Gilleasbuig Aotrom

  • "I demand improvements to BBC Alba" says the Gaelic language
    by Neil McRae on DiD, 7 Iuch 2019 at 8:38f

    Mar a chuala Gilleasbuig, tha a' Ghàidhlig a' cumail a-mach gu bheil i air a cuingealachadh le seirbhis TBh a tha feumach air leasachadh. Tha e coltach gun do bhruidhinn an cànan an-àrd às dèidh don artagail seo a' nochdadh ann an duilleagan na Hootsmon bho chionn ghoirid. Thuirt an cànan gu bheil i ag èirigh is a' gearain mu BhBC Alba. Mar a bhiodh dùil, 's e na tha de shusbaint Beurla ga craoladh leis an t-seanail as mò a tha cur air a' chànan mhilis mhàthaireil; coma leat na h-ath-chraolaidhean.Read more »

  • Conflict of interests? Na biodh eagal sam bith ort, 'Illeasbuig!
    by Neil McRae on DiD, 9 Dàmh 2016 at 9:54f

    Puist-dealain 'Illeasbuig gu na cumhachdan a th'ann 15.8.16 To: Bòrd na Gàidhlig Subject: Ceist orm mu chonflict of interests A chàirdean  ’S e MnE TV as mò a tha a’ faighinn dhen airgead a th’ aig BBC Alba airson coimiseanadh phrògraman ùra (còrr is £2M not ann an 2015-16). ’S ann le Ailean Dòmhnallach, cathraiche a’ Bhùird, a tha MnE TV. A bheil am bòrd ga mheas ceart is iomchaidh gur h-e ur cathraiche as mò nì prothaid a-mach às coimiseanadh prògraman BBC Alba? Dh’ fhaodar a ràdh gu bheil a’ cheist seo gu seachd àraid iomchaidh, bhon a tha […]

  • Moladh mòr do BhBC Alba a choisinn 0 duais aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach
    by Neil McRae on DiS, 30 Gibl 2016 at 11:29m

    A magnificent zero prizes for Scotland's acclaimed BBC Alba   Hiya chàirdean'S fhad' on uair sin, ach 's e àm breith nan uan a th'ann - àm traing 'son 'Illeasbuig chòir, tuigidh sibh.Dh'fhaodadh sibh a bhith cinnteach ged-tà gun robh Gilleasbuig a' cumail sùil gheur-chùiseach air gnothaichean Gàidhlig, agus tha e fada an comain a h-uile ball-cuango, eadar-theangaiche agus neach-poileataigs airson na h-obrach iongantaich a bha iad a' dèanamh a-riamh 'son a' chànain."Without them, the Gaelic Revival wouldn't be what it is today" mar a thuirt am fear eile (Gilleasbuig, roimhe […]

  • "Highest-ever satisfaction levels" with BBC Alba, tha ceannard prògraman BBC Alba ag ràdh
    by Neil McRae on DiD, 6 Sult 2015 at 8:00f

    Esslemont: I've only had about twenty complaints, all from extremist ghetto-dwellers   Hi a chàirdean chòire, 's fhad' on uair sin! An t-seachdain-sa, tuigidh sibh, bha Gilleasbuig air a bheò-ghlacadh leis an agallamh seo a rinneadh cò' ri Alan Esslemont còir, ceannard prògraman BBC Alba, air Aithris na Maidne 2 Sultain (a' tòiseachadh aig 39.50). Chaidh a bheò-ghlacadh chun na h-ìre 's gun d' rinn e tràs-sgrìobhadh dheth, tràs-sgrìobhadh a tha e nis a' toirt seachad thugaibh, le'r cead. Tha e coltach gu bheil plan ùr aig RTE, sianal TV Èireannach, son beagan - […]

  • TurasG - exploring and enjoying the culture of Scotland’s “Gàidhealtacdh” (it says here)
    by Neil McRae on DiM, 16 Dùbh 2014 at 4:34f

    How Gaelic churnalism works Thug Gilleasbuig an aire an t-seachdain sa chaidh gun deach an làrach-lìn ùr TurasG a chur air bhòg le othail mòr, "your essential guide to cultural tourism in the greater Gàidhealtacht". It seems that: TurasG will encourage real and virtual visits to our rich and varied cultural landscape through the Gaelic language and culture (but only through the medium of English).Read more »

  • Am bu chòir Alba bhith na dùthaich neo-eisimeileach?
    by Neil McRae on DiD, 14 Sult 2014 at 9:50f

    Dhomhsa is do mòran eile, chan ann mu dhèidhinn nàiseantachas a tha freagairt na cèist. ’S ann mu dhèidhinn dè seòrsa comann-sòisealta bu mhiann leinn a tha e, agus ciamar a ruigeas sinn ann? Coimhead an Alba sa bheil sinn beò, dùthaich a tha cur thairis le iomadachd is misneachd. Am measg nan iomadach sgeulachd a tha rin cluinntinn tha an sgeul bheag agam fhìn, gall chun na smior ach fear a ghràdhaicheas Gàidhlig is a’ Ghàidhealtachd. Nuair a rugadh is thogadh mise ann an Ceann a Deas Alba, bha e soilleir gu leòr gun robh an Rìoghachd Aonaichte a’ riochdachadh […]

  • This is how a language dies
    by Neil McRae on Dih, 7 Dùbh 2012 at 2:39f

    Blog anabarrach smuaineachdail le Andy Wightman a fhuair Gilleasbuig, le tuiteamas, air Bella Caledonia mun tè mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Deeside:  http://www.andywightman.com/?p=763#comment-28172 Cha do shaoil e riamh gun robh a' chànan beò an Siorrachd Obar-dheathainn suas gu 1984, shuas an sin os cionn Balmoral! Nach  eagallach an smuain gun deach i às cho aithghearr. Ach feumaidh sinn uile bhith 'positive', bhon a tha obair an ath-bheòthachaidh a' dol cho math an-diugh a rèir nam press releases.