Dealbhan Inbhir Narann

  • Taibhse air a' phrìomh shràid
    by Graisg on DiS, 11 Samh 2006 at 5:38f

    Uaireannan chì thu taibhse air a’ phrìomh shràid. Gach turas a bhios bùth air choreigin a’ faighinn ath-nuadhachadh chì thu boillsgeadh den àm a dh’fhalbh. ‘S e bùth air leth a bh’ ann an Rose Brothers agus bha e fhathast a’ dol nuair a thàinig mi gu Inbhir Narann ann an 1980. Aig an àm ud bha a h-uile bathair agus goireas ri fhaighinn anns a’ bhaile agus cha robh feum agad a dhol gu Inbhir Nis idir. Abair dà latha. ‘S e bùth grosaireachd agus Delicatessen a bh’ann. A nis gheibh thu brògan na bhroinn.

  • Ùbhlan
    by Graisg on DiL, 23 Dàmh 2006 at 8:04f

    ‘S e deagh bliadhna a th’ann ma tha thu measail air ùbhlan. Turas eile tha pailteas dhiubh ann an Inbhir Narann. thàinig na fèidh a-steach agus dh’ithe iad feadhainn de na duilleagan ach cha do ghabh iad na measan. As t-earrach ge-tà tha iad buailteach a bhith an sàs an rùisg agus leis a sin cha bhi dad sam bith agaibh gun dhìon air choireigin aig bonn a h-uile craoibh. Chan eil fhios agam den seòrsa ùbhlan a tha san deilbh ach chan eile iad buileach deiseil fhathast, tha feum air reothadh saoilidh mi agus an uair sin bidh iadsan a’ dol dhachaigh còmhla rium cuideachd. […]

  • 1913 Shuas aig staisean nan trèanaichean
    by Graisg on DiD, 12 Màrt 2006 at 5:16f

    Ceannaich mo chèile dealbh eile air e-bay agus abair sealladh inntinneach a th’ ann. Seo staisean nan trèanaichean ann an 1913. Dìreach mar a tha e fhathast an-diugh bha aig an trèan gu Inbhir Nis a bhith a’ feitheamh gus an tàinig an trèan gu Obar Dheathain, chan eil ach loidhne singilte eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann.1913, dè bha a’ dol a thachair dha na daoine san dealbh seo tron chiad chogadh mhòr?

  • sgòthan mòra dubh
    by Graisg on DiC, 1 Màrt 2006 at 9:33f

    Uill, tha e air a bhith a’ cur sneachd an diugh, bha agam a dhol gu Obar Dheathain mar a b’ àbhaist dhomh ach shaoil mi gum biodh cus sneachd air an loidhne eadar Keith agus Inbhir Uairaidh agus mar sin dh' fhuireach mi aig an taigh. Chaidh mi sìos dhan tràigh agus abair sgòthan mòra dubh a bha a’ tighinn oirnn bhon taobh a tuath. A-nochd tha faisg air sia òirlich air an talamh ged ‘s a tha A96 fosgailte agus tha a mhòr chuid de na rathaidean sa bhaile sàbhailte ach ma chuireas e mar a tha e an dràsta fad na h-oidhche bidh obair mhòr turas eile aig balaich na Comhairle sa […]

  • Post Title
    by Graisg on DiL, 16 Faoi 2006 at 11:30f

    Tha cuisean gu math cruaidh airson luchd-bùtha ann an Inbhir Narann. Bidh a h-uile mac mhàthar a’ dol gu Inbhir Nis, ach chan bhi iad a’ dol taobh a-staigh a’ bhaile ud. Bidh iad toilichte leis na bùthan mòra san ‘retail park’ aig iomall Inbhir Nis. Nuair a bha ar cuid bùthan a dùnadh sìos cha tuirt na luchd-bùtha ann an Inbhir Nis dad. A-nis tha fiù ‘s na bùthan sa mheadhan Inbhir Nis a’ fulang bho a leithid Tesco agus B&Q.Tha grunn bùthan ann an Inbhir Narann air a bhith fosgladh a rithist ach chan e gu tric re an latha ach chì thu iad a’ dèanamh deiseil […]

  • Fhathast fiadhaich
    by Graisg on DiL, 28 Samh 2005 at 4:03f

    Saoilidh mi nach eil an sneachd fada a-mach bhuainn, tha mi a’ dol dhachaigh a-nis airson cupa tì agus sgrìob air loidhne.

  • Taobh a-muigh roimhe bhracaist
    by Graisg on DiS, 22 Dàmh 2005 at 11:56f

    Uill aig an am seo den bhliadhna chan eil thu fada bho rudeigin sònraichte sna speuran mas tèid thu taobh a-muigh roimhe bhracaist.

  • Tha iad a’ cumail faire
    by Graisg on DiD, 16 Dàmh 2005 at 12:31m

    Inbhir Narann, tha sin a’ ciallachadh ‘abhainn nan feàrna’ a-rèir cuid. Tha smachd aig na craobhan sin air nam bruaichean, fìor smachd air na bruaichean gun teagamh. Tha iad a’ cumail faire air an uisge air na bradain, air muinntir an àite ‘s gach botail buckfast a dh’ òlar fo an sùilean.

  • Chan e ach ball lasraichean a th’ innte, nach i?
    by Graisg on DiD, 16 Dàmh 2005 at 12:26m

    A dh’ innse na fìrinn, chan e ach ball lasraichean a th’ innte, nach i? Tha i deònach a tilleadh a h-uile madainn ‘s mi taingeil dhi

  • Teas
    by Graisg on DiD, 4 Sult 2005 at 7:29f

    ‘ S e latha anabarrach math a bh’ ann an diugh, bha a’ chala ‘s na tràighean meadhanach trang fiù ‘s seachad air sia uairean feasgar

  • Tha daonnan rudeigin ùr ri fhaicinn
    by Graisg on DiL, 15 Lùna 2005 at 10:00f

    Chan b’ urrainn dhut a riamh fàs sgìth dheth, tha daonnan rudeigin ùr ri fhaicinn far a bheil na speuran ‘s a’ mhuir ‘s Inbhir Narann a bhios bus ri bhùs.

  • Bha e anmoch ach...
    by Graisg on DiL, 15 Lùna 2005 at 9:54f

    Bha e anmoch ach bha fhathast cothrom a bhith ceannaich reòiteag shìos aig an tràigh.

  • Am faca tu na Sidelcias?
    by Graisg on DiL, 8 Lùna 2005 at 11:49f

    Rinn sinn sgrìob air na rothairean aig an deireadh seachdain ‘s chaidh sinn suas dhan Chaisteal Chaladair. Bha bratach bhuddhasach air a mhullach, cha robh sgeul idir dhen bhrataich teaghlaich Chaladair fhèin. Ge brith a’ bhratach air a’ chaisteal, cha cuir sin dragh sam bith air an Sidelcias. Tha iad cho neo-shuimeil ‘s ghabhas, chan eil aca ach a bhith cinnich ‘s a’ deàrrsadh sa ghrèin ‘s a thoirt toil-inntinn dhan luchd-turais.

  • Na Fir Chlis 2003
    by Graisg on Dih, 5 Lùna 2005 at 8:44f

    Tha an t-àite seo beagan a-muigh bhon a’ bhaile. Chaidh an dealbh a’ thogail le Pòl Coleman

  • Ciaradh an fheasgair
    by Graisg on DiC, 3 Lùna 2005 at 11:43m

    Abair aite a th' ann an Inbhir Narann!

  • Beul an latha
    by Graisg on DiC, 3 Lùna 2005 at 11:34m

    ‘S e deagh chothrom a bh’ ann, cha robh dad sam bith a’ gluasad.

  • Fèill nan tuathanaich
    by Graisg on DiC, 3 Lùna 2005 at 9:24m