Mo chuid bhàrdachd

  • Fèis dhìoghaltais
    by Graisg on DiD, 31 Dùbh 2006 at 1:41f

    Le tachartas cho borbAn seòrsa deamocrasaidh a fhuair IaracA’ tionndadh aintighearna gu martarach?Sruth làidir gràine eileA’ neartachadh na tuile

  • Rudeigin gam phùtadh
    by Graisg on DiM, 4 Iuch 2006 at 8:18f

    Thalictrum purpaidh a’ crìonadhFitheach a’ dol an sàs sa chòinnichAir mullach WoolliesNaidheachdan millteach sa Nairnshire TelegraphRuitheaman samhraidh a’ ruith mar bu choirFeadhainn dhiubh gun chiallA bhios soilleir dhuinnCopan tì, sgona agus gathan fann na grèineAir bòrd geal cruinn plastaigBòrd a tha a’ crìonadh cuideachd san dòigh mì-nàdarra fhèinRudeigin nach eil mi buileach a’ tuigsinnGam phùtadhNas doimhne, nas doimhneA-steach don Ghàidhlig

  • There but for the grace of God go I
    by Graisg on Dih, 16 Ògmh 2006 at 9:29f

    Gu tur air challGa roiligeadh sa choìs-uisgeAgus na lusan ud fo làn bhlàth agus àrdRi taobh na h-aibhneAbhainn àlainn nam FeàrnaAgus boillsgidhean na grèineMeasgaichte le smaointean troimh-a-chèileBha e air leth spaideil na choltaisA dh’ aindeoin an t-suidheachadhAgus cron tìm agus na dibheChaidh e sìos dhan bhaileSa dhèise ghrinnCheannaich e biadhAgus an uair sin cùisean do-sheachantaODEO Nach e teicneòlas mìorbhailteach?

  • A’ cur maille
    by Graisg on DiS, 13 Cèit 2006 at 11:37m

    Spealgan uaine sa ghrèine a’ toirt fianaisA’ cur maille air mo nàbaidh agus a chàrA tighinn às tiotag ann am beatha air choireiginSan dorchadas oidhche haoineFuaim glainne a’ briseadhFuaim airgid sa chisteCearcall an eaconamaidh.

  • Shìos aig an stèisean
    by Graisg on Dih, 6 Faoi 2006 at 11:06f

    Bha iad nan tosdLe coltas cianail orraA’ gabhail an àiteachean ceartGach fear aca air a chòmhdach le aodaich doilleirDìreach mar a bha an aimsirChoimhead iad air thoisichCha do ghluais iad‘S e àm meòrachadh a bh’ annAgus an uair sin obair an lathaSa bhaile mhòrBhris teaghlach a-steach a’ choitheanalA-mach às an dorchadasBha nighean le Jack RussellLeig an triùr eile soraidh leathaCainnt, dath agus faireachdainn nan coisMus dh’ fhalbh an trèana a dh’ ionnsaigh Inbhir Nis

  • Thàinig am fàileadh a nall
    by Graisg on DiS, 31 Dùbh 2005 at 4:28f

    An dè bha am Probhaist ris a chuid pàidhicheanThàinig am fàileadhGam tàladh‘S a chuir nam chuimhneNuair a dh’ ithe mi beathaicheanTha am Probhaist daonnan ann an deagh shunndAch tha mòran a’ càineadhNa h-ughdarrasan ionadailAirson a h-uile sìon:A h-uile pian a ghabhas sna pòcaideanTuill sna ràitheadanÀrdachadh chìsean Agus nas miosa buileachAn caill sinn ainm na Siorramachd? Os ar cionnLoidhneachan gheòidh ri fhaicinnA’ leantainn am pàtranThairis air na dathan fannaFada nas dorra ri thuigsinnAch fada nas sìmplidhBliadhna mhath ùr nuair a thig i!

  • Bidh am biadh deiseil ann an 20 mionaid
    by Graisg on Dia, 29 Dùbh 2005 at 12:30m

    Bidh am biadh deiseil ann an 20 mionaidThuirt an duine gealSan taigh-biadh InnseanachGhabh sinn an cothrom den ùine ghoiridAgus rinn sin air sràidean Baile nan IasgaireanA’ coimhead air solais NollaigeTaobh a-muigh taigheanA’ dèanamh coimeas eadar bliadhnaicheanSan adhair ciùin chunnaic sin grunn teaghlaicheanA ghluasad thall ‘s a bhosTunnagan a’ seòladh fon an drochaidh-òtrachaisLe sgilean glan nàdarrach A h-uile fear aca làidir na chorp‘S e coibhneas agus aran as coireachFaisg air làimh corra-ghritheachAg iasgach agus coma gu bheil an seisean seachadAch ‘s e tinneas na dighe as coireachAirson an fhir a thilleas dachaighGu slaodach, le smaointean gràndaSgrìobhte air aodannA’ cagnadh air an fhìor dhuineFhathast ri fhaighinn uaireannanTron mhuir na dighe a th’air a bhogadhAn A96 a’ giùlain cus trafaig mar as àbhaistLuchd-caitheamh a dhèanamh mar bu chòirAn t-eaconamaidh a’ cumail a’ dolChaidh iad dhan mìle an òirNan ceudanO Fharrais, O Eilginn, agus nas fhada na sinDeugairean le planaicheanA bhriseas botail falamh de bhuckfastÀs an t-sealladh den CCTVAnn an treun an neirtA’ lorg susbaintA’ lorg ciallAch blas eile san adhairSpioraid sònraichte buailteach a bhriseadh a-machA’ toirt aisling do mhac an duine,Aisling dòchais,Tha teans eile againn airson mionaid no dhàA bhith diofraichteAgus na reultan a’ cumail sùil oirnn h-uileAgus ar gnothaichean aimsireil

  • Dannsa na h-uarach as ìsle grèine
    by Graisg on DiL, 19 Dùbh 2005 at 12:24m

    Seo rudeigin eile a sgrìobh mi sa Fhraingis aig an àm seo den bhliadhna ann an 1999. A-nochd rinn mi eadar-theangachadh. Ma tha ùidh agad sa Fhraingis seo e agus ma tha thu fhathast gam leughadh seo e sa Ghàidhlig:-)Tha beul an latha a’ tighinn gu slaodachAig astar màirnealach ach cinnteach‘S e an latha mu dheireadhDen leann-dubhA-màireach, bidh e gan toirt chun an earraichTha a’ chuid lusach leis na gasan marbhAir an gearradh sìos an aghaidh solais na maidneEòlach air an atharrachadh a tha tighinn leis an tìdeTha gucagan nan Calltainn bhana-bhuidseachAir an dòigh agus a’ dèanamh deiseilAgus tha an ròs deireannachNa mhìorbhailA toirt fiamh-ghàire air na gàirnealaireanFo na gathanTha an aigne a’ dùsgadh leis an t-solaisObair an latha a’ toirt tlachdmhorFon dealbh nàdairGa sheòladh a’ dh’ionnsaigh an t-solaisAig ciaradh an fheasgairOs cionn an t-Òrd*Tha a’ ghealach lànSa chruth aiceA’ ghealach as mothaA chì mi a riamhS’ ann a’ gearradh nan cluarain a tha miFon thalamh tha na freumhanAg ullachadh an cuid òrainAn cruinne le coltais bainne gam lorgA’ cur piseach air m’inntinnCothroman nam mìltean airson na h-oidhcheMuir shocair dhraoidheilGa togail nam chridheTha mo smaointinn deiseil airson a’ dannsadh* ‘S e cnoc faisg air Caladair (Cawdor) a th’ann agus 's e ‘The Ord’ a th' air aig muinntir an àite seo.

  • La pomme la plus haut
    by Graisg on DiS, 17 Dùbh 2005 at 7:00f

    Seo rudeigin a sgrìobh mi ann an 1999, ‘s e an Dùbhlachd a bh’ ann cuideachd. Bha mi a’ feuchainn a thoirt seachad mo chuid fhaireachdainn ris a’ Ghàidhlig . Fhuair mi taic leis an Fhraingis o bhana-charaid chòir Québécois. Tha mi duilich mur a bheil Fraingis agad. Ma dh’ fhaoidte cuiridh mi Gàidhlig air san àm ri teachd.La pomme la plus haute Certains croient déjà Qu'on la parlait dans le jardinLe premier jardin Et que les fleurs la parlent encoreCette pomme la plus hauteCe langage d'une nationUne nation en renaissance Cette langue parlée seulement Sur les lèvres d'un pour centMais à côté d'une montagne Et de tous les bijoux du mondeSes mots scintillent plus brillants Chacun, comme une lumièreÀ travers la belle ÉcosseElle s'accroche par un fil Son destin est peut-être décidéMais aujourd'hui, je peux encore partager Ses trésors vivantsÉcoute sa magie Viendras-tu sur la piste de danse? Décembre 99

  • Nam aisling chuala mi spealan dòchais a’ seinn
    by Graisg on DiD, 4 Dùbh 2005 at 9:55f

    Tha mi a’ toirt sùil a-null turas eileBidh e gu siorraidh nam chuimhne(nuair a shaoil mi)Am fuaim brèagha a chuala miAm broinn an achaidhRinn an stàilinn rannAir am bàrr GMAn oidhche a chaidh na reubaltaicha-steach an rìoghachd Sheumais GhranndAs dèidh mèars sàmhachtro na coilltean dorcha den Eilean DhubhB’ urrainn dhut an t-aonta faireachdainnNa ghabhail grèim air an dorchadasChuir na companaich fallasRuith an ùine gu math luath oirnn‘S nochd beagan solaisair a’ chearcall gu deasBha e an aghaidh toll an luchd-obrachAn cuid sàr obair a’ trèigsinnAch cha robh e glic a’ fuireachGus am briseadh lathaGu-obann ghluais sia geòidh os ar cionnLe beagan ceò agus fuaim na h-itealaich acaBha sinn gan leantainn‘S e sreang fhada shàmhach a bh’ annainneadar ceò ‘s am bàrr marbhna spealan a’ gabhail fois sna làmhan reubaltaich

  • Tha an teine gad ionndrainn
    by Graisg on DiD, 27 Samh 2005 at 5:09f

    Dh’ fhàs i na b’fhainne gu math luathAr caraid o sia bliadhna deug.A bheil e amaideachd a bhith cho dlùthair peataichean?uaireannan seach air a’ ghnè fhèin,air na creutaireannach eil buailteach a bhith leam-leatair na caractaran nan làthairgu onarach, gu dìleasGus an tig an lathNach urrainnear a sheachnadhSnàthad bhàis a fònadhTha an teine gad ionndrainn fad’s a e a’ cur sneachdTaobh a-muigh far an robh do rìoghachdTachartas eile sa bhaile ri taobh na maraAbhainn eachdraidh gun sgùr a h-uile latha

  • Gathan nan trì-ficheadan
    by Graisg on DiD, 27 Samh 2005 at 5:04f

    Gathan a’ lùbadh air an slighetro na botail liomaineudA’ glacadh na dathan diofraichte nam broinnGathan fhathast a’ siubhalmus do laigh iad air an leabaidhSamhradh taobh-a-muigh a’ toirt ionnsaigh air an rùmTeas ‘s fuaimean ìosal a’ bhaile mhargaidhàs na speuran na bu glainneGathan nan trì-ficheadanfhathast làidir nam smaointinnNuair a ghabhas mi sgrìob seachad an taigh udShìos fada gu deas‘S e deuchainn a rinn iad leis na dathanGhabh na luchd-ceannaich riutha‘s mise air mo dhòigh glanThug mi iad gu mòr ormnuair a chunnaic mi na h-annasansna gathan grèine sònraichteAn aisling fhathast gam thoirt air aisSa bhad tha mi air falbh ris an t-sruthach chan eil e gu diofar dhomhTillidh mi daonnandhan chladach chracte a’ mhillennium seo

  • A’ bruidhinn riut
    by Graisg on DiD, 27 Samh 2005 at 5:01f

    Tha taibhse còmhraidhO samhradh eile a’ priobadh orm‘S a’ tarraing m’ aire chun na h-oisneFar an d’ rinn mi conaltradhMus do shuidh mi air an trèan oidhche

  • Bha cogais na fìor chruaidh britheamh
    by Graisg on DiD, 27 Samh 2005 at 4:53f

    Sheall mi air Do fhalt fada dubhRi taobh an lochan Gu-obann dh' fhoillsich sionnach e-fhèinGealach shunndach os a chion‘S an uair sin Thill sinn dhan bhaile mhòrThusa a’ gluasad nad àrd-aoibhneasRi solas coinnle‘S mise gad leantainnThug thu fiamh-gàire dhomhGhoid sinn grunn mionaidean eileGun suim sam bith againnAnn an ciont no nàire Gu mi fhortanachBha cuisean fhathast gar feitheamhBha cogais na fìor chruaidh bhritheamh

  • A bheil car snog agad?
    by Graisg on DiD, 27 Samh 2005 at 2:20f

    Bha agam a’ dol airson tiopsAch bha e a’ dòrtadhLorg mi am facal Gàidhlig airson ‘Apocalypse’Tha an cruinne air blàthachadh‘S bha fhathast agam a’ dol airson tiopsAch dh’ fhuireach mi mionaid air a shonA’ coimhead air tachartasan ‘beò’ Nouvelle-Orléans