Le Air fàire

Tadhail air Air fàire
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Le Air fàire
‘Se pàipear-naidheachd broadsheet beurla a th’ anns An Herald. Bidh e air fhoillseachadh air Diluain gu Disathairne ann an Glaschu.
Tha e aon de na pàipearan-naidheachd beurla as sine anns an t-saoghal. Chaidh an pàipear fhoillseachadh an toiseachd ann an 1783 leis an t-ainm Glasgow Advertiser. B’e Iain Mennons an deasaiche an toiseachd.
Dh’ atharraich e an t-ainm aige dhan an Herald and Advertiser ann an 1802 agus an-sin an Glasgow Herald ann an 1805. Chaidh e làitheil ann an 1859. Ghluais am pàipear do togalach Theàrlaich Rennie Mac an Tòisich air Sràid Mitchell ann an 1868. ‘Se an togalach seo an Taigh-Solais a-nis, an t-Ionad Albannach airson Ailtearachd, Dealbhadh agus am Baile.
Cheannaich Sir Eòghann Friseal am pàipear ann an 1964 agus an-sin, ghabh Tiny Rowland seilbh air ann an 1979 le Lonrho PLC.
Ghluais am pàipear do oifigean ùr air Sràid Albion ann an 1980. Bha iad air a dhealbh coltach ri togalach Black Lubyanka an Daily Express ann an Lunnainn.
Dh’ atharraich e an t-ainm aig an pàipear dhan The Herald anns a’ Ghearran 1992. Cheannaich am manaidsearan (leis an ainm Caledonian Newspapers) e anns a’ Chèitean 1992. Cheannaich Scottish Television e an-sin anns an 1996 agus dh’ atharraich an t-ainm aige gu Scottish Media Group an dèidh.
Dh’ ùraich am pàipear anns a’ Chèitean 1998 agus chuir pàpear peathar Didòmhnaich, an Sunday Herald, air bhog ann an 1999.
‘Se Newsquest (pàirt de Ghannett) an seilbheadair a-nis, cheannaich iad e bho an Scottish Media Group ann an 2003 airson £216m an dèidh reic connsachail.
Tha tuilleadh leughadairean aige na broadsheet nàiseanta sam bith eile ann an Alba. ‘Se Marcas Dùghlas-Home an deasaiche an-dràsta, mac-bràthar Sir Alasdair Dùghlas-Home.
Tadhail air Air fàire
Powered by WPeMatico
Le Air fàire
Ach, cha sgrìobh mi mun an geama air Didòmhnaich! Tha mi a’ feuchainn a dìochuimhneachadh.
Tadhail air Air fàire
Powered by WPeMatico
Le Air fàire
Tadhail air Air fàire
Powered by WPeMatico
Le Air fàire
Tadhail air Air fàire
Powered by WPeMatico