Còmhradh

  • Ciurm-dhealbh 1945
    by Ru-ra on DiM, 27 Samh 2007 at 5:30f

    Bha mi aig cuirm-dhealbh 1945 ann an talla a' bhaile bhig an t-seachdain seo chaidh. Bha e math fhèin. Choimhead sinn air dà dealbhan-àbhachdais bho 1945, film-naidheachd bho 1945 agus “I know where I’m Going” – film mòr, dèante ann am Muile ann an 1945 agus roghainn film Beathag (dèan sùil air a' bhlog aice anns an Giblean 2006). Bha cuimhne aig cuid anns an talla aig an àm nuair a rinneadh an film. Dh’innis iad rinn mu dheidhinn an inneil-cheò mhòir agus an sgioba-film mhòir agus an ullachaidh-bìdh. Bha eadar-ama am meadhan an fhilm airson srùpag. Bha sin math […]

  • "is thog iad àiteachan parcaidh"
    by Cam on Dih, 5 Dàmh 2007 at 4:43f

    A bheil cuimhne agad Bob Dylan neo Joni Mitchell a' seinn, "They paved paradise and put up a parking lot"? Ann an Champaign, Illinois, bidh iad a' leagail leabhar-lann is an uairsin bidh iad a' togail àiteachan parcaidh. Carson a tha sinn uile air ar togail? Uill, airson aon bhiadhna tha iad air a bhith a' togail leabhar-lann ùr ri taobh an leabhar-lann aosda. Mu dheireadh thall, tha an leabhar-lann ùr gu bhith deiseil. Thèid na leabhraichean a ghluasad dhan leabhar-lann ùr ann am meadhan na Dùbhlachd is an uairsin thèid an leabhar-lann aosda a leagail. Anns an àite sin bidh iad a' […]

  • Budhaigean
    by Ru-ra on DiM, 10 Gibl 2007 at 11:48f

    Tha na budhaigean air ais. Bha mi ann an Stafa (eilean beag faisg air Muile) Disathairne. Agus thàinig na budhaigean air tìr - 's ann a' chiad àm a bha iad air tìr am bliadhna. 'S toil leam na budhaigean gu mòr. Tha iad gu math soitheamh 's càirdeil. Agus tha coltas comaig orra. Nach eil iad snog?

  • cartadh cèiteanach
    by Cam on DiS, 24 Màrt 2007 at 1:46f

    'S dòcha gu bheil mi beagan leisg, ach chan àbhaist dhomh an cartadh cèiteanach a dhèanamh. Co-dhiù, dh'imrich mi dìreach sia no seachd seachdainean air ais is tha am flat agam buileach glan fhathast. A dh'aindeoin sin, thuirt an uachdaran ris a h-uile duine a tha a' fuireach anns an togalach seo gur h-e an t-àm a th’ann airson an steall biastag bliadhnail. Air an adhbhar sin, feumaidh sinn a h-uile rud a thoirt a-mach às a' chidsin roimhe madainn Chiadain. Uill, rinn mi sin. Thàinig an steallaire biastagan is an-dràsda, feumaidh mi a h-uile rud a chuir air ais! Abair bùrach! […]

  • Soraidh leis na beanntann
    by Cam on DiC, 7 Màrt 2007 at 11:35f

    O chionn dà mhìos dh'imrich mi bho Thennessee a dh'Illinois, àite far nach eil beantann ann idir. Tha mi ag obair pàirt-thìde ann an leabharlann, an aon leabharlann far a bheil mo phiuthar ag obair, is ‘s toigh leam a bhith an seo. Cha robh mi air luchd ionnsachaidh Ghàidhlig lorg san àite seo fhathast, ach tha beagan dhiubh ann am baile nach eil fad air falbh. Chaidh mi ann an deireadh seachdain sa chaidh is choinnich mi riutha. ‘S dòcha gum bi iad a’ tighinn an seo an ath mhìos.

  • Reobhart Muir-Làn
    by Ru-ra on DiS, 24 Gearr 2007 at 1:20m

    Bha mi air tìr-mòr Diluain leis a’ bhan againn. Nuair a thill mi do Mhuile Dimàirt, ‘s e reobhart muir-làn a bh’ann – ‘s dòcha an reobhart as làn dhen bhliadhna (chan eil mi cinnteach). Co-dhiù, bha e uabhasach làn agus bha an “link-span” (an rathad eadar a’ chidhe agus a’ bhàt-aiseag) fon uisge, agus feumaidh a h-uile duine draibheadh tron uisge.

  • Latha Nollaig agus Oidhche Challain
    by Ru-ra on Dih, 19 Faoi 2007 at 7:15f

     Ru-ra: Uill, a chàirdean. 'S fhada bhon a bhruidhinn mi ribh. Nollaig chridheil agus bliadhna mhath ùr dhuibh agus mòran dhiubh! Dè rinn sibh Latha Nollaig agus Oidhche Challainn agus Latha na Bliadhna Ùire? Uill, sinne, rinn sinn an àbhaist. Thàinig an teaghlach dhan taigh againn Latha Nollaig agus dh’ith sinn cus, ach bha spòrs agus mireadh againn. Agus Oidhche Challainn ... mo roghainn oidhche ... dh’fuireach sinn aig an taigh againn gu meadhan oidhche. An uair sin, chaidh sinn air ceilidh air taigh sam bith a bha solas aige. Chaidh sinn dhan leapannan againn mu […]

  • mo mhac
    by Cam on Dih, 10 Samh 2006 at 4:52f

    Seo mo mhac Caleb agus e a’ dèanamh cleasachd. Nach eil e snog? ‘S e an-diugh an co-latha breith aige - tha e sia air fhichead. Tha Caleb a’ fuireach ann an Tennessee a-nis ach bidh e ag imrich an ath bhliadhna airson a bhith na fhor-cheumnaiche. Càit’ a bhios e a' dol? Chan eil fios againn fhathast.

  • Nach e amadan a th'annam
    by Ru-ra on DiL, 6 Samh 2006 at 6:24m

    An t-seachdainn seo chaidh bha mi anns an Òban. Bha Oidhche Phàrantan aig an Àrd-Sgoil agus bha agam ri fuireach ann an leabaidh ‘s breacaist anns an Òban an oidhche sin. (Falbhaidh an ath-bhàt-aiseig Muileach aig 4.00f anns a’ gheamhradh.)Bha agam ri a’ cheud bhàta a bheirsin an ath latha. Mar sin, dh’feumainn èirich aig 6.30m. Tha uaireadair-dùsgaidh anns an fhòn-laimh agam. Rinn mi cinnteach gun robh an uaireadair-dùsgaidh aig 6.30. Thug mi sùil air a-rithist – bha, bha e aig 6.30 ‘sa mhadainn. Fhuair mi cinnt air a-rithist – bha, bha an uaireadair-dùsgaidh air. […]

  • Oidhche Shamhna
    by Cam on DiM, 31 Dàmh 2006 at 12:58m

     Cam: Feumaidh mi poca mòr suiteis a cheannachd a dh'aithghearr air sgàth 's gun tig Oidhche Shamhna. Chan eil mòran chloinne a' fuireach anns a choimhearsnachd agam ach tha tòrr oileannach ann is 's toigh leotha suiteis cuideachd. Dè a nì sibh airson Oidhche Shamhna? Beathag: A bheil oileannach a' "trick-or-treating" anns a' choimhearsnachd agad, a Cham? Abair aghaidh! Tha mòran, mòran chloinne òga a' fuireach anns a' bhaile againn, agus bidh iad ag iarraidh suiteis air Oidhche Shamhna. Tha culaidh-choimheach aig Vic, ar mac: bidh e na neach-smàlaidh (còmhla ri iomadh […]

  • Nora, mo leanabh
    by Bethany on DiM, 17 Dàmh 2006 at 4:25f

    Teachdaireachd ghoirid bhuam, mu dheireadh thall...Seo mo nighean bheag! Chan eil i ach trì seachdain a dh'aois. 'S e "Eleanor," no "Nora" an t-ainm a th'oirre agus cha chreid mi nach eil i bòidheach -- creutair maoth, mìorbhaileach is gràdhach. (Tha Mamaidh a' smaoineachadh gu bheil, co-dhiù!)Tha sinn uile gu math agus glè shona.

  • Smeuran
    by Ru-ra on DiS, 30 Sult 2006 at 7:37f

     Ru-ra: Am bliadhna seo tha smeuran gu leòr ann. Bha mo mhac agus mi-fhìn a’ buain tòrr smeuran an deireadh-seachdainn seo chaidh. ‘S ann an trì puinnd de smeuran a b’urrainn dhuinn a bhuain a h-uile deich mionaidean. Mar sin bha mi gu math trang anns a’chidsin: rinn mi ceicean-smeura, reòiteag smeura agus mìlseanan smeura eile. Nì mo mhàthair sìlidh, ach cha dean mise. Dh’fheuch mi dà uair sìlidh a dhèanamh: uair bha e mar tofaidh agus an uair eile bha e mar sùgh! Cam: Obh, a Rù-ra. Gu dearbh ‘s toigh leam smeuran is bhuaininn iad o chionn fhada nuair […]

  • Càit' an robh mi?
    by Cam on Dih, 15 Sult 2006 at 3:00f

    Air an 20mh dhen Lùnastal dh’fhàg mi an taigh agam ann an Tennessee tràth sa mhadainn is shiubhal mi fad an latha air itealan is bus. Chaidh mi dhan àite far an robh Gàidhlig aig a’chuid bu mhotha dhen daoine anns an naoidheamh linn deug is cluinnear i fhathast san latha an-diugh. An urrainn dhuibh ainm a’ bhàt’-aiseig anns an dealbh seo a leughadh? (Se "Caolas Sìlis" a th'ann.) Anns an àite seo chuala mi iomadh còmhradh is òran Gàidhlig. Anns an àite seo tha mòran dhaoine aig a bheil ainmean leithid MacNèill, MacIllEathainn, is MacChoinnich is tha na daoine ro […]

  • Toradh nan Deuchainn Àrd-Ìre
    by Ru-ra on DiM, 8 Lùna 2006 at 8:20f

    Rainig toradh nan deuchainn Àrd-Ìre an diugh agus ... fhuir mi "A" ann an Àrd-Ìre Ghàidhlig. Ho rò!'S dòcha gabhaidh mi deoch bheag a-nochd.

  • Bha North Carolina làn Gàidhlig
    by Cam on DiC, 2 Lùna 2006 at 10:00f

    Aig tòiseach an Iuchair chaidh mi a North Carolina airson bùtha-obrach Gàidhlig. Bha 47 oileanach is 5 tidsearan ann agus bha an t-seachdain math math. Bha clasaichean òrain is cànain againn agus bha tìde ann airson spòrs is fealla-dhà cuideachd. Aig deireadh na seachdaine bha am Mòd North Carolina ann. Anns an dealbh seo, air an taobh chlì, chì sibh Ceana Chaimbeul is Fiona NicChoinnich, a bha nam breitheamhan. An aithne dhuibh am boireannach air an taobh dheas? ‘S e “CuisMhagaidh” agus ‘s e seinneadair math dha-rìribh a th’innte.

  • Ceilidh Idhe
    by Ru-ra on DiL, 24 Iuch 2006 at 1:30m

    Bha ceilidh ann an I Chaluim Chille dihaoine. Seòlaidh am bàt'-aiseig Chaledonian Mhic a' Bhruithainn mu dheireadh eadar Muile & I aig 6.00f. Ach thog am bàta Stafa daoine bho Mhuile gu I aig 7.30f airson na ceilidhe. Bha pìobairean a' feitheamh aig a' chidhe Idhe. Nuair a ràinig am muinntir Mhuile, thàinig a h-uile duine an dèidh na pìobairean agus choisich sinn uile do Thalla Idhe.An uair sin thòisich a' cheilidh. Agus abair ceilidh! Bha ceòl gu leòr: pìobaireachd, seinn, bogsa, giotàr; agus sgeulachdan & fealla-dhà. Aig 9.30f ghabh sinn srùbag agus an uair sin […]

  • Is mise antaidh!
    by Bethany on Dia, 6 Iuch 2006 at 11:15f

    'S e piuthar-màthar a th'annam mu dheireadh thall! Rugadh mo mhac-peathar beag Didòmhnaich sa chaidh ann an Lexington, Kentucky. 'S e Nathaniel, no "Nate" an t-ainm a th'air. Tha falt ruadh air, coltach ri athair is a mhàthair, agus tha e sàmhach is cho milis ris a' mhil -- gu seo... Seo dealbh an leanaibh. (Agus 's e duine air leth sona a th'ann an mo bhràthair-céile, cuideachd.)A mhic mo pheathar, fàilte dhan t-saoghal mhòr.

  • An Leabharlann
    by Ru-ra on DiM, 4 Iuch 2006 at 2:20m

    Chaidh mi dhan leabharlann an diugh. Uill, thàinig an leabharlann thugamsa. Bidh bhan an leabharlainn a’ tighinn an seo gach 4 seachdain airson uair gu leth.

  • Na tunnagan agamsa
    by Ru-ra on DiD, 2 Iuch 2006 at 5:45f

    Bha Cam ag innse dhuinn mu Loki, a cat a tha a’ fuireach air an sgàil-thaigh aice. Uill, mi fhìn, tha dà thunnag agamsa. Tha iad a’ fuireach anns a’ ghàrradh agam agus tha iad air a dhèanamh de dh’umha. Chan eil ainmean aca, ach is toil leam iad gu mòr.

  • Mo chat
    by Cam on DiS, 1 Iuch 2006 at 5:23f

    ‘S e Loki an t-ainm a th'air an cat agam. Tha mòran chait nam choimhearsnachd - cait bheaga, cait mhòra, cait aosda is cait òga. Tha cait gheala, dhubha, is ruadh, cait reamhar is cait thana ann, ach tha ach aon cat leacadh ann is tha e agamsa. Seadh a chàirdean, tha Loki leacadh. A thaobh air a bhith leacadh, tha Loki uamhasach sàmhach, modhail is chan eil e ag ithe mòran. Uill, a dh' innse na fìrinn, chan eil e ag ithe càil air sgàths gu bheil e dèante de meatailt agus tha e an còmhnaidh a' fuireach air an sgàil-thaigh agam faisg air an dorus.