Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Powered by WPeMatico
Powered by WPeMatico
Ged a tha an saoghal air fàs nas neo-fhoirmeile agus is tric a chithear fir gnìomhachais is poilitigs às aonas tàidh orra san latha th’ann, tha fhathast cuid a shuidheachaidhean ann far a bheilear a’ sùileachadh gun cosg na fir tàidh. Ach nach e rud caran neònach a th’ann an tàidh nuair a smaoineachas sinn mu dheidhinn?
Taidh
Faigh deagh-phìos anairt
Fear le dath a thig riut
Nam faighear a leithid ann
An taobhsa den chruinne
Geàrr dheth stiall dìreach
Leud a h-aon no dà òirleach
Stiall a thèid barra-chaol
Bho earball gu earball
Cha bu mhiste thu goban a chur ann
Fear dhiubh aig gach ceann
Mus tèid mu do mhuineal an stiallsa
Snaimh air a ceangail innte gu finealta
Teannaich an t-snaidhm mu d’amhaich
Gus am bi thu an impis do thachdadh
Gun stad a chur gu h-iomlan
Air fuil fhaighinn gu d ‘eanchainn
Feuch am fàg thu fad fada gu leòr
Fear a ghabhas greimeachadh air
Mas ann ann an sabaid thu
No air do shlaodadh mar chù
‘S tus’ san urrainnear suim a chur a-nis
Ge duine ìosal no uasal thus’
Na dìochuimhnich; mus fhalbh thu robhad
A’ chòrr de d’ aodach a chuir umad
Powered by WPeMatico