Eadar 2 Sgeul

  • Às mo chiall?!
    by Anndra Cook-Jolicoeur on DiD, 15 Faoi 2012 at 7:02m

    Ro àm dìnnearach chuir mi romham a dhol a-mach airson sgrìob a ghabhail. Tha e math airson slàinte dhaoine beagan eacarsaich fhaighinn. Ach bha an teothachd timcheall air -20°C. Smaoinich! Dè do bheachd? An robh mi às mo chiall? Ach bha mi air a bhith a’ fuireach aig an taigh fad an latha an-diugh, co-dhiù gu ruige sin, ‘s cha b’ urrain dhomh an còrr dhen latha a chur seachad gun a bhith a’ dol a-muigh air neo chuireadh seo mi às mo chiall! Gu nàdarrach chuir […]

  • Là nan Trì Rìghrean
    by Anndra Cook-Jolicoeur on DiS, 7 Faoi 2012 at 8:16f

    Seo Craobh na Nollaig agam mar a bha i am bliadhna air beulaibh an sgàthain. Craobh bheag ach craobh co-dhiù. Nuair a bha mi òg bha cleachdadh againn air Là nan Trì Rìghrean, ‘s e sin ri ràdh air an 6mh là den Fhaoilleach gach bliadhna. ('S e An Taisbeanadh air neo Fèill an Taisbeanaidh a tha air san Eaglais.) Bha là air leth ann aig an àm sin leis gu robh sin an là mu dheireadh mus deach sinn air ais dhan sgoil an ath là. Mar sin chuireadh an là siud crìoch air saor-làithean na Nollaig. Bhitheadh mo mhàthair cèic shònraichte a cheannachd air neo a fhuineadh anns an […]

  • Bho Thìr nan Craobh
    by Anndra Cook-Jolicoeur on DiL, 2 Faoi 2012 at 6:10m

    Bliadhna eile!Aig amannan ’s e mar gum bitheadh an ùine a dol seachad ro luath. Gu h-àraidh nuair a tha thu nas aosta. Mar mise, a-nis. Dh’fhaodainn lèirmheas a dhèanamh air na a thachairt dhomhsa ann an 2011. Ach ‘s docha gum bitheadh seo cus ùine a ghabhail. Cha b’ e bliadhna gu tur soirbheachail a bha ann ach a dh'aindeoin sin -- ‘s gu fortanach e! -- cha b’ e bliadhna gu tur dona a bha ann. Fhuair mi camara didseatach ùr ‘s mar sin chaidh mi air sgrìob faisg air a h-uile latha, co-dhiù fad an t-samhraidh, ‘s thog mi dealbhan -- tòrr mòr dhiubh. Rud a chòrd […]

  • Dìreach Jazz
    by Anndra Cook-Jolicoeur on Dih, 1 Dùbh 2006 at 12:05f

    Co ris a tha mi air a bhith èisteachd bho chionn ghoirid? Jazz. Seadh. Dìreach jazz.Thàinig mi thairis air sreath de 6 clàran neo tiotalan jazz. Dh’fhaodar a ràdh gu bheil jazz clasaigeach a th’annta. Agus a bharrachd air sin ‘s e sreath air leth a tha ann. Co-dhiù gu ruige seo.Agus mur eil sin tarraingeach gu leòr, tha trì clàran anns gach clàr neo tiotal! ‘S e sin ri ràdh gum faigh thu tlachd 's toil-inntinn, uairean de thìde dhiubh... (A thuilleadh air sin, cha bhith agad ri dhol seachad air a' bhuidseat agad!)Co-dhiù neo co-dhè fhuair mi Jazz Vocal an toiseach: […]

  • A' DÈANAMH GÀIRE
    by Anndra Cook-Jolicoeur on DiM, 24 Dàmh 2006 at 6:18f

    Chan eil mise seo tuigsinn idir. Ged nach do lorg mi na CDan a bha mi ag iarraidh, dh'fhàg mi a' bhùth le gàire air m' aodann.Co-dhiù neo co-dhè, bha mi a' coiseachd air a’ chabhsair ann an teis-mheadhan a’ bhaile. Bha mi ann an deagh shunnd -- ‘s sin gun adhbhar soilleir.Faisg air HMV (tha HMV againn ann a sheo cuideachd!) thachair mi ri caileag gu ìre mhath òg. Can 20 bliadhna a dh’aois, neo rudeigin mar sin.Mar a bha i pìos beag fionnar an-diugh, bha a' chaileag sin còta le cochall air a chaitheamh. Ach b’ e cochall le diofar a bh' ann. Mar gum bitheadh dà chluais bheag […]

  • ANN AN CLÒ...
    by Anndra Cook-Jolicoeur on Dia, 28 Sult 2006 at 5:11f

    Dè cho connspaideach a tha a' Ghàidhlig?Sgrìobh fear naidheachd rudeigin ann am pàipear-naidheachd Dhùn Èideann an là eile mu chànan mo ghaoil 's mo chridhe. Chleachd am fear-naidheachd facal neo dhà gun do nochd gun robh e gu math aineolach a thaobh a' chànain -- ma dh'fhaoidte dìreach mar mòran dhaoin' eile.Co-dhiù, a rèir na h-aithrise sa phàipear-naidheachd Disathairne sa chaidh, bha a’ Ghàidhlig na cànan marbh ‘s mar sin dheth cha robh i airidh air a bhith ga teagasg sna sgoiltean! Mo chreach! Chuir mi romham a fhreagair. Agus rinn mi e. Mar sin dh'fhoillsich an […]

  • DEARG RÙISGTE ...
    by Anndra Cook-Jolicoeur on DiD, 24 Sult 2006 at 4:28m

    Leis gu bheil am foghar oirnn a-rithist 's mar sin gu bheil na làithean, 's gu h-àraidh na h-oidhcheannan, a bhith air fàs nas fionnaire anns na ceàrnaidhean seo, cha bhitheadh e na smuain mhath idir a bhith dearg rùisgte.‘S mar a tha na duilleagan beag air bheag a' tionndadh gu òr sa chraoibh fo chomhair an dorais air beulaibh an taighe, tha e a' toirt gu mo chuimhne làithean a tha fad air falbh a-nis.Sa Ghiblean 1999, bha mi air saor-làithean airson seachdain ann an ceann a deas Fhlorida sna Stàitean Aonaichte. A chiad turas riamh a bha mi ann an shin. Bha an aimsir uabhasach […]

  • À' DÈANAMH CIÙIL ...
    by Anndra Cook-Jolicoeur on DiD, 17 Sult 2006 at 5:53f

    Rudeigin ùr. Air neo cuideigin ùr. Ùr dhomhsa, co-dhiù. Tha mi air a bhith èisteachd ri clàr air a bheil dà phìos ciùil le Germaine Tailleferre. Cò i? B' e sgrìobhaiche ciùil às an Fhraing a bha innte.Nuair a bha i an sàs ann an saoghal ceòl clasaigeach, cha robh mòran bhoireannach eile ann idir. (Rugadh i sa 1892 's chaochail i sa 1983.) Ach tha mi a-cheana gu math dèidheil air Arabesque, pìos air leth a chaidh a sgrìobhadh airson clàirneid 's piàno.‘S e pìos gu math goirid a tha ann ach uabhasach tarraingeach. A chiad triop a chuala mi e, ghlac e m' inntinn sa […]

  • A' DÈANAMH FIUGHAIR ...
    by Anndra Cook-Jolicoeur on DiM, 12 Sult 2006 at 1:52m

    Nuair a bha a h-uile mac màthar ball-aodaich agam anns an inneal-nighe na launderette feasgar Disathairne ( ‘s e sin ri ràdh a' bhòn-dè) chaidh mi dhan bhùth-tì faisg air làimh.Tì: cha bhithinn beò as a h-aonais! Agus leis nach robh mòran thì uaine air fhàgail, bha agam ri dhol dhan bhùth! Mar bu dual bha caochladh tì ann. Roghnaich mi dà shèorsa eadar-dhealaichte: fear às Sìona ‘s fear eile às Iapan. Dè an dìofar eatarra? Anns a chumantas faodar a ràdh gu bheil blas feòir air tì às Sìona ‘s blas na mara air tì às Iapan.(Chan eil mi eòlach air tì dhubh sam […]

  • A' DÈANAMH FEAD ...
    by Anndra Cook-Jolicoeur on DiS, 9 Sult 2006 at 3:22m

    Thill mi dhachaigh a-nochd 's mi cho sunndach! Dìreach airson 's gun robh mi a' feadalaich phuirt leam fhìn 's mi a' coiseachd sna sràidean. Puirt nam Beatles a bha ruith nam cheann às dèidh dhomh a bhith air èisteachd ri ceòl ... nam Beatles. (An urrain dhomh ràdh a-nis gun do fhuair mi 'port a rèir mo choise', mar a bhitheas an seanfhacal a' dol???!!!!)Ach sann ann an dòigh gu tur eadar-dhealaichte gu dearbh gun robh na puirt sin: bhon chlàr air a bheil Beatles Go Baroque. 'S e sin ri ràdh gun robh na puirt h-uile (20 dhiubh) air a chluich le orcastra bhig mar gun deigheadh iad […]