Ceann-Là Deamhnaidh an Tax Return

Le Alistair Paul

Duanag a sgrìobh mi nuair a bu chòir dhomh a bhith a’ lìonadh m’ aithris-chìse. (Dealbh le GotCredit) Chagainn bliadhna eile orm Is thilg i a mach mar smugaid mi Air aghaidh na Bliadhna ùir Lom Nollaig mo phòcaidean Bhogaich Callainn mo cheann Là breitheanais a’ fantainn orm An là nach gabh sheachnadh Do na …


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Am Fear a Chuir Ruaig air na Speachan

Le Alistair Paul

Le ràith nan speuchan a dlùthadh oirnn seo duan mu ghaisgeach a chuir ruaig air na biastagan buaireanta sin. Am faram a thàinig às a chàr Am fear a chasgair na speachan Chuireadh e clisg air na bodhair Ceithir cuibhlichean cuagallach A’ bogadaich gu aighearach Bho phoit-tholl gu poit-tholl Aig astar a bha smuaineachail An …


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Falach-cuain

Le Steaphan

Falaich thu fhèin mar chùlanach
am broinn do sheòmair chadail
a dh’ullaich do mhàthair chaomh dhut,
bhon a tha buirb air do thòir.

Buirb thapaidh nach do stad
gus do chiont a chur an teagamh,
cha d’ chuir ’ad ceist anns a’ chasaid
a chuala thu nad sheasamh.

Chan ann gun fhios a bha thu
dar ràinig ’ad do stairseach fhèin,
is cha do dh’fhan thu ann
a bhith gearrte às mar loch-bhlèin.

Stuigeadh annad na coin
bho stèisean gu port-adhair,
feadh frìthean an àrd-bhaile
ach ghabh na h-ùmpaidhean sgàth.

Is ann nach robh iad eòlach ort,
’s chan fhac’ ’ad broinn do mhàileid;
shaoil iad thu bhith teicheadh bhuap’
seach bhith dol am bad do nàmhaid.

Le Steaphan Mac Risnidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Cumha a’ Chànain Chaillte

Le Alistair Paul

Bha mi ri ur taobh tro thoileachas is cruas
Aig bàs is breith, aig stèidh do sheanchais
Bu mhise air bilean ur Dè an àm breitheanais
Bu mhise a chùmadh blàths ri ur caidreachas

Is truagh mise on a thrèig sibh mi

Bha mi nur cuideachd nuair ’shiubhail sibh bho thùs
Tro tìr, is tonn, is teagamh bu mhise ur misneachd
Tromhamsa a chuireadh an sgeulachd air gleus
Bu mhise a thug tuairisgeul air na bha ri teachd

Is truagh mise on a thrèig sibh mi

Bha mi a’ cluich leibh is sibh nur pàistean
– Bu mhise a thug sibh ciall ur càirdeasan
– Bu mhise a chuir an cèill ur ciad ghaol
– Bu mhise a thug brìgh do ur saoghal

Is truagh mise on a thrèig sibh mi

Thàinig am buille is thàinig gu cruaidh e
Claidheamh air a shàthadh tro mo chridhe
Fo ur sùileansan a chaidh mo leagail
Nam ablach; mo dheò lem fhuil gam fhàgail

Is truagh mise on a thrèig sibh mi

Càit’ a bheil sibh a’ tàmh a chlann mo ghaoil?
Cò na briathran coimheach a-nis ur n-iùl?
A threòir bhuam sibh do thìr an aineoil
Fada bhon dùthchas a dh’fhàg sibh air ur cùl

Is truagh mise on a thrèig sibh mi

‘S mise a tha dìleas dhuibh agus bidh gu bràth
Ge dìmeas mo dhàimh cha traogh mo ghràdh
Am measg nam faileas an cùl ur n-inntinne
Sin mise a’ feitheamh gu foighidneach ur pilltinne

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Portraid Teaghlach a’ Mharsanta

Le Alistair Paul

Ann an 1765 chaidh dealbh a pheantadh dhen teaghlach aig a’ mharsanta tombaca
John Glassford. Lorgar fìor bhrìgh na h-ìomhaighe anns na rudan nach fhaicear.

Naoi aodannan aibhseach
Air an aiseig ann am frèam oir
Sùilean nan dubh linneachan
Gun annta fiamh aigne
Ìomhaigh dhachaigheil
A roghnaicheadh dhomh
Tro faileasan fada tìm
Teachdaireachd sheòlta
Aig gach suathadh-bruis mìn

Soirbheachas bheatha
Torrachas: toirbheartas
Saoibhreas: sealbhachas

Ach, cò an sgeul nach deach innse
A tha am falach anns an duibhre?
Co na taibhsean nach do nochdadh
Ag èigheachd gu sàmhach an sgeòil?

Maoidheadh fhiachan is misge
Cagar mnà is cloinne a dh’eug
Cràdh-chaoineadh thràillean
An cuimhne air ìobairt do bhreug

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Dàn spioradail | Liam Alastair Crouse

Le Liam.Alastair

Seo dàn spioradail a rinneadh le Liam Alastair Crouse, a fhuair duais nan sgrìobhadairean ùra airson na bàrdachd ann an 2019. Tha am pìos a’ suidheachadh dìleab agus làthaireachd na Crìostachd an cois nàdar is cruthaidheachd Uibhist, a’ tarraing air cuid de bheul-aithris na sgìre, can, mu Choinneach no mun bhrìdean. Aig bonn na duilleige, tha clàradh dheth a’ gabhail an dàin (agus na rainn ann an òrdugh eadar-dhealaichte).

Nach cluinn thu an ceòl ud a dheònaicheas gràs Dhè?
O èist ris an laoidh tha gun chaochladh gun àicheadh:
Air osag na gaoithe thar aodann nan àrd-bheann,
Air gàirich a’ chuain tha bith-bhuan air na tràighean.

Gur fada is cian bha an Trianaid na làthair
An ceàrnaidhean tuath air an cuairtich an sàile;
Tha eachdraidh na Crìosdachd gu dìomhair san àrainn
Mar neamhnaid co-shìnte ri mìorbhailean nàdair.

Le spiorad na Cruthaidheachd gu ciùin anns an àite
Tha tighinn fa-near dhomh mar bheannaich gu gràdhmhor
Am brìdean thug dìon don mhac, Ìosa, o nàmhaid –
Rìgh Herod ’s an t-eachraidh – fon fheamainn rinn shàbh’ladh.

O stèidhicheadh tràth ann nuair thàinig an cràbhach,
Air taisteal gu crìochan na rìoghachd fo aidmheil,
Chuir Coinneach air leathad an eaglais an càradh
Gu sgaoileadh na fàisneachd aig fàidhean air Pàrras.

An Soisgeul rinn fàs às an làrach sa bhàgh ud,
An làthair na Trianaid bha riamh anns na h-àirdean:
Fo sgàil na Beinn’ Mòire tha còmhnaidh le ’gràsan –
Mar chaithris an Aoin air A chaoraich gun fhàilneadh.

Tha sòlas na sìthe san tìr seo an-còmhnaidh,
Le beannachd an Triath a tha riarachadh dòchais,
O mhullach nam beanntan gu gleanntan ar n-eòlais,
Tha m’ anam gu mùirneach an ùmhlachd Do thròcair’.

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Cha toigh leam am plìon ud

Le Steaphan

Tomhas de bhàrdachd eile. Tha seo co-cheangailte ris na beachdan aig mòran de luchd-“cha bu chòir” air na meadhanan sòisealta nuair a thug iad mun aire droch-bhuil “Breat-a-mach”. Dhan sgrìobhadair seo, bha nàdar de “phlìonas” a’ tighinn tarsaing anns a’ bheòlagraich mhilis a bha a-nis a’ dol air ais ’s air adhart air Twitter eadar muinntir “bu chòir” agus “cha bu chòir”.

Cha toigh leam am plìon ud

Le Cead Creative Commons

 

Beul-bòidheach muinntir “nach bu chòir”
guth a ràdh tuilleadh,
oir cha toigh leam am plìon ud.
B’ e an-dé an latha agus an-sin an t-àm,
ach b’ e Lunnainn an taghadh
’s chan e Bhruiseal an roghainn,
is cha toigh leam am plìon ud.
“Cha ghabh an Roinn-Eòrp’ sinn
a-muigh no ’mach ,
is chan fhaighear an-dé
air ais an-diugh”, ars’ iadsan.
B’ e Lunnainn an taghadh
is cha b’ e Bhruiseal an roghainn.
cha toigh leam am plìon ud.
A’ gabhail orr’ an-diugh gun till an tìm
a thugadh air falbh leis na breugan mìn,
ged a b’ e Lunnainn an taghadh
’s nach b’ e ’Bhruiseal an roghainn. …
…Ò, cha toigh leam am plìon ud!
Mur b’ e Murphy,  no Brown,
cò ach Darling nan àite?
 Ach, fhuair sinn Mundell beag
leis an fhaite-ghàire.
Ò, cha toigh leam am plìon ud!
Chuir iad às an cuirp
mun t-suaile san domhain
“Dar a ruigeas sinn am bàrr,
se an sgeir a bhios fodhainn!”
…Cha toigh leam am plìon ud….
Gach neach ´s a thoil fhéin
“Och is ochan nan och éire!” …
… B’ e Lunnainn an taghadh
’s cha b’ e ’Bhruiseal a roghainn. …
.. Ubh, cha toigh leam am plìon ud.

 

Le Steaphan Mac Risnidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Tàidh

Le Alistair Paul

Ged a tha an saoghal air fàs nas neo-fhoirmeile agus is tric a chithear fir gnìomhachais is poilitigs às aonas tàidh orra san latha th’ann, tha fhathast cuid a shuidheachaidhean ann far a bheilear a’ sùileachadh gun cosg na fir tàidh. Ach nach e rud caran neònach a th’ann an tàidh nuair a smaoineachas sinn mu dheidhinn?

Taidh

Faigh deagh-phìos anairt
Fear le dath a thig riut
Nam faighear a leithid ann
An taobhsa den chruinne

Geàrr dheth stiall dìreach
Leud a h-aon no dà òirleach
Stiall a thèid barra-chaol
Bho earball gu earball

Cha bu mhiste thu goban a chur ann
Fear dhiubh aig gach ceann
Mus tèid mu do mhuineal an stiallsa
Snaimh air a ceangail innte gu finealta

Teannaich an t-snaidhm mu d’amhaich
Gus am bi thu an impis do thachdadh
Gun stad a chur gu h-iomlan
Air fuil fhaighinn gu d ‘eanchainn

Feuch am fàg thu fad fada gu leòr
Fear a ghabhas greimeachadh air
Mas ann ann an sabaid thu
No air do shlaodadh mar chù

‘S tus’ san urrainnear suim a chur a-nis
Ge duine ìosal no uasal thus’
Na dìochuimhnich; mus fhalbh thu robhad
A’ chòrr de d’ aodach a chuir umad

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico