- Trì craobhan agus catby Anonymous on DiL, 22 Cèit 2006 at 1:16f
Nach math gu bheil muinntir Mhontenegro air bhòtadh airson dealachadh ri Seirbia. Saoil am bi de spionnadh anns na h-Albannaich na bhòtas airson neo-eiseimleachd ann an 2007? Droch theansa!
- Der Untergangby Anonymous on DiM, 16 Cèit 2006 at 9:39f
Chan eil fada bhon a chunnacas am film "Der Untergang" mu na laithean mu dheireadh aig Hitler. Tha Traudl Junge na sar eisimpleir air te a bha dall gus an deach i tro dhi-Nasachas agus gus am faca i clar-cuimhneachain do Shophie Scholl a rugadh air an aon bhliadhna rithe fhein. Chan ionnan linn Hitler agus linn Bhlair am Breatainn, ach tha samhlaidhean ann. Can an-drasta, nam biomaid a' suidheachadh an fhilm ann am Breatainn an latha an-diugh, cha bhiodh na leanas fada cearr.Adolf Hitler: Tony BlairEva Braun: Cherie BlairMagda Goebbels: Hazel BlearsAlbert Speer: Charles ClarkHeinrich Himmler: […]
- Corra Smuainby Anonymous on DiM, 9 Cèit 2006 at 7:27f
Corra Smuain
- Oran no dhaby Anonymous on DiM, 9 Cèit 2006 at 7:19f
Seo dha dhe na h-orain as fhearr leam fhin ged nach cordadh iad ris an t-seann fheadhainn as abhaist a bhith ag iathadh mun Mhod.Nan ceadaicheadh an tide dhomhNa-na-na-na-na-nan ciodaidh-cadaidh-ceadaicheadh an tide dhomh'S gun innsinn e do chachMior-a-mear-a-mar a mheall an saoghal miLe fini-faoineasan gun sta...Siud mar chaidh an cal a dholaidhSeo mar chaidh an cal a dholaidhSiud mar chaidh an cal a dholaidhAig na bodaich a bha jollySiud mar chaidh an cal a dholaidhAig na bodaich Ghallda...'S fhearr leamsa a' chiad oran air a ghabhail le Bonny Tyler air a' chlar fhada aice "Siursach […]
- Annas eileby Anonymous on DiL, 1 Cèit 2006 at 9:21f
Nach neonach claisneachd mac an duine? An la roimhe bha mi air mo shlighe dhan bhuth nuair a chunna mi Gertie Mhor bhuam (agus Martainn na cois, mar a bhiodh duil!). Dh'eigh mi null, "De do bheo an-diugh, Gertie?". Cha robh mi dol a bheannachadh an la air Martainn an deidh mar a thachair leis an fhear og a bha siud. Co-dhiu, siud mise ag eigheach air Gertie. Gun rabhadh sam bith leig i sgreuch aiste, chuir i lamh ri a suilean 's thoisich i feuchainn ri a falt a spionadh aiste fhein! "Mo chreach a-steach", arsa mise rium fhin, "De tha dol an seo?""A thrusdair ghranda a tha thu ann," dh'eigh […]
- 'S math an airidhby Anonymous on DiD, 30 Gibl 2006 at 9:40f
Nach math an airidh mar a dh'eirich dha na Labaraich ann am Moireibh air an t-seachdain sa chaidh. Bha cartun a' sior nochdadh ann am paipearan taobh an ear na Gearmailt beagan mus do thuit Balla Bherlin: Fear as a' Ghearmailt an Ear a' gabhail na greine ann am pairc nuair a thainig seann choimiunach eile far an robh e, cota, stoc air 's sgail-uisge os a chionn. Arsa am fear og, "Nach e tha breagha an-diugh." "De tha thu ag radh," arsa an dara fear 's uabhas air, "An e nach cuala tu g' eil e a' cur an uisge am Mosco?".An duil an tig an la nuair a chi McConnell nach leig an t-uisge leas a […]