Le èiginn ar n-èirigh às ar suain – aiseirigh na “leabaidh-trèana”?

Le alasdairmaccaluim

Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghiorid gum bi an Cadalaiche Caileanach – an Caledonian Sleeper – a’ tighinn air ais dhan roinn phoblaich a dh’aithghearr.

An Caledonian Sleeper, Glaschu Mheadhain (GLC)

Dè th’ anns a’ Chadalaiche agus dè dh’fhaodadh seo a bhith a’ ciallachadh?

Dè th’ anns a’ Chadalaiche? ’S e a th’ ann ach trèana oidhche a bhios a’ dol eadar Alba agus Lunnain. Tha dà thrèana eadar-dhealaichte ann – Cadalaiche na Galldachd (à Glaschu is Dùn Èideann) agus Cadalaiche na Gàidhealtachd (à Obar Dheathain, Inbhir Nis is an Gearastan). Bidh na trèanaichean a’ ruith a h-uile oidhche ach a-mhàin Disathairne.

Cò tha a’ ruith a’ Chadalaiche? Tha dà fhranchise rèile eadar-dhealaichte ann an Alba – ScotRail agus Caledonian Sleeper. Tha an Cadalaiche ga ruith le Serco agus tha ScotRail a-nis ga ruith leis an stàit.

Bha an Cadalaiche na phàirt de ScotRail suas ri 2015 agus an uair sin, rinneadh franchise fa-leth dheth. Bha na trèanaichean aosta agus bhathar a’ faireachdain aig an àm gum biodh franchise fa leth na b’ fheàrr gus tasgadh fhaighinn ann an trèanaichean ùra agus gus dèanamh cinnteach nach sìoladh an Cadalaiche às mean air mhean.

Dè thachair an uair sin? Chaidh cur às do na “Bargain Berths” – beagan leabannan saora do dhaoine a  bha luath gu leòr. A bharrachd air seo, cha do dh’atharraich mòran fad beagan bhliadhnaichean. An uair sin, chaidh trèanaichean spaideil ùra a thoirt a-steach leis na trèanaichean ùra uile ann an seirbheis ann an 2019.

Dè na duilgheadasan? Bha trioblaidean tòiseachaidh ann leis na trèanaichean ùra (mar a bhios leis a h-uile trèana ùr) agus tha droch dhaimh air a bhith ann eadar luchd-obrach agus luchd-stiùiridh. Ach nas cudromaiche na sin, nuair a thàinig na trèanaichean ùra a-steach, chaidh na prìsean an àird gu mòr.

Leis an t-seann chadalaiche, bha an trèana na bu shaoire na bhith a’ faighinn trèana agus taigh-òsta. Bhiodh tu a’ sàbhaladh ùine agus airgead. Leis a’ chadalaiche ùr, is dòcha gu bheil e fhathast rud beag nas saoire a bhith a’ dol air a’ chadaliche ma gheibh thu suidheachan seach leabaidh, ach mar as trice, bi e nas daoire leabaidh fhaighinn air a’ Chadalaiche na a bhith a’ faighinn trèana latha agus taigh-òsta.

A bharrachd air sin, tha margaidheachd na trèana uile mu chàileachd le èideadh fìor spaideil air an luchd-obrach agus biadh is deoch spaideil. Thathar a’ reic na trèana mar “luxury experience” seach mar dòigh-chòmhdhail àbhaisteach.

Bha an trèana riamh ag amas air luchd-gnìomhachais le airgead ach bha rùm ann cuideachd do dhaoine àbhaisteach roimhe. Leis na prìsean mar a tha iad a-nis, tha iad ro dhaor airson daoine àbhaisteach – co-dhiù ma tha iad ag iarraidh leabaidh.

An Cadalaiche, Glaschu Mheadhain

Tha an trèana a’ faighinn subsadaidh mòr bhon Riaghaltas. Tha e ceart is iomchaidh gum faigh seirbheisean rèile cudromach tasgadh mar seo gus an cumail a’ dol ma tha feum orra air adbharan sòisealta, àrainneachdail no eaconamach. Ach ma tha iad ag amas air luchd-turais beartach sa mhòr-chuid seach air daoine àbhaisteach no fiù ’s luchd-gnìomhachais, togaidh e tòrr cheistean.

Dè a-nis?

Leis a’ Chadalaiche a’ tighinn a-steach dhan roinn phoblaich a-rithist, tha cothrom ann ceangal nas fheàrr a dhèanamh le seirbheisean rèile eile an Alba agus gus smaoineachadh às ùr air faraidhean is adhbhar bith na seirbhis – agus gus seirbheisean Disathairne a chur air dòigh!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico