Caibeal agus Cladh

Le Gordon Wells

Tommy Macdonald of Howmore in South Uist delivers a Gaelic guided tour of the old chapels and graveyard, dating at least as far back as the 9th Century, and shares some stories about the burial practices which continued into living memory.

As a well-known and respected local historian Tommy has been the central linking figure over the last couple of years in creating a series of clips looking at local “taighean is tobhtaichean” (houses and ruins), recording stories associated with them, and talking to some of the people with experience of living in taighean-tughaidh (thatched houses) in particular. These have been gathered together in our special “Taighean-tughaidh Uibhist” YouTube playlist, to which this latest recording has also been added.

This recording, like the others, has been made in Tommy’s good South Uist Gaelic. But it’s definitely not an exercise in the exclusion of learners or non-speakers of the language. Same language Closed Caption (CC) subtitles are available at the click of a YouTube button, and viewers on a laptop or desktop computer will also be able to access automatic translation into English and other languages through the settings wheel.

You can also choose to slow down the video without altering the pitch of his voice through the same mechanism. And learners may further choose to follow the wordlinked transcript with the video embedded on the Clilstore platform: https://multidict.net/cs/12419.

Powered by WPeMatico


Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean

Jamaikèn nan Wales

Le Gordon Wells

“Men Audrey West, e men lakay li.” (This is Audrey West, and this is her home.)

So begins the new Haitian Creole (Kreyòl Ayisyen) version of our Jamaican in Wales/Jamiekan ina Wielz documentary.

We’re delighted to add another island language to our growing list of Other Tongues, building still further on our Extensions initiative. In addition to Jamaican and English, this film is also already available in Welsh and Portuguese – as well as Gaelic, of course!

Mavreen Masere of Creole Translations has done a great job of translating and narrating the original documentary text to a really high professional standard. Many thanks Mavreen!

Thanks also to Caoimhín Ó Donnaíle for adding Kreyòl Ayisyen to the Clilstore list of languages, so enabling us to also create the online wordlinked transcript with embedded video on that platform too.

Our Hebridean-Caribbean linguistic linkage started with our engagement with the University of the West Indies Jamaican Language Unit through the international Mediating Multilingualism project. Common island geographies were an obvious initial point of contact. In more recent developments other shared experiences were touched on while exploring some of the factors uniting UK community languages other than English as part of the Multilingual Memories: Birmingham 1984 project.

Looking forward we might wonder if those with a Gaelic linguistic, planning, or educational interest could have more still to learn from the developmental process which has resulted in the establishment of Caribbean creoles like Jamiekan and Kreyòl Ayisyen. When we consider that the deprecation of formulations such as “Tha mi oileanach” may now be counted as “just an aesthetic judgement” in some Gaelic teaching circles, and that “Tha mi tidsear” may indeed be heard on the lips of some Gaelic Medium Education practitioners, then we might begin to wonder if this kind of language change is in some way akin to well-studied processes of pidginisation and creolisation in other contexts, with the significant caveat that in the case of Jamaican or Haitian the claim is explicitly and successfully made for the recognition of a distinct new language, rather than an uninterrupted continuation or “revitalisation” of a pre-existing one.

Food for thought?

Powered by WPeMatico


Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean

“Glac mi co ’s as urrainn” – busaichean, trèanaichean punc is prog ann an Lunnainn 1

Le alasdairmaccaluim

Air ais anns an Fhaoilleach, chaidh mi air taistealachd roc is safari rèile gu Lunnainn.

Thòisich an latha leis an trèana caidil eadar Glaschu is Euston. Cha d’ fhuair mi mòran caidil oir bha mi ri eadar-theangachadh gus pàigheadh airson an turais!

An Cadalaiche, Glaschu Mheadhain
An Cadalaiche, Stèisean a’ Mheadhain – Lunnainn 400 mìle

Ach aig a’ cheann thall, ràinig mi Lunnainn gu slàn sàbhailte agus às dèidh dhomh tòrr mòr caffeine fhaighinn, rinn mi air a’ chiad rathad-iarainn ceart san t-saoghail.

Faisg air stèisean Euston an latha an-diugh, chaidh rathad-iarainn a thogail leis an innleadair Chòrnach ainmeil Richard Trevethick (1771-1833). Thog e cearcall beag de thrac ann an 1808 airson loco air an robh “Catch mi who can” agus b’ urrainn do dhaoine sam bith an teicneòlas sgoileil ùr seo fhaicinn agus a dhol air turas air an loidhne seo air an robh an “Steam Circus” air prìs tastain.

Bha Trevythick air a bhith an sàs ann an leasachadh einnseanan smùid gus mèinnean a dhrèanadh. Chruthaich e a’ chiad càr smùid cuideachd agus tagsaidh smùid agus bha e an sàs ann an diofar rathaidean-iarainn airson bathair ach b’ e seo a’ chiad rathad-iarainn riamh do luchd-siubhail.

Seo dealbh den rathad-iarainn. Fad bhliadhnaichean, bhathar an dùil gun deach a dhèanamh aig toiseach an 19mh linn , ach thathar a-nis den bheachd gun deach a dhèanamh san 20mh linn.

Circus na Smùide - Euston, Lunnainn

Agus seo dealbh den trèana fhèin. Agus faodar modail obrachail fhaicinn dhì aig rathad-iarainn Severn Valley ann an Sasainn.

Cha do mhair “Circus na Smùid” ach mu dhà mhìos – bha an talamh gu math bog agus bhris rèile agus gum mì-fhortanach, cha robh airgead gu leòr aig a’ Chòrnach gus a chàradh. A dh’aindeoin na h-obrach uile a rinn Trevythick, chaochail e ann am bochdainn aig a’ cheann thall.

Ach ’s ann a dhearbhaich Trevythick gun obraicheadh rathaidean-iarainn do luchd-siubhail agus chan fhada gus an robh an Stockton is Darlington agus an Liverpool is Manchester ann.

Ged nach d’ fhuair e aithne rè a bheatha, ge-tà, tha cliù aige a-nis agus tha plac ann far an robh Circus na Smùid uair.

Plac de Richard Trevithick, Euston, Lunnainn

Thog mi dealbh no dhà agus an uair sin, rinn mi air Regent Street gus Oilthigh Westminster fhaicinn far an do choinnich Nick Mason, Rick Wright agus Roger Waters air cùrsa ailtireachd aig Regent Street Polytechnic, mar a bh’ air aig an àm – an triùr a chur Pink Floyd air dòigh còmhla ri Syd Barrett. Gu mi-fhortanach, thathar ag obair air an togalach agus bha sgafalachd ann agus mar sin, cha robh am plac ri fhaicinn.

Feumaidh mi a dhol ann a-rithist – agus tha mi air faighinn a-mach bhon uair sin gu bheil plac ann do Syd Barrett ann an Lunnainn cuideachd – thèid mi ann an ath thuras!

Seo dhealbh den phlac bhon eadar-lìon.

Ri leantainn … Big Audio Dynamite, Dire Straits, New Cross and New Cross Gate, meur-loidhne Greenford agus tram-bhusaichean.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Allt nam Breac – an stèisean as craicte ann an Alba?

Le alasdairmaccaluim

Tha e a’ còrdadh ri YouTubairean nan rathad-iarainn agus ri trainspotters san fharsaingeachd a bhith a’ tadhal air stèisean beaga iomallach agus air stèisean nach bi mòran dhaoine a’ cleachdadh (least used stations).

Gach bliadhna, bidh Oifis na Rèile is nan Rathaidean a’ cur a-mach figearan airson luchd-cleachdaidh gach stèisean ann am Breatainn.

Aig mullach na liosta, tha na stèiseanan mòra mòra leithid Paddington agus Waterloo ann an Lunnainn leis na milleanan de luchd-cleachdaidh gach bliadhna agus na mìltean gach latha. Aig ceann eile na liosta, tha stèisean leithid Berney Arms ann an Norfolk agus Allt nam Breac ann an Gallaibh le aonan no dithis gan cleachdadh air latha trang. Uile gu lèir bidh mu 200-250 a’ dol air no far trèana sa bhlaidhna ann an Allt nam Breac.

Rob Faulkner from Leeds, United Kingdom, CC BY 2.0 https://creativecommons.org/licenses/by/2.0, via Wikimedia Commons

Tha stèiseanan a tha an dà chuid gun mòran luchd-cleachdaidh AGUS iomallach a’ còrdadh gu sònraichte ri daoine – agus chan eil mòran àiteachan ann a tha cho iomallach ri Allt nam Breac oir chan eil rathad ceart ann dhan bhaile. Feumar a dhol ann air frith-rathaidean coilltearachd nach eil ann an staid ro mhath.

Chan eil ann an Allt nam Breac ach trì no ceithir taighean agus thathar a’ creidsinn gun deach an stèisean a thogail an seo a chionn’s gun robh feum air tùr-uisge agus lùb seachnaidh ar am faigheadh na trèanaichean seachad air a chèile.

Thog mi ùidh san stèisean an toiseach bliadhnaichean air ais nuair a bha comhairlichean ann an Gallaibh a bha a’ cur an aghaidh na Gàidhlig agus iad ag ràdh nach robh Gàidhlig sam bith riamh san sgìre – “dè mu dheidhinn Allt nam Breac”, bhithinn daonnan ag ràdh! (Agus gu dearbha – tha na ceudan de dh’ainmean Gàidhlig eile ann an Gallaibh cuideachd ach leis gu bheil an t-ainm seo air stèisean, tha e na fhìor dheagh eisimpleir).

An uair sin, leugh mi an sàr-leabhar Tiny Stations le Dixe Wills.

Am measg nan stèiseanan beag biodach air an do thadhail e, bha Allt nam Breac, agus abair gun robh turas inntinneach aige ann! Choisich e gu loch faisg air an stèisean far a bheil taigh mòr – Loidse Loch Dubh a bha uair na thaigh-òsta. Thàinig am fear leis a bheil an taigh a-mach airson bruidhinn ris agus thug e cuireadh do Dixe tighinn a-staigh airson srùbag.

A rèir coltais, bha fear an taighe gu math neònach agus bha an t-ùghdar a’ faireachdainn gu math ain-fhoiseil agus an uair sin, chaidh cuireadh a thoirt dha coimhead air an t-seilear. Bha sarcophagi agus stuth neònach eile ann agus bha eagal a bheatha air Dixe agus rinn e leisgeul is theich e. Chuir e an t-ainm fallsa “Brian” air an neach san leabhar.

Ach tha fios againn uile a-nis cò a th’ ann am “Brian” às dèidh dhan naidheachd ghrod seo tighinn am bàrr: https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/cqlyd7gpyl3o. A rèir coltais, bha Dixe Wills ceart eagal a bhith air..

Agus ann an 2023, bha Allt nam Breac anns na naidheachdan aon uair eile. Chaidh an stèisean a dhùnadh rè ùine mar thoradh air eus-aonta eadar ùghdarrasan nan rathaidean-iarainn agus na daoine leis a bheil taigh an stèisein mu bhith a’ faighinn cothrom air àrd-ùrlar an stèisein gus a chumail suas. Bha gu leòr anns na pàipearan naidheachd mun chùis.

Cha chan mi an còrr mu dheidhinn seo oir tha mi a’ tuigsinn gu bheil cùisean lagha sub judice a’ dol air adhart mun chùis  an-dràsta. ‘S e an rud as cudromaiche dhomh gu bheil an stèisean air ath-fhosgladh – ged a thuirt ScotRail gur e e ceum sealach a bha seo, bha an stèisean dùinte eadar an t-Samhain 2023 agus an Giblean 2025 mar thoradh air seo uile.

Nuair a dh’fhosgail e as ùr, cha b’ e ruith ach leum dhomh tiocaid a chur air dòigh dhan àite neònach seo! Ach saoilidh mi gum bi agam ri bhith gu math faiceallach fhad ’s a bhios mi ann…. Saoil an lorg mi an t-allt agus am faic mi breac sam bith?

Tha mi gu mòr airson a dhol gu ionad RSPB nam Flobhaichean ann an Fors an-Àird – an stèisean a deas air Allt nam Breac. Tha e mu 15 mìle air falbh agus bha mi a’ beachdachadh air coiseachd ann, a’ coimhead air an teàrmann nàdair agus a’ glacadh na trèana a-rithist aig Fors an-Àird ach cha robh clàr-ama nan trèanaichean freagarrach gu mì-fhortanach. Air an adhbhar sin, tha mi a’ dol a dhol air cuairt ann an Alt nam Breac, tha mi a’ dol a dh’Inbhir Theòrsa agus tha mi a’ dol air an trèana gu Fors an-Àird an ath latha air an t-slighe air ais gu deas.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

2025 an Cèitean: Drochaid an Airgid/May: Silverbridge

Le seaboardgàidhlig

Cuairt Drochaid an Airgid

Tha sibh uile eòlach air Eas Rothagaidh, eadar Cunndainn is Gairbh air rathad Ulapul, far am bi tòrr dhaoine a’ dol as t-samhradh an dòchas na bradain fhaicinn, is iad a’ leum suas an eas san Alltan Dubh gus an grunnd-cladha a ruigsinn. Chan eil a’ chuairt sin ach 20 – 30 mionaid gus coiseachd dhan eas, dealbhan a thogail bhon drochaid-chrochaidh, is air ais dhan àite-parcaidh, agus cuairt bhrèagha a th’ ann gun teagamh. Ach tha cuairt eile ann nach eil cho fada air falbh bho Rothagaidh, agus ceart cho àlainn nam bheachdsa, ged nach bi an uiread de dhaoine a’ dol ann cho tric idir. An-diugh tha mi an dòchas ur brosnachadh a dhol ann, le dealbhan is beagan fiosrachaidh. ‘S urrainn dhuibh cuideachd an dà chuairt a dhèanamh san aon mhadainn no fheasgar.

Dràibh mu 10 mionaidean nas fhaide slighe Ulapul (A835) tro Ghairbh, seachad air dealachadh an rathaid gu Geàrrloch is Caol (taobh clì), agus seachad air soidhne-rathaid “Little Garve” (taobh deas), agus tionndaidh ri do làimh chlì far am faic thu soidhne airson P agus taighean-beaga, dìreach ron drochaid-rathaid thairis air an Alltan Dubh. A-nis faodaidh tu ceum-cuairt mu 1 ¼ uairean a thìde a dhèanamh, le bhith a’ cleachdadh dà dhrochaid eachdraidheil.

Tòisich aig an àite-parcaidh agus coisich beagan cheumannan air ais a dh’ionnsaigh an rathaid, agus chì thu soidhne le fiosrachadh feumail is inntinneach mu Dhrochaid an Airgid, ainm a th’ air an drochaid seo air sgàth nam mìrean mìoca a’ boillsgeadh sa chreag-lathaich ghlas. A-nis tionndaidh ri do làimh chlì agus rach air an t-seann drochaid fhèin. Chleachdadh na dròbhairean an drochaid seo air an slighe chun nam margaidean mòra nas fhaide deas.  Feumaidh gun do mhùch geumnaich is stampadh nan ceudan de chrodh tàirneanach nan easan fon drochaid. Bidh sealladh dràmadach agad a’ coimhead suas an Alltan Dubh, le sreath easan geala is ruadh-dhonn – dath na mòna – eadar na clachan dorcha.

Air an taobh eile, tionndaidh ri do làimh dheis, a’ dol sìos chun a’ ceum fon drochaid-rathaid ùr. Seall air ais tro Dhrochaid an Airgid airson seallaidh bhrèagha eile de na h-easan air am frèamadh leis a’ bhogha. A-nis cum ort air a’ cheum fad mu 30 mionaid, a leantainn an abhainn leis an t-sruth. An toiseach bidh thu a’ dol suas is sìos airson beagan cheudan de shlatan, agus pìos air falbh bhon abhainn, ach cluinnidh tu fad na h-ùine i. Thèid thu thairis air allt le easan boidheach air drochaid fhiodha bheag, agus chì thu rainich is còinnich eadar-dhealaichte agus ‘s dòcha sòbhraich, sailean-cuach, is flùraichean na gaoithe as t-earrach. Às dèidh sin gluaisidh an ceum nas fhaisge air an Alltann Dubh a-rithist, agus fàsaidh e nas còmhnairde. Fad na h-ùine bidh thu a’ coiseachd eadar giuthais-Albannach òga, àrda, dìreach, ach le solas is rùm eadarra is iomadh lus no preas beag a’ fàs, gu h-àiridh caoran-mitheig, nam mìltean!

Ruigidh tu mu dheireadh seann drochaid chloiche eile, Drochaid Ghairbh Bhig, air a togail leis a’ Mhàidsear Caulfield ann an 1767 mar phàirt de phròiseact mòr togail rathaidean armailteach tron Ghàidhealtachd às dèidh aramachan nan Seumasach, air a thòisicheadh le Seanalair Wade. Seallaidhean àlainn an seo cuideachd, aon taobh na h-aibhne nas fhiadhaiche, an taobh eile nas ciùine.

Rach thairis air an drochaid, tionndaidh ri do làimh dheis, agus till air ais gu Drochaid an Airgid, ris an t-sruth – mar na bradain. Chì thu coilich an t-struth cha mhòr fad na h-uine, is an abhainn a’ sabaid gu tartarach an aghaidh nam filleaidhean tomadach cloiche ag èirigh na slighe. Tha thu nas dhlùithe air an abhainn air a‘ bhruach seo, le cothroman dealbhan sònraichte àlainn a thogail. Coisichidh tu am measg ghiusach-Albannach fìor shean a-nis, le rùm gu leòr airson fàs mòr is leathann, le geugan trom, sgaoilteach, gu h-àraidh ri taobh na h-aibhne. Tha an ceum nas nàdarra air an taobh seo, le freumhan is uaireannan clachan fo do chasan, ach, nam beachdsa, nas brèagha.

Às dèidh mu 1 ¼ uairean a thìde is  2 ½  mìle uile gu lèir tha thu air ais aig an àite-parcaidh – agus le cinnt deiseil mar dhuais airson reòteige blasta Black Isle Dairy ann an Srath Pheofhair air an rathad dhachaigh!

++++++++++++++++++++++++++++++++++++++++++++

Silverbridge walk

You all know Rogie Falls, between Contin and Garve, where lots of people go in summer in the hope of seeing the salmon leaping up the waterfall on the Blackwater river to reach their spawning grounds. That walk is only about 20-30 minutes to walk to the waterfall, take photos on the suspension bridge, and back to the carpark, and it’s a lovely walk without a doubt. But there’s another walk not so far from Rogie, and just as lovely in my opinion, although not so many people go there so often at all. Today I’m hoping to encourage you all to go there, with pictures and some information. You can also combine the two walks in the same morning or afternoon.

Drive on about 10 minutes along the Ullapool road (A835) through Garve, past the junction to Gairloch and Kyle (on the left) and the sign to Little Garve (on the right), and turn left where you see the sign for P and toilets, right before the road bridge over the Blackwater. Now you can do a circular walk of about 1 ¼ hours, using two historic bridges.

Start at the car park and walk back a few steps towards the road, and you’ll see a sign with useful and interesting information about Silverbridge, the name given to this bridge because of the specks of mica sparkling in the dark schist. Now go left onto the old bridge itself. The cattle drovers used this bridge on their way to the big markets further south. The bellowing and stamping of the hundreds of cattle must have drowned out the thunder of the waterfalls below the bridge. You have a dramatic view up the Blackwater, with a string of white and tawny  rapids – the colour of the peat – between the dark rocks.

On the other side, turn right, going down to the path under the new bridge. Look back through Silverbridge for another  lovely view of the falls, framed by the arch. Now carry straight on on the path for about half an hour, following the river downstream. At first you go up and down somewhat for a few hundred yards, and a bit away from the riverside, but you’ll hear it all the time. You cross a burn with pretty waterfalls on a small wooden bridge, and you’ll see a variety of ferns and mosses, and maybe primroses, dog-violets and wood anemones in spring. After that the path moves back nearer the Blackwater again, and gets flatter. You’re walking the whole time between tall, straight young Scots pines, but with light and space between them, and many plants and small bushes growing there, especially blaeberries – in their thousands!

You finally reach another old stone bridge, Little Garve Bridge, built by Major Caulfield in 1767 as part of a huge project to build military roads through the Highlands after the Jacobite risings, begun by General Wade. Beautiful views here too, one side of the bridge wilder, the other side more serene.

Cross the bridge, turn right, and head back to Silverbridge against the stream – like the salmon. You’ll see rapids almost the whole time, the river fighting noisily against the massive layers of rock rising in its path. You’re nearer the the river on this bank, with opportunities to take especially beautiful photos. You’re walking among really old Scots pines now, with enough room to grow big and broad, with heavy spreading branches, especially beside the river. The path is more natural on this side, with roots and sometimes stones underfoot, but, in my opinion, prettier.

After about 1 ¼ hours and  2 ½ miles altogether, you’re back at the carpark – and definitely ready to reward yourself with a delicious Black Isle Dairy ice-cream in Strathpeffer on the way home!

++++++++++++++++++++++++++++++++++++++++++++++

Powered by WPeMatico


Tadhail air seaboardgàidhlig

24 Giblean 2025: Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill aig 100

Le comanngaidhligghlaschu

24 Giblean 2025, 6.30f, Seòmar Bhlythswood, Leabharlann Mhitchell. An Dr Petra Johana Poncarová & an Dr Tòmas MacAilpein (Oilthigh Ghlaschu): Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill (1925-1987): Sgrìobhadair, Riochdaire, Neach-deasachaidh

Clàr-ama slàn 2024/25

A’ coinneachadh gus meòrachadh mu dhualchas, litreachas, òrain is eachdraidh nan Gàidheal is na Gàidhealtachd – tro mheadhan na Gàidhlig. Gach coinneamh ann an Seòmar Bhlythswood, Leabharlann Mhitchell, oidhche Dhiardaoin, 6.30f. Ri fhaighinn air-loidhne tro ‘Teams’ cuideachd – cuiribh fios gun rùnaire airson ceangal-lìn, dà latha ron àm <a_maccoinnich@hotmail.com>.

Meeting monthly on Thursday nights (6.30), Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, to discuss various aspects of Gaelic and Highland language, culture and history.  All talks in Gaelic. Meetings accessible remotely via teams. E-mail the secretary, address above, two days before the meeting.

Fàilte chridheil oirbh uile / All welcome.

Ballrachd bliadhnail a’ Chomainn, £25; ballrachd teaghlaich, £30. Faodaidh aoighean £5 a phàigheadh rèir an toil. Oileanaich is sgoilearan – an asgaidh.

Annual membership, £25, family membership, £30, guests, suggested contribution, £5. Students and schoolchildren free.

Le taing gu Glaschu Beò airson an taic ann bhith a’ cleachdadh Leabharlann Mitchell

Powered by WPeMatico


Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Market Square Heroes! Prog, tunnagan agus trèanaichean tiùb ann an tòn Shasainn

Le alasdairmaccaluim

Nuair a bha mi òg sna 1980an, bha mi beò glaicte le leabhar air an robh “British Electric Trains in Camera”.

Bha tòrr thrèanaichean ann a ghlac m’ aire agus nuair a dh’fhàs mi suas, chur mi romham na trèanaichean a b’ fheàrr leam san leabhar fhaicinn.

‘S e seann leabhar a th’ ann, còrr is 40 bliadhna a dh’aois a-nis agus tha a’ mhòr-chuid de na trèanaichean ann air tighinn à seirbheis, a’ gabhail a-steach cuid den fheadhainn a bha ùr nuair a chaidh an leabhar fhoillseachadh!

Mar sin, tha mi air a bhith trang a’ dol gu taighean-tasgaidh, rathaidean-iarainn glèidhte is eile gus am faicinn.

Gu ruige seo, tha an taistealachd seo air mo thoirt gu Depot Taigh-tasgaidh Còmhdhail Lunnainn, Taigh-tasgaidh Trèanaichean Dealanach Coventry (nach maireann), Manchester, Eilean Wight agus barrachd.

An turas seo, tha mi air turas a chur air dòigh gu Buckinghamshire gus trèana gu math sònraichte fhaicinn.

Tha mi air turas a chur air dòigh san Lùnastal gu Ionad Rathaidean-iarainn Buckinghamshire faisg air Aylesbury.

’S ann an sin a tha trèana CO/CP aig London Underground, trèanaichean sònraichte a chaidh a thogail goirid ron dàrna cogadh a bha ann an seirbheis gu tòiseach nan 1980an.

Dealbh: Oxyman, CC BY-SA 3.0 http://creativecommons.org/licenses/by-sa/3.0/, via Wikimedia Commons

Thog mi ùidh sna trèanaichean mòra dearga seo leis gu bheil coltas art-deco sgoinneil orra agus bha mi gu mòr airson am faicinn.

Dhomhsa, tha Aylesbury ainmeile airson Ionad Rathaidean-iarainn Buckinghamshire ach cuideachd airson ceòl, oir ‘s ann as a’ bhaile sin a tha an còmhlan prog ainmeil Marillion agus bidh mi a’ fuireach ri taobh Ceàrnag a’ Mhargaidh – a tha ainmeil bhon òran “Market Square heroes”.

A rèir coltais, tha Aylesbury ainmeile airson tunnagan cuideachd oir ’s ann an sin a chaidh tunnagan dachaigheil geala den t-seòrsa a chithear air tuathanasan a bhriodaigeadh an tòiseach.

Bidh mi a’ dol ann air an trèana oidhche gu Lunnainn agus an uair a’ gabhail na trèana eadar Lunnainn Marelybone agus Aylsbury.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Cò bh’ ann an Nighean Sheadna? An t-ainm-àite neo-àbhaisteach aig Sgìre Phàrlamaideach.

Le Oifigear Gàidhlig

Thàinig mòran ainmean sgìrean-pàrlamaid Pàrlamaid na h-Alba bhon Ghàidhlig o thùs. Tha eachdraidh air leth inntinneach aig aon ainm sgìre-pàrlamaid ann an Glaschu agus tha e ag innse tòrr dhuinn mun bhaile. Bhruidhinn an sgioba Gàidhlig againn ris an eòlaiche ainmean-àite, an t-Oll Alasdair MacIlleBhàin, Òraidiche ann an Onamastaig Cheilteach aig Oilthigh Ghlaschu agus ùghdar … Leugh an corr de Cò bh’ ann an Nighean Sheadna? An t-ainm-àite neo-àbhaisteach aig Sgìre Phàrlamaideach.

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Beachdan gan sireadh air Cànan Soidhnidh Bhreatainn

Le Oifigear Gàidhlig

Comataidh a’ rannsachadh taic Riaghaltas na h-Alba agus bhuidhnean poblach airson Cànan Soidhnidh Bhreatainn Deich bliadhna às dèidh Achd Cànan Soidhnidh Bhreatainn (Alba) tighinn gu bith, thèid sgrùdadh a dhèanamh le comataidh aig Taigh an Ròid air na rinn Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach gus dèiligeadh ris na cnapan-starra a tha mu choinneamh luchd-cleachdaidh … Leugh an corr de Fios naidheachd: Beachdan gan sireadh air Cànan Soidhnidh Bhreatainn

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Suirbhidh com-pàirteachais

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh beachdan an t-sluaigh air mar a tha iad a’ gabhail pàirt san obair againn. Ma tha thu thu air a bhith an sàs ann an obair na Pàrlamaid roimhe, cò ris a bha e coltach? Mur eil thu air a bhith an sàs ann roimhe, dè tha gad chumail … Leugh an corr de Suirbhidh com-pàirteachais

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba