Seadh…a Chaluim

  • Toiseach a' Cheitin
    by calum on DiS, 1 Cèit 2010 at 9:01m

    Is fhada on a bha mi faisg air seo. Ceit a' dèanamh sioft aig aig an Taigh-tasgaidh agus tha agam fhìn a ruith a dh'Uige gu luath.

  • Na thachair san eadar-àm
    by calum on DiS, 28 Gearr 2009 at 9:34m

    An dèidh dhuinn tìr-mòr fhàgail air 21 An Iuchar 2008 cha robh loidhne fòn againn agus mar sin ceangal eadar-lìn - ach cha robh sinn nar tàmh...

  • Latha Naomh Bhalantain
    by calum on DiM, 12 Gearr 2008 at 6:52f

    Mar as dualtach tachairt tha mi am-bliadhna a-rithist gu bhith aig ceann eile na dùthcha bho mo chèile...

  • Toiseach an earraich
    by calum on DiM, 12 Gearr 2008 at 6:20f

    Bha sinn ann an Cille Mhoire eadar feasgar Disathairne 9 An Gearran agus Diluain 11 An Gearran.Cille a' Bhacastair bho Hùnagladair mu 10m Diluain.An t-Eilean Sgitheanach thairis air uisgeachan Loch Carran, feasgar DiluainAn t-Eilean Sgitheanach.Aig Achadh na Sìne thachair sinn air damh òg agus poca an sàs sna cabaran aige.Bha fìor fhaireachdainn ann gur e latha earraich a bh' ann Diluain - toiseach an earraich. Air neo mar a thuirt an t-Eireannach a bha gam fhrithealadh ann an Tesco madainn an-diugh, "Toiseach an t-samhraidh!"

  • Làithean-saora am Brora
    by calum on DiM, 12 Gearr 2008 at 6:04f

    Ràinig sinn mu 4.15f Diardaoin 7 An Gearran, Taigh-òsta Rioghail na Mara.

  • An Ceathramh Tarraing
    by calum on DiS, 19 Faoi 2008 at 3:50f

    Bha mise, Daibhidh agus Eilidh aig Watercolour fad an latha an-dè (Dihaoine) a' measgachadh a' CD. Bha e gu bhith 10f san oidhche mus d' fhuair mi dhachaigh. Nis, latha mòr gu Bun-sgoil Inbhir Pheofharain Diluain sa tighinn agus Luchd-sgrùdaidh na Banrighinn a' tighinn a chèilidh.

  • Obair na Tobrach
    by calum on DiS, 19 Faoi 2008 at 3:49f

    Chaidh obair a thabhainn dhomh an t-seachdain seo (Diardaoin, 17mh) aig Tobar an Dualchais, 3 latha san t-seachdain an toiseach.

  • Latha-crìochnachaidh 2007
    by calum on DiD, 13 Faoi 2008 at 7:18f

    Oidhche Shathairne, 12 Am Faoilleach aig Ceasaig a Tuath.

  • Ailig Mòr an Inbhir Nis
    by calum on DiD, 13 Faoi 2008 at 7:17f

    Bha Ailig Salmond ann an Inbhir Nis airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis fhosgladh gu h-oifigeil.

  • Oidhche Challain air 'Dodgy Ground'
    by calum on DiD, 13 Faoi 2008 at 7:16f

    Ionad na Coimhearsachd, Caol, Loch Abar, Oidhche Challain, mu 11.45f.

  • Fàgail Chille Mhoire
    by calum on DiD, 30 Dùbh 2007 at 2:50f

    Bha e beagan an dèidh 9m (Disathairne 29 An Dùbhlachd) nuair a ghabh sinn an rathad air ais a dh'Inbhir Pheofharain agus an uair sin a-null a Dhruim na Drochaid airson iomain - co-fharpais eadar gillean a' ghlinne airson cuimhneachan Zandra Nic an Tòisich. Bha e an dèidh 6f mus d' ràinig sinn 56 MBR.

  • Latha na Nollaige 2007
    by calum on DiD, 30 Dùbh 2007 at 2:46f

    Ràinig sinn Cille Mhoire aig 8f air 23 An Dùbhlachd air oidhche cho stoirmeil 's a bh' ann bho chionn treis (drochaid an eilein air a dùnadh gu carbadan àrda).Taigh Ena mu 11m madainn na Nollaige.

  • Diardaoin 20 An Dùbhlachd
    by calum on DiD, 30 Dùbh 2007 at 2:43f

    Bha i mu -6C nuair a dh'fhalbh Ceit don sgoil mu 8m.

  • Oidhche Mhàirt 18 An Dùbhlachd
    by calum on DiD, 30 Dùbh 2007 at 2:35f

    Nicole na h-aingeal ann an Nativity na sgoile aice. ('S i a th' ann sa mheadhan le beul fosgailte).

  • Tadhal air Slèite
    by calum on DiL, 17 Dùbh 2007 at 4:38f

    Cha ghabh cur an cèill bòidhchead an latha an-diugh. Dh'fhàg mi an taigh mu 8.15m agus i aig -5.5C agus ràinig i shìos gu -8.5C aig Achadh na Sìne. Bha agallamh agam aig Tobar an Dualchais aig 11m. Achadh na Sìne mu 9m. Srath Charran mu 9.30m.

  • Turas a dh'Achadaphail
    by calum on Dia, 6 Dùbh 2007 at 9:20m

    Turas goirid bho Diluain gu Diciadain (3-5 An Dùbhlachd). Agus fhad' 's a bha mi thall bha Ceit far na sgoile le tinneas, mar sin cha b' urrainn dhomh a bhith aig an taigh airson coimhead rithe.Aiseag I air a' chaolas feasgar Dimàirt, 4 An Dùbhlachd.

  • Naomh Anndra agus ruith na muice
    by calum on Dia, 6 Dùbh 2007 at 9:01m

    Bha aig meantime ri cluich aig dannsa Naomh Anndra sa Ghearasdsan Oidhche Haoine 30 An t-Samhain. A' cluich aig an aon chuirm bha Marion Anderson agus a còmhlan, Cèilidh Mòr, Còmhlan Pìobaireachd Sgoiltean Cinn-tìre agus Na Occasionals.Air an Disathairne rinn sinn beagan ullachadh airson cuirm Dihaoine sa tighinn (7 An Dùbhlachd) ann an Dùn Èideann. Aig 1.30f dh'fhàg mi-fhìn agus Daibhidh Ghriais An Gearasdan agus thug mi a dh'Ullapul e airson aiseag Leòdhais. PS Ruith na muice - b' fheàrr leam gun robh mi air a bhith nas luaithe leis a' chamara a chionn air an rathad a tuath 3 […]

  • St. Columba's Obar Dheathain
    by calum on DiS, 10 Samh 2007 at 9:22m

    Tha cola-deug ann a-nis on a chaidh sinn sìos a dh'Obar Dheathain airson cèilidh a bhathas a' cumail do dh'Eachann air an deireadh-seachdain mu dheireadh aige anns na 15 mìosan de thrèanadh a rinn e ann.

  • Iomain
    by calum on DiS, 20 Dàmh 2007 at 5:22f

    An dàrna geama mu dheireadh den t-seusan agus rinn sinn (Gleann Urchardainn) a' chùis 7-1 air A' Mhanachainn. Latha brèagha foghair a bh' ann.

  • Mòd Loch Abair 2007
    by calum on Dih, 19 Dàmh 2007 at 6:00f

    Thill sinn dhachaigh aig 6f an-diugh, Dihaoine, agus feumar a-nis tilleadh gu 'r beatha làitheil, àbhaisteach an dèidh làithean neo-àbhaisteach a' Mhòid - 'suspended reality' airson 10,000 duine. An dàrna àite airson Buidheann Dràma Inbhir Nis Oidhche Chiadain, co-fharpais an t-seann nòis Diardaoin, agus an dàrna àite airson Coisir Ceann an Tuirc madainn Dihaoine ann an talla Bun-sgoil Naomh Moire.