Wile E. Coyote air a’ Ghàidhealtachd – turas gu Inbhir Garadh II

Le alasdairmaccaluim

Chan eil e glic a bhith ro dhèidheil air companaidh no brannd sam bith – dìreach seall air Wile E. Coyote agus Acme – no na daoine bhochda a chur airgead a-steach gu Brewdog nuair a bha iad a’ cumail a-mach gur e companaidh adhartach bheusach uaine a bh’ annta mus do dh’fhàs e follaiseach nach robh ùidh aca ann an rud sam bith ach airgead.

Ach às dèidh dhomh sin a ràdh, tha mi uamhasach dèidheil air a’ chompanaidh bus Ember. Seo companaidh bus Albannach a chaidh a stèidheachadh le daoine bhon roinn teic a tha airson crathadh a thoirt air siostam na còmhdhail.

Tha an àrainneachd gu math cudromach dhaibh agus tha na coidsichean aca uile dealanach. Tha teicneòlas gu math cudromach cuideachd agus tha na tiocaidean air-loidhne a-mhàin agus tha iad a’ cleachdadh teic gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile rud cho furasta agus cho goireasach ’s a ghabhas agus gu bheil an uiread ’s a ghabhas de dh’fhiosrachadh aig daoine. ’S ann a tha càileachd na seirbheis cudromach dhaibh cuideachd – tha na busaichean spaideil agus cofhurtail agus tha na dràibhearan uile air an trèanadh gu math a thaobh seirbheis custamair.

Bus Ember, Stèisean Bus a' Ghearastain
Coisde Ember anns a’ Ghearastan air seirbheis gu Inbhir Nis

A thaobh teic, tha an làrach aca furasta a chleachdadh. Tha mapa beò de na busaichean uile aca gus an urrainn dhut an tracadh agus cuiridh iad teacsa thugad ma tha am bus agad gu bhith air dheireadh. Ged a dh’fheumas tu booking a dhèanamh airson a’ mhòr-chuid de thursan, tha e furasta a dhèanamh agus furasta atharrachadh/cuir dheth gun dragh – no cosgais – sam bith.

Le Ember, ged a tha tòrr stadan bus ann, airson a’ mhòr-chuid, cha bhi am bus a’ stad ann ach a-mhàin ma tha thu air clàradh ro làimh (feumar clàradh co-dhiù 15 mionaidean ro làimh). Tha seo a’ sàbhaladh tòrr tìde oir tha cuid de na stadan far an rathaid mhòr. Tha iad nas luaithe mar thoradh air seo agus cuideachadh mar thoradh air na busaichean dealanach a tha nas luaithe air rathaidean cas na busaichean dìosail.

Rud eile a tha gu math, ’s e nach bidh na prìsean aca ag atharrachadh a rèir iarrtais. Eu-choltach ris na trèanaichean astar fada, ’s e an aon phrìs a phàigheas tu airson an aon turais uair sam bith agus chan eil e gu diofar an ceannaich thu an tiocaid mìosan ro làimh no 15 mionaid mus falbh am bus. Tha na prìsean gu math reusanta cuideachd.

B’ urrainnear a ràdh gur e “buaireadairean” no disruptors a th’ annta. Aig an àm seo, tha coidsichean gu ìre mhòr ag amas air daoine aig nach eil roghainn sam bith eile no aig nach eil airgead gu leòr airson na trèana agus fiù ’s leis a sin, gu math tric tha na prìsean caran àrd co-dhiù. Le bhith a’ toirt seachad siostam a tha saor, spaideil, ceangailte agus a’ toirt seachad deagh sheirbheis, uaireannan far nach robh seirbheis ann roimhe, tha iad ag amas air daoine a tharraing às na càraichean aca.

A’ tòiseachadh le seirbheisean eadar Dùn Dè agus Dùn Èideann agus Dùn Dè agus Glaschu, tha lìonra aca air feadh taobh tuath agus meadhan na h-Alba a-nis. Agus tha tòrr de na seirbheisean nas trice na na seirbheisean aig na companaidhean coidse àbhaisteach, a’ tòiseachadh nas tràithe agus a’ crìochnachadh nas anmoiche, a tha nas saoire agus tha tòrr aca a’ frithealach àiteachan aig nach robh seirbheis cheart no seirbheis sam bith roimhe, tòrr aca ann an sgìrean dùthchail far a bheil ceangailteachd daonnan dùbhlanach.

Air a’ Ghàidhealtachd cuideachd, tha Ember a’ gabhail pàirt anns an sgeama pìleat far nach cosg faraidhean barrachd na £2. 

An turas seo, bha mi a’ dol air an t-seirbheis ùir aca eadar an t-Òban, An Gearasdan agus Inbhir Nis eadar stèisean bus a’ Ghearasdain agus Drochaid-thiondainn an Lagain, faisg air Tobar nan Ceann.

’S e seirbheis cudromach a tha seo a tha a’ ceangail trì de na bailtean as cudromaiche air a’ Ghàidhealtachd ach cha robh mi a’ dol fad na slighe, dìreach fad 20 mìle no mar sin agus air £2 ’s e bargan air leth a bh’ ann.

Chaidh mi gu stèisean bus a’ Ghearasdain, a tha ri taobh an stèisein agus ri taobh Morrisons – cridhe na Gàidhealtachd an Iar! Bha am bus air an uair agus dh’fhalbh e le còignear air bòrd. Bha dithis a’ dèanamh air Drochaid an Aonachain le dithis a’ dol nas fhaide a tuath. Cha do thog sinn duine sam bith a bharrachd air an t-slighe.

Gu h-inntinneach, bha mi a’ dol ann gus stèisean fhaicinn air rathad-iarainn a bha ann gu ìre mhòr ann gus ceangal den aon seòrsa a dhèanamh nach robh idir soirbheachail! B’ e seo rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimean, eadar Drochaid an Aonchain agus Cille Chuimein a chaidh a thogail mar phàirt de dh’iomairt nach robh soirbheachail aig a’ cheann thall gus Loidhne na Gàidhealtachd an Iar a leudachadh gu Inbhir Nis. Cha deach an loidhne dad nas fhaide na Cille Chuimein aig a’ cheann thall agus cha robh trafaig gu leòr ann riamh gus prothaid a dhèanamh agus cha do mhair an loidhne ro fhada. Mar sin, is math gu bheil Ember agus seirbheisean coidse eile ann!

 Bha an turas luath agus goireasach is bha am bus blàth is cofhurtail le teàirrdsear airson fònaichean air gach suidheachan. Leis gur e bus dealain a th’ ann, tha e gu math gu math sàmhach cuideachd. Cha do chur an rathad fìor chas a-mach à drochaid an Aonachain dragh sam bith air nas otha.

Leugh mun turas agam dhan rathad-iarainn an seo.  

Às dèidh mo thruas dhan rathad-iarainn, bha an t-sìde air a dhol gu math mosach le uisge gu leòr. Fhuair mi teacsa ag ràdh gun robh am bus 5 mionaidean air dheireadh. B’ urrainn dhomh fuireach ann an àite tioram blàth gus an robh am bus gu bhith ann agus sùil a chumail air an tracadair.

Chaidh mi ann ann an deagh àm gus am bus a ghlacadh is chaidh mi air bòrd far an robh e blàth is seasgair. Stad am bus aig an dà stad eile anns an Lagain agus thog e dà bhuidhinn de luchd-coiseachd a bha gu math fliuch. Saoilidh mi gun robh iad air Slighe a’ Ghlinne Mhòir ach gun robh e fada ro fliuch airson cumail orra – agus bha an sneachd dìreach air tòiseachadh cuideachd!

Tobar nan Ceann, 3/4

Chan fhada gus an robh mi air ais anns a’ Ghearsdan. Cha do chosg an turas agam ach £4 – dà not ann agus dà not air ais. Abair bargan!

Mholainn Ember gu mòr.

Mar a thuirt mi ge-tà, chan eil e glic a bhith ro dhèidheil air brannd sam bith agus tha beagan draghan orm.

’S a chiad dol a-mach, ged a tha mi air an cleachdadh meadhanach tric, chan eil seirbheis sam bith air an robh mi uabhasach trang. Tha mi an dòchas gun atharraich seo agus gun cleachd barrachd is barrachd dhaoine an cuid sheirbheisean gus an cumail a’ dol mar lìonra, gu sònraichte leis gu bheil iad a’ cur cheanglaichean an comas nach robh ann roimhe agus a’ toirt seachad seirbheis nas fheàrr is nas uaine na coidsichean àbhaisteach.  

Agus le tech bros, tha an cunnart daonnan ann gun tèid iad dhan taobh dorcha no gun tèid a’ chompanaidh a cheannaich le daoine aig nach eil an aon fheallsanachd a thaobh prìsean no a thaobh na h-àireannachd ach aig an ìre seo, tha Ember a’ dèanamh obair air leth.

Dùbhlan do na rathaidean-iarainn?

Agus tha trioblaidean eile ann ma bhios iad soirbheachail! Ged is e deagh rud a th’ ann gu bheil faraidhean £2 ann air a’ Ghàidhealtachd, tha seo a’ ciallachadh gu bheil turas bus a’ cosg £2 eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige/Inbhir Thèorsa, rud a tha gu math cunnartach do Rathad-iarainn a’ Chinn a Tuath far a bheil faraidhean nas àirde airson turas a tha a’ toirt nas fhaide. Tha mi an dòchas gun gabh an Riaghaltas ceumannan gus Loidhne a’ Chinn a Tuath a dhèanamh nas tarraingiche agus nas saoire – faraidhean nas saoire, trèanaichean ùra agus barrachd lùban seachnaidh air an loidhne, mar eisimpleir.

Stèisean Inbhir Ùige
Stèisean Inbhir Ùige

Dh’fhaodte gun toir iad droch bhuaidh air seirbheisean trèana eile far am feum thu tiocaid fhaighinn seachdainean ro làimh ma tha thu airson faradh reusanta fhaighinn, mar eismpleir Glaschu no D.È gu Inbhir Nis. Dhomhsa, ge-tà, bidh mi daonnan a’ dol air an trèana ma tha rathad-iarainn agus a’ cumail a’ bhus airson turasan far nach eil trèana idir ann!

Alasdair

STOP PRESS!
Eadar dhomh seo a sgrìobhadh agus fhoillseachadh, tha dà rud air tachart! Sa chiad dol a-mach, bha tubaist aig bus Ember faisg air an Agaidh Mhòr. Tha mi an dòchas nach toir seo buaidh ro mhòr air cliù is fàs na companaidh.

Nas cudromaiche, tha manifesto an SNP air gealltainn gun tèid cap £2 a chur air tursan bus air feadh na h-Alba ma thèid an taghadh. A rèir coltais, mar a tha fìor leis a’ phileat air a’ Ghàidhealtachd, bidh seo a’ gabhail a-steach seirbheisean coidse eadar-bhaiteil a bharrachd air seirbheisean bus ionadail. Ma thachras seo, bhiodh e inntinneach faicinn an toireadh e buaidh air ìrean cleachdaidh nan rathaidean-iarainn agus air fàs Ember (oir ma tha an aon chosgais ann airson a h-uile companaidh bus, bhiodh e nas doirbhe a bhith a’ dèanamh co-fharpais air pris – ach air an làimh eile, dh’fhaoidte gum biodh barrachd luchd-siubhail aig a h-uile companaidh bus mar thoradh air a’ phrìs ìosail. Chì sinn!)

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Liosta na lice – na tursan rèile is eile a tha mi airson dèanamh mus fhàigh mi bàs

Le alasdairmaccaluim

Fad iomadh bliadhna tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh liosta-bucaid airson turasan rèile a tha mi airson dèanamh.

Tha mi dìreach air smaoineachadh gum biodh “liosta-lice” math mar Ghàidhig air bucket list – leis gur e liosta a th’ ann de na rudan a tha thu airson dèanamh mus teid thu fon leac!

Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh air mo liosta-lice barrachd sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh. Sa chiad dol a-mach, tha mi a’ fàs sean agus tha e a’ fàs nas fhollaisiche is nas fhollaisiche dhomh nach bi an tìde no an t-airgead agam gus a h-uile rud a dhèanamh a bu toil leam.

A bharrachd air mo shaoghal fhèin, mar chuideigin a dh’fhàs suas sna 80an, tha mi a’ faireachdainn a-rithist gur dòcha nach eil deireadh an t-saoghail cho fada air falbh le atharrachadh luath na gnàth-shìde agus cogaidhean gun fheum gun adhbhar san àird an ear. Agus fiù ’s mura faigh sin uile bàs,  le bubble an AI gu bhith a’ spreidheadh uair sam bith agus a’ tòiseachadh seargadh mòr san eaconamaidh, tha deagh sheansa nach bi peinnsean agam aig a’ cheann thall co-dhiù!

Mar sin, chan eil fhios agam am bu chòir dhomh smaoineachadh gu cruaidh air na tha mi airson dèanamh agus a bhith faiceallach le airgead is planadh airson an àm ri teachd – no am bu chòir dhomh m’ airgead agus mo thìde a chosg air rudan a tha a’ còrdadh rium an-dràsta leis gur dòcha nach bi a-màireach ann! Mar a thuirt Neil Young – “it’s better to burn out, ’cause rust never sleeps!” no mar a thuirt Steppenwolf – “Fire all your guns and once and explode into space”!

Co-dhiù, seo na rudan a tha air an liosta-lice siubhail agam. Tha cuid nan tursan trèana, cuid eile, tursan bàta no bus.

Bhiodh e fìor mhath cluinntinn bhuaibh – dè na h-àiteachan a tha air an liosta-lice agad? No an robh thu riamh ann an gin de na h-àiteachan seo?

Aldarnaigh, Eileanan Caolais Shasainn Tha rathad-iarainn beag snog ann an Alderney ann an Eileanan a’ Chaolais le seann trèana tiùb à Lunnainn!   Agus bu toil leam a dhol gu Gearnsaidh is Deàrrsaidh cuideachd fhad ’s a bhios mi ann oir is toil leam dùthchannan beaga le mion-chànanan. Flag of Alderney - Wikipedia
Eilean Lundy, Caolas Bristol, Sasainn Eilean beag ann an Devon a tha ainmeil bhon Shipping Forecast a bha uair na “mheanbh-nàisean” le uachdaran craicte a bha den bheachd gur e seòrsa Rìgh a bh’ ann a dh’fheuch ris na stampaichean agus an t-airgead fhèin a bhith aige.   Agus mas math mo chuimhne, tha fionn-sgeul caran fortean ann mu mar a tha an t-eilean ann an Sasainn seach sa Chuimrigh.
Enys Lannvanagh (Looe Island), A’ Chòrn An cuala tu riamh an t-òran Jerusalem – òran nàiseanta neo-oifgeil Shasainn?

And did those feet in ancient time,
Walk upon Englands mountains green:
And was the holy Lamb of God,
On Englands pleasant pastures seen!

Uill, a rèir beul-aithris, ’s e an fhreagairt “no but he was in Cornwall!” agus ’s ann ann an Eilean Looe, Kernow, a bha e an da-rìribh. A rèir an fhionn-sgeòil, bha Seòsamh Arimatia air turas malairt gus meinneadairean fhaicinn sa Chùirn agus bha Iosa ann còmhla ris. Bha na Còrnaich caran garbh is bha Iosa na bhalach òg is mar sin, chaidh Iosa fhàgail air an eilean fhad ’s Seosamh ri barganachadh

Chaidh an t-eilean  a cheannaich le dà bhoireannach caran craicte anns na 1960an cuideachd agus sgrìobh iad dà leabhar sgoinneil mu am beatha ann.   Tha an t-eilean dìreach ri taobh baile Logh/Looe (far am bi iad a’ filmeadh Beyond Paradise agus a’ cumail a-mach gu bheil iad ann an Devon!) agus tha meur-loidhne àlainn ann eadar Logh/Looe agus Lyskerrys/Liskeard.  

Agus mu dheireadh, tha an t-ainm Enys Lannvanagh gu math coltach ris a’ Ghàidhlig: tha e a’ ciallachadh “Innis Lann-mhanach.”  

Cornish Flag
Syllan – na h-Eileanan Scilly, a’ Chòrn ’S e Kernophile gu cùl a th’ annam agus ged a bha mi air tìr-mòr na Cùirne, cha robh mi riamh sna h-Eileanan  Scilly. Tha mi ag iarraidh a dhol ann air an trèana cadail eadar Loundres/Lunnainn agus Pennsans/Penzance agus an uair sin air a’ bhàta.  

Tha sreath leabhraichean eucoir fìor mhath mu na h-eileanan mu DC Ben Kitto le Kate Rhodes cuideachd.

Scillonian Cross - Wikipedia
Sealtainn Bha mi anns a h-uile siorrachd ann an Alba – ach a-mhàin Sealtainn agus mar sin tha mi airson a dhol ann gus am bi mi air Alba air fad fhaicinn.  

Bidh a h-uile duine as aithne dhomh ag ràdh “Tha Sealtainn OK, ach tha Arcaibh fada nas fheàrr”.   Agus leis an fhìrinn innse, tha sin a’ cur ris a’ mhiann agam Sealtainn fhaicinn!   (Agus feumar a ràdh gu bheil Arcaibh air leth fhèin math – agus ma tha e fiù ’s a leth cho math ri Arcaibh, bidh e sgoinneil).

Flag of Shetland - Wikipedia
Scilly gu Sealltainn Ma tha mi a’ dol do na h-eileanan as fhaide a tuath agus as fhaide a deas anns an RA, saoilidh mi gum b’ fhiach e a dhèanamh san aon turas!   Is iomadh duine a nì Lands End>Taigh Iain Ghrot ach tha seo nas hardcore!   Dhèanainn le còmhdhail phoblach e.   Bheireadh e beagan làithean, tòrr mòr obair planaidh agus airgead gu leòr ach ’s ann a bhiodh e sgoinneil.
Diuranais Tha mi gu mòr airson a dhol air a’ bhus eadar Inbhir Nis agus Diùranais.   Cha robh mi riamh ann an Cataibh an ear agus chuala mi gur e seo fear de na tursan bus as fheàrr san t-saoghal.   (Agus ged a bha mi air a’ chosta a tuath ann an Inbhir Theòrsa, tha e fhathast doirbh dhomh creidsinn gu bheil costa aig tippy-top na h-Alba!) Sutherland Flag | Free official image and info | UK Flag ...
San Francisco Chan eil mi a’ dol a dhol gu na stàitean gus am bi rudan ciallach is sàbhailte an sin a-rithist, ach cò nach biodh airson càraichean càbaill suaicheanta a’ bhaile fhaicinn?

Bu toil leam a dhol air turas fada aig Amtrak cuideachd – is dòcha New York gu San Francisco.

Carson a tha bratach California ann an Gàidhlig Mhanainn an seo?  Leugh am bloga seo.

california mhanainn
Stroma An aon eilean ann an Gallaibh agus bha sluagh a’ fuireach ann gus tòiseach nan 1960an. Tha turasan dhan eilean gu bhith a’ tòiseachadh am-bliadhna fhathast agus is mi a bhios a’ dol ann. Flag of Caithness - Wikipedia
Monaco Is toil leam “meanbh-stàitean” agus bha mi sa Bhatacan mar-thà. Tha mi ag iarraidh a dhol gu Monaco a-nis – cha toil leam daoine bheartach is càraichean mòra, no gu dearbha, an Grand Pris no casinothan, ach tha an dàrna lìonra rèile as lugha san t-saoghal aig an dùthaich bheag seo (às dèidh a’ Bhatacain).

Ma tha tìde no airgead gu leòr agam, bu toil leam a dhol gu Andorra, Liechtenstein is San Marino cuideachd gus am faic mi a h-uile meanbh-stàit Eòrpach!

Rònaigh Tha a h-uile duine air a bhith ann an Hiort a-nis. Cha mhòr nach e Times Square a th’ ann sna làithean seo!. Mar sin, tha mi ag iarraidh dhol gu eilean tòrr nas iomallaiche – Rònaigh.

Leugh mu tòrr mu eachdraidh inntinneach an Eilein. ’S e an aon trioblaid a th’ agam nach eil fios agam ciamar a thèid mi ann. A bheil fhios aig duine?  

Is toil leam na h-eileanan iomallach anns na h-Eileanan an Iar. Ma bhios cothrom agam, bu toil leam na h-Eileanan Seunta, Na h-Eileanan Flannach, Sùlaisgeir agus fiù ’s Rocal fhaicinn cuideachd.

Tha ùidh mhòr air a bhith agam ann an eileanan beagan mar seo fad bhliadhnaichean bho leugh mi The Farthest Hebrides le Alasdair Alpin MacGregor agus St Kilda and Other Hebridean Outliers le Frank Thompson.

Outer Hebrides Flag
Na Blascaodaí Ma tha An Blascaod Mór math gu leòr do Pheig f***ing Sayers, tha e math gu leòr dhomhsa!

Leugh mi na leabhraichean uile mun na Blascaodaí agus tha mi ag iarraidh a dhol ann.

Eilean na Deasghabhalach (Ascension Island) Eilean beag ann an taobh deas na h-Atlantaig.  

A bharrachd air eileanan iomallach ann an Alba, tha ùidh mhòr agam ann an St Helena, Tristan da Cunha, South Georgeia, na h-Eileanan Fàlclannach agus Pitcairn am measg eile – ach ‘s e Eilean Deasghabhalach às fheàrr leam!

Tha am pleana eadar Sasainn agus na h-eileanan Fàlclannach a’ stad ann air an t-slighe.

Flag of Ascension Island

Sin tòrr rudan ceart gu leòr! Ach fiù ‘s mur a bi e comasach dhomh mòran, no gin aca fhaicinn, chan eil adhbhar gearain agam oir rinn mi tòrr rudan a bha air an liosta cheana:

Eileanan: Hiort, Cumaradh Beag, Colbhasa, Toraigh.

Turas gu Hiort

Eilean Mhanainn

Raad-Yiarn Sniaull, Mannin

Rathaidean-iarainn: Acton Depot, Lunnainn; The Island Line, Isle of Wight, East Anglia Transport Museum,  Buckinghamshire Railway Centre, post office railway

Bus-tràilidh Ghlaschu, Taigh-tasgaidh Sandtoft
Bus tràilidh Ghlaschu ann an Linconlnshire – chòrd e rium glan fheuchainn!

Rail challenges: chaidh mi air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba agus ann an Èirinn a Tuath agus rinn mi a h-uile loidhne aig an London Overground, Underground agus DLR. (Tha mi ag obair air a’ Chuimrigh a-nis – mu 50% dèante, a’ feuchainn ri Sasainn air fad a dhèanamh cuideachd – ach chan eil sin furasta!).  Fhuair mi cothrom a dhol air bus-tràilidh cuideachd, ann an gleidheachas ann an Sasainn (East Anglia agus Sandtoft).

Leig fios an robh thu ann an gin de na h-àiteachan seo no mu àite sam bith far a bheil thu ag iarraidh a dhol.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Ceistean mòra mu Chòmhdhail 2

Le alasdairmaccaluim

Sgrìobh mi post bloga bho chionn bliadhna no dha le beagan rudan nach eil mi idir a’ tuigsinn mu chòmhdhail.

An turas seo, tha beagan a bharrachd rudan agam.

  1. Carson a tha trèanaichean a’ stad cho tràth/carson a tha consairtean a’ crìochnachadh cho anmoch?

Tha thu ag iarraidh a dhol gu gig. Bidh an gig a’ tighinn gu crìch aig mu 11f. Bidh na trèanaichean uile agus a’ mhòr-chuid de na busaichean a’ stad mu 11f.

Ann an Glaschu, gach turas a tha gig mòr san SECC, tha na miltean mòra de chàraichean anns a’ bhaile gun fheum idir air agus tha iad a’ dùmhlachadh an M8 gu mòr a bharrachd air an CO2 uile.

Chunnaic mi cuideigin a’ gearan sna pàipearan naidheachd an latha roimhe agus ag ràdh “carson nach eil na busaichean is na trèanaichean a’ ruith nas anmoiche”. Ach bha mise riamh a’ smaoineachadh “carson nach tig consairtean gu crìch aig 10 seach 11 gus am faigh daoine dhachaigh air còmhdhail phoblach?”  

Tha e daonnan nas fhasa Mohammed a thoirt dhan bheinn seach a’ bheinn a thoirt gu Mohammed! Tha mi a’ smaoineachadh san fharsaingeachd gum bu chòir trèanaichean ruith nas anmoiche air an oidhche, gu h-àraid seirbheisean eadar-chathrach, ach cha bhiodh cosgaise a bharrachd ann do ScotRail no na companaidhean bus nan robh na consairtean a’ tighinn gu crìch aig 10.

Shaoilinn gum biodh cumhachd aig comhairlean no an Riaghaltas gus rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn uairean ceadachaidh gus seo a chur an comas.

Mar a chanas iad sa chànan eile, ‘s e “measan aig ìre iosail” a tha seo!  

Eric Bell a’ cluich beò ann an Glaschu
Eric Bell (Thin Lizzy), sàr chuicheadair blues ann an Glaschu.
  • Carson nach eil barrachd co-òrdanachaidh ann eadar aiseagan is trèanaichean/busaichean?

Tha an dà chuid ScotRail agus na h-aithisgean air a’ Chosta an Iar san roinn phoblaich is mar sin, shaoileadh tu gum biodh na clàran-ama nas co-òrdanaichte. Agus ged a tha na companaidhean bus prìobhaideachd sa mhòr-chuid, tha tòrr a’ faighinn subsadaidh nach beag bhon Riaghaltas.

Agus fiù ‘s nuair a tha ceangal oifigeil ann air a’ chlàr-ama, gu tric, tha na trèanaichean no busaichean a tha “a’ ceangal” ri bàtaichean clàraichte gus tighinn a-steach dìreach 5 no 10 mhionaidean mus falbh na bàtaichean,  ged a tha CalMac ag ràdh gum feum thu a bhith ann co-dhiù 15 no 30 mionaidean mus falbh an aiseag! Agus ma tha thu a’ dol fad nas slighe bho Inbhir Nis is Ullapul air a’ bhus no eadar Glaschu is Malaig air an trèana, tha e furasta fhèin 5 no 10 mionaidean a chall air an t-slighe. Is iomadh turas a bha agam ri ruith eadar stèisean agus port Mhalaig aig peilear mo bheatha agus aithisg an Eilein fhaighinn!  

  • Carson a tha Wifi ScotRail cho fìor, fìor dhona?

Is e eadar-theangair a th’ annam agus tha mi feumach air wifi gus m’ obair a dhèanamh. Is toil leam a bhith ag obair air trèanaichean agus bidh an t-eadar-theangachadh a nì mi air an trèana a’ maoineachadh tòrr de na  tursan trèana agam mum bi mi a’ sgrìobhadh an seo. Ach is dòcha 50% den àm, chan fhaigh mi air a’ Wifi air an laptop agam idir. Chan eil e gu diofar a bheil an trèana trang no cha mhòr falbh. Agus chan eil e gu diofar dè an loidhne a th’ ann nas motha. (Gu h-annasach, tha an wifi air Loidhne a’ Chinn a Tuath eadar Inbhir Nis agus Inbhir Theòrsa/Inbhir Ùige tòrr nas fhèarr na air an loidhne eadar Glaschu is Dùn Èideann – agus bha fiù ‘s mus d’ fhuair iad Starlink air loidhne a’ Chinn a Tuath).

Agus cha d’ fhuair mi wifi ScotRail *riamh* air m’ fhòn làimh! (Agus tha mi air a bhith a’ feuchainn fad 10 bliadhna is còrr a-nis le trì no ceithir diofar fhònaichean!)

  • Carson idir a tha daoine den bheachd gu bheil e OK graffiti a dhèanamh air trèanaichean?

Airson adhbhar air choireigin, tha daoine a tha ri graffiti den bheachd gu bheil e daonnan OK a bhith a’ cur graffiti air trèanaichean ann an suidheachadh sam bith.

Nithear cron gu leòr air trèanaichean àbhaisteach ach ged a tha e cosgail, tha airgead gu leòr aig Subway Ghlaschu agus ScotRail gus a chur ceart gu luath.

Ach tha e nas miosa do bhuidhnean aig nach eil cus airgid. Tha trioblaid mhòr aig rathaidean-iarainn glèidhte le graffiti. Agus bho chionn ghoirid, chaidh  grunn sheann trèanaichean aig Glaschu Subway a cheannaich le gnìomhachasan, agus sgoiltean airson seòmraichen clas, seòmaichean obrach is eile. Taobh a-staigh beagan làithean, chaidh na càraichean ann am Finnieston, ri taobh Pàirc Pollok agus aig sgoil àraich ann an Glaschu an Ear a graffititheadh chun na h-ìre is gur dòcha nach tèid an cleachdadh tuilleadh.

Cha bhi daoine a’ dèanamh graffitti air càraichean no air busaichean (uill, air taobh a-muigh nam busaichean co-dhiù), ach ma dh’fhàgar trèana fad còig mionaidean, cuiridh amadan air choireigin peant air, fiù ‘s ma tha e follaiseach gun deach obair mhòr a dhèanamh oirre.  Agus ged nach cuireadh muinntir a’ ghraffiti peant air uinneagan taighe, peantaidh iad air uinneagan trèana gun a bhith a’ smaoineachahd mu dheidhinn.

Seann chàr Subway Ghlaschu
Graffiti – chan eil e mòr, chan eil e glic agus chan eil e èibhinn….
  • Carson a tha companaidhean rèile cho spìocach le lounges?

Ma cheananicheas tu tiocaid 1d clas, faodaidh tu a dhol a-steach gu lounge aig a’ chompanaidh rèile agad. Bidh àite suidhe is bòrd cofhurtail ann le tì is cofaidh an-asgaidh ann agus is dòcha beagan greimean bidh. Tha seo gu math feumail ma dh’fheumas tu obrachadh. Ach leis cho daor ’s a tha  tiocaidean 1d clas, chan fhiach e mar as trice.

Ach fiù ‘s ma tha tiocaid 1d clas agad, feumaidh e a bhith leis a’ chompanaidh cheart. Chan eil lounge aig a h-uile companaidh a tha a’ ruith trèanaichean 1d clas anns a h-uile stèisean a bhios iad a’ frithealach. Ann an Glaschu Mheadhain, mar eisimpleir, ma cheannaicheas tu tiocaid Avanti, faodaidh tu an lounge a chleachdadh, ach ma cheannaicheas tu tiocaid Cross Country no TPE, tha thu “on to plums” mar a chanas iad sa chànan eile agus chan fhaigh thu a-steach idir.

Saoilidh mi gum bu chòir cothrom aig duine sam bith a cheannaicheas tiocaid 1d clas a dhol a-steach gu lounge sam bith.

Tha e OK tron latha oir tha bùitean cofaigh gu leòr ann faisg air stèisean mòr sam bith – ach ma tha thu a’ feitheimh ri trèana air an oidhche, chan eil e cho furasta.

’S e an Caledonian Sleeper an eisimpleir as miosa. Chan eil e math gu leòr gu bheil leabaidh agad air an trèana, feumaidh tiocaid double no club a bhith agad.  Tuigidh mi nach eil rùm gu leòr ann airson a h-uile duine a bhios a’ dol air an trèana (tha rùm airson ach tha tiocaid sam bith le leabaidh air leth fhèin daor agus saoilidh mi gu bheil e spiocach gum feum thu còrr math is £200 a chosg airson faighinn a-staigh. Bha lounges aig a’ chadalaiche an Dùn Dè agus Luacharas(airson Cill Rìmhinn) ach dhùin iad bho chionn ghoirid mar thoradh air ìrean cleachdaidh ìosail. Ach nam biodh iad air duine sam bith a tha a’ siubhail à Dùn Dè no Cill Rìmhinn a leigeil a-staigh, bhiodh iad fhathast ann, tha mi cinnteach oir tha e fuar is fliuch is mì-chaillear aig na stèiseanan ud anmoch air an oidhche agus tha thu feumach is airidh air àite blàth.  

A bheil ceist sam bith agad nach eil thu a’ tuigsinn mu chòmhdhail na h-Alba?

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Beachdan gan sìreadh air cuairt-litir agus conaltradh Gàidhlig

Le Oifigear Gàidhlig

Tha an seisean pàrlamaideach a-nis air tighinn gu crìch agus tha seo a’ toirt deagh chothrom dhuinn sùil a thoirt air mar a bhios sinn a’ conaltraidh sa Ghàidhlig sa Phàrlamaid ùire. Tha sinn airson faighinn a-mach ciamar a tha luchd-labhairt na Gàidhlig airson cluinntinn bhon Phàrlamaid agus airson eadar-obrachadh rithe – tron chuairt-litir againn, … Leugh an corr de Beachdan gan sìreadh air cuairt-litir agus conaltradh Gàidhlig

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

W E Gladstone – sòisio-cànanaiche agus action hero! Turas gu Liverpool

Le alasdairmaccaluim

Fhuair mi tiocaid air leth saor gu Liverpool sa Ghreat British Rail Sale na bu thràithe am-bliadhna. ’S e bàrgan dha-rìribh a bh’ ann air £20.

Ach gus tiocaid cho saor fhaighinn, bha agam ri trèana gu math tràth fhaighinn – trèana a bha a’ fàgail Glaschu aig 04:26.

B’ e am plana a bh’ agam a dhol innte tràth gus am faighinn gu leòr caidil. Chan ann mar sin a thachair cùisean ge-tà. Mionaid no dhà às dèidh dhomh a dhol dhan leabaidh thàinig an tè bheag a-steach is thuirt i “tha luchag san taigh!”

Bha na cait air luch a thoirt a-staigh. Bha na cait a’ dol craicte a’ feuchainn ri a lorg agus cha b’ urrainn dhomh a dhol air ais dhan leabaidh gus an robh an luchag air a glacadh agus a-mach às an taigh gu slàn sàbhailte.  Chaidh an luchag a lorg is a chur a-mach aig…. 02:05. Mar sin, fhuair mi uair a thìde gu leth de chadal aig a’ cheann thall.

Nochd an tagsaidh agam aig 03:45 agus fad na slighe bha an dràibhear a’ cur a-mach às a chorp an aghaidh an LEZ, cìsean parcaidh, pedestrianisation – agus a h-uile rud eile a tha math is ceart! Bha mi ro sgìth airson gearain ge-tà is chùm mi nam thost.

Bha an trèana agam air an uair agus chan fhada gus an do dh’fhalbh sin. Gu h-iongantach, chaidh an trèana taobh cearcall Cathcart agus chord sin rium.

’S e trèana Pendalino aig Avanti a bh’ ann agus bha i a’ coimhead gu math spaideil agus bha i air a sgeadachadh bho chionn ghoirid a rèir coltais. Bha an décor agus na seataichean na b’ fheàrr na bha roimhe.

Fhuair mi beagan caidil air an trèana agus aig mu 7m, bha mi ann an Wigan North Western gus an trèana agam gu Liverpool a ghlacadh.

Nis, tha a h-uile rud mu Liverpool do luchd-turais ag amas air dà rud – na Beatles agus ball-coise. Gu mì-fhortanach, is lugha orm an dà chuid! Chan eil mi a’ tuigsinn ball-coise agus tha mi fada den bheachd gu bheil na Stones agus an Who tòrr nas fheàrr na na Beatles.

Dhomhsa, is e an rud as fheàrr mu Liverpool Alexi Sayle, sàr-ghaisgeach a’ chomadaidh agus deagh sgrìobhadair! “Who’s a big fat bastard and as ugly as can be? A-l-e-x-e-i,  S-a-y-l-e!”

Bu choir ìomhaigh a bhith ann dheth sa bhaile – is dòcha na riochd mar Monsieur Aubergine no Bobby Chariot – a bha a’ tarraing às an luchd-comadaidh mì-èibhinn sgriosail bho na 1970a, leithid Jimmy Tarbuck agus Ken Dodd.  

Alexei Sayles Stuff - Monsieur Aubergine Are you on pills for your neeeerves? The wife left you, taken the whippets?  Then enjoy another dollop of the quite brilliant The All New Alexei Sayle  Show. Bobby Chariot, funnier than
 Clì: M Aubergene, Deas: Bobby Chariot  

’S na làithean seo, tha podcast sgoinneil aig Alexi Sayle agus mholainn gu mòr e.

Thòisich an latha agam le turas air na trèaaichean ùra aig Merseyrail. Bha na seann trèanaichean cha mhòr 50 bliadhna a dh’aois agus fhuair iad feadhainn spaideil ùra. Agus a bharrachd air na trèanaichean ùra, bha mi airson Stèisean Headbolt Lane fhaicinn.

Tha na trèanaichean ùra gu math spaideil agus a’ chiad rud a mhothaich mi ’s e cho luath ’s a bha an acceleration aca. Rud eile a tha sgoinneil, ’s e gu bheil “level boarding aca” is mar sin gu bheil iad ruigsinneach do dhaoine air a bheil ciorram no daoine le pramaichean.

Class 777, Liverpool Lime Street

’S e na 777s a chanas iad ris na trèanaichean ùra, agus tha cuid aca nan 777/1s – aig a bheil bataraidh cuideachd. Tha na trèanaichean aig Merseyrail dealanach agus iad a’ ruith air treas rèile. Chaidh lìonra Merseyrail a leudachadh bho chionn ghoirid gu stèisean ùr ann an Headbolt Lane. An àite a bhith a’ togail loidhne ùr le treas rèile, cheannaich iad trèanaichean le bataraidhean a tha comasach air ruith air a’ mhìle ùr de thrac leis na bataraidhean.

Aig ceann na loidhne ann an Headbolt Lane

An uair sin, ghlac mi an trèana dìosail eadar Headbolt Lane agus Wigan Wellgate agus an uair sin gu Southport agus air ais gu Liverpool agus air adhart gu Birkenhead.

Carson a bha mi a’ dol gu Penbedw/Birkenhead?

Tha Wimpy ann! Tha e gam thoirt air ais gu burgairean san Sauchiehall Street Centre sna 80an le mo Mham is mo phiuthair!

Wimpy Penbedw

Fhad ’s a bha mi ann, bha mi a’ leughadh leabhar air a bheil Through the Language Glass – Why the World Looks Different in Other Languages le Guy Deutscher.

San leabhar, tha Deutscher a’ coimhead air a’ cheangal eadar diofar chànanan agus diofar dhòighean air coimhead air an t-saoghal agus air an saoghal a thuigsinn.

Tha fios againn ann an saoghal na Gàidhlig gu bheil speatraman dathan eadar-dhealaichte ann an diofar chànanan agus gum biodh feur gorm seach uaine gu traidiseanta. Tha fios againn cuideachd gu bheil cùisean eadar-dhealaichte a thaobh ruadh is dearg – tha red sa Bheurla a’ gabhail a-steach an dà chuid ach tha cuid de na rudan a tha ruadh brown sa Bheurla cuideachd.

Cò a mhothaich gun robh speactraman dathan eadar-dhealaichte ann an diofar chànanan? Fear ainmeil a rugadh ann an Liverpool.

Cò a bh’ ann ach W.E Gladstone, a bha na Phrìomhaire air Breatainn ceithir tursan!

A bharrachd air a bhith trang le poilititigs, bha am Bodach Mòr (“the Grand Old Man” mar a bh’ aig daoine air) na sgoilear clasaigs. Bha e beò-ghlaicte le Homer agus sgrìobh e leabhar air an robh Studies on Homer and the Homeric Age.

Fhad ’s a bha e a’ rannsachadh na cùise, mhothaich e rud neònach. Cha robh iad a’ cleachdadh dathan san aon dòigh sa bhios sinn sa Bheurla an-diugh. Gu sònraichte, cha robh e coltach gun robh faclan eadar-dhealaichte ann airson gorm is uaine. Bha Gladstone den bheachd nach robh na seann Ghreugaich a’ tuigsinn dathan san aon dòigh idir agus gun robh iad a’ seòrsachadh dathan co-cheangailte ri dubharachd (no shade) dhathan seach air na dathan fhèin. Bha e den bheachd nach robh daoine a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar cuid de na dathan mar a nì sinn an-diugh gus an robh daoine comasach air dath a chur air rudan gu fuadan – dyeing.

Thòisich seo deasbad a mhàir còrr is 100 bliadhna agus aig a’ cheann thall, tha e coltach gun robh Gladstone ceart gu ìre mhòr!

Bha cuimhne agam bhon turas mu dheireadh dhan bhaile gu bheil ìomhaigh ann de Ghladstone sa bhaile is mar sin, chaidh mi ann gus dealbh a thogail.

Ìomhaigh Gladstone, Liverpool

Mhothaich mi gu bheil còta fada air. Ann an uamha, tha an còta dubh agus thug e orm smaoineachadh air Neo agus an t-seacaid leathair aige san fhilm The Matrix.

Smaoinich – William Ewart Gladstone, action hero!

Lieutenant: I think we can handle one elderly Liberal politician. I sent two units, they’re bringing him down now.

Agent Smith: No lieutenant, your men are already dead.

Agus gu dhearbha, is bochd nach robh cumhachdan mar Neo aig Gladstone – b’ urrainn dha a bhith air deagh bhreabadh a thoirt do Thaigh nam Morairean nuair a dhiùlt iad gabhail ri a Bhile airson Fèin-riaghladh na h-Èireann ann an 1893, ged a bha Taigh nan Cumantan air bhòtadh air a shon!

Agus a’ bruidhinn air eachdraidh na h-Èireann, chaidh mi gu Cuimhneachadh a’ Ghorta Mhòir mus deach mi air ais gu Lime Street gus an trèana a ghlacadh air ais a Ghlaschu.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Donna doesn’t speak Celtic! Philosophical issues about machine translation

Le alasdairmaccaluim

If you are a Doctor Who fan, you may well remember the episode “The Fires of Pompeii”.

Alas, the Doctor and Donna went there in the year 79 CE just before the volcano erupted and not in 1971 CE to see the more important historic event of Pink Floyd recording their Live at Pompeii film!

David Gilmour playing live in Pompeii, 1971

Despite arriving at the wrong time to enjoy some of the best prog rock ever recorded, the Doctor and Donna arrive in a market place. Learning she is in an ancient Roman territory, Donna uses a few words of school Latin with a market stall holder. He replies something like “sorry love I don’t speak Celtic” and Donna doesn’t understand why he is speaking English. The Doctor explains that he is in fact speaking Latin but the TARDIS’s psychic translation circuit is allowing them to understand each other.

The recent growth in machine translation made me think of this. It made me imagine a world where everything in one language is immediately available in another and where it isn’t even clear which languages were being used in the first place.

This quite simply isn’t a good idea.

One of the things that troubles me about the ready availability of machine translation is that it enables anyone to instantly translate Gaelic content into English and immediately be in what would otherwise be all-Gaelic spaces.

This creates two problems – firstly if the translation is correct, and secondly if the translation is wrong.

Let me explain.

Many years ago in the early days of the internet and before social media, Highland Council set up a Gaelic forum on their web pages. It was there to encourage people to discuss different issues in Gaelic.

It worked OK for a while but it was mainly un-moderated and English posting was also allowed and in the end, the posts in Gaelic were swamped by non-Gaelic speakers talking about ancestry and asking for translations for tattoos and suchlike. In the end, the conversation of Gaelic speakers was drowned out by non-Gaelic speakers and Gaelic speakers stopped using it.

This isn’t a big or important example but shows the effect that automatic machine translation can have. It leads to Gaelic being crowded out.

If you post in Gaelic on social media, you are doing so mainly because you want people to interact with your content in Gaelic. This doesn’t mean that you want it to be hidden, or for other people not to understand it, it just means you value the use of Gaelic. Instant Gaelic-English translation can take away a domain for the use of Gaelic to some extent by allowing unlimited access by non-Gaelic speakers.

If we can’t have a conversation within the Gaelic community in Gaelic about our community, what’s the point of even speaking or learning the language?

To be sustainable, languages have to have domains which only belong to that language and MT is a real risk to online and written domains for Gaelic.

If people have to make some effort to get a machine translation of what you’ve written, it’s one thing but if it is done very easily or even automatically, this is a different matter.

I’ve seen examples of websites where Gaelic contributions are automatically translated to English and where it isn’t immediately clear that it wasn’t originally written in English.  

This is very concerning. Firstly, in addition to in-group communication within the Gaelic community, using Gaelic online for many people is about raising the profile of the language. Secondly and more importantly, automatic MT of content is rarely as good as the original.

At best, you will have the situation where people are reading your content in worse English than you could have written yourself. Bear in mind too that most Gaelic speakers find writing in Gaelic more difficult than in English and are less confident in Gaelic writing meaning that they have to put in more effort to write in Gaelic. Again, if there is automatic or very easy MT of Gaelic content this takes away the point of writing in Gaelic.

And if you write in Gaelic and non-Gaelic speakers are able to get an instant translation – or if the software translates it automatically, people will reply in English and before long it will be like the Highland Council Gaelic forum again. You might not be writing for English speakers, but with MT they become part of your audience whether you like it or not.

And that is all if the translation is correct! At worst, the translation will be wrong.

I am on Bluesky. With Bluesky there is a function to translate posts via Google Translate. .

I normally post in Gaelic and as an experiment, I’ve been looking at what translations would be given for my Gaelic posts.

As an advocate of public transport and someone with critical views of AI, I’m personally very sceptical about self-driving cars. I posted something recently referring to autonomous vehicles as “sgleò-bhathair” – vapourware. Google Translate translated this as “a piece of crap!”

This is ruder than I would have been! Vapourware is I suppose a pejorative term, but it does have an important meaning:

And this was just a post by me – not important, not contentious. Imagine, however, if a parliamentarian or a public body related to transport used the word “vapourware” in a meeting and quotes this in Gaelic in an official social media post by the organisation in question.

All it would take would be one journalist or social media user to click on the translation and you’d have a bunch of headline and angry tweets saying things like:

“[Insert public body/public figure here] calls self-driving cars a piece of crap”

I checked quite a few of my posts and a not inconsiderable number of them came up with inaccurate translations.

I don’t tend to post about any contentious issues or get political on social media as I have a day job where I have to be politically neutral. But it got me wondering if I need to check all my messages in “translation” to check they don’t inadvertently say something dodgy when translated by MT. This isn’t something that should have to be a consideration.

This made me think of an incident in the Scotsman many years ago which Ronald Black, the editor of the paper’s Gaelic content told me about.

If I remember the tale correctly, an article about Scottish Secretary Malcolm Rifkind started with the text: “Thug Malcolm Rifkind…”

Thug is the Gaelic for “gave” and sounds like the English word “hook”. It merely says “Malcolm Rifkind gave” but looking at it from the point of view of a non-Gaelic speaker you might read it as:

Evidently a complaint was received about how the article was impugning the character of Mr Rifkind!

This is the kind of thing that we may have to think about more and more.

Are we responsible for what people might read our Gaelic words as meaning though machine translation to English?

Of course not morally speaking. However, in practice, if you did have a situation like the “piece of crap” scenario above, that would hardly matter and you would be likely to see non-Gaelic speakers in the media pontificating about the meaning of words in a language they have no knowledge of and where the the voice of actual Gaelic speakers probably wouldn’t be heard in the matter. This wouldn’t end well.

There has been a lot of talk of “a right to be forgotten” online – that personal, outdated, or irrelevant data shouldn’t be kept or be available online when no compelling reason exists for it to be. I think we should have a “right not to be translated” as far as possible online and that minority language groups should advocate this.

MT is here to stay and people can always use it if they want, but automatic translation of posts should be something that the poster themself can control and turn off. There should also be more disclaimers about the inaccuracy of MT. And there should never ever be websites which automatically change all posts automatically to English.

If people really want to translate what I – or anybody else – posts on social media in Gaelic or Irish or Welsh or whatever, they can copy and paste into Google Translate so they can still read it but if it is automatic or too easy, it is very damaging for minority languages.

And after all, wouldn’t it be a boring world if Doctor Who started saying “let’s go” as a catchphrase rather than “allons y!”

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Losgann na Sìthe – aplacaidean anaragach VII: Seat Frog

Le alasdairmaccaluim

Cha bhi mi a’ dol 1d clas air trèanaichean mar as trice. Tha dà adhbhar air seo. ’S a’ chiad dol a-mach, tha 2na clas math gu leòr agus tha e tòrr nas saoire. San dàrna àite, sna làithean seo chan fhaigh thu mòran a bharrachd ged a phàigheas tu tòrr.

Ach bho chionn ghoirid, dh’ionnsaich mi mu dheidhinn aplacaid gus àrdachaidhean 1d clas fhaighinn air prìsean ìosal. ’S e Seat Frog an t-àinm a th’ air.

Chan eil fios agam carson a thagh iad an t-ainm sin, ach thug e orm smaoineachadh mun òran Peace Frog leis na Doors!

Ma chuireas tu a-steach an trèana a tha thu gu bhith a’ faighinn, chì thu rùp airson na trèana agad. Cuiridh tu tairgse a-steach agus ma bhios tu soirbheachail, gheibh thu àrdachadh gu 1d clas.

Tha mi gu bhith a’ dol gu Liverpool. Fhuair mi fìor bhàrgan sa Ghreat British Rail Sale – tiocaid gu Liverpool agus air ais air £20!

Leis gun robh e cho saor, shaoil mi gum feuchainn Seat Frog airson na trèana dhachaigh bho Liverpool. Chuir mi a-steach tairgse airson £13, an tairgse a bu shaoire a bha ceadaichte airson na trèana sin.

24 uairean a thìde ron trèana, fhuair mi teachdaireachd ag ràdh gun robh an tagradh agam soirbheachail.

Bha e gu math spòrsail – coltach ri flutter beag! Agus mur a robh e soirbheachail, cha bhithinn air dad a chosg agus cha bhithinn air dad a chall.

A-nis bi cothrom agam 1d clas fheuchainn feuch cò ris a bhios e coltach.

Tha mi a’ faicinn buannachd no dà bho bhith a’ dol 1d clas.

Sa chiad dol a-mach, gheibh thu bòrd agus bidh e nas sàbhaiche – cha bhi stag night leis an deoch mhòr orra timcheall ort no dad mar sin mar a thachras gu tric air trèanaichean àbhaisteach. Ma tha agad ri obrachadh, is urrainn dhut a bhith cinnteach gum bi cothrom agad an laptop a chleachdadh agus a theàirrdseadh.  Bidh mi a’ pàigheadh airson nan safarithean rèile agam le bhith ag eadar-theangachadh is ag ath-leughadh air an trèana agus mar sin, tha e gu math goireasach!

Rud eile a tha math – gheibh thu biadh is deoch an-asgaidh. Airson cuid de sheirbheisean gheibh thu greim bìdh leithid chriospaichean no cnothan no briosgaidean ach ann an cuid eile, gheibh thu biadh nas motha leithid paidh no coiridh. Ach gheibh thu srùbag air a h-uile trèana.  

Agus is dòcha an rud as fheàrr, faodaidh tu a dhol a-steach do na seòmraichean-suidhe no “lounges” ciad chlas aig na companaidhean rèile. Tha an t-àite suidhe blàth agus goireasach le cofaidh agus greimean bìdh an-asgaidh. Tha sin gu math feumail air an oidhche no anns a’ gheamhradh, gu sònraichte ma tha obair agad ri dhèanamh air an laptop agad.

’S e an trioblaid a th’ ann gum faighear diofar rudan le diofar chompanaidhean rèile. Mar sin, bidh na gheibh thu eadar-dhealaichte air Trans Pennine Express, Avanti West Coast, Cross Country agus LNER agus mar sin air adhart. Agus chan eil seòmar-suidhne aig a h-uile companaidh anns a h-uile stèisean mòr.

’S ann le Trans Pennine Express a tha an tiocaid 1d clas agam, air trèana dhìreach eadar Liverpool Lime Street agus Glaschu Mheadhain. Tha mi air turas saor eile a chur air dòigh gu Leeds sa Mhàirt agus bheachdaich mi air a bhith a’ cur a-steach airson àrdachadh airson sin cuideachd. Tha mi a’ dol air dà dhiofar thrèana agus ’s ann dìreach air an dàrna thrèana a bha suidheachain 1d clas: eadar Lancaster agus Glaschu.

Liverpool Lime Street

Thug mi sùil air an rùp agus dh’fheumadh tu co-dhiù £30 a chur ann mar thairgse tòiseachaidh. Sin barrachd na cosg an tiocaid agam sa chiad dol a-mach agus cha robh mi idir deònach sin a phàigheadh – agus cuimhnich nach biodh ann an sin ach tairgse agus gur dòcha gum biodh agam ri barrachd air sin a phàigheadh airson àrdachadh fhaighinn.

A rèir coltais, tha eadar-dhealachadh mòr ann eadar diofar shlighean. Thug mi sùil air grunn sheirbheisean eadar Alba agus Lunnainn, cuid aca dhà no trì mìosan air falbh, ach bha cha mhòr an aon phrìs orra uile – £30 airson tairgse as ìsle san rùp. Cuideachd, bha e a’ cosg cha mhòr an aon sùim airson na slighe eadar Glaschu agus Lunnainn ’s a bha e a’ cosg airson turas tòrr nas giorra – dh’fheuch mi Glaschu gu Lunnainn, Carlisle gu Lunnain, Lancaster gu Lunnainn agus Preston gu Lunnainn agus bha an aon phrìs orra uile. Mar sin, ged a fhuair mi bargan an turas seo, chan eil e coltach gum bi e a cheart cho saor no furasta a h-uile turas.

Tha mi aithris air cò ris a bha an turas 1d clas agam coltach an seo às dèidh an turais.

Alasdair

Ag èisteachd ris: Na Doors. Tha seo gu sònraichte math:

A’ leughadh: “Through the Language Glass: Why The World Looks Different In Other Languages”, Guy Deutscher.

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Banrigh a’ Ghorta Mhòir agus Aiseirigh Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Rathaidean-iarainn

Le alasdairmaccaluim

Chaidh sinn uile gu York bho choinn ghoirid airson deireadh seachdain. Bidh ìomhaighean deighe aca gach bliadhna agus shaoil sinn gun còrdadh e ris na nigheanan.

Tha an teaghlach air fad dèidheil air a’ bhaile – na taighean-tasgaidh, na seann toglaichean, na bùithtean agus na taighean-bìdh.

Ach ged is e saor-làithean teaghlaich a bha seo seach safari rèile, bhiodh e mì-mhodhail a dhol gu York gun a bhith a’ dol gu Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Rathaidean-iarainn!

Às dèidh madainn de bhith a’ coimhead air dràganan is trèanaichean is teadaidhean deighe, rinn mi air an Taigh-tasgaidh.

Gu h-iongantach, bha e doirbh a lorg! Uill, cha robh na toglaichean fhèin doirbh a lorg – tha iad gu math mòr – ach bha an t-slighe a-steach doirbh a lorg.

Tha seo mar thoradh air tòrr mòr obair leasachaidh a tha a’ dol air adhart sa cheàrnaidh seo den bhaile aig an àm seo. Thathar a’ togail York Central, leasachadh mòr ùr ri taobh an taigh-tasgaidh far an robh tòrr taobh-loidhnichean rèile (sidings) nach robh gan cleachdadh tuilleadh. Thathar a’ togail nam mìltean de thaighean, gnìomhachasan is eile ann agus mar thoradh air seo, tha an t-slighe a-steach àbhaisteach dùinte.

A bharrachd air sin, tha dà dhiofar thogalach san taigh-tasgaidh – an Talla Mòr agus Talla an Stèisein. Cha robh deagh cheangail eatorra – dìreach tunail fon rathad – agus cha robh e idir freagarrach a thaobh ruigsinneachd. Thathar a’ togail togalach ùr a bhios gan ceangal agus a bhios mar inntrigeadh ùr.

Mar sin, ged a tha an taigh-tasgaidh faisg air an stèisean, tha na dorsan a-steach sealach mu mhìle air falbh. Chan ann a’ gearan a tha mi, ge-tà – bha mi feumach air cuairt agus chòrd e rium coimhead air làrach York Central.

Airson a dhol a-steach, feumaidh tu a dhol seachad air Talla an Stèisein. Chuir seo dragh mòr orm oir bha iad air na loidhnichean rèile uile a-steach dhan talla a ghearradh agus robh ceangal rèile air an taobh sin den taigh-tasgaidh dhan lìonra nàiseanta tuilleadh. Seo an t-àite far am biodh iad gu tric a’ taisbeanadh locothan agus far am biodh cothrom ann uaireannan a dhol air tursan trèana goirid. (Chaidh mi air turas air a’ Hogwarts Express mu 15 bliadhna air ais mar eisimpleir!)

Bhris e mo chridhe agus ged a bha an Talla fhèin a’ coimhead gu math spaideil agus snog, ‘s e ceum mòr air ais a bhiodh ann mur a robh ceangail rèile ann tuilleadh. Bha e a’ coimhead mar rudeigin às dèidh Beeching.

"Hogwarts Express", Taigh-tasgaidh na Rèile, York
Tha an trac seo uile air falbh a-nis

Gu fortanach, rinn mi beagan rannsachaidh às dèidh làimh is fhuair mi a-mach gu bheil ceangal rèile ùr gu bhith ann a tha gu bhith a’ tighinn bhon taobh eile agus tha iad an dùil tursan trèana ghoirid a dhèanamh air agus a chleachdadh gus trèanaichean a thoirt a-mach is a-steach dhan taigh-tasgaidh. Bidh gàrradh ann cuideachd le craobhan agus àiteachan picnic. Mar sin, ged a tha an taobh sin den taigh-tasgaidh a’ coimhead caran brònach an-dràsta, èiridh e a-rithist.

Ach ged nach eil ceangal rèile ann an-dràsta, tha an rathad-iarainn beag air ath-fhosgladh. Chòrd e rium glan!

Seo dealbh de mo nighean Ciorstaidh air an trèana bheag san taigh-tasgaidh nuair a bha i beag bìodach – tha i 20 a-nis!

Chaidh mi a-steach dhan Talla-mhòr an toiseach. Sin an t-àite far a bheil tòrr thrèanaichean ainmeil eachdraidheil bho na rathaidean-iarainn as tràithe chun na linn againn fhèin.

Bho na làithean as tràithe, tha dà Stevenson’s Rocket ann! Tha Rocaid fhèin ann agus mac-samhail a rinneadh anns na 1930s. Tha e fìor inntinneach oir tha Rocaid fhèin a’ coimhead dìreach mar a bha e às dèidh 50 bliadhna de dh’obair cruaidh ann an mèinn agus tha am modail dheth a’ coimhead spaideil mar a bha e nuair a bha e ùr.

Tha am Mallard agus Dutchess of Hamilton agus tòrr thrèanaichean cliùiteach ann ach chaidh mi fhèin ann gus cuid de na trèanaichean nas obscure fhaicinn, gu sònraichte an 4-Sub seo!

4-Sub, Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Rathaidean-iarainn

Rud a chuir beagan eagal orm is a dh’fhàg mi a’ faireachdainn aosta, ’s e gu bheil co-dhiù dà thrèana anns an taigh-tasgaidh a tha an aon aois rium fhèin! (Sin an Inter City 125 agus an Class 87 – chan e Stevenson’s Rocket no dad mar sin!)

Às dèidh dhomh sùil a thoirt air an togalach air fad, chaidh mi gu taobh eile an rathaid gus Talla an Stèisean fhaicinn gu ceart. Am measg rudan eile, tha trèana rìoghail a bha aig a’ Bhanrigh Bhictoria uair agus aig a ceann tha loco air a bheil Gladstone.

Bha mi a’ smaoineachadh air sin nuair a bha mi a’ gabhail srùbag anns a’ chafaidh àlainn faisg air an trèana sin goirid às dèidh làimh agus mi a’ leughadh leabhar mu eachdraidh na h-Èireann san 19mh linn – anns an robh gu leòr mu dheidhinn Gladstone agus Bhictoria! Bha e inntinneach a bhith ri taobh trèana spaideil Bhictoria – Banrìgh a’ Ghorta Mhòir mar a bh’ aig na h-Èireannaich oirre – fhad ’s a bha mi a’ leughadh mu strì an fhearainn is Parnell is Davitt is eile!

Tron leughadh agam bho chionn ghoirid cuideachd, leugh mi rud no dhà eile mu rathaidean-iarainn Shasainn agus poileataigs na h-Èireann san 19mh linn. Mar eisimpleir, chaidh Michael Davitt a chur an greim leis na polis ann am Paddington ann an 1870 airson a bhith a’ ruith ghunnaichean agus ann an 1884, spreadh na Fíníní boma ann an stèisean Bhictoria!

Bha ceanglaichean ceilteach eile ann – seo Richard Trevithick, an Còrnach a chruthaich a’ chiad trèana do luchd-siùbhail ann an 1808 agus am mapa seo de lìonra rèile na Cùirne – “The Cornish Riviera – England’s National Health and Pleasure resort – maximum of sunshine and equable temperature – winter and summer!”.

Tha Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Rathaidean-iarainn fìor mhath – agus bi e nas fheàrr buileach nuair a bhios an obair leasachaidh deiseil.

Alasdair

Ag èisteachd ri: Morbid Podcast. Eucoir, fortea agus feimineachas!

Air mo Khobo: Katharine O’ Shea, Charles Stewart Parnell: His Love Story and Political Life, 1914, 8/10; Shane Kenna: The Invincibles: The Phoenix Park Assassinations and the Conspiracy that Shook an Empire, 2017, 10/10 (Tha mi a’ dèanamh deep dive air eachdraidh na h-Èireann san 19mh linn an-dràsta!)

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean Anaragach VI: An làrach-lìn rèile as fheàrr san t-saoghal! Viaduct.world

Le alasdairmaccaluim

Tha mi air coimhead air grunn làraichean-lìn is aplacaidean an seo roimhe – cuid airson a bhith a’ clàradh tursan adhair is rèile is bus agus feadhainn eile le mapaichean is bharrachd. Cha robh làrach ann, ge-tà, a dhèanadh mapa dhut den a h-uile rathad-iarainn air an robh thu.

Cha robh gu beagan mhìosan air ais, co-dhiù!

Tha làrach-lìn ann a-nis air a bheil Viaduct.world far am faod thu a h-uile turas trèana a rinn thu a chlàradh agus a nì mapa dhut. Nas fheàrr na sin, tha i eadar-nàiseanta agus mar sin, faodar turas trèana sam bith san t-saoghal a chur ann. Agus tha i an-asgaidh cuideachd!

Cruinnichidh Viaduct.word stats cuideachd. Tha fios agam a-nis, mar eisimpleir, gun do shiubhail mi air 52% de lìonra rèile na RA agus 9% de lìonra na Beilge!

Na rathaidean-iarainn uile a rinn mi san RA

A bharrachd air na rathaidean-iarainn, faodar aiseagan a chur ris cuideachd.

Chithear na rathaidean-iarainn agus cuid de na h-aiseagan a ghabh mi ann an Èirinn is Manainn an seo:

Agus chan e a-mhàin rathaidean-iarainn sna lìonraidhean nàiseanta a ghabhas a chur ris oir tha tòrr de na rathaidean-iarainn glèidhte ann cuideachd.

An seo mar eisimpleir, chithear rathaidean-iarainn glèidhte Srath Spè, Baile nan Dubhach is Baile Chè agus Rathad-iarainn Cailleanbach Breichin.

San fharsaingeachd, chan eil na siostaman meatro no trama ann, leithid Underground Lunnainn no Subway Glaschu, ach tha an Tyne and Wear metro ann.

A bharrachd air loidhnichean, faodar na stèiseanan san robh thu a chlàradh cuideachd. Seo eisimpleir bho Shiorrachd Lannraig.

Chithear cuideachd na companaidhean rathaid-iarainn uile a chleachd thu:

Agus tha combaist ann de na turasan rèile agad:

Ma tha thu ag iarraidh mapa mòr de na tursan agad airson a dhol air a’ bhalla agada, nì iad sin dhut air prìs reusanta cuideachd.

Tha cothrom agad beachdan a chur a-steach air an làraich cuideachd agus tha na daoine leis a bheil Viaduct.world air leth cuideachail is deònach èisteachd ri molaidhean.

Seo làrach-lìn sgoinneil. ‘S e an aon rud a tha dona mu dheidhinn gu bheil e furasta cus tìde a chur seachad air….

Ma tha ùidh agad sna tursan rathad-iarainn agam, faodar am mapa agam fhaicinn an seo.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

12 an Gearran: Roibeard Ó Maolalaigh: Dealachadh brìgh ann am faclan Gàidhlig agus am facal còisir

Le comanngaidhligghlaschu

Diaordaoin 12 An Gearran 2026, 5.30f, Leabharlann Mitchell / air-loidhne

Roibeard Ó Maolalaigh (Oilthigh Ghlaschu): ‘Dealachadh brìgh ann am faclan Gàidhlig agus am facal còisir’

Fàilte bhlàth air a h-uile duine!

Cuiribh fios gun rùnaire (a_maccoinnich@hotmail.com) a dh’ iarraidh ceangal-lìn. Tha sinn a’ sireadh £5 o aoighean. Tha seo saor an asgaidh do bhuill – is faodar ballrachd-bhliadhnail a ghabhail – £25. Saor an asgaidh do dh’oileanaich.

Powered by WPeMatico


Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu