Sgleog Blog

  • Balach Seoras!
    by Sgleog on Dih, 25 Faoi 2008 at 2:40f

    Tha manaidsear ùr aig sgioba ball-coise na h-Alba! Shoighnig George Burley airson dà bhliadhna gu leth a stiùireadh an sgioba nàiseanta againn! Woo!! Tha sinn an dòchas gun deàn e cho math sa rinn e nuair a bha e shuas a seo a stiùireadh Hearts ach nach tig Romanov faisg air Hampden! Cha leigeadh Seoras a steach tron doras co dhiù!Na chuicheadair cluich Burley airson Ipswich, Sunderland, Gillingham, Motherwell, Ayr agus Falkirk agus ann an 1982 chaidh e dhan World Cup leis an sgioba nàiseanta. Anns an sgioba sin gu ta bha cluicheadairean mar Alan Hansen, Graeme souness agus […]

  • Bliadhna Mhath Ùr!
    by Sgleog on Dih, 4 Faoi 2008 at 5:14f

    Bliadhna Mhath Ùr!...neo am bu choir dhòmh bhith ag ràdh Bliadhn' Ùr Mhath? Sin a bhìos sinne ag radh ri cheile ann an Uibhist a Deas aig àm a bhliadhn' ùr. Ach chan e sin an aon rud a tha diofraichte mu dhèidhinn a bhliadhn' ùraig ceann a deas na h-Eileanan Sìar gu tà!Gach Oidhche Chullaig , cho luath sa bhragas an clag mu dheireadh aig Big Ben bithidh na Iasagirean ann a Ludag, Eirisgeiridh agus Barraigh a cuir fàilte air a chèile a losgadh lasan bhoillsg (flares) dearg dhan adhar agus tha seo a deanamh airson sealladh sònraichte breagha aig toiseach a bhliadhn' ùr.A […]

  • Nollaig Chridheil!!
    by Sgleog on DiL, 17 Dùbh 2007 at 3:21f

    Nollaig Chridheil a h-uile duine!Seo agaibh na fàclan airson Leanabh an Àigh... an eagal's nach eil cuimhne agabh orra!Leanabh An Àigh Le Màiri Dhòmhnallach à Bun Easain Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl; Thàinig do'n fhàsach, dh'fhuiling 'n ar n-àite Son' iad an àireamh bhitheas dhà dlùth! Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn An greadhnachas garbh is anabarr mùirn, 'S geàrr gus am falbh iad, 's fasaidh iad anfhann, An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir. Cha b'ionann 's an t-Uan thàinig gur fuasgladh Iriosal, […]

  • A' call ... a-rithist!
    by Sgleog on DiM, 20 Samh 2007 at 11:37m

    An d'fhuair sibh seachad air a' bhriseadh-dùil mhòr aig an deireadh-sheachdain? Cha mhòr nach robh sgioba ball-coise na h-Alba a' ceannaich thiocaidean pleana is a' dèanamh air an Ostair is an Eilbheis an ath bhliadhna airson Co-Fharpais nan Dùthchannan Eòrpaich nuair a chuir na h-Eadailtich às dhan dòchas againn......Ach nach math a rinn na balaich ann a bhith cho faisg air a' chùis a dhèanamh air buidheann a bha gabhail a-steach an Eadailt (a bhuannaich Cupa na Cruinne an-uiridh); an Fhraing agus Ùgrain?No an robh thu feargach nach do bhuannaich iad, is gum bi sinn a' coimhead […]

  • Ceòl agus B-boys!
    by Sgleog on DiM, 23 Dàmh 2007 at 5:36f

    Haidh a h-uile duine!Tha greis ann bhon a bhruidhinn mi ribh reithid. Tha sinn air a bhith gu math trang a cuir bhideoan suas air an sianal ùr youtube againn (www.youtube.com/sgleog) agus tha da sheachdainn eile do cheòl a tighinn bho Na Lemmings ach an uairsin...Bithidh sinn a cuir bhideoan goirid a chlàr sinn aig a mhoìd air loidhne agus bithidh sinn aig Diamond Circle ann an Dun Eidinn aig toiseach an t-Sultain a clàradh na breakdancers as fhearr bho air feadh an dùthaich! Cuideachd, cùm sùil a mach airson leasannan ann am Breakdancing a bhitheas againn air-loidhne roimhn a […]

  • An Fhraing 0 - 1 Alba !
    by Sgleog on Dih, 14 Sult 2007 at 9:35m

    Chan eil mise a creidsinn gun do thachair seo!Tha cluicheadair mar McFadden air a bhith a dhìth oirnn fad bliadhnaichean .. cuideigin a tha deònach rudeigin iongantach a dh'fheuchainn, rudeigin a-mach às an àbhaist. Ro thric, tha daoine dìreach a' lorg rudeigin sàbhailte, is chan eil misneach aca leis a' bhall.Tha cluicheadairean nas fhearr aig an Fhraing agus co chreideadh gum faigheadh Alba na sia puingean gu lèir bhuapa? Tha feum agam aidicheadh nach robh mise a smaointinn airson mionaid gu robh Alba dol a dh'fhaighinn sìan as agus chan an trìc a tha mi cho toilichte a bhith […]

  • T sa Phàirc
    by Sgleog on Dih, 6 Iuch 2007 at 11:09m

    Tha an cuirm-chiùil as motha ann an Alba air ais agus tha e a' toiseachadh a-nochd. Bidh siorrachd Peairt làn dhaoine an-diugh, a-màireach agus Didomhnaich. Abair spòrs a bhios ann, tha sinn an dùil. Leis an t-sìde mar a tha e an-dràsta, tha sinn an dòchas gum bi deagh teanta agus tòrr aodaich aig na daoine a tha a' dol ann. Nan robh sinne a' dol ann bho Sgleog, bhiodh sinn airson The Killers, The Kooks, Arcade Fire agus Kings of Leon fhaicinn gu mòr.'S e meud na fèise an duileaghadas às motha le T sa Phàirc (agus na fèisean mòra eile). Tha an leithid de chòmhlan-ciùil ann […]

  • Molaidhean airson dol dha na Fèisean
    by Sgleog on Dih, 22 Ògmh 2007 at 11:03m

    1. Ullachadh: Bidh cinnteach gu bheil aodaich agus brògan ceart agad. Tha bòtannan gu math feumail aig fèis sam bith ann an Alba agus fiù ’s aig Glastonbury. Bidh seacaid cheart cudromach cuideachd. Chan eil thu ag iarraidh a bhith fliuch fad dà latha! Dèan cinnteach gu bheil an teanta agad ceart gu leòr. Chan eil thu ag iarraidh gum bi toll ann nuair a ruigeas tu am fèis.2. Pocanan: Cuir na rudan cudromach agad ann am pocanan plastaig gu h-àraidh aodaich, camara agus mar sin air adhart. Bidh thu gu math toilichte ma tha e fliuch agus tha aodaich tioram agad.3. Bidh faiceallach: […]

  • Glastonbury … Cò tha a' dol ann?
    by Sgleog on DiL, 18 Ògmh 2007 at 1:36f

    Uill, ’s e am mìos ceart a-rithist airson Glastonbury, Fèis mhòr chiùil a tha a’ tachairt ann am Somerset. Air an 22mh, 23mh agus 24mh latha den t-Ògmhios bidh ceòl agus spòrs gu leòr ann.’S e aon den na fèisean ciùil às motha san t-saoghal a tha ann, agus tha e a’ tachirt cho faisg oirnn ach cha d’fhuair mi cothrom a-riamh a dhol ann. Sna làithean-sa tha an fhèis a’ tachairt gach darna bliadhna. Am bliadhna, bidh còmhlain-ciùil uabhasach fhèin math a’ cluich bho Arctic Monkeys gu Shirley Bassey! An robh sibhse ann a-riamh neo am bidh sibh a’ dol ann am […]

  • Eurovision: Math no Dona?
    by Sgleog on DiL, 14 Cèit 2007 at 9:49m

    Bliadhna eile agus Eurovision eile aig an deireadh seachdainn - abair oidhche caiseach (!) a bh' ann a-rithist!Thàinig Breatainn anns an darna àite mu dheireadh agus thàinig Eirrinn as ar dèidh, anns an àite mu dheireadh. 'S e Scooch a bha a' sèinn airson Breatainn agus 's e Flying the Flag an t-ainm a bh' air an òran. 'S e òran pop a bh' ann agus bha e caran èibhinn agus bha e gu math cheesy!Chan e iongnadh nach do rinn e-Scooch cho math nam bheachdsa! 'S e fìor joke a th' ann an Eurovision a-nise agus ged a bha barrachd air 10 milltean daoine ga choimhead air an oidhche cha chreid […]

  • Superskinny Me!
    by Sgleog on DiL, 23 Gibl 2007 at 11:25m

    Halò is ciamar a tha sibh an-diugh?A bheil sibh gu math? An dòchas gu bheil! Am faca duine am prògram a-raoir leis an ainm, “Superskinny Me” air sianal 3? Uill tha fhios agam nach e “Superskinny” a th’ annam fhìn agus gu bheil mi a’ faireachdainn gu bheil feum agam air beagan biadh fallain a bharrachd a dh’ithe ach cha bhithinn airson diet a dhèanamh a-rithist gu brath tuilleadh as dèidh a’ phrògram seo fhaicinn. Bha dithis neach aithris a’ feuchainn a’ dh’ fhaighinn gu “size 00” ann an ùine gu math goirid. Seo an size a th’ air boireannaich mar Victoria […]

  • Deasaiche na Mìosa!
    by Sgleog on Dia, 1 Màrt 2007 at 12:01f

    aye aye,ciamar a tha sibh? uill tha mi direach sgoinneil. Is mise Liondsaidh NicMhiceil, bidh mi 23 a- maireach(02.03.07) agus 's ann à Leodhas a tha mi. Sin leamsa air a' chiad duilleag!! Nach eil mi cho breagha?? ha ha. Tha mi direach anns mo chiad bhliadhna den Oilthigh aig Sabhal Mor Ostaig a dheanamh - an ceum ann an Gaidhlig agus Ceol tradiseanta- tha sinn uabhasach innteanach, fhuair mi leasanan seinn bho Christine Primrose- 's i an seinneadair as fhearr leam anns an t-saoghail! chord e ruim gu mhor- dh'ionnsaich mi torr orain seann tradiseanta, orain luaidh agus puirt a beul […]

  • Oops...rinn mi a-rithist e!
    by Sgleog on DiM, 20 Gearr 2007 at 9:22m

    Chan urrainn dhomh a thuigsinn carson an do rinn Britney Spears na rinn i aig an deireadh seachdainn. Am faca tusa na pàipearan aig an deireadh seachdainn? Tha e coltach gu bheil i air a dhol mal!Chaidh i a-steach gu taigh fuilt agus thug i a falt dhith fhèin le clippers!!! A' bharrachd air an sin, tha bhideo agus tòrr dealbhan ann a' sealltainn dhith a dhèanamh. Tha an taigh fuilt a' dèanamh "doo" sònraichte a-nise leis an ainm "The Britney Buzz" agus tha e coltach gu bheil daoine na leantainn.Tha mise a' smaoineachadh gu bheil i car coltach ri Yoda a-nise ge-tà agus tha an coltas […]

  • Na Brits!
    by Sgleog on DiC, 14 Gearr 2007 at 12:57f

    Dè oidhche a th' ann a-nochd? Chan e dìreach oidhche Bhalantine a th' ann ach Oidhche nam Brits cuideachd! 'S e prògram air leth a bhios ann a-nochd agus seo a' chiad phrògram ann an ochd bliadhnaichean a tha air a bhith air an telebhisean beò! A bheil fhios agaibh cò an neach-aithris air a phrògram a-nochd? 'S e Russell Brand a th' ann - tha mi cinnteach gur e prògram air leth èibhinn a tha gu bhith againn!Tìors an-dràsta,D 🙂

  • A' Chiad Bhlog!
    by Sgleog on Dia, 1 Gearr 2007 at 10:32m

    Halò! 'S e seo a' chiad bhlog aig Sgleog! Nach eil seo mìorbhailteach? Bloggadh, tha mi ciallachadh! Àite beag far am b' urrainn dhuinn smaointean sam bith fhoillseachadh! Dè tha dol an-diugh co-dhiù? Uill, a-rèir nan naidheachdan tha fear, Martin Srel, gu bhith a' snamh an Amazon ann an 70 làithean! 'S ann à Slobhenia is a tha e agus tha e air an Yangtze, an Danube agus am Mississippi a snamh roimhe. Bidh e a' tòiseachadh ann am Peru agus a' snamh a Bhrasil. Abair snamh dhà rìreabh - is beag an t-iongnadh gur e "Fish Man" am far-ainm aige!Chan eil mòran eile a' dol an seo...tha […]