Fios naidheachd: Farpais trusaidh ga cur air bhog gus a’ chiad Choimiseanair Luchd-fulaing is Luchd-fianais a chur an dreuchd

Le Oifigear Gàidhlig

Tha farpais trusaidh ga cur air bhog gus a’ chiad Choimiseanair Luchd-fulaing is Luchd-fianais a chur an dreuchd. Bidh an dreuchd a’ cur air adhart agus a’ toirt taic do chòraichean is leas luchd-fulaing agus luchd-fianais ann an Alba. Bidh iad cuideachd a’ brosnachadh a’ chleachdaidh as fheàrr agus a’ cur air adhart modh-obrach a … Leugh an corr de Fios naidheachd: Farpais trusaidh ga cur air bhog gus a’ chiad Choimiseanair Luchd-fulaing is Luchd-fianais a chur an dreuchd

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: BPA bho Chomataidh nan Cùisean Dùthchail a’ tadhal air Loch Àlainn

Le Oifigear Gàidhlig

Tuigse nas fheàrr air cuid de na cothroman is dùbhlain a tha mu choinneimh choimhearsnachdan dùthchail: ’s e sin a fhuair Comataidh nan Cùisean Dùthchail an dèidh dhaibh tadhal air trì pròiseactan ann am baile Loch Àlainn air a’ Ghàidhealtachd aig deireadh an Lùnastail. Rè an cuairtean do Choille Coimhearsnachd na Morbhairne, do dh’Oighreachd Àird … Leugh an corr de Fios naidheachd: BPA bho Chomataidh nan Cùisean Dùthchail a’ tadhal air Loch Àlainn

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh guth Albannach nas treasa aig a’ BhBC

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh ag iarraidh gum bi guth Albannach nas làidire aig a’ BhBC agus gum bi iad a’ dèanamh comharrachadh nas soilleire air cumhachdan tiomnaichte ann an craoladh nan naidheachdan Feumaidh barrachd ghuthan Albannach a bhith aig a’ BhBC ag innse sgeulachdan Albannach, feumaidh iad a bhith nas soilleire mu chùisean tiomnaichte agus glèidhte nan … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh guth Albannach nas treasa aig a’ BhBC

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Gnìomh cuimsichte a dhìth gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine ann an sgìrean dùthchail gu seirbheisean, cothroman agus còraichean

Le Oifigear Gàidhlig

20 Gearran 2026 Tha coimhearsnachdan dùthchail fhathast a’ fulang le cnapan-starra a chuireas bacadh air ruigsinneachd air seirbheisean riatanach, a’ gabhail a-steach cùram slàinte, cùram cloinne, taic speisealta, comhairle laghail agus còmhdhail phoblach, a rèir aithisg ùr bhon Chomataidh Co-ionannachd, Còraichean Daonna agus Ceartas Catharra aig Taigh an Ròid. Chaidh a lorg cuideachd gu bheil … Leugh an corr de Fios naidheachd: Gnìomh cuimsichte a dhìth gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine ann an sgìrean dùthchail gu seirbheisean, cothroman agus còraichean

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Lagh Cànan Soidhnidh na bhuannachd air leth, ach tha dùbhlain ann fhathast

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Achd a tha ag amas air cleachdadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) a bhrosnachadh ann an Alba air beatha làitheil luchd-cleachdaidh BSL a leasachadh gu mòr, a rèir aithisg le BPAan air Comataidh Co-ionannachd, Chòraichean Daonna agus Ceartas Catharra Thaigh an Ròid. Dh’innis luchd-ùidh don Chomataidh gu bheil an Achd air BSL a dhèanamh nas … Leugh an corr de Fios naidheachd: Lagh Cànan Soidhnidh na bhuannachd air leth, ach tha dùbhlain ann fhathast

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Feumar atharrachadh mòr a thoirt air Bile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba), ma tha amasan poileasaidh gu bhith air an coileanadh 

Le Oifigear Gàidhlig

Feumar atharrachadh mòr a thoirt air Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba), ma tha amasan poileasaidh Riaghaltas na h-Alba airson ath-leasachadh fearainn gu bhith air an coileanadh, a rèir Comataidh Cothromachadh-carboin, Lùth is Còmhdhail aig Taigh an Ròid, ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.   Leugh aithisg Ìre 1 na comataidh air Bile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba).  … Leugh an corr de Fios naidheachd: Feumar atharrachadh mòr a thoirt air Bile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba), ma tha amasan poileasaidh gu bhith air an coileanadh 

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Bile Foghlam Còmhnaidh a-muigh a’ faighinn taic Comataidh Thaigh an Ròid

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Bile air taic fhaighinn bho chomataidh aig Taigh an Ròid a leigeadh le gach sgoilear ann an sgoiltean stàite agus sgoiltean taic-airgid co-dhiù ceithir oidhcheannan agus còig latha de dh’fhoghlam còmhnaidh a-muigh a dhèanamh rè an ama san sgoil. Às dèidh bhòt, dh’aontaich buill na Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga ri prionnsapalan coitcheann … Leugh an corr de Fios naidheachd: Bile Foghlam Còmhnaidh a-muigh a’ faighinn taic Comataidh Thaigh an Ròid

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Tachartasan ceann-bliadhna na Pàrlamaid a’ leantainn le turas gu Sauchie agus Alamhagh

Le Oifigear Gàidhlig

Tha an t-Oifigear Riaghlaidh a’ tadhal air Sauchie agus Alamhagh ann an roinn Alba Mheadhanaich agus Fìobha air a’ mhìos seo gus coinneachadh ri muinntir na sgìre a bhruidhinn mun Phàrlamaid aca. Tha na tursan nam pàirt de shreath thachartasan anns gach tè de na h-ochd roinnean pàrlamaid Albannach a’ comharrachadh 25mh ceann-bliadhna de Phàrlamaid … Leugh an corr de Fios naidheachd: Tachartasan ceann-bliadhna na Pàrlamaid a’ leantainn le turas gu Sauchie agus Alamhagh

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Comataidh an Ionmhais aig Taigh an Ròid “anabarrach draghail” mu dhòigh-obrach ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba a thaobh ionmhas poblach

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh an Ionmhais agus Rianachd Phoblaich aig Pàrlamaid na h-Alba “anabarrach draghail” mu dhòigh-obrach ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba a thaobh ionmhas poblach.  Anns an aithisg sgrùdaidh ro-bhuidseit aca a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha a’ chomataidh ag ràdh nach eil “mòran fianais idir” ann gu bheil dealbhadh ionmhasail meadhan-ùine agus fad-ùine a’ tachairt. Ged a … Leugh an corr de Comataidh an Ionmhais aig Taigh an Ròid “anabarrach draghail” mu dhòigh-obrach ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba a thaobh ionmhas poblach

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba