach bliadhna. Bu chòir targaid a bhith ann airson mìltean de rathaidean-iarainn a thèid fhosgladh gach bliadhna, can 10 mìle gach bliadhna.

Stèisesan Mhaolros – cuine a thilleas na trèanaichean?

Ma tha thu ag aontachadh ris a’ mholadh, bhiodh e glan nam b’ urrainn dhut a dhol dhan cheangail seo, clàradh air an làraich agus bhòtadh air seo no beachd no dhà fhàgail.

Tha tòrr mholaidhean eile ann air a h-uile cuspair co-cheangailte ris a’ ghnàth-shìde – na bi leisg do chuid bheachdan a chur a-steach – sa Ghàidhlig!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico