tha feum agam oirbh uile

  • Cànan an Aodainn
    by Bard a' Bhroadband on Dia, 11 Faoi 2007 at 6:49f

    An LaideannBidh sexus ri lorg eadar serratus agus sica, eagaichte agus biodagAn EadailtisBidh sesso ri lorg eadar serpente agus sfoggiare, nathair agus taisbeanAn FrangaisBidh sexe ri lorg eadar servilité agus simulacre, daorsa agus coltasAn GearmailtisBidh sex ri lorg eadar seuche agus sicherheit, galar-sgaoilte agus sàbhailteachdAn BeurlaBidh sex ri lorg eadar sewage agus shackleAn AlbaisBidh tail-toddle ri lorg eadar tade agus talent, gartan agus miannAn GàidhligBidh feise ri lorg eadar fèis agus feiseag

  • A-mach air a slige
    by Bard a' Bhroadband on DiL, 18 Dùbh 2006 at 12:48m

    Ar slìochd, a’sleamhnachadhSìos gu slaodach slèisdeanAn t-slànaigheir a’sleuchdadh‘S a’sloinneadh ar sluaigh

  • Bliadhna
    by Bard a' Bhroadband on DiL, 11 Dùbh 2006 at 12:23f

    BliadhnaFacail mar dhuilleaganSealltainn mar theanganMo chridhe a’cagairCho glic, òg, eu-daingeannFacail mar dhìtheananFosgladh ar sgeòilPògaibh mo shùileanNochdtar a seòlFaclair mar shìlGleidheil na fìrinnMu dheireadh an t-samhraidhAr n-òige chrìonAch facail mar leòntanToirt nam chuimhne a gaoil‘S mar a chaoidheas duilleachNa gucagan, far am bi toil

  • Là eile
    by Bard a' Bhroadband on DiD, 3 Dùbh 2006 at 11:06f

    Bruadar. Nam dhùisg?Fois aig fear-astairCoimhead sìos air a’bhothan bheag. A-rithistCeithir ballaicheanClann, thusa, gàrradh.Tobhtaichean.Dh’iarr mi gur leantainn achChan urrainn dhut dol dhachaidhDè cho fad’s a bha mi nam chadal?Gleoc taibhseachDealbh mo mhicSnodha-gàire fannSròn a mhatharAimhleas atharBheil cuimh’ad orm idir?Chan eil dad nach rinneadh gaisgeach'S nach theireadh gealtairMar a thòisicheas là eile

  • by Bard a' Bhroadband on DiM, 28 Samh 2006 at 9:13f

    Anna'S e buaidh a th'annMar a thilleas Muslamaich gu SrebreniceMar a chanas cuidCha dh'iarr mi ach air bheantainn dha AnnaAon turas mu dheireadh'S e neonach a bh'annGle neonach gu dearbhLe bhith a'togail a claiginnA fionnarachd nam laimhean'S cuimhne leamAltram a cinn'S faothachadh a cradh-cinnLasraichean solais mar teine gunnaAir cul a ruisgChetniks nan leintean UNGhabh iad greim oirreAir a falt fhada dhubh'S mise, am falachA'coimheadThruaill iad a'bhurnAch rainig mi TuzlaNam aonarNuair a nigheadh i a faltThiormaichinne.Bhiodh gaol aice ormsaoir dheannin gu laidir eDh'fhairichinn a craiceann […]

  • 'S beannaicht ar sinnsearachd uasal
    by Bard a' Bhroadband on DiC, 22 Samh 2006 at 12:27m

    Thathar ag radh gun robh an Gaidheal air a bheannachadh le canan bhreagha 's ceol iongantach 's eachdraidh ghlormhor agus gun caill an saoghal rudeigin luachmhor nuair a chaochaileas e mu dheireadh thall.Agus de bu choir dhuinn, na clasaichean foghlaimte, a dheanamh mu dheidhinn?Tha sinn uile duilich air a shon, gle dhuilich gu dearbhBheireamaid de bhiadh dha los ga chumail air a chasanBhiomaid mar thidsear dha cuideachdDh'innseamaid dha mun bhoidheachd gharbh dhen sheann dhuthaichAgus bhiodh ar facail mar cheol mhilisAnn a bhith a' toirt coimhairle mhath dha mu...uillMu dheidhinn […]

  • tha feum agam oirbh uile
    by Bard a' Bhroadband on DiM, 21 Samh 2006 at 8:31m

    mar pharant a' faireachdainnaig ceann buird lan chloinne a'trodgach pairt agam air fadag iarraigh mo chul a chur riuthaag radh nach eil uine agam airson seoach mura h-eil mi ag eisdeachdris an griogalachan seo de ghuthan nam bhroinnlorgaidh iad doighean eileoir gun teagamh cluinnear iadtrobhad, fheannag bheagbi trocaireachan toiseach bhiodh grain agamair an dol-a-mach agamthoir do chasan leat, theirinn's beag orm de na tha thu a'deanamhach chaidh gath tro mo chridhe le cradhmar sin rinn mi deagh leisgeul's dh'iarr mi air a'mhoncaidh bheaga-thighinn a-steach nam chliabhmar dhachaidhtha feum […]