Chan eil figearan ann air cia mheud duine aig a bheil Gàidhlig a chleachdas gach stèisean ann an rathaidean-iarainn na h-Alba.
Ach nam biodh figearan againn, le deamografics na Gàidhlig mar a tha iad, chuireadh e iongnadh mòr orm mura b’ e Stèisean a’ Mheadhain ann an Glaschu an stèisean leis an àireamh as motha de luchd-cleachdaidh aig a bheil Gàidhlig. Agus a bharrachd air sin, bidh na mìltean mòra de luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic ga chleachdadh cuideachd.
Tha mi cinnteach gum biodh Stèisean Waverley am measg nan stèiseanan leis an àireamh as motha de luchd-cleachdaidh le Gàidhlig cuideachd.
A bharrachd air sin, is iad Glaschu Mheadhain agus Waverley D.È an dà stèisean far a bheil daoine a’ tighinn a-steach à dh’Alba bhon taobh a-muigh – ’s e stèiseanan eadar-nàiseanta cudromach a th’ annta.
Air an adhbhar seo, tha e gu math mì-fhortanach gur iad Central is Waverley an dà stèisean ann an Alba aig nach eil soidhnichean Gàidhlig fhathast.
Carson a tha seo?
Tha cha mhòr a h-uile stèisean ann an Alba air a ruith le ScotRail ach ann an suidheachaidhean far a bheil grunn diofar chompanaidhean a’ cleachdadh stèisean mòr, tha na stèiseanan sin air an ruith le Network Rail. Tha 20 stèisean air an ruith le Network Rail: 18 dhiubh ann an Sasainn agus Stèisean a’ Mheadhain agus Dùn Èideann ann an Alba.
Mar sin, ged a soidhnichean Gàidhlig aig stèiseanan ScotRail, chan eil iad air na stèiseanan aig Network Rail.
Rinneadh iomairtean beaga air a’ chuspair seo thar nam bliadhnaichean agus chaidh dà shoidhne a chur suas aig Waverley Dhùn Èideann taobh a-muigh togalach an stèisein air an t-slighe a-steach gu Tunail Gàraidhean Sràid a’ Phrionnsa. Ach chan eil iad ro fhollaiseach agus chan eil gin ann an Stèisean a’ Mheadhain.
Rud a tha nas neònaiche buileach, ’s e gu bheil soidhnichean Gàidhig san Low Level ann an Glaschu Mheadhain (a tha air a ruith le ScotRail ach chan anns san High Level a tha air a ruith le Nework Rail!)
Carson a tha mi a’ togail seo an-dràsta?
Tha atharrachaidhean mòra air faire do na rathaidean-iarainn agus rathaidean-iarainn Bhreatainn a’ dol air ais dhan roinn phobalaich. Thathar a’ cur às do Network Rail agus thèid ath-bhranndachadh (rebranding) a dhèanamh air na stèiseanan aca nuair a thèid an gabhail thairis le Great British Railways. Seo deagh chothrom gus dèanamh cinnteach gun tèid soidhnichean Gàidhlig a chur san dà stèisean as motha agus as cudromaiche ann an Alba agus leis gu bheilear a’ dèanamh ath-bhranndachadh, bidh e an-asgaidh cuideachd.
Le Achd nan Cànan Albannach agus a h-uile coltas ann gum bi inbhe mar sgìrean cànain sònraichte aig Glaschu is Dùn Èideann, tha argamaidean làidir ann airson soidhnichean Gàidhlig ann am prìomh stèiseanan nan cathair-bhailtean as motha againn.
Seo deagh àm do luchd na Gàidhlig agus do na buidhnean Gàidhlig a’ chùis a thogail leis na h-ùghdarrasan iomchaidh.
Tha mi air litir no dhà a sgrìobhadh agus cuiridh mi fios nuair a gheibh mi freagairt.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
